[135]

AFAS SUAS

le Dòmhnall Iain MacLeòid (Dòmhnall na Hearadh)

(Rugadh Dòmhnall MacLeòid ann an Caolas Scalpaigh na Hearadh. Bha ena shaighdear anns an Arm Bhreatannach agus an dèidh aChogaidh ann an Arm Sealainn Nuadh. Chuir e clasaichean Gàidhlig air bhonn ann an Eaglais-Chrìosda an sin agus Comann Gàidhlig ann an Canterbury. Chaochail e air an ochdamh deug den Ghearran, 1993. Tha sinn an comain a charaid Mìcheal Goraidh a chuir na sgrìobhaidhean aige thugainn.)

(1) Mar as àbhaist do bhodaich a bhi adèanamh, bidh mise asealltainn air ais uaireannan gu làithean mòige ann an Caolas-Scalpaigh na Hearadh. Gu h-àraid, bidh mi acuimhneachadh air na h-amannan a bhithinn ag iasgach na h-adaig le dorgh, ann an eathar bheag mathar. Bha an t-eathar seo glè fhreagarrach airson na h-adaig. Bha bàta mòr aig mathair (leis an ainmIolaire’) airson a bhith iasgach an sgadain.

Bhithinn ag iasgach anns aChaol còmhla ri balach eileCoinneach Moireasdan. Bha sinne afuireach air croit 6 agus bha Coinneach faisg oirnn air croit 4. ’S e balach modhail, gasda a bhann. Bha e uabhasach diùideach o choigrichean ach bha e dìleas agus ciatach. Bha e beagan na bu shine na mise.

Bu toigh leamsa bhidh a-muigh anns an eathar bheag. Ghluaiseadh i cho math fo sheòl. Bha an adag pailt gu leòr far am bitheamaid adorghach anns achaol. Be an caol seo, linne a bha dealachadh Eilean Scalpaigh bho thìr-mòr na Hearadhcòrrs leth-mìle o thaobh gu taobh.

Nuair a bhitheamaid aglacadh mòran èisg, rachamaid suas gu baile an Tairbeirt, còig mile air falbh, far am bitheadh sinn areic na h-adaig airson tasdan angad’. Tha cuimhne agam cho math a bhith acoiseachd suas an aon shràid anns abhaile sin, ag eubhach, ‘tasdan an gad, tasdan an gad’. Bhiodh mu dhusan èisg ann an gad.

Airson a bhith adèanamh beagan airgead pòcaid, bhiodh Coinneachs mi-fhìn uaireannan ag aiseag fir-turaid agus daoine



[136]

mar sin, tarsainn achaoil. A chionn nach robh sinn math air bruidhinn Beurla, sgrìobh sinn sìos air clàr (anns aBheurla) aphrìs (o chuimhne, tasdan am fear) a bha sinn ag iarraidh airson an turas tarsainn achaoil gu Scalpaigh. Cheangail sinn an clàr ann an toiseach an eathair far am bitheadh e furasda fhaicinn.

Co-dhiù, aon latha, thainig ceathrar fhear-reic agus dhiarr iad oirnn an aiseag a-null gu Scalpaigh. ’S e Goill a bhannta agus mar sin bha iad abruidhinn Beurla. Bha an t-uabhas do cheusan trom agus do phocannan mòr aca; làn le aodach ùr a bhiodh iad afeuchainn ri reic ann a Scalpaigh. Chuidich sinn iad len uidheam agus mu dheireadh chuir sinn gach duine agus gach air bòrd. Shuidh na fir-turais ann an deireadh an eathair agus dhfhalbh sinn bhon laimrig, Coinneach agus mi-fhìn, ag iomradh.

Mun robh sinn air leth an astair a ruigsinn, thòisich na daoine anns an deireadh amonmharaiche a-measg a chèile agus thuirt fear aca, ann an guth a bha làidir agus beadach, gun robh ar prìs ro àrd. Cha duirt sinne guth (mar a bha mi aràdh cha robh sinn uabhasach fileanta saBheurla) ach thug mise an aire don chlàr leis aphrìs, aig toiseach an eathair; rud a chunnaic iad mun dfhàg iad a laimrig.

A-nis chuala mi cuideigin eile aràdh, ‘Its daylight robbery’. Chuir sin fearg ormsa oir bha e aciallachadh gum be cealgairean a bhannainn. Leòn an eucoireachd seo ar n-àrdan Gaidhealach. Thuirt mi ri Coinneach, “Cuir mu chuairt i, thèid sinn air ais.” Mar sin chuir sinn an t-eathar mu chuairt agus rinn sinn dìreach airson a laimrig a dhfhàg sinn.

Chuir seoan cat a-measg na calmainagus gu grad thòisich na fir-turais ag eubhach agus atagradh ruinn a cur a-null gu Scalpaigh agus gur ann airson spòrs a thuirt iad na nithean sin. Leig sinne seachad an iolach sin. Thuirt fear aca gun toireadh iad dhuinn tiodhlacluach sia sgillin. Cha do chòrd sin riumsa idir agus an ceann tacain thuirt mi, “sia sgillin o gach fear.” Bha a-nis tuilleadh mhonmharaich adol air adhart a-measg nan daoine, ach mu dheireadh dhaontaich iad mun phrìs agus mun tiodhlac.

Thill sinn mar sin agus chuir sinn air tìr iad ann a Scalpaigh. Rinn sinn cinnteach, co-dhiù, gun do phàigh iad sinn mun dfhàg iad an t-eathar. Ged a bha Coinneachs mi-fhìn nar balaich òg afàs suas, ’s mathaid gun do dhionnsaich sinne rudeigin bho na gnothaichean sin.

(2) Nuair a bha mi òg ann a Caolas-Scalpaigh na Hearadh, be ar nàbaidhean air croit 7, Gilleasbuig MacDhòmhnaill agus a theaghlach. Bha aon bhalach san teaghlachDòmhnall Iainagus



[137]

be gille ciatach, laghach a bhann. Bha e bliadhna na bu shine na mise agus bhitheamaid an còmhnaidh acluich còmhla ri chèile.

Bha Anna NicAonghais, piuthar màthar Dhòmhnaill, afuireach ann an taigh tughaidh faisg air làimh. Cha do phòs i riamh agus bha i afuireachna h-aonar. Ged a bha i beagan faoin agus sìmplidh, ’s i cailleach ghasda bhinnte. Bhiodh Dòmhnall Iains mi fhìn gu daonnan atarraing a coise agus acluiche chleasan oirre ach cha bhitheadh sin acur dragh sam bith oirre. Bha i uabhasach caomhna nàdur.

Co-dhiù, aon latha, fhuair Dòmhnall Iain am badeigin, pìos debheetrootagus airson tuilleadh spòrs, thadhail sinn air Anna airson ar cleas a chluich oirre. ’S e an rèiteachadh a rinn sinn roimh làimh, gum bitheadh Dòmhnall Iain acagnadh pìos dhenbheetrootagus aig an aon àm, atòiseachadh air trods asabaid riumsa. Bha agam ri Dòmhnall Iain a bhualadh air abhrollach agus cho luaths a thachair sin, thuit e air an làr agus thilg e smugaid mhòr dhearg a-mach. A chionn gu robh an smugaid dearg agus coltach ri fuil, ghabh Anna eagal uabhasach agus dhèigh i mach gu faramach, “Mort, mortagus ruith ina deann gu taigh Ghilleasbuig. An sin dhinnis i gu a thachair agus dhinnis i gu robh Dòmhnall Iain marbh air làr a taighe. Ann an tiota, thainig athair agus màthair Dhòmhnaill agus feadhainn eile a bha cèilidh air Gilleasguig, ’na ruith gu taigh Anna, mu cheud slat air falbh, far an robh dùil aca ri corp abhalaich fhaighinn. Co-dhiù, nuair a ràinig iad an taigh, cha robh sgeul air achorp no air amhortair. Bha Dòmhnall Iains mi fhìn air teicheadh agus air a dhol am falach mun dràinig an sluagh bho thaigh Gilleasbuig.

Fhuair iad, co-dhiù, pìosan dhenbheetrootair làr taigh Annapìosan a bha Dòmhnall Iain air a chur a-mach nuair a thuit e agus a thòisich e air gàireachdainn. A-nis bha fios aig a phàrantan gur ann airson spòrs a rinn Dòmhnall Iains mi fhìn an gnìomh uabhasachcronailsin.

Bha uair eile ann nuair a chluich sinn cleas aitgheal air Anna. Aig beulaibh a taighe, bha còig na sia de fheannagan fada agus eadar gach feannag, bha clais dhomhainn. Aon oidhche dhorcha (bhiodh e mu ochd uairean), chaidh Dòmhnall Iains mi fhìn dhan chlais a bfhaisge air taigh Anna agus thòisich Dòmhnall ag èigheachs agearan, “Cuidich mi, cuidich mi, bhrist mi mo chas.” Mar a bha fiughair againn, thàinig Anna gu doras a taighe. Dòmhnall agearans ag èigheach. A-nis dhèigh Anna troimh an dorchadas, “ tha ceàrr a-muigh an sin?” Fhreagair Dòmhnall Iain ann an cainnt neònach gu robh a chas briste agus nach burrainn dha gluasad. Mar a bàbhaist, ghabh Anna eagal gu robh



[138]

rudeigin glè cheàrr air an duine anns achlais agus thug i ásna deann gu taigh Ghilleasbuig airson cuideachadh fhaighinn. Ann an ùine ghoirid, thainig Gilleasbuigs a bhean agus feadhainn eile, le lanntaireans lòchrains plangaidean. Co-dhiù, nuair a ràinig iad na claisean, cha robh sgeul air an duine a bha air aleòn.’ Gun teagamh sam bith bha deagh fhios aca a-nis gum be seo obair an bhalachuabhasach’.

Ged a rinn sinn iomadh cleas èibhinn air Anna bha fìor ghaol againn oirre. Bha i faoin agus sìmplidh, ach bha i uabhasach laghach.

(3) Dhinnis mi dhuibh mar thà mu dheidhinn Anna NicAonghais ar nàbaidh ann a Caolas-Scalpaigh na Hearadh nuair a bha minam bhalach afàs suas.

Tha cuimhne agam aon latha gaothach agus fliuch, thàinigtrampa-nuas don chlachan againneduine meanbh lapach le seann chòta, seann bhrògan agus bonaid a chunnaic làithean na bfheàrr! Bha spàin aige air am bitheadh e cluich fonn no dhà. Nan tugadh tu sgillinn dha, chluicheadh e gu sùnntach air na spàinean (cùl ri cùl) ach cha bfhiach an ceòl a bha e adèanamh bonn-a- sia.

Bha e cur truas oirnn agus mar sin bhitheamaid atoirt dha sgillinn no dhà. ’S e Beurla a bha e bruidhinn. Mar a thuirt mi, an latha ràinig e Caolas-Scalpaigh, bha an t-sìde uabhasach fliuch agus cha robh àite aig an truaghan anns am bitheadh e fuireach. Bha aodach fliuch agus beagan salach agus tha cuimhne agam gun tug mathair cead dha seid a dhèanamh anns abhàthaich againne, còmhla ris achrodh. Chuidich Dòmhnall Iain agus mi-fhìn e agus fhuair sinn connlach gu leòr airson seid mhath sheasgair a dhèanamh air làr na bàthach.

A chionn gum be coigreach a bhann, sgaoil naidheachdan èibhinn mu dheidhinn, gu math luath, air feadh abhaile. An oidhche sin chuala Anna NicAonghais ann an taigh Bellac, a piuthar, na naidheachdan a bha adol mu chuairt agus cha do chòrd iad idir rithe. Bha i beagan eagalach agus bha i smaointeachadh gu robh am bàthach anns a robh antrampafuireach, ro fhaisg air a taigh fhèin.

Co-dhiù, dhfhàg i taigh a peathar agus nuair a ràinig i dhachaigh, bha i gu sònraichte cùramach gun do dhùin i an doras ceart agus gun do chuir i sneicna àite. Ged a bha e a-nis dorcha, cha do las i làmpa idir air eagal gu faiceadh antrampa-steach troimh na h-uinneagan. Airson a bhith cinnteach gu robh gach sàbhailte, chruach i, aig cùl an dorais, gach pìos de dhàirneis a burrainn dhi ghluasad agus nuair a chaidh Bellac a-null leis a



[139]

bhainne (mur bu chleachd dhi a bhith adèanamh gach oidhche) chan fhaigheadh i steach. Thuirt Anna rithe nach robh i adol a dhfhosgladh an dorais idir an oidhche sin agus gu faigheadh i am bainne anns amhadainn.

Chuala Dòmhnall Iain is mi-fhìn gu thachair dha mhàthair nuair a thug i a-null am bainne gu piuthar agus shocraich sinn air cleas eile a chluich air an fhaoin.’ Fhuair sinn spàin agus chaidh sinn a-null gu taigh Anna agus aig an doras, thòisich Dòmhnall Iain acluich air na spàinean agus abruidhinn ann am Beurla neònach. Fhreagair Anna ann an cainnt a bha cheart cho neònach. Aig an àm seo bha e glè dhuilich dhuinn a bhith cumail bho ghàireachdainn.

Chan eil cuimhne agam a-nis cho fads a dhfhan sinn aig doras taigh Anna ach tha deagh chuimhne agam gun do phut mise dhe na spàinean fon dorasadèanamh a-mach gur e antrampa dhfhàg i. Co-dhiù, ’n ath mhadainn, nuair a chaidh Bellac a-null leis abhainne, chan fhaigheadh i steach gus an do ghluais Anna gach a thogs a chruach i aig cùl an dorais. Nuair a fhuair Bellac a-staigh, thòisich a piuthar ag innseadh dhi mu dheidhinn antrampagus mar a bha e feuchainn ri faighinn a-steach agus esan acluich air na spàinean. “Seallars ise ri Bellac, “seall an spàin a dhfhàg an trusdar.” Be seo an spàin a phut mise fon doras. Bha muinntir achlachain glè thoilichte nuair a dhfhalbh antramp’ ’n ath latha. Cha do thill e riamh. Tha mi cinnteach nach robh Anna duilich idir nuair a dhinnis cuideigin dhi gun tug an coigreach beag a chasan leis.

titleA’ Fàs Suas
internal date1996.0
display date1996
publication date1996
level
reference template

Dòmhnall Iain MacLeòid in Gairm 174 %p

parent textGairm 174
<< please select a word
<< please select a page