CO E ’S FHAIDE SAOGHAL - - -
Le Catriona NicNèill
Theireadh na seann daoine “Cò e ’s fhaide saoghal is e as moth’ a chì”. Chan eil fiosam fhìn an aontaich mi leis an sin oir chan fhaca mise mòran ach an dòigh-beatha ’s a bh ’aig mo phàrantan fad a’ chiad chuid dhe m’ bheatha. Saoilidh mi gu bheil a’ chlann a tha ag èirigh suas an dràsd a’ faicinn barrachd mòr ann an ùine ghoirid an·chunnaic mise ann a fichead bliadhna!
Is e cruaidh-obair agus an fhailbhe a bh’ ann ri m’ chiad chuimhne-sa - àm a’ Chiad Chogaidh Mhòir - ach cha do chuir sin dorran orm oir bha h-uile aon de m’ chompanaich air an aon chàradh is bha sinn cho sùnndach ris na h-uain òga a bha a’ leum ri ’faileas feadh nan cnoc.
Saoil dè chanadh daoine an-diugh nam faicte clann gun bhròig man cois anns a’ gheamhradh fhuar? Is gann nach toirte air falbh bho am pàrantan iad air thàilleabh ’s nach robh iad a’ coimhead ás an dèidh mar bu chòir dhaibh: bhiodh an ainm anns na pàipearan-naidheachd.
Chan eil fios aig cloinn an-diugh ciod e th’ ann an cion, le fìrinn. Ach an do thionndaidh a’ chuibhle ro fhada mun cuairt? Tha fìor eagal orm gun do thionndaidh oir chan eil ceannsachadh ri dhèanamh orra le pàrantan no luchd-teagaisg tuilleadh, agus ’s e call tha ’n sin. Feumaidh clann a bhith air an ceannsachadh dìreach mar a h-uile creutair òg eile - ach ’s ann le coibhneas, chan ann le olcas a nì coire dhaibh. Is iomadh sad a fhuair mise ’s mo sheòrsa nuair bha sinn òg, ach ged a bha greadadh beag ann fad ùine ghoirid, cha do dh’ fhàg iad riamh làrach. Chan fhaca mi gin riamh air an droch dhochann mar a chluinneas mi ma dheidhinn a-nis.
Tha fios aig gach neach a tha tùr ann, nach fhàs clann suas modhail mur a tèid am modh ionnsachadh dhaibh aig glùin a màthar, agus a dh’ aindeoin na chluinneas sinn dhe a chaochladh, tha gu leòr de chloinn mhodhail mun cuairt fhathast agus chì sinn gu follaiseach cò iad a chaidh an deagh thogail. Tha iad mun cuairt orm fhìn ann a seo clann cho modhail ’s a dh’ iarradh duine fhaicinn, agus am pàrantan gu math òg cuideachd.
Bruidhnidh iad gu tlachdmhor modhail rium daonnan, is ma thachras do na buill aca tighinn a-staigh don ghàrradh, thig iad a dh’ iarraidh cead orm a dhol gam faighinn air ais. Chan eil glaodhaich mo sgreadail ’nan cluich. ’Nam bharail-sa tha iad ’nan creideas do am pàrantan ’s tha ’bhlàth ’s a bhuil tha iad fhèin is càch toilichte.
Ach mo thruaighe a’ chlann a thatar ag innse dhaibh gum faod
iad am pàrantan a thoirt gu cùirt is a bhith dealaichte bhuapa ma chuireas iad làmh orra ga smachdachadh! Sin na truaghain a thig gu bhith siubhal nan sràidean is a’ cadal ann am bocsaichean cairt-bhòrd aig deireadh an latha, tha eagal orm.
Cò air an t-saoghal an fheadhainn a thug a-mach an lagh mì-nàdurra seo co-dhiù? Chan eil tùr no toinisg aig a leithid.
Tha fios againn gu bheil uaireannan clann a’ faighinn droch dhiolachd bho ’m pàrantan agus gu feum iadsan cuideachadh fhaighinn agus a sgaradh bho na droch phàrantan sin, ach ’s e gnothach eile tha ’n sin.
Shaoil sinn nuair a bha ’n dàrna cogadh seachad gum biodh sìth air an t-saoghal. Chaidh na h-uiread a mharbhadh air muir agus air tìr, agus feadhainn a thill ás beò ach air an leòn cho dona is nach biodh beatha tuilleadh aca mar a bh’ aca: chaidh sgrios cho uabhasach a dhèanamh a chuireadh sgreamh gu sìorraidh air daoine an aghaidh cogaidh. Bha toileachadh is fealla-dhà anns gach àite nuair a fhuaras a’ bhuaidh air an nàmhaid; bha coibhneas is gàirdeachas a-measg an t-sluaigh. Ach dè cho fad ’s a mhair e?
Cha robh na saoidh a thill dhachaigh sàbhailte fada gus na thuig iad nach robh dad a’ feitheamh orra a-nis ach an cruaidh-chàs, gun obair gun rud eile. Chaidh na h-uiread de dh’ airgead a chosg fad nam bliadhnachan a bha an dùthaich aig cogadh is gun do dh’ fhàg e air bheagan cothroim, airson dad eile iad a-nis. Cha robh feum tuilleadh air laoich - gus an ath chogadh! Mar a thuirt am bàrd: “Cha robh cuimhn’ air an euchd, cha robh feum air an gaisge”.
Dh’ fheumadh cloinn-nighean an sgadain falbh a-mach ás an eilean airson cosnadh fhaighinn, oir a-nis bha obair an sgadain – a bha air togail air gu math ás dèidh a’ chiad chogaidh – ullamh gu sìorraidh: cha do thill ciùrairean tuilleadh do Bharraigh.
Ach uidh air n-uidh thòisich gnothaichean air a dhol am feabhas. Fhuair na fir a bha deònach, is òg gu leòr gus tilleadh chun an iasgaich, cothrom air eathraichean a cheannach, le cuideachadh thoirt dhaibh, agus thug sin togail mhath don eilean ged nach robh an ciùradh ann a-nis.
Chaidh gu leòr de thaighean ùra a thogail – taighean fiodha a bhatar a’ cur suas gu luath - a gheibhte air mhàl, agus bhrosnaich sin daoine gus tilleadh don eilean.
Nuair a thàinig solas an dealain cuideachd fhuair daoine cothrom air goireasan fhaighinn nach robh riamh reimhid aca – telebhisean, inneal nigheadaireachd ’s a leithid sin. Chan ionnan ’s mar a bha gnothaichean mun do dh’ fhàg mise an t-eilean. Gus an d’ fhuair mi‘wringer’cha robh agam ach a bhith fàsgadh an aodaich cho cruaidh ’s a b’ urrainn mi le m’ làmhan (is feuch sin a
dhèanamh air briogais thiugh chlò! ). Nach mi dhèanadh an toileachadh ri‘spin dryer’.
Nuair a chluinneas mi air an telebhisean a-nis iad a’ moladh seòrsachan deifireach de dh’ fhùdar siabainn - is a h-uile h-aon nas fheàrr na ’n aon eile - bithidh mi dèanamh gàire beag rium fhìn ’s mi cuimhneachadh air an dòigh nigheadaireachd a bh’ agam nuair bha mi òg.
Gheibhte gàda de shiabann bàn-bhuidhe is chrochte suas e sa’ chidsean airson ’s gun cruadhaicheadh e (mhaireadh e na b’ fhaide mar sin) agus gheàrrte slisnean dheth mar dh’ fheumte. Nuair a bhiodh an t-aodach nighte gu math ann an tuba fiodha bheireamaid e don abhainn, a bha dlùth air an taigh againn, far a robh glumag mhath, dhomhainn agus leac rèidh air a slacanaicheamaid an t-aodach, le slacan fiodha, gus nach biodh dad dhen t-siabann air fhàgail ann. An sin sgaoileamaid an t-aodach geal air blianaig fheòir, airson ’s gun gealaicheadh e leis a’ ghrèin, agus rachadh an còrr air ròp-aodaich, an dèis fhàsgadh gu cruaidh mar a thubhairt mi - nam faighte tioram e san aon latha ’s fuathasach math a bh’ ann.
’S e siabann bog uaine a bhiodh againn a’ nighe nam plaideachan mòra, troma de chlòimh nan caorach againn fhìn – chan eduveta bh’ ann idir sna làithean ud - agus dh’ fhàgadh e cho mìn àlainn iad. Bha e cheart cho math sin air nighe ar gruaige.
Dè shaoileadh òigridh an là-an-diugh de ’n obair a bh’ againn aig an àm ud? ’S e obair throm a bh’ ann an nigheadaireachd. Dh’ fheumamaid an t-uisge glan a tharraing dhachaigh mun tòisicheamaid agus an t-uisge salach a tharraing a-mach mar a dh’ fheumte. Ach cha robh feum againn air dad a chur san uisge airson fhàgail maoth mar a dh’ fheumar le uisge ‘cruaidh’ ás na pìoban, is nuair bheireamaid a-staigh an t-aodach bhiodh e cùbhraidh, gun fheum air faileadh a cheannach gu fhàgail tlachdmhor.
