Loch Reasort
Le TORMOD MACLEOID
(Na h-àireimh a tha sna badaig ’s iad comharraidhean Cliath Nàisiunta nan Learsgàild(Grid references) . . . . ).
1. S ann an Innse Gall a tha Loch Rèasort, air a thaobh an Iar, eadar Leódhus agus na Hearadh. ’S e an Loch so a’ chrìoch, chan ann a mhàin eadar Leódhus agus na Hearadh ach eadar Siorramachd Rois agus Inbhirnis mar an ceudna. Tha an tìr mun cuairt cruaidh-chlachach, cnoc-chàrnach, àrd-bheannach, le iomadh loch uisge an glaic agus abhainn bhric agus bhradain a’ ruith gu tràigh.
2. Tha ann, lethcheud mìle ceàrnach fearainn aig fàsach agus frìth. Tha an cuan an iomall na dùthcha air an taobh siar. Tuath tha àrd-bheanntan Uig. Deas, tha beanntan nas àrda sna Hearadh, agus an Ear, tha Loch Langabhat, a tha ’na shlaod air fad trì mìle deug am meadhon na tìre.
3. Chan eil rathad ann. Mu cheud bliadhna air ais, thòisicheadh air rathad a dheanamh ach chuir an geamair Caimbeul, e fhéin agus an droch fhear ud, an Siamarlan Dòmhnall Munro .i. Mac an Rothaich, stad air an obair, le faicill air eagal ’s gun deanadh an rathad cron air frìth nam fiadh. Air an aobhar so fhuair iad rag-chothrom bho Sir Seumas MacMhathain, Uachdaran Leódhuis, crìoch a chur air obair an rothaid.
4. Ach ro’ cheann latha is bliadhna nach ann a chuireadh an geamair Caimbeul, a bha cho eudmhor a thaobh na frìth, e fhéin aig thigheadas ’na teis mheadhon gu Ceann Rèasort far an d’fhuair e cothrom cnuasachd gu cùl a chinn air gach cion-goireas a tha ’n luib tigh gun rathad. A chionn ’s gum b’ e coimhearsnachd nam fiadh bu docha leis fhuair e a shàth dheth. Cha robh mar sin rathad ann san latha sin, ’s chan eil an diugh, ceud bliadhna ’na dhéidh.
5. Fhad ’s a sheasas an t-slàinte ri luchd còmhnaidh a’ bhaile-bhig iomalaich aonranaich, chan eil air, ged a tha a’ mhòinteach gun rathad a tha eadar iad agus mórshluagh na dùthcha ’na fìor dhragh, ’na h-annlamh ’s na h-annradh. ’S ann nuair a thig tinneas, easlaint agus anacair a thig iomagain is spàirn agus eagal a’ bhàis, mar bu mhath a b’ aithne do Fhionnlagh Mhorsgail grunnan bhliadhna air ais nuair a bha e ’na gheamair air thigheadas aig Ceann Rèasort.
6. Bhuail easlaint throm bean an tighe agus b’fheudar cóig mìle mòintich imeachd gu ruig Morsgail gu fios a chur air an lighich; fuireach ann an sin gus an tigeadh e, gus a threòrachadh thairis na mòintich gu Ceann Rèasort. Dh’òrduich an lighich a’ bhean a thoirt do’n ospadal gun dàil: bha a beatha an crochadh ri cabhaig. Chaidh fios a chur na daoine, a chruinnich feadh na h-oidhche, cuid dhuibh thar mìltean a dh’astair mòintich.
7. B’ éiginn crò-leaba a dhèanamh gus a’ bhean thinn a ghiùlain eadar dhaoine thar féith is allt, thar lom is bruthaich gu rathad mór an rìgh. Cha do bheannaicheadh do’n Chaimbeulach an oidhche sin an droch ghnìomh a rinn e trì fichead bliadhna roimhe, nuair a chaisg e obair an rothaid.
