[299]

EILEAN ACHROIS SHEORSA

le Aonghas Mac-a- Phì

Ma bheir sibh sùil air mapa den Roinn Eòrpa agus air aMhuir Mheadhon-thìreach, chì sibh trì eileanan beaga, mar ghuireanan, shìos ud, trì fichead mìle deas air Eilean Sicilidh agus mu dhà cheud mìle tuath air aMhòr Thìr Dhorcha, Africa.. .is iad seo EileananGozo , CominoagusMalta .

ThaMalta, am fear as motha dhiubh, nas lugha na Eilean Arainn, no an t-Eilean Dubh, agus rud beag nas motha na Eilean Bhòid, ach tha eadar-dhealachadh mòr eadar na h-eileanan Albannach ud agus achreag roimh-innleachdail seo, Malta, an teas-mheadhon eachdraidh agus cultur saoghal aMhuir Mheadhon-thìreach.

Bha mi air chuairt dhan eilean dhaingneachail seo air amhìos a chaidh, a dhfhaicinn dhomh fhìn an t-àite air an do leugh mi cho mòrs air an do bheachdaich sinn uile aig àm achogaidh, nuair a bha e fo shèisd anns na 1940-an. Bann aig an àm seo a thug an Rìgh Seòras VI am bonn, ‘Crois Sheòraisdha na daoine ann amMalta, airson na dhfhuiling iad anns achruadal ud. Tha e coltach nach deachblitzkreigriamh a dhòrtadh air aon àite cho sgriosail ris, eadhon ann am baile mòr Lunnainn aig an àm a bu mhiosa den chogadh. Bha a bhuil air, oir be glè bheag de na togalaichean, no a dachaighean, a sheas an dèidh dhan an strì sguir.

Nuair a bheir sibh beachd air meudachd Mhalta, ri taobh na h-eileanan Albannach a dhainmich mi.. .. tha e gann air ochd-mìle-deug air fhad agus mu ochd mìle a leud.. . .agus a bheir sibh smaoin air dlùths an t-sluaigh-dhùthchail fhèin aig àireamh mu 370,000 neach, tha e iongantach a thuigsinn ciamar a tha luchd-turais an t-samhraidh afaotainn àite-fuirich, nuair a thèid an àireamh dhaoine air an eilean suas trì-fìllte. Le cinnt, tha ena tharraing do na h-Eòrpaich mu thuath, a bhios asireadh na grèine gach samhradh, is iad acoimhead airson tràighean bàna agus blàths mara, airson snàmh istanfhaotainn, ach tha barrachd ri fhaighinn ann cuideachd le eachdraidh agus cultur nan linntean air an sgrìobhadh anns gach aogais den phoball a chì sibh ann.



[300]

Tha iad rudeigin beag, ach leathainn a chuid as motha dhiubh, dorch-shùileach agus le falt cursa-dubh, ach nuair a bheir sibh sùil gheur orra, chì sibh comharradh nan iomadh-chinneadh asealltainn a-mach bho na sùilean dorcha ud.

Tha àrsaidheachd asealltainn dhuinn gun robh daoine afuireach an seo ri Linn na Cloiche, mu 5,000 BC, agus tha tobhtaichean de theampuil ri fhaicinn aigTarxienagusHagar Qima leigeil fhaicinn gun robh daoine ri togalach mu 3,800-2500 BC. Bha na h-eileanan suidhichte cho deiseil ann an teas-mheadhon aMhuir Mheadhon-thìreachs gun robh iadnam mealladhsnan duais mhòr do gach ceannsaiche a bha ri siubhal nan cuantan ud.

Anns an 9mh linn bha maraichean is luchd-malairt nam Phoenicianaich, á taobh an Ear na mara, air eilean Mhalta a lorg agus rinn iadsan àite-tadhail dheth air an rathad dhan bhaile mhòr, ‘Carthage’, a thog iad suas ann an Africa-a- Tuath. Ged a bha Greugaich afuireach ann an Eilean Sicilidh, cho teann airMaltais iad atadhal tric, cha do dhfhuirich iad riamh fada ann.

Nuair a thòisich na Ròmanaich air spreadhadh air feadh saoghal an latha ann an 264-146 BC is iad ri sabaid airsonCarthageanns aChogadh Punic, ghabh iadMaltacòmhla ris gach dùthaich eile. Rinn iad prìomh-bhaile do Mdina ann an 218 BC is thog iad daingneach làidir an sins ann an Rabat ri thaobh.