Bhiomaid a’ fuine a h-uile latha, breacagan flùir is innseanach agus bonnaich choirce. Cha robh‘self-raising’ann idir agus ’s e soda-arain agus uachdar-tartair a bh’ againn airson at an arain fhlùir.
Bha an sòda-arain math cuideachd airson glanadh nam fiaclan – ach gu dearbh cha robh e blasda. Co-dhiù, dè chì mi nis ga shealltainn air an telebhisean ach‘baking-soda tooth paste’agus iad ag innse dhuinn nach eil ann nas fheàrr na e. Feumaidh gun tug iad blas eile air. Nach e an saoghal a chuir an car dheth!
Chì sinn creutairean neònach, ás gach seòrsa, a’ sealltainn deifir ghnothaichean dhuinn: bà ag innse cho math ’s a tha ’n t-ìm aca
fhèin, iad eadhon a’ dèanamh steapan dannsa le sòlas. Ach nach e tha math an tì a thug cothrom bruidhne do na muncaidhean a tha ga h-òl.
Tha a’ chlann a tha ag èirigh suas an dràsda nas fiosrachaile na bha clann ri m’ linn-sa, agus nach iad fhèin a dh’ fheumadh sin oir ’s e saoghal deifireach a th’ ann buileach. Cha dèanadh e ’n gnothach dhaibh a bhith cho soinneanta ’s a bha sinne air ar ciad dhol-a- mach - cha robh fiosrachadh an t-saoghail idir ga thoirt dhuinn. Tha e ri ràdh gum bi am freasdal a’ coimhead an dèidh nam feadhna nach urrainn coimhead ’nan dèidh fhèin. Co-dhiù fhuair sinn air adhart glè mhath, ach tha fiosam nach robh an cunnart ann aig an àm ud mar a th’ ann an-diugh. Eadar drogaichean is misg ’s a h-uile rud grànnda eile a chluinneas sinn ma dheidhinn ’s a tha a’ cur gaoir nar feòil, is e culaidh-eagail a th’ ann.
Agus gu dearbh tha mi smaointinn nach fheàirrde an òigridh gnothaichean a thatar a’ sealltainn air an telebhisean mar fhearas-chuideachd aig an àm seo - le glè bheag suim airson dè an cron a dh’ fhaodas iad a dhèanamh air inntinnean òga. Tha iad a’ faicinn murt is oilltealachd nach fhaiceadh iad air dòigh eile, agus cluinnidh sinn gu bheil feadhainn a’ feuchainn ri atharrais rudan a tha iad a’ faicinn, ann an dùil gur e rud gasda a th’ ann sin a dhèanamh.
’S mòr gum b’ fheàrr do chloinn a bhith gan cluich fhèin feadh nan cnoc mar tha nàdurra do chloinn - ach càite bheil na cnuic air am biodh iad sàbhailte a-nis?
Fhuair mise fad-saoghail ach tha mi ’n dòchas nach fhaic m’ oghaichean saoghal mar a chunnaic mi, le dà chogadh mhòr eagalach agus na thàinig ’nan cois - ganntar is cruaidh-chàs. Cò dh’ iarradh fad-saoghail airson a leithid fhaicinn a-rithist? Is ann airson ’s nach tachradh a leithid gu bràth tuilleadh a thug na h-uiread suas am beatha fhèin anns a’ chogadh bho chionn leth-cheud bliadhna. Nach bochd gu bheil feadhainn shaoghalta, shanntach a’ dìochuimhneachadh sin a-nis. Chan eil iadsan ach a’ smaointinn air rud a fhreagras orra fhèin sa’ mhionaid. ’S e “An rud a dh’ fhalbhas chan e dh’ fhòghnas” (mar theireadh an seanfhacal) a tha acasan.
Math-dhaoite gu faca mise saoghal na b’ fheàrr gun teagamh, ged a bha gu leòr de chruaidh-obair is cion ann. Nach ann tha truagh dheth daoine òga nach eil obair ann dhaibh an-diugh. Dh’ fhàs daoine cho innleachdach is nach eil feum tuilleadh air gu leòr dhen luchd-obrach a b’ àbhaist cosnadh a bhith ann dhaibh.
Saoil cuin a gheibh na riaghladairean a’ chùnntais cothrom?
title | Cò e ’s Fhaide Saoghal |
internal date | 1995.0 |
display date | 1995 |
publication date | 1995 |
level | |
reference template | Catriona NicNèill in Gairm 172 %p |
parent text | Gairm 172 |