MEALLADH AN RIGH
le Dòmhnall na Hearadh
Ann a’ bhliadhna 1935, nuair a bha mi ’nam bhalach, ghabh mi suas san Arm agus rinn mi seirbheis anns naScots Guards. Is ann shìos aigCaterham (Surrey)a bha an t-àite(Guards Training Depot)far an robh sinn ag ionnsachadh saighdearachd. Bha sinn an sin airson sia mìosan agus nuair a bha ar n-ionnsachadh ullamh, chaidh sinn suas don a’ Chath-bhuidheann ann an Lunnainn. Anns a’ bhaile mhòr sin, bha sinn a’ cumail dìon air Lùchairt Bhuckingham, Banca Shasainn, an Tùr agus àiteachan mar sin.
Aig an àit’ -ionnsachaidh aigCaterham, bha sinn a’ fuireach ann an taighean-feachd - dà sheòmar mòr a ghabhadh dà fhichead saighdear. Bha fichead leabaidh anns gach seòmar; deich air gach taobh. Bha dà bhord anns an t-seòmar againne agus bhiodh iad air a sgrùbadh ’s air an glanadh cho tric ’s gu robh am fiodh cho geal ri sneachd. Cha b’ann airson ar biadh iteadh bhuapa a bha na bùird sin ach airson pasgadh aodaich, sgrìobhadh litrichean agus nithean mar sin. Dh’fheumadh gach nì bhith an còmhnaidh glan agus sgiobalta. Bha ar fir-teagaisg uabhasach cruaidh oirnn nan dèanamaid nì ceàrr. Dh’fheumadh do bhrògan, do phutanan, gach pìos dhe d’uidheam agus gach nì umad, a bhith a’ deàlradh glan nuair a bhiodh tu air pairèid.
Co-dhiù, aon latha, chuala sinn gu robh Còirneal na Rèiseamaid (Diùc o Iorc) a’ tighinn a choimhead oirnn – a’ sealltainn air an ìre aig an robh sinn nar n-ionnsachadh agus meud an adhartais a bha sinn a’ dèanamh. B’e pàirt dhen a sgrùdadh a bha an Còirneal a’ dèanamh, a bhith a’ coimhead gu h-àraidh mar a bhitheamaid a’ cuairteachadh ar cleòc agus a’ pasgadh ar còta-mòr. Bha dòigh àraid air seo a dhèanamh. Dh’fheumadh dithis a bhith ris agus dh’fheumadh tu bhith anabarrach cùramach. Bhiodh an cuairteachadh a’ toirt còrr is leth-uair a thìde agus bhiodh e cuideachail nam bitheadh meuran làidir agad. Bha mise glè mhath air cuairteachadh cleòc agus mar sin, airson sgrùdadh an Diùc, bha mi-fhèin agus balach eile air ar taghadh airson a bhith co-dhearbhadh an sgil ùr seo a dh’ionnsaich sinn. Aig an aon àm, bha
dithis ghillean eile air an taghadh airson a bhith pasgadh còta-mòr anns an ath sheòmar.
Airson a bhith deiseil, sgaoil sinne an cleòc air a’ bhòrd ach thuirt cuideigin ruinn nach b’urrainn dhuinn tòiseachadh gus an tigeadh an Diùc a-steach don t-seòmar. Co-dhiù, aig an àm fhreagarrach, thàinig esan agus a luchd-coimhideachd agus thòisich mise agus mo charaid air cuairteachadh a’ chleòc. Ghabh sinn ar tìde.
An dèidh greiseig, thuirt cuideigin ris an Diùc agus na bha còmhla ris, gum bu chòir dhaibh a-nis a dhol don an ath rùim far a faiceadh iad pasgadh a’ chòta-mhòir, agus gun tilleadh iad air ais airson crìochnachadh a’ chleòc fhaicinn.
Dh’fhalbh iad mar sin agus cho luath ’s bha iad a’ dol ás an t-sealladh, thug sinne, ás àite-falaich, cleòc ùr eile a chuairtich sinn, le mòran cùram agus sùim, oidhche na dhà roimh seo. Aig an aon àm, chuir sinn an cleòc air an robh sinn ag obair, am falach.
Thill an Diùc agus a luchd-coimhideachd agus nuair a chunnaic iad an cleòc air a chuairteachadh cho snasail, bha iad uabhasach toilichte agus bha e soilleir gu robh iad air a druidheadh gu freagarrach. Bidh fios agaibh gun deachaidh an Diùc o Iorc a’ dhèanamh ’na rìgh (Rìgh Seòras an t-Siathamh) an 1937, dà bhliadhna an dèidh an tachartais ‘chudromaich’ seo!
Mar sin bidh mise a’ ràdh gun do mheall mi an rìgh!
title | Mealladh an Rìgh |
internal date | 1997.0 |
display date | 1997 |
publication date | 1997 |
level | |
reference template | Dòmhnall na Hearadh in Gairm 178 %p |
parent text | Gairm 178 |