[107]

GÀIDHEIL ANN AN SEALAINN NUADH
le Tormod E. Dòmhnallach

Tha Sealainn Nuadh air taobh eile an t-saoghail, anns aChuan Shèimh, ach ged a tha i fada air falbh, tha an dùthaich coltach, ann an iomadach dòigh, ri Alba agus ris aGhaidhealtachd.

Tha an t-sìde, gu h-àraidh anns an Eilean a Deas, car mar a tha i aig an taigh, caochlaideach, gun a bhith ro fhuar no ro theth.

A thoradh air na fuadaichean agus briseadh na h-Eaglais, sheòl mòran ás aGhaidhealtachd gu Sealainn Nuadh. Fhuair iad obair agus rinn iad dachaighean anns gach ceàrn agus is iomadh àite air am bheil ainm Albannach. Is dòcha nach eil baile eile thar achuain aig am bheil ceangal cho teann ri Alba ri Dùn Eideann, prìomh bhaile an Eilein a Deas. Tha antartanfhèin aig sluagh abhaile – tartanDhùn Eideann agus tha na dathan ann aleigeil fhaicinn don t-saoghal mar a thachair.

Tha geal ag innse mun bhàta, le an siùil gheala, air an do sheòl buidheann á Alba ann an 1848. Tha an dath liath asònrachadh dath achuain agus uaine, na raointean farsaing, torrach ann anOtagu. Tha an t-òr aciallachadh gun robh dùil aca a bhi soirbheachail, dearg ag innse gun robh fuil Albannach air gach taobh den chuan agus mu dheireadh bha an dubh acur an cèill cho dubhach cràiteachs a bha iad an uair a dhfhàg iad an càirdean ás an dèidh.

Bidh iad adèanamh uisge-beatha agus ged nach eil fraoch air na beanntan tha conas ann a thug na h-eilthirich a-null. Anns an earrach agus anns an t-samhradh bidh e bòidheach, òr-bhuidhe.

Ann an 1851, an dèidh briseadh na h-Eaglais, agus an dèidh triall gu Albainn Nuadh agus an sin tadhal ann an Astràilia, ràinig an t-Urramach Tormod MacLeòid, á Clach Toll ann an Cataibh, agus suas ri ceithir cheud de Ghaidheil, Waipu, anns an Eilean a Tuath. Shearmonaich Tormod am measg nan Gàidheil gus an do chaochail e ann an 1886, an uair a bha e ceithir fichead bliadhnas a sia. Fhads a bha e os an ceann, cha robh math do na Gaidheil, idir, an cànan agus an ceòl a dhìochuimhneachadh.



[108]

O chionn ghoirid thug mi cuairt do Shealainn Nuadh agus chuir mi seachad dhà no trì làithean ann am baile brèagha Dhùn Eideann, far am bheil amhòr chuid de na sràidean air an ainmeachadh ás dèidh aibhnichean ann an Alba. Anns abhaile tha ìomhaigh do Raibeart Burns agus tha taigh-staile ann far am biad adèanamh uisge-beatha.

Gu fortanach thachair mi ri càraid aig an robh le chèile, ceangal dlùth, teann ri Alba. RugadhElliotUisdean MacMhathain air tuath ris an canadh iadAttadale, ann amMiddlemarch, anns an Eilean a Deas, faisg air Dùn Eideann. ’S ann aigAttadaleann an Alba a bha ceannardan Chloinn MhicMhathain acòmhnaidh. ThaElliotUisdean ceithir fichead bliadhnas a h-ochd agus tha e air a dhreuchd a leigeil dheth, an dèidh a bhithna thuathanach on dhfhàg e an sgoil.

Dhinnis e sgeul a chuid dhaoine dhomh agus bha i air leth inntinneach agus iongantach. Rugadh a sheanair, Murchadh MacMhathain, anns aChomraich, ann an Siorramachd Rois, ann an 1823. Be athair-san Dùghall MacMhathain agus be ainm a mhàthar Beathag. Bha Dùghall anns an arm cheangailte, aig àm ìre, agus mar sin bha e comasach dha Murchadh a chur do sgoil ann an Dùn Eideann airson bliadhna no dhà.

Tha fios gun robh Murchadhna chìobair air fearann faisg air Inbhir Nis, far an do choinnich e ri banachag laghach, bhòidheach, CurstaidhElliot. Thàinig a h-athair ás na Crìochan gu bhithna chìobair anns aGhaidhealtachd, mar a rinn mòran de sheòrsa aig àm nam fuadaichean. ’S ann bhuaithe a thug an duine còir ris an do thachair mise an t-ainmElliot.

Cheannaich Murchadh bùtha bùidseir ann an Inbhir Pheotharain ach cha deach leis gu math agus is dòcha gun robh an dàn dha a bhithna chìobair oir an sin chaidh fhasdadh airson coimhead ás dèidh caoraich ann an Eilean Eige. Bha e fhèins bhean Curstaidh agus am mac a bu shine, Dùghall ann an Eige airson ochd mìosan deug agus an sin chaidh iarraidh air a dhol do Eilean Rùm, airson coimhead ás dèidh ochd ceud de chaoraich.

Bann leis aMhorair Salisbury a bha an t-eilean ach bha e air mhàl aig fear MacLeòid. Cha bhiodh iad sin ri am faicinn ach aig an àm an t-seilg. Bha an t-eilean anabarrach math airson sealgaireachd agus bhiodh am Morair agus MacLeòid atighinn le ar càirdean anns an fhoghar airson spòrs. Ged nach robh feum aca orra bhiodh iad air tòir agheòidh ghlais, damh donn na cròice agus na lachainn riabhaich.

Cha robh an tuarasdal aig Murchadh ach ìosal ach le buntàta bainne, aran-coirce agus iasg, cha robh an teaghlach gun annlan



[109]

[Dealbh]
Murchadh agus Curstaidh


Air a shon sin cha robh e furasda biadh agus aodach a chumail ris achloinn oir bha a dhà-dheug aca.

Tha e coltach, seach gun robh Murchadh os cionn nan cìobairean eile gun robh taigh na bfheàrr aige anns an robh similear achna dhèidh sin nach e bhiodh làn, dùmhail.

Bha achlann a bu shine aig uairean ag obair aig an oighreachd, acur abhuntàta, abuain na mònadh, arùsgadh nan caorach, adèanamh feur, ag iasgach agus abuachailleachd.

Bha bàtaichean iasgaich aig Iain, bràthair Mhurchaidh agus bhiodh iad aseòladh a-mach á Caol Loch Aillse agus á Loch an Inbhir. Bhiodh na gillean aig Murchadh gu tric ag obair orra agus



[110]

[Dealbh]
Ailig MacMhathain 1863-1956


an uair a rachadh iad dhachaigh bhiodh iasg aca a chuidicheadh Curstaidh gu mòr ann a bhith acur biadh air beulaibh na cloinne.

Bha dithis de na bràithrean agus de na peathraichean aig Curstaidh air a dhol thar achuain ann an 1864 gu Sealainn Nuadh. Fhuair Seumas agus Mata Elliot obair mar chìobairean ann an sgìr Srath Taieri ann anOtagoanns an Eilean a Deas.

Anns aMhàrt 1871 chaochail am pàisde a bòige aig Murchadh agus Curstaidh. Besan Gilleasbuig beag agus cha robh e ach seachd mìosan. An sin ann an 1873, chaill iad ann an trì latha còignear den teaghlach, leis aphlàighdiphtheria. Bhàsaich mòran anns na h-eileanan leis an tinneas ach fhuair Murchadh agus Curstaidh buille na bu chruaidhe na càch a thug orra smaoineachadh air dèanamh air Sealainn Nuadh far an deach an càirdean.

Mar sin anns an Iuchar 1875 sheòl na bha air fhàgail den teaghlach á Glaschu air abhàta-siùil, anAuckland. An dèidh bhòidse a thug ceithir fichead lathas a h-ochd agus a bha aig uairean cunnartach agus làn cruadail, ràinig iadPort Chalmersanns an Eilean a Deas.



[111]

Is ann gu tiamhaidh, tùrsach achna dhèidh sin le dòchas agus le fiughar a chuir iad cùl ri Eilean Ruma nam fiadh agus a chuir iad an aghaidh air dùthaich nan eun anns aChuan Shèimh.

Fhuair iad buille eile an uair a bhàsaich an aon nighean a bha air fhàgail, Seasaidh, aig aois trì bliadhna agus gun iad fada air a dhol air tìr.

An toiseach bha Murchadh, Curstaidh agus Ailig beag afuireach còmhla ri Iain agus Ealasaid Beattie aigMaungatuaann anTaierigus an dfhuair Murchadh cosnadh mar chìobair air tuath mhòr ann an Srath Taieri. Tha Sealainn Nuadh air a bhith a riamh ainmeil airson caoraich agus cuiridh e iongnadh oirnne ás na h-eileanan an iar a tha eòlach air croitean le nas lugha na ceud caora a chluinntinn gun robh ceithir fichead mìle caora air an tuath far an robh Murchadh ag obair.