Bann aig àm nan Ròmanaich anns abhliadhna AD 60 a chaidh an t-Abstol Pòl agus an t-Abstol Lùcas a thilgeil ann an long-bhristeadh air cladach Mhalta. Bha iad air an turas dhan Ròimhnam prìosanaich á Caeserea agus tha camas mòr air cladach tuath an eilein chun an n- diugh air ainmeachadh.. .. “Bàgh an Naomh Pòl”. Dhfhuirich iad fad geamhradh air an eilean asearmonachadh an t-Soisgeil dhan t-sluaghs gan tionndadh gu Crìosdaidheachd. Thionndaidh iad fiù an Riaghladair Ròmanach, Publius agus nuair a dhfhàg iad as t-Earrach bann Crìosdail a bha muinntir Mhaltas tha iad mar sin gus an diugh.

Mar a bha Iompaireachd nan Ròmanach acrìonadh mu 870 AD ghabh nàiseanan Arabach buaidh air an eilean agus thug iadsan an ceàird damaichte ud, tràillealachd dhan àite. Rinn iad tràillean do mhòran Chrìosdaidhean ás an eilean, ged nach do chuir iad sìos air achreideamh fhèin. Bha na h-Arabaich seo cheud bliadhna ann am Malta agus dhfhàg iad am buaidh gu mòr air cànan an eilein. Tha sin ri fhaicinn gus an n- diugh ann an ainmean àitean agus anns achànanMalti’, nach eil ga bhruidhinn an àitair thalamh, ach ann am Malta fhèin. Tha seo glè choltach ri Arabaic (eadhon ann an cùnntas, chan eil na h-àireamhan eadar-dhealaichte) agus thoir sùil air mapa Mhalta is



[301]

chì sibhM ’dina, Rabat, Luqa, Zabbar, Mosta, Bugibbais iomadh ainm annasach eile. Tha seo smaoineachail, oir tha 900 bliadhna air tiall bhon bhristeadh riaghaltas nan Arabach an seo.

Thachair seo ann an 1090, nuair a thàinig an t-Iarla Roger, macTancred de Hautville, Frangach á Normandaidh a-nuas á Sicilidh, far an robh fearann aige agus miann grèim is buaidh a bhith aige air uisgeachan achuain Mheadhon-thìreach. Rinn seo eilean fìor-fheumail dha na daoine a bhan grèim ann an Cogaidhean-na-Croise, no naCrusades’, is e cho deiseil dhaibh air an t-slighe dhan Tìr Naomh. Bha muinntir Mhalta fo smachd iomadh riaghladair an dèidh seo airson iomadh linns iad gu math searbh dhiubh cuideachd gus an 15mh linn, le cìsean orra nach burrainn dhaibh fhulang. Dhiarr iad air an RìghAlfonsoanns an Spàinn ann an 1428, an t-eilean aca a ghabhail os làimh. Rinn e seo, ach nuair a thòisich an Spàinn air seòladh thar chuan chun an t-Saoghail Uir anns na h-Ameiricas, cha dfhuair Malta mòran taic agus thòisich Turcaich is SpùinneadaireanBarbarya Africa-a- Tuath air creach a tharraing orra.

BeSuleiman-the-Magnificentan Sultan aig Turcaich Ottoman a bha ariaghladh achuid a bu mhotha de chuantan amhuir Mheadhon-thìreach aig an àm agus anns abhliadhna 1523, an dèidh sèisd sia mìosan, chuir en teicheadh air Ridirean, Ordain an Naomh Iain á Eilean Rhodes, far an robh iad suidhichte an dèidh Blàran Cogaidhean na Croise. Thug iadsan greis air dachaigh ùr a lorg, ach mu dheireadh thall chaidh Malta a thairgsinn dhaibh leis an Righ Teàrlach V a bha air ceann na Spàinn is mòran den Eadailt is Sicilidh, air màl-bliadhnail.. .. ‘aon chlamhan á Malta’.

Biad na Ridirean seo a ghluais prìomh-bhaile Mhalta bhoM ’ dinasìos gu cladaichean aPhuirt Mhòir, far an do thog iad dachaighean is daingneachdan a mhair gus an n- diugh. Anns abhliadhna 1557 beJean Parisot de la Valettea bhana cheannard air na Ridirean agus thug esan ainm-fhèin dhan phrìomh-bhaile. .. Valletta .

