Air An Spiris
BHEIL fhios an ann ri fealla-dhà no an da-rìribh a bha an Ridire Raibeