BOGADH CANAIN
le Criosaidh Dick
Bha sinn còig bliadhna dh’ aois, air ùr-thòiseachadh anns an sgoil, agus bha sinn nar seasamh cruinn còmhla, buidheann de nìghnean beaga, ag èisdeachd gu dùrachdach ris an fheadhainn mhòra agus iad ag innse dhuinn mun a Mhedical a bha sinn a’ dol a dh’ fhaighinn ann an latha no dhà.
“Thu’r gonny skin ye, so they ur. Thu’r gonny skin y” .
Tha amplaygroundseo ann an sgoil an teis meadhon Ghlaschu agus cha robh facal cainnt ’na mo cheann-sa ach Gàidhlig Ach thuiginn na h-uimhir de Bheurla, agus bha fios agam fìor mhath gu dè bha“thu’r gonny skin y”, a’ ciallachadh. Bha mi eòlach gu leòr air a bhith a’ faicinn mo sheanmhathair a’ feannadh choineanach nuair a rachainn a dh’ Uibhist air na làithean-saora agus bha mi air a cluinntinn ag innse do choigrich gun Ghàidhlig gu robh i“skinning a rabbit”.
Uill cha robh mise a’ dol a dh’ fhuireach an-seo ma bha iad a’ dol a dhèanamh orm mar a bhiodh mo sheanmhathair a’ dèanamh air a’ choineanach bhochd. Choisich mi a-mach ás an sgoil agus mi a’ dèanamh air an taigh.
Cha robh mi eòlach air an rathad agus chaidh mi air chall. Thachair poileasman rium. Aig an àm a bha seo bha poileasmain pailt air na sràidean agus bha Gàidhlig aig mòran dhiubh. ’S ann á Ile bha am fear seo agus nuair a dh’ innis mi dha dè bha iad a’ dol a dhèanamh orm anns an sgoil, thuig esan anns a’ mhionaid dè bha seo a’ ciallachadh ann an cainnt Ghlaschu – ’s e sin gun robh agam rim chuid aodaich a thoirt dhìom agus gum bithinn rùisgte!
Thill am poileasman dhan sgoil mi agus chan eil cuimhn’ agam air a’ chòrr duilighdeas a bhith agam tuilleadh a thaobh cànain. ’ S·fheudar gun do dh’ionnsaich mi cainnt Bheurla a’ chlasrum agus
cainnt Ghlaschu a’ phlayground gu math sgiobalta. Chan eil sin ’na iongnadh oir anns an sgoil bha mi air mo bhogadh ann am Beurla agus dh’fheumainn a’ Bheurla ionnsachadh ma bha mi a’ dol a dhèanamh obair na sgoile agus dh’ fheumainn cainnt Ghlaschu ionnsachadh ma bha mi gus a bhith coltach ri mo cho-aoisean. Ach cha do chaill mi mo Ghàidhlig seach gur i bha mi a’ cluinntinn·aon uair is gun d’ rachainn a-staigh air doras na dachaigh. Bha mi dà-chànanach no eadhon trì-chànanach, ann an ùine glè ghoirid, agus tha chun an latha diugh. Agus chan e rud annasach sam bith a bha seo. Bha na ceudan, mur an robh na mìltean, chloinne anns na bailtean mòra, bho phàrantan le Gàidhlig, a’ dol dhan sgoil is gun iad a’ bruidhinn ach Gàidhlig a dh’ ionnsaich Beurla gu math sgiobalta ri linn gun robh iad air am bogadh innte. (Chan eil àireamhan cinnteach againn seach nach robh sgrùdadh air a dhèanamh air a’ chùis).
Ach saoilidh mi gu bheil seo a’ dearbhadh nach eil duilighdeas aig clann ann a bhith ag ionnsachadh cànan eile gu ìre fileantachd ma tha iad anns an t-suidheachadh far a bheil iad air am bogadh anns an dàrna cànan – far a bheil i timcheall orra fad na tìde agus gu feum iad a h-ionnsachadh ma tha iad gu bhith a’ tuigsinn dè tha tachairt. Sin an fheallsanachd a thathar a’ cleachdadh anns na clasaichean Gàidhlig a tha sìor dhol am meud ann am bun-sgoiltean air feadh Alba. Ach, an-diugh, ’s i Bheurla a th’ aig a’ mhòr-chuid dhen chloinn a tha a’ dol dha na sgoiltean Gàidhlig agus tha iad a’ tighinn a-mach ás dèidh seachd bliadhna bogaidh ann am foghlam Gàidhlig agus iad an ìre mhath fileanta ann an Gàidhlig agus ann am Beurla.
Chan eil e ’na iongnadh ged a bhiodh Gaidheil deònach an cuid chloinne a chur gu sgoiltean far an ionnsaich iad Gàidhlig ach tha Goill, airson diofar adhbharan, ga fhaicinn mar rud soirbheachail cuideachd. Bha mi a’ bruidhinn ri aon phàrant agus i a’ togail triùir chloinne a sgoil Ghàidhlig ann an Glaschu. ’S e Ban-Shasannach a bh’ innte. Bha ise deònach gum biodh a’ chlann aice dà-chànanach agus nuair a chual’ i mun sgoil Ghàidhlig, ghabh i an cothrom. Bha ise caingeis dè an dàrna cànan a bhiodh aca ach cha robh i mar a tha cuid de Ghaidheil am beachd nach dèanadh a’ Ghàidhlig ach a’ chlann a chumail air ais.
‘It’s a wonderful opportunity, ”thuirt i. “My children never complain of being bored. They are learning a new language at the same time as they are learning all the other new things at school. I can’t understand why there is not a queue of parents at the door wanting to enrol their children at this school. ” (Ach ’s e tha sin ach ceist eile).
[Dealbh]
Deiseil son dà chànain
Tha leth-cheud bliadhna bhon a thuirt Seumas MacThòmais, nach maireann, nach soirbhicheadh le Gàidhlig gus am biodh clann nan Gaidheal air am fòghlamachadh tro mheadhon na Gàidhlig. Cha do ghabhadh ris a’ chomhairle seo ann an cabhaig, ach tha deich bliadhna nis bhon a ghabh na h-Ughdarrasan Ionadail ri iarrtas phàrantan a bha deònach gum faigheadh a’ chlann aca am foghlamachadh tro mheadhon na Gàidhlig – an toiseach ann an 1985 le dà sgoil, Sgoil Sir John Maxwell ann an Roinn Srath Chluaidh agus Sgoil a’ Mheadhon ann an Roinn na Gaidhealtachd. Bha dhà dheug air fhichead sgoileir eadar an dà sgoil. Nuair a dh’ fhosgail na sgoiltean aig toiseach an t-seisean seo, 1995/96, bha leth-cheud bun-sgoil a’ tairgsinn foghlam tro mheadhon na Gàidhlig agus 1460 sgoilear gam frithealadh – ag ionnsachadh cuspairean sgoile air fad ann an Gàidhlig. A bharrachd air Roinn Srath Chluaidh is Roinn na Gaidhealtachd, tha sgoiltean Gàidhlig aig Comhairle nan Eilean, Taobh Tatha, Lodainn agus Roinn a’ Mhonaidh.
Anns a’ Chùnntas Sluaigh mu dheireadh (1991), bha àireamh luchd-labhairt na Gaidhlig air a dhol sìos gu 65,000 ach aig a’ cheart àm tha àireamh an òigridh a tha a’ bruidhinn Gàidhlig air a dhol am meud bhon Chùnntas Sluaigh a thogadh deich bliadhna air ais (1981). ’S e suidheachadh dòchasach tha sin agus ’s cinnteach gur e foghlam tro mheadhon na Gàidhlig a tha ga adhbharachadh.
Tha sinn a’ faicinn ginealach ag èirigh suas far a bheil luach ga chur air a’ chomas a th’ aca a bhith dà-chananach. Bu chòir cuideachd gum biodh an comas seo a’ toirt buadhan eile dhaibhsan aig a bheil e; gun cuir iadsan luach air còirichean dhaoine a tha eadar-dhealaichte ann an creideamh, ann am beachdan, ann an dòigh-beatha agus dath an craicinn.
Ged nach tuig sinn cànanan a-chèile air fad bu chòir gun toireadh am beagan eòlais a th’againn dhuinn tuigse air luach ar co-chreutairean agus gu stadamaid a dh’ fheannadh a-chèile.
title | Bogadh Cànain |
internal date | 1996.0 |
display date | 1996 |
publication date | 1996 |
level | |
reference template | Criosaidh Dick in Gairm 175 %p |
parent text | Gairm 175 |