Thug na Turcaich agus spùinneadareanBarbaryionnsaigh còmhla air an eilean ann an 1565 a mhair fad mhìosan. Chaidh mòran a mharbhadh air gach taobh gus an tàinig ath-neartachadh le armachd a Sicilidh, nuair a thuig Eòrpaich Chrìosdail gun robh an t-eilean beag seo, ’s e cho taiceil dhaibh, ann an cunnart. Bhan luchd-ionnsaigh briste is sgìth den chath agus leagh iad air falbh ris an armachd ùr seo. BhaVallettaair a sgrios agus fhuair iad mòran taic ás an Roinn Eòrpa anns na bliadhnaichean an dèidh sin gus a thogail nas làidire na bha e riamh.



[302]

Anns an 18mh linn bha mòran gluasaid air feadh an t-saoghail gu dùthchannan cèin san Ear agus gu Saoghal Ur na h-Ameiricas. Bha cuid dheth seo adol sìos mun cuairt air Africa-a- Deas agus nuair a dhèirich aFhraing an aghaidh uaislean agus Eaglais, chaill Ridirean Mhalta mòran den taics airgead a bàbhaist a bhith aca. Dhfhàg seo iad ann am fìor dhroch staing. Anns abhliadhna 1798 laigh sùilNapoleonair eilean Mhalta agus besan a chuir ás do riaghladh nan Ridirean san àite an dèidh 268 bliadhna. Cha robh na Frangaich fada ann ged tha, oir bhliadhna an dèidh sin thàinigNelsonair tìr air ceann nam Breatannach. Ghabh an Roinn Eòrpa ri riaghladh Bhreatainn anns abhliadhna 1814 agus chùm iadsan ann gu 1964.

Chaidh gu math le muinntir Mhalta fo bhratach Bhreatainn agus dhfhàsVallettaagus am Port Mòr soirbheachail, gu h-àraidh an dèidh doChanal Suezfosgladh ann an 1869. Ged a leig na riaghladairean ùra mòran cead leis na h-eileanaich iad-fhèin a riaghladh, thòisich gach neach air tuigsinn dìreach cho roimh-innleachdails a bhaMalta, nuair a bhris cogadh a-mach agus a chaidh an Eadailt a-staigh cuide ris aGhearmailt ann an 1940. Fad bliadhnaichean 1941 agus 1942 bhan t-eilean air a sgrios le bomadh bho thìr mòr na h-Eadailt agus bho Eilean Sicilidh gun stad. Chaidh na daoine am falach, gan dìon fhèin, ann an tuills an uamhans ancatacombsfon talamh, mar bheathaichean, abàsachadh acrach leis aghoirt. Chaidh iomadh ionnsaigh air cobhair a dhèanadh orra le soithichean á Breatann uile luma-làn luchd, armachd is biadh dhaibh. Chaidh mòran dhiubh sin a chur fodha agus biad glè bheag dhiubh a rinn cala dheth a-measg cunnart is cruadal a bha uabhasach.

Ach thàinig seo gu ceann le Blàr mòrEl Alameinthall ud an Africa. Chaidh an teicheadh a chur airRommel ’s air gach Gearmailteach is Eadailteach a chionns nach robh iad afaighinn cuideacheadh bhon Eadailt. Bha pleunaichean Mhalta gu mòr air chùl seo, oir cha do stad iad a shàrachadh bhàtaichean an nàmhaid anns aChuan Mheadhon-thìreach. Thionndaidh an cogadh gu Sicilidh agus tìr-mòr na h-Eadailt agus fhuairMaltabeagan fois mu dheireadh.

An dèidh achogaidh thòisich muinntir nan eileanan air barrachd saorsa iarraidh iad fhèin a riaghladh agus ann an 1964 shuidh am PrìomhaireDom Mintoffairson a chiad uair air ceann pàrlamaid ùr aca-fhèin. Thug e greis armachd Bhreatainn a chur ás an àite, ach ann an 1979 dhfhàg an gearasdan mu dheireadh de shaighdearan agus bhaMaltasaor, neo-eisimeileach.

Sheall mo chuairt dhomh ann an 1996 gu bheil mòran ri



[303]

dhèanamh ann fhathast mus bi iad cho math dheth ri am bràthairean anns an Roinn Eòrpa, ach tha mi acluinntinn gu bheil iad deònach iad fhèin a cheangal ris an E.U. ’s bheir sin taic dhaibh. Tha mòran aca ri thairgsinn dhan luchd-turais a tha atadhal gach bliadhna, a bharrachd air grian is tràighean. Than t-àite làn eachdraidh is cultar le togalaichean brèagha, gu h-àraidh eaglaisean, den chlach-gainmhich buidhe-ruadh a tha fìor àlainn. Tha na daoine fhèin blàth-chridheach nan dòighean, càirdeil, cruaidh-obrach agus teann do choigrich, oir nach eil iad air a bhith bruidhinn ri coigrich iomadh linn a-nis.


CEIT
le Dòmhnall Alasdair

Cha deachaidh càil a riamh cho faisg air mo chridhe a bhriseadh ri mar a thachair do Cheit. Ged a bha mo bhràthair, Dòmhnall Beag, fo mhulad cuideachd cha robh ciont acur dragh air, oir mar a thubhairt e: “ ’S e thusa bu choireach ris.” Bha mi mu dheich bliadhna a dhaois agus mo bhràthair mu ochd.

Aig an àm bha fasan aig balaich a bhi seòladh eathraichean siùil, mu throigh air an druim, air lochan a bha faisg air abhaile againn. Ach bha Ceit trì troighean air an druim agus an crann ceithir troighean a dhàirde. ’S e mo bràthair eile, Iain, a rinn i, asamhradh mas deach e dhan oilthigh.

Rinn sinn Ceit anns an t-sabhal, mi fhìn agus Dòmhnall beag acuideachadh Iain. Bha esan nar sùilean mar oracal. Cha robh ceist



[304]

a chuireadh sinn air nach freagradh e, chan ann mar a dhèanadh ar pàrantan, “Be sin toil Dhè,” ach mar a tha saidheans ag innse dhuinn. ’S e doctaireachd a bha Iain adol a dhionnsachadh san oilthigh. ’S ioma feasgar sona a bha sinn ag obair air Ceit. Tha cuimhne agam fhathast cho cùbhraidhs bha fàileadh an fhiodha nuair a bhiodh Iain ag obair leis an t-sàbh no alocair, agus na ceistean neònach a bhiodh sinn afaighneachd. “Carson a tha an t-adhar gorm? Càite am bi na meanbhchuileagan sagheamhradh? Carson nach fhaic sinn aghaoth? Carson a tha uisge fliuch?” agus mòran eile. Bha earbsa againn an Iain nach fhaigh mi air innse, agus bha sinn acreidse gum baithne dha a h-uile càil a tha san t-saoghal.

Nuair a bha Ceit deiseil chan fhaca duine a riamh dealbh cho àlainn rithe. Bha seòl dearg oirre, falaid air an deic, peanta geal air an t-slige àrd, agus loidhne dhearg os cionn an uisge. Gu h-ìosal, agus air an druim bha peanta uaine. Bha luaidhe ceangailte ris an druim airson balaiste. Ann am bàrr achruinn bha bratach na h-Alba agus air gach gualainn bha an t-ainm ann alitrichean dubh, agusSYag innse dhan t-saoghal gur ann á Steòrnabhagh a bha i. Bha gaol againne oirre nach robh againn a riamh air na cat, no peata eile.

Thàinig mathair còmhla ruinn ga cur air bhog. ’S e iasgair a bhann, eòlach air bàtaichean siùil, agus chuir e an seòl agus astiùir air dòigh mus do leig e Ceit air falbh. Bha i dìreach mar an eala air an t-snàmh, agus chaidh i tarsainn alochain ann an tiotadh. “Chan fhaic thu cho maths a tha i air fuaradh seach nach eil muir gu leòr aice,” arsa am bodach. Ghlèidh mise cuimhne air na facail sin agus an oidhche sin dhinnis mi do Dhòmhnall Beag arud dàna a bhanam inntinn. Bhon uairsin bhiodh sinn abruidhinn air o àm gu àm nuair a bhiodh sinn aseòladh abhàta air alochan.

Nuair a dhfhalbh Iain dhan oilthigh agus a thàinig freagarrach dhfhalbh sinn le Ceit, ach cha bann chon aloch mar a bàbhaist. Chrom sinn sìos chon achladaich agus a-mach gu ceann a-muigh sgeir chaol, fhada, sgeir na h-Eòr. Chuir mi an àirde an crann agus cheangail mi buill agus acainn Cheit. Tharraing mi ahailleard agus suas leis an t-seòl dhearg. Chuir mi astiùir agus asgòd air dòigh gus an deidheadh Ceit gu tràigh le gainmheach far an coinnicheadh sinn i. Dhaom i gu bòrd clì ás abhad agus abair astar. Bha sinn greis sàmhach acoimhead cho bòidheachs a bha i ag èirigh anns na tuinn. ’S iongantach gun robh barrachd pròis airColumbusnuair a thog e na siùil na bha òirnne! Ruith sinn airson Ceit achoinneachadh.



[305]

Cuir air falbh a-rithist i,” arsa Dòmhnall Beag, agus cha robh mi fada adèanamh sin. Chuir mi aseòl gu taobh eile achruinn agus dhatharraich mi astiùir gus am buaileadh Ceit mu mheadhon na h-Eòra. Bha sinn greis ga moladh mas do mhothaich sinn nach robh i air achùrsa a bha dùil againn a ghabhadh i. Chunna mi le cridhe trom nach buaileadh i an Eòr idir. Bha a sròin a-mach dhan chuan, oir bha aghaoth air a dhol bho dheas gun iar. Ruith sinn gu gob na h-Eòra agus thòisich sinn asadadh clachan mola feuch a leagadh sinn aseòl, ach bha Ceit ro fhada a-muigh.

Sheas sinn greis mhòr gun smid a ràdh. Dhaithnich mi gun robh Dòmhnall Beag agal agus ruith e air falbh gus nach fhaicinn sin. Nuair aràinig mi bàrr nan creagan cha robh càil air sgiala de Cheit ach spot dhearg anns achuan. Fad seachdain an dèidh seo bha mi adol ah-uile gu bàrr nan creagan ann an dòchas truagh gun tilleadh i.

Ceann sreath thàinig Dòmhnall Beag le nàidheachd. “Tha fios aca,” ars esan. “Chunnaic cuideigin sinn.” “ thuirt mathair? ,” arsa mise.

Thubhairt e gur e rud math a thann gun chaill sin i mus deidheadh ar bàthadh. Chan eil diù achoin aca do Cheit.”

S e faochadh a bha seo dhòmhsa, ach bha agam a-nise ri aghaidh achur air Iain. Nuair a thàinig e bha caraid còmhla ris aguss i aBheurla a bha iad abruidhinn. Bha mi fhìn agus Dòmhnall Beag ag èisdeachd aig doras arùim aca. Cha robh mi airson leigeil fhaicinn do Dhòmhnall Beag nach robh mi gan tuigse ach glè mheadhonach. “Tha iad abruidhinn air moncaidh a tha aca. ’S eDarwinan t-ainm a tha acair. Tha Iain ag ràdh rudeigin mu dheidhinn nighean. Chan eil guth aca air Ceit.”

feum a thann amoncaidh agus nighean?” arsa Dòmhnall Beag. Ach bha mis aosda gu leòr airson tòiseachadh atuigse gun robh Iain air gluasad a-mach ás mo shaoghal. An ath mhadainn nuair a dhinnis mi dha mar a thachair do Cheit, mhothaich e cho brònachs a bha mi agus chuir e a ghàirdean timcheall orm. “Coma leat dhi,” ars esan. “Thig i air tìr an àiteigin agus bidh leanabh mar thu fhèin glè thoilichte a faighinn.”

Aguss i an fhìrinn a bha aige. Bliadhnaichean an dèidh seo bha litir anns aphàipear-naidheachd bho bhalach anns na h-eileananFaeroeag innse gun dfhuair e Ceit air an tràigh, gun sheòl no crann, agus nuair a ghlan e i gum faca eSYair a gualainn adearbhadh gur ann á Steòrnabhagh a dhfhalbh i. Ach aig an àm sin cha robh guth agam air Ceit oir mar a tha Pòl ag ràdh: “Air fàs dhomh am dhuine chuir mi na nithean leanabaidh air cùl.”

titleEilean a’ Chrois Sheorsa
internal date1996.0
display date1996
publication date1996
level
reference template

Aonghas Mac-a-Phì in Gairm 176 %p

parent textGairm 176
<< please select a word
<< please select a page