[55]

Gnothaich Bhoireannach

Le MURDAG NICCOINNICH

CHAN EIL leabhraichean air an turchair ar làmh san aimsir so nach eil làn chomhairlean seòlaidh mu gach gnè ; ciamar a leanas bòidhchead na h-òige ris an a tha fhichead— ’s e sin ma bha bòidhchead ann bho thùsagus, mur an robh, theirear ruinn nach ruig sin a leas dad a dhragh a chur oirnn. Faodar ionnsaigh a dheanamh le acuinn lànhormonesno rudeigin eiles bidh fiamh an naoidhein air gach gnùis. Tha iad an dùil mnathan-fuine agus còcairean a dheanamh dhinn gun taing dhuinn. Chan eil aon ghothaichnar caitheamh beatha mu nach faic sinn briathran earbsail gu leòir achs ann air togail teaghlaich agus sonas pòsda as ro fhileanta an luchd sgrìobhaidh, agus tha an deasbaireachd aig a h-àirde mun mhnaoi a bhith an ceann cosnaidh, gu h-àraid ma than teaghlach car òg. Chan eil min dùil gun urrainn aon neach barail a thabhairt a bhitheas iomchuidh do ghrunn mór, oir s ann aig gach as fheàrr fios air cor a beatha fhéin agus is ann aice-se a mhàin tha aithne air meud na rèits na h-aont a theadar i fhéin s a céile mun aobhar so.

Tha fios math gu bheil e ion-mhiannaichte màthair cloinne òga, non athair, a bhithnan cois mar is tric, ach chan eil sin aciallachadh nach seall neach eile as an deidh gu diongmhalta. ’Nam òige an Leódhus cha bannasach idir do aon no dhithis den teaghlach rudeigin mór an togail an tigh seanar, agus cha mhór a rinn sin orra. Feumaidh achlann ionnsachadh seasamh air an casan féin, gun am muinghin a chur an neach sam bith.

S ANN leis na cùisean so air maire chaidh michòmhradh greiseag ri de bhoireannaich ainmeil na h-Alba, a chùm dreuchd àrd fad a beatha agus a thana mnaoisna màthair cuideachd. Bho chionn ochd bliadhna a nis chualas gur e ban-Albannach achiad



[56]

[Sanas]


[57]

bhean-lagha a ràinig inbhe comhairleach-lagha don rìgh. Be sin K.C. an uair sin, agus Q.C. an diugh, agus bi Mairead Kidd (oir is e sin an t-aimn a tha i cleachdadhna dreuchd) no Mairead, bean Dhòmhnaill Mhic Dhòmhnaill. Bise achiad bhoireannach a ràinig inbheAdvocatean Alba, agus bi achiad K.C. a bhanns an rìoghachd so. Bha aon ann an Canada roimpe, agus tha dithis eile nis ann an Sasunn. Sin iad gu h-iomlan agus faodaidh mnathan na h-Albann a bhith fìor uasal as an dhiubh a tha aig ceann-toisich na dreuchd chudthromaich so.

[Dealbh]
Mairead Kidd, Q.C.

Chan e sin a mhàin achs e bean-tighe agus màthair a thinnte cuideachd. Phòs Anna, a nighean bho chionn mìos na dhà, agus bha Mairead NicDhòmhnaill mar mhàthair sam bith eile, làn dòchais gum biodh i sona, agus tha mi ceairt cinnteach làn dùil gum bi i cho buidheachs a bha ise i fhéin, oir tha e furasada gu leòir a cho-dhùnadh gu bheil abhean so àghmhorna dachaidh.

Ged a tha dealbh an cois so, chan eil e deanamh ceartais idir da fìor choltas. ’S e achiad rud a bhuaileas air an aire cho ògs a tha icoimhead. Tha a craiceann àluinn gun gun mhóran cuideachaidh bho na cungaidhean maiseachd; tha a falt goirid agus nuair tha i acòmhradh is deònach i air a làmha ruith troimhe. Tha a culaidh sìmplidh, ach banail, càileir agus chan eil fiamh aghàire fada bho sùil.

S dòcha gu saoil sibh gum biodh a tha cho àrd san lagh rudeigin duilich bruidhinn rithe, no a tha cho tuigseach fòghluimte so car uaibhreach. Mo bhriathran nach eil càil den t-seòrsa sinna gnè idir. So anns nach eil nàdur bòsdachd no spaglainn; ’s ann tha i car fiata.

Dhinnis i dhomh mu fhear an tighe, gur ann a Loch an Inbhir a thàinig a shìnnsribh, ged a bha a sheanair air ceann an luchd-suidhich an eilean a tuathNew Zealand, agus athairna fhear-lagha an ceann a deas Africa. Is e Q.C. a thann dheth-san cuideachd. Cha tug i guth oirre fhéin gun mi fheòrachadh dhith. Ged nach eil ina ban-Ghaidheal tha i-fhéin agus a fear ag ionnsachadh na Gàidhlig. Chan eil i aice cho maths bu mhath leatha, ach tha in dùil làn a cinn a bhith aice dhith fhathast. “Tha modh smuaineachaidh luchd na Gàidhlig eadar-dhealaichte gu h-iomlan bho luchd bruidhinn na Beurla. Chan



[58]

[Sanas]


[59]

eil mi dol aleigeil don Ghàidhlig gabhail orm idir,” ars ise. “Tha i fìor eòlach air Gairm.”

Am barail Mairead NicDhòmhnaill feumaidh gach nighean agus balach ionnsachadh gur h-annnan làmhan fhéin a tha am beathachan. Dhaontaich i gu h-ealamh gu robh cus againn mar ghréigh air sàilean a chéile. “ ’Se ar dleasdanas ar cuid cloinne a thogail gun eagal sam bith roimhn crannchur. Feumaidh sinn feuchainn ri dànachd agus ladarnas a thoirt dhaibhnan òiges cha thachair sin ma tha sinn gu daonnan air làimh gu seasamhnan àite.” Is mór an doilgheas a tha an t-eagal, ge be air bith a ghnè, atoirt gu buil an òigridh, ’na beachd-se, agus gu dearbhs ann aice bu chòir brod an fhios a bhith agus i acaitheamh uimhir da tìde sna cùirtean lagha.

Aon aobhar air an tug i briathran neartmhor, ’s e sin gu bheil cosguis ar bith-beò atoirt air grunn math againn a dhol an ceann cosnaidh. Bha aice ris achuspair so a rannsachadh gu foirfe bho chionn ghoirid agus cho-dhuin i gu bheil cosgais teachd-an-tìr air meudachadh faisg air a leth uimhir a rithists na bha e(40 per cent. )anns na sia bliadhna mu dheireadh.

Cha do shaoil i riamh gun rinn a dreuchd an cron bu lugha air aonachd agus teò-chridheachd a teaghlaich, agus, nuair dhfhàg mi i, ann an rùm dachaidheil, làn leabhraichean, cha robh mi an teagamh mun bheachd so.

So, ma thà, Mairead Kidd, Q.C. , agus faodaidh i deagh mhisneachd a thoirt don mhór chuideachd againn a than ceann cosnaidh cho math rin cois teaghlaich.

RINN mi beagan sgrùdaidh air na dhfheumar a chur amach air annlan, agus thuirt bean an Dun-Eideann gu robh ise caitheamh nota dheug san t-seachdain air cóignear air lòn agus glainead, gun ghuth air gual, solas, aodach no dachaidh. Dlùth air Glaschu thuirt bean-tighe rium gu robh ise cur deich notaichean amach air cóignear, agus sin le brod aghàrraidh anns a bheil treallaich mhath de lus agus meas afàs, cho math ris abhuntàta.

Choinnich mi dithis aNew Zealandbho chionn ghoirid, fear agus bean a tha air caitheamh còrr air bliadhna air feadh na rìoghachd so. Tha iad agabhail oibreach, agus tigh ma gheibh iad e, anns gach ceàrn aguss ann aig bean an tighe bha luaidh air cho minigs a tha làmh air a sporan. Tha e coltach gu bheil gach ball aodaich gu math nas saoire an so, agus ged a tha na caoraichnam mìltean thall aca-san tha snàth fighe suas ri tasdan nas daoire na tha e an sodaors ged a thà e. Bha iceannach na burrainn dhi de gach gnè culaidh.

Achs e na bùitean a bhith fosgailtDi-Sathurn bu taitnich leotha idir. Tha gach bùth thall udga dùnadh bho naoi uairean feasgar Di h-aoine gu madainn Di-luain, aig amannan eadhon gu Di-ciadain. Le sin dhaths eRefrigeratoraon inneal adhfheumasa bhith anns gach fàrdaich.

SANN an Leódhus a tha misgrìobhadh. Ged nach eil móran mhnathan ri dreuchds na ceàrnaidhean so cia mheud aca, air an dùthaich nach eil ri obair latha mach a dorus? Gu than aig a bheil sgiobadh mònach ri chosnadh adeanamh agus nach minig i muigh a thig achlann dhachaidh as an sgoil!



[60]

[Sanasan]


[61]

Is iomadh boireannach anns an eilean air a bheil aoibhneas gur e cutag òir a thairgeadh don Bhàn-righ mus do dhfhàg i Steòrnabhagh. ’S ann gann an diugh a tha an a tha ris achutadh. Thogadh minam measg agus tha làn aithne agam air cho cruadalachs a tha iad, ri obair shalach anns gach fliuch agus tiorman, fluchd agus teas, asaothaireachd bho mhoch gu dubh air bheag duais le barrachd sunnd agus feala-dhà na chluinnear an comunn idir a nis.

S ann tha sinn an cunnart am measg gach goireis agus innleachd dìochuimhne a dheanamh air cho sgileil, ealamhs a thà iad. Tha ochd eadar-dhealachaidh taghaidh ra dheanamh air an sgadan an Steòrnabhagh am bliadhnatha sin aciallachadh gum feum iad, ann an tiota, an sgadan a dhealachadh, ’s a chutadh, ’s gach fear a thilgeadh gu neo-mhearachdach, clisg don bhascaid cheairt, gun sùil thoirt thar an gualainn.

S iomadh gàire rinn sinn còmhla riutha mumhì-chàil an ath-lìonaidh, bhithg éirigh moch sna madainnean,” agus tha mise co-dhiùbh adeanamh gàirdeachais gun chuir Steòrnabhagh meas cho mór orra leis achuimhneachan mhaireannta so don bhoireannach, ’s don bhean, ’s don mhàthair as àirde tha san rìoghachd.

THADHAIL aBhàn-righ ann an tigh dubh ann an Garrabost ann Rubha. ’S e cùis argumaid gun stad a tha so. Gu ur beachd? Siùidibh? Cuiribh thugainn ur smuaintean mun chùis so anns aGhàidhlig.

[Dealbh]
Garrabost, asealltainn tigh Catriona Ghrannd air an do thadhail aBhàn-righ.

titleGnothaich Bhoireannach
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Murdag NicCoinnich in Gairm 17 %p

parent textGairm 17
<< please select a word
<< please select a page