Chaidh na bràithrean eile, Dùghall, Seumas, Mata agus Raibeart dhan dùthaich a-staigh air falbh bhon mhuir agus fhuair iad, an dèidh triall troimh ghairbhlich chruaidh, gun rathaidean, gun ghoireasan sam bith, obair mar chìobairean ann an SgìrWatakipu. Bha Dùghall agus Seumas acosnadh leth-cheud not agus a còig gach bliadhna agus Raibeart agus Mata deich tasdain san t-seachdain. Bha na braithrean ag obair air feadh na sgìredaoine mòra, foghainteach agus bha meas agus spèis aig a h-uile duine dhaibh. Cha robh an leithid ann airson obair a-measg chaorach.

Anns an Iuchar 1897 phòs Dùghall MàiriHyndmanaguss ann á Alba a bha a cuideachd. Fhuair iad talamh, còrr agus ceithir mìle acair air màl ann amMiddlemarchmu thrì fichead mìle a tuath air Dùn Eideann. Thug iad an t-ainmAttadaleair ás dèidh dachaigh Clann MhicMhathain ann an Alba.

Shoirbhich leis an teaghlach a dhfhàg Eilean Ruma. An àite a bhithnan cìobairean ag obair aig càchs ann a fhuair iad uile sealbh air tuathanais mhòra, Mata agus Ailig aig Hartfield còmhla ri am pàrantan, Murchadh agus Curstaidh, Seumas aigIngleneuk, Raibeart aigGreenvaleagus mar a thuirt sinn Dùghall aigAttadale.

Rugadh mo charaideElliotUisdean, aigAttadaleann an 1906 agus bha e, bhon dhfhàg e an sgoil ag obair air an fhearann. A bharrachd air obair air an fhearann ghabh e compàirt ann an comainn airson cur ás do chonannaich, cur ás do chonas agus reic agus ceannach eich.

Ann an 1940 phòsElliotUisdean Eilidh Walker. Rugadh a h-athair Ailig Walker, ann an Lios MoChuda ann an siorramachd Lannraig ann an 1882. Bha a chuidheachd air a bhith agoibhneachd anns abhaile bho thoiseach an ochdamh linn deug.



[112]

[Dealbh]

ElliotUisdean
Mac Mhathain


Bhiodh ceannaichean atighinn ás gach ceàrn a cheannach eich ann an Alba. Bha na h-eich bheaga Ghaidhealach cruaidh, calma agus bha an fheadhainn mhòra, bhrèagha ris an canadh iadClydesdaleslàidir, neartmhor. Bhiodh ceannaichean atighinn a Sealainn Nuadh agus gu tric bhiodh iad asireadh gobhaichean òga a rachadh air an turas cuain gus coimhead ás dèidh nan each. Bhiodh na gobhaichean eòlach air an làimhseachadh agus sgileinnam measg.

Mar sin, ann an 1908 chaidh Ailig Walker air turas gu Sealainn Nuadh le eich a bha adol gu tuathanas mòr ann an Taieri, anns an Eilean a Deas. Dhfhuirich e thall agus an sin cheannaich e ceàrdach ann anOutramfaisg air Dùn Eideann far an robh e ri goibhneachd gus an do chaochail e ann an 1964. Bha còignear de theaghlach aigElliotUisdean agus Eilidh agus tha iadsan cuideachd sgapte air feadh Sealainn Nuadh.

Tha e coltach gu bheil sliochd teaghlaichean Gàidhealach ri am faighinn air feadh an Eilein a Deas. ’Nam measg tha Clann MhicThòmais, MhicRath, Mhic aPhì, MhicAmhlaigh, Mhic Phàdraig, MhicDhùghaill, MhicUilleim agus MhicDhòmhnaill.

Ged a chaill na gillean a dhfhàg Eilean Ruma aGhàidhlig chùn iad ùidh ann am pìobaireachd agus ann an dannsa Gaidhealach. Dhionnsaich iad òganaich air cluich agus chuir iad còmhlan phìobairean air bhonn ann an sgìrMiddlemarch. An uair a chaidh airgead a thional airson fèilidhean, dhàithn na pìobairean gurtartanChlann MhicMhathain a bu chòir don chòmhlan chleachdadh.

Gun teagamh sam bith, tha Clann MhicMhathain á Siorrachd Rois agus an teaghlachWalkerá Lios MoChuda air buaidh shònraichte a thoirt air Sealainn Nuadh.

titleGaidheil ann an Sealainn Nuadh
internal date1995.0
display date1995
publication date1995
level
reference template

Tormod E. Dòmhnallach in Gairm 170 %p

parent textGairm 170
<< please select a word
<< please select a page