[Mapa]
8. Chan eil rathad ann ach tha“walk”a’ dol dìreach deas bho Mhorsgail, asteach a chridhe na frìthe. Thoiribh an aire, “walk, ”chan e “casan” no “staran”: cha bhiodh a leithid sin uasal gu leòir. Cha tuigeadh na Sasunnaich “casan” no staran” agus bhon a b’iadsan a phàidh air an obair cha bu mhór a rud ainm beurla a thuigeadh iad a thoirt air. Tha drochaid fhiodha thar abhainn an Lòin agus eadar thu is mìle deas air an drochaid tha àite ris an canar “na Bothain” far am bheil a’ “walk”a’ dol ’na dhà.
9. Thug mi sùil air “na Bothain” agus gu dearbh bha iad annasach leam; gu dé a bh’ann ach “àirighean chlach” le an cinn slàn orra. Their cuid gur e a th’ann an sorelics of the Stone Age.Chan eil dha dhìthStoneorra, agus dh’fhaodadhAgea bhith orra cuideachd ach ’s e àirighean chlach a th’ann agus a bhitheas ann iomadh linn fhathast mur a tig burraidh de pheasan a leagas iad. Cha bhreò mìr dhiubh, oir tha gach balla agus ceann air a thogail de chlachan cruaidh an t-slèibh nach cìsnich sian a’ gheamhraidh.
10. Tha an ceann gu h-àraidh airidh air beachd a thoirt air. Tha leac muin lic ’ga shìor thoirt asteach gus am beil am both còmhdaichte leis an leac-mhullaich. Tha gach leac air a stéidheadh air chor ’s gun cur i an t-uisge dhith agus uidh air n-uidh amach air bàrr a’ bhalla. Ceud bliadhna air ais mu 1850 nuair nach fhaighte bheag de fhiodh ach fiodh cladaich air an robh meas mór airson cinn thighean b’e ceann chlach a tha gu coitcheann air gach àirigh.
11. B’ ann faisg air na bothain a choinnich Iain MacAsgaill rium; Iain a’ phuist le a mhàileid air a dhruim. Dh’altaich sinn beatha a chéile. Bheannaich mi an latha dha agus bheannaich e an latha dhomh agus dh’innis e dhomh gu robh dùil rium agus gu robh ullachadh air a dheanamh air mo shon.
12. Chur mi ceist air Iain. Dh’fhoighnich mi dheth “Gu dé bu ’s ciall do na pòlaicheantelegrapha bha sud a’ dol a dhìth.” “Chuireadh,” ars esan, “na pòlaichean suas ri linn cogadh a’ Chaisear, eadar Morsgail agus Ceann Rèasort; a sin, bha taod-fo-mhuir gu Loch Thamanabhaigh far ’m bu tric a bhiodh loingeas chogaidh a’ gabhail tàmh. ’Na latha fhèin bha Morair Leverhulme an dùil an acfhuinn a chur an òrdugh ceart ach dh’iarr Ughdarras a’ Phuist a leithid de mhàl ’s gun d’fhàg Leverhulme aca e agus sin e nis a’ breothadh.”
13. Dhealaich sinn agus lean mise miar an ear nawalkgu mullach Sheilibri an tòir air tulach as am faicinn fad agus liad na clais a tha gearradh Eilean Leódhuis bho’n ear gu’n iar. Is e ceann an ear na clais: Loch Odharn; a ceann an iar: Loch Rèasort.
14. Fhuair mi an suidheachan a bha mi ag iarraidh air gualainn deas Sheilibri (660420). Shoillsich deàrrsa gréin air fadhail Loch Langabhat (693414). Bu léir dhomh Ceann Tarbhabhaigh, Ceann Loch Sìphort, Ceann na Carraidh, agus mar sin an ear thairis Gleann Odhairn gu Grabhair. Dìreach deas orm bha Beinn a’ Bhoth, agus eadarainn bha a’ chlais air dìreadh bho Loch Langabhat troimh ghil Roisgil Cham gu Ceann Rèasort, am meadhon na fàsaich, far an robh an deò-gréine air sgiath na gaoithe, a’ soillseachadh an grunnan
thighean a bh’air an dath donnaliath le grian agus siantan nam bliadhna a thréig.
15. Bha agam ann an so fa chomhair nan sùl, am bealach troimh am biodh e iomchuidh rathad a dheanamh, ceithir mìle bho Airigh-Bhruthaich gu fadhail Loch Langabhat: staran air an fhadhail agus an sin ceithir mìle eile gu Ceann Rèasort. Dh’fhosgladh a leithid sin de rathad iasgach Loch Langabhat do mhóran. Dh’fhaodaite an dara Loch Lìobhan a bhith againn gu tàladh choigreach le’n cuid airgid airson math coitcheann an Eilein. Thuilleadh air an sin bhiodh Ceann Rèasort le a mhuir agus le a mhonadh, le frìth agus le aibhnichean bhradain an comas air leasachadh taisealach a chur ri beartas na tìre. Dh’ath-bheothaicheadh an rathad am baile beag Luachair a tha sìor dhol fàs.
16. Tha luchd àiteachaidh Chinn Rèasort a’ sìoladh as. Na bha air taobh Leódhuis de’n òb, b’ann an CROLA a bha iad; air taobh na Hearadh: LUACHAIR. An cois an Loch air fad, is minig làraich gun cheann orra is leac an teinntein fuar. Is tearc na tighean slàn le daoine annta ’s a’ chagailte lasrach blàth.
17. Tha an oitir farsuing. Tha dà abhainn éisg-ghil a’ taomadh do’n òs: Abhainn mhór Cheann Rèasort agus Abhainn h-Osaidh. Tha drochaid air gach tè: droichidean bhòrd is chlàr de fhiodh cladaich. Tha clach mhór na crìche am meadhon na h-oitir. Clach crìch eadar Leódhus agus na Hearadh agus eadar Siorramachd Rois agus Inbhirnis.
18. Bha fàilte romham aig tigh Ceit an Luachair. Dh’inns i dhomh gu robh a dàimh Iain, fear a’ phuist a Tamanabhaigh a’ tighinn a dh’ aithghearr. Thainig e le mhàileid agus ghabh e biadh. Rinn an dithis iomradh air tigh an seanar a bha a nise fuar fàs an Crolà, taobh thall na h-oitir. Nuair a chaochail a h-athair, chan fhuireadh Ceit an Crolà na h-aonrachd, thainig i do Luachair far an robh cuideachd a dàimh, ach tha camadh ann an ceann an Loch agus tha Ceit ag ionndrainn sealladh nan iomadh mìle mach an Loch gu’n iar agus Scarpa air fàire.
19. Dh’fhoighnich mi de dh’Iain an leigeadh e mi leis earrainn d’ a shlighe air ais gu Loch Thamanabhaigh, agus thubhairt e gu dearbh gu leigeadh, ’s ann bu mhath mo chuideachd air an t-slighe. Ghabh Iain an oitir oir bha brògan ard air. Chuartaich mise droichidean Abhainn h-Osaidh agus na h-Aibhne Móire.
20. Eadar an Os agus Crolà thainig sinn air an ionad (632417) far am b’àbhaist iasgach a’ bhradain a bhith. Bha both na h-eathrach ’s nan lìon phoc agus na h-acfhuinn iasgaich gun cheann air, ach bha “lòn an éisg” cho math is a bha e riamh. B’ ann san lòn so bha na bradain air an cumail beò. Tha a’ bhothag slan fhathast agus an lòn uisg’ ’na broinn. Tha a’ bhothag cruinn, dà throigh dheug bho thaobh gu taobh agus ceithir troighean a dh’àrd oirre. Tha struthan a’ tighinn innte troimh’n bhalla thall, a’ lìonadh an lòin agus a’ ruith amach troimh’n bhalla bhos.
21. Chaidh sinn seachad air tigh Chrolà. Bha e gun cheann. Bha cuid de sheana àirneis an tighe air fhàgail. Bha am bòrd-slios sleamhainn le suathadh iomadh ginealaich asteach ’s amach as an leabaidh.
Aig cùl an tighe bha am bothan anns am biodh iasgairean a’ bhradain a’ fuireach rè an iasgaich. Bha ceann a’ bhothain air tuiteam ’na bhroinn.
’S truagh ri aithris gu bheil Crolà (630420) fàs. ’S e ionad còmhnaidh taitneach a th’ann. Tha fasgadh air bho thuath ’s bho’n ear; tha e ri aodann gréine ’s ri cùl gaoithe. Tha sealladh àillidh amach an Loch fa chomhair na sùla, agus crònan caoin an uillt ’nad chluais.
22. Dhìrich sinn gualainn Bhenisbhail agus chuartaich sinn iomal Loch Bhenisbhail a tha shuas air àrd an t-sléibhe. “B’ e so an t-slighe” deir Iain, “air am b’àbhaist Murchadh mo dhàimh a bhith siubhal nuair a bha e ris a’ phostachd agus b’ann air an t-slighe aonranaich so gun teagamh a dh’ionnsaich e an Laideann agus a’ Ghreugais a bha air a theangaidh aige.” B’e Murchadh so bràthair Ceit: gille sònraichte, a shuidh ri àrd cheasnachadh Sgoil MhicNeacail gun sgoil gun oideas gun a bheag a threòrachadh ach na rinn a dhìchioll fhéin. Bha dùil gun éireadh Murchadh gu inbhe àrd ach ’s ann a dh’eug e òg.
23. Nuair a ràinig sinn Cleite nan Ràmh os cionn Loch Bodabhat, sheas sinn ag amharc air an t-slighe romhainn. Le a bhith dol dìreach gu Tigh Thamanabhaigh bha an t-slighe thar gualainn a deas Ainebhal dìreach gu tigh Iain san Ard Bheag, thar gualainn chlì Ainebhal. B’fheudair dhòmhsa tilleadh mus glacadh an t-anamoch mi. Ghabh mi deas taobh Chrocasmol agus Loch na h-Airigh gu bòrd na mara, taobh tuath Loch Rèasort.
24. Ann an sin thug mi greis a’ beachdachadh air Tobht a’ Mheirlich. Bha na feannagan taobh ri taobh mar a bha iad nuair a rinneadh iad, ach ’s e fraoch a bha fàs asda. Feumas a bhith gun robh an duine ’na mheirleach èasgaidh nuair a bha an t-ainm aige. Bha na cinn agus na feannagan mar fhianuis gun robh e èasgaidh leis a’ chas chruim agus bha an duine grinn air a’ chlachaireachd. Tha ballaichean an tighe ’nan seasamh fhathast agus bithidh iad mar sin iomadh linn: tha an deagh thogail orra.
[Dealbh]
24. Cha robh dorus cùil air an tigh. Air beulaibh an tighe bha fosglan agus tigh-uaraich. Bha dorus amuigh air an fhosglan: dorus eadar am fosglan agus an tigh agus dorus eile eadar am fosglan agus an tigh-uaraich.
25. Fhad ’s a bha mi a’ rannsachadh an tigh-uaraich bha sùil bhiorach amharuis orm aig diagachadh a dh’éildein a bh’air taobh a’ chreagain làmh rium. Thainig
fras agus leum mi gu fasgadh. Thug crathadh mo chòta fliuch sgèan air na h-éildean agus thug iad an casa leo gu cùl a’ chreagan, ach cha do leig iad as an t-sealladh mi. Chithinn na cluasan stobach an àirde ri bun speur. Bha freiceadan orm. B’uallach ’nan seasamh iad is b’aigeannach ’nan gluasad.
26. Fa chomhair Tobhta a’ Mheirlich chan eil Loch Rèasort ach mu leth mhìle a liad. Bha am muir rèidh lom. Tha an tìr gach taobh cho àrd ’s nach laigh gaoth air an Loch mur a tig gaoth an iar. Ma thig gaoth agus droch shìde bho’n iar gluaisidh onfhadha na fairge Loch Rèasort bho bhonn gu cheann. Le doinionn na h-àird an iar chan eil dìon aig càbhlach an taobhsa Loch Thamanabhaigh.
27. Is e fraoch a tha còmhdach raointean agus maghannan mòinteach Eilean Leódhuis. Ann an Ceann a Deas na Hearadh, am Bràigh nam Bàgh, tha a’ chreag bheò ris. Ann an so air slios an iar na dùthcha, tha a’ chreag ris agus chan ann a mhàin ris ach gu minig ’na seasamh air a ceann, agus an àite an fhraoich ’s e a th’ann fiar garbh, a tha, an cois na mara, a’ fàs cho làidir ’s gum beil a’ chaora agus am fiadh a’ deanamh tàir air. Ni e deagh thughadh, bha iad ag ràdh.
28. Aig Toraidh (603417) far am beil an t-allt a’ ruith gu tràigh, bha iomadh comharradh agus làrach mar fhianuis gu robh an t-àite ’na bhaile còmhnaidh agus air àiteach anns na linntean a dh’aom. Bha feannagan ann agus làraich thighean, ged nach robh iad air an clachaireachd cho math ri tigh a’ mheirlich. Dh’easbhuidh na deagh chlachaireachd cha robh na bha an làthair de na togalaich cho àrd agus cha robh na ballachan cho dìreach.
29. Anns a’ chladach aig bun an uillt, bha na clachan móra air an cur a thaobh agus bha port nan eathraichean glan suas gu tì dorus farsuing làraich togalaich am bàrr a’ chladaich. Dh’fhaodadh gur h-e tigh eathrach a bha san togalach air neo tigh stòir.
30. Ge be air bith an gnè bìdh a bh’aig an t-seann luchd àitich eadar feòil agus sitheann, iasg agus bainne, chan fhaodadh gu robh cion maoraich orra: bha an tràigh mar a ghabhadh i le fiasgain. Bha an tràigh làn chlachan móra. Bha gach clach mhór a bha sin còmhdaichte le fiasgain, bun ri bun; clach an deidh clach, dubh le fiasgain. Chan fhacas a leithid. Bha ann an sud dhiubh na chumadh daoine ag obair ’gan tional, ’gan glanadh, ’gan slaopadh, ’s ’gan cur ann an soithichean le picil airson margaidean bhailtean móra Shasuinn.
31. Thuilleadh air na bha sud de mhaorach bha iasg anns an Loch. Bha an ronnach ’ga chluiche fhéin, ’s cha chuireadh rotach a’ Chuain a Siar luaisgean ach ainneamh air iasgair Loch Rèasoirt. Bu mhór na bha de fhiodh cladaich a’ dol a dhìth.
32. Fa mo chomhair, air taobh deas an Loch, ag éirigh bho’n a’ chladach bha raointean a thalamh glas; b’e so uaireigin talamh àitich baile bàn DIRISCAL (595408). Bha frith rathad air a bhith ann cuid de’n t-slighe eadar Dìriscal agus Luachair, far am biodh a’ chlann a’ dol do’n sgoil. Chan eil duine cloinne dol a sgoil an diugh. Chan eil clann ann. Dh’fhuadaicheadh na daoine gu Hùiseanais, baile beag aonranach a bhàn á Dìriscal. Còrdaidh na h-àitibh aonranach ris na féidh, a réir aithris nan daoine aig am beil ùghdarras
nam frìth. Dh’fhaodadh gun d’ iarradh comhairle nan daoine tha mion eòlach air gach gnè cheàrn as feàrr airson àrach na cloinne bige; dh’fhaodadh, ach cha chuala mi gun deacha duine aig an robh cumhachd no ùghdarras gu mór spàirn airson ceartas a bhuileachadh ris a’ chloinn.
33. Eadar Toraidh agus Crolà tha an cladach cas. Tha casan nan caorach ag éirigh suas taobh a’ chnuic. Bu bheag an aire a thug na caoraich dhomh, ach bha na féidh a’ cur umhail orm, agus chruinnicheadh iad ’nam buidheann agus bha sùil an amharuis rium. Far am bu chas slios Bhenisbhal, ris a’ chladach, bha raineach agus badan chraobhan beaga a’ fàs. Bhuail thugam gum faodadh e bhith gum b’ iad fuidheal seanachoille Innse Gall.
34. Ri taobh inbhir nan aibhnichean, tha tigh geamair Mhorsgail; an tigh anns an do thog Fionnlagh Mhorsgail an teaghlach nuair a bha iad òg. Tha an tigh falamh an diugh, ach tha ceann agus dorus air. Tha àilean rèidh uaine lios-an-tighe fo chaoraich agus tha beàrna sud ’s a so air a’ ghàrradh ach bu bheag an t-saothair a chuireadh na ballachan air dòigh.
35. Nuair a ràinig mi Luachair có bha romham ach am Misionairidh, Dòmhnallach eile, Iain eile, air tighinn a chur fàilte orm. Dé thainig as an t-seanachas ach gum fiachadh sinn, anmoch ged a bha e leis an eathar amach an Loch gun fhios nach buaileadh sinn an ronnach a chunnaic mi a’ cluiche greis roimhe. Bha sinn an teagamh gu ruigeadh sinn an cliath ronnach roimh chiaradh an fheasgair ach nach ma’id gu ruigeadh a’ chliath sinne. Nuair a ghluaiseas an ronnach tha luaths ’na shiubhal agus ma bha a shròin air tionndadh ri Ceann an Loch cha robh fhios càite nach fhaodadh e a bhith.
36. Dh’fhalbh sinn gu togarrach: am misionairidh ag iomradh agus mise leis an t-slait agus leth dusan ite bhàn oirre, a’ fiachainn ach gu dé a thigeadh. Thainig cudaigean, thainig saoithean, thainig ronnach, thainig liùtha: eàrlas ghasda air fialaidheachd an Locha na robh cothrom a bhith ’ga thadhal. Tha e ’na chleachdadh an ceàrnaidhean a dh’Innse Gall a bhith tomadh agus a’ cur fodha agus a’ bàthadh leth na slaite cuilce nuair a bhitear ag iolarachd. Cha b’urrainn dh’an a’ mhisionairidh so a dheanamh nuair a bha e ’g iasgach ’na aonar ’s an t-iomradh agus an t-iasgach, gach cuid an urra ris. Thainig air cuideam luaithe chur air an drèamlaich gus na h-itean bàna chumail fodha.
37. Cha b’fhada a bha ar cuairt nuair a thainig comharthràth an fheasgair agus b’fheudar tilleadh. Bha an cat a’ meaghalaich air a’ chladach; bha e am beul na mara, shaoileadh tu, ’gar faoilteachadh; ’s e a bhà agus dùil aige ri iasg: a’ chiad earball a thigeadh as an eathar. Agus fhuair e na bha ag iarraidh. Chaidh sinn a thìr. Cheangaileadh an eathar air an laimrig far an robh sgaoilteach de fhiodh cladaich a’ caoineachadh. Chaidh sinn asteach: bha tigh a’ mhisionairidh am bàrr a’ chladaich, agus rinn sinn seanachas fhad ’s a bha Ceit Anna piuthar Iain a’ deaschadh tea dhuinn.
38. Bha cuimhne aca air mo sheanair a bhith tighinn gu iasgach a’ bhradain, 1880-1890. B’ann mu 1910 a sguireadh a dh’ iasgach a’
bhradain leis na lìn. Bhatar a’ glacadh 700 bradan a h-uile bliadhna. Ghlacadh 1000 bradan aona bhliadhna, ach b’e 700 gach bliadhna an coitcheanntas. Dh’fhalbh na h-iasgairean agus thainig crìoch air iasgach nan lìon, ach cha tug sin dub pisich air iasgach na slaite a bha an làimh nan Sasunnach. Chaill, mar sin, luchd itheadh nam bradan 700 iasg sa’ bhliadhna nuair a bha dùil a dhà uiread fhaighinn leis an t-slait.
39. As eugmhais rathaid bha iasgach nan lìon doirbh deacaireach, agus bha an giùlan marbhtach. Bha faiceall ri chleachdadh a’ toirt an éisg as an lìon, chum ’s gun gléidhte beò iad, ann am “punnd an éisg,” gus an tigeadh là an aisig. Bhatar ag aisig an éisg trì latha san t-seachdain. Bha dà iasg dheug, mu chóig puinnd an ceann .i. 60 puinnd air an eallach, ann an cliabh, air muin duine, thairis na mòintich gu Morsgail.
40. B’e Ceit Anna te dhe’n fheadhainn mu dheireadh a bha ag aiseag an éisg. Bha dà thasdan aic’ as an turas agus bha cuid a’ cumail amach gu robh i air a deagh phàidheadh. An fheadhainn a bha roimpe ris an obair, fhuair iad 1/6. Cóig mìle le cliabh làn éisg agus cóig mìle le cliabh falamh. Saoilimid an diugh gu robh an t-airgead air a dheagh chosnadh.
Ballachan Beinne
41. Is corrach cas mórdha Stròin Scurst. B’òg mo chuimhne oirre bho chunnaic mi an toiseach i bho mhullach Beinne Barabhais. Shaoil leam gum b’e sud beinn ann an “Tìr nam Beanntan Gorma.” Bha beanntaibh na Hearadh cho fad as leam. Bha mi an dùil Stròin Scurst a thadhal bho a taobh deas is mi air chuairt ag iasgach aig Abhainn Suidhe. Cha deacha leam. Ach a nis fhuair mi sealladh math oirre bho’n taobh tuath agus b’uaibhreach a h-aogasg: ceann-feadhna nam binnean biorach.
42. Dà mhìle an iardheas air an Ruidir (625400) tha Stròin Ulladal: balla-creige gruamach, allmharra, ’na stalla os cionn sgriodan garbh a’ ghlinn duirch tha fodha. ’S e so an dara balla de thrianaid bhalla-beinne gharbh-bheann àrd taobh siar na Hearadh. An trìthibh balla is e Taran Mór, deas air beul Loch Rèasort, freiceadan an doruis.
43. Chìte frith-rathad bho dheas troimh Ghleann Mhiabhaig tighinn gu crìch aig Loch Bhoisimid. Bha trì mìle eile air an rathad a chur gu Ceann Rèasort. Bha na caoraich agus na féidh ag ionaltradh (gu sìothchanta foistineach) air sliabh “Mullach na Rèidheachd.” Bu mhath a dh’fhaodadh iad sin. Nach robh an dùthaich òirdhearc so air a buileachadh orrasan a mhàin, agus mac an duine air thoirmeasg.
44. Bha uaireigin, cóig sgoilear fichead an gréim ri oilean is oideas agus ionnsachadh ann an tigh-sgoile Luachair. Tha an tigh-sgoile fhathast air a chur gu feum: ’s e an tigh-coinneimh. Mheudaich mo thighinn an coimhthional bho chóig luchd éisdeachd gu sia. Chuir am misionairidh stad air an adhradh agus dh’fhoighnich e an togainn fonn air sailm dhaibh. B’ fheudair aideachadh nach robh so ’na mo chomas agus chaidh an t-adhradh air adhart. Bha buill a’ choimhthionail, an cóignear, greis latha. De’n a’ ghinealach ghrinn òg, uallach, luchd dìridh nam mullaich ’s luchd siubhail na mòintich, a
bu chòir a bhith ’g éirigh suas ri ’n gualainn cha robh fiù is aonan ann. Am fàth: easbuidh trì mìle a rathad agus an-iochdmhorachd mac-an-duine ri cho-chreutair.
Rathaidean
45. Eadar Ceann Rèasort agus Morsgail dheidheadh an t-slighe dhìreach thairis air Mòinteach an Lòin: B’e an t-ainm: Mòinteach nan Loch ’s nan Lòn a b’fheàrr a thigeadh oirre, oir tha loch, lochan agus lòn ruith ’na chéile. Shaoilte air a’ chiad sùil gum b’aon bhogalach a’ mhòinteach uile, ach leigidh an dara sùil ris gum beil cruas na creige sa’ bhunait.
46. Nan gabhte ’n ear no an iar gus na lochain a sheachnadh bhitheadh an t-astar eadar Ceann Rèasort agus Ceann Loch òg mu chóig mìle. An iar air na lochan tha an acha rèidh gun dìreadh nas àirde na 250 troigh agus cha chuirteadh dragh air aitribh Mhorsgail a bhiodh ¼ a mhìle bhuat. An ear, air an làimh eile, thigeadh an rathad ri bòrd Loch Mhorsgail, a’ camadh mu chùl an tigh-mhóir sin, greis a’ leantainn na buige, sin a’ dìreadh thairis air an Chleite Tuath, a tha còrr air 300 troigh os cionn na mara.
47. Tha Loch Thamanabhaigh ’na chala dìonach, ’na dhìdeann o gach doinionn, do luing chogaidh agus do bhàt iasgaich. Bu mhór am beud nach robh Loch Thamanabhaigh làn bhàt iasgaich ’s an Cuan a Siar farsuing aca fo ’n stròin. Cha bu doirbh an obair rathad a dheanamh eadar Morsgail agus Loch Thamanabhaigh tarsuinn air NA MAGHANAN: sia mìle ceithir-cheàrnach de mhòinteach rèidh ri aodann na gréine, tha feitheamh ri h-iompachadh gu talamh glas an fheòir a bheathaicheadh 3000 mart. B’ann aig Allt Bó Nì Mhuirich (645455) bu chòir rathad Thamanabhaigh agus rathad Cheann Rèasort sgaradh.
48. B’e roghainn cuid a mhuinntir Uig rathad a dheanamh deas o Eadar Fhadhail troimh Bhealach Raoinisgil gu Loch Thamanabhaigh. Gheibheadh, their iad, cóig bailtean deug Uig math an rothaid sin air ball: cala anns an gléidhte tèaruinnte bàtaichean iasgaich, cala a tha faisg an làimh air iomadh cladach ghiomaich. Ann an cois an rothaid ùir so bhitheadh mòine soirbh a solair. Gheibhte tuilleadh feamainn cladaich airson mathachadh na talamhain agus bhitheadh mòinteach mhór an t-samhraidh freagarrach do’n spréidh.
49. A Mullach Shuainbhal, air latha geal grianach, chithear Sgìre Uig agus farsuingeachd na dùthcha. Gheibhear sealladh air Sgìre nan Loch a Mullach Ròinebhal. Tha a’ Choduinn, faisg air Morsgail, farasd a dìreadh agus is math is fhiach am foillseachadh an dìreadh. Tha Giosla, Scaliscro, Ungasiadar agus Loch Chroistean fothad, faisg an làimh, dlùth fothad, agus amach seachad, tha Loch an Ròg, leis gach eilean is òb is caol, a’ fosgladh tuath do’n a’ Chuan a Siar, gu bun sgòth.
[Sanas]
title | Loch Rèasort |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Tormod MacLeòid in Gairm 17 %p |
parent text | Gairm 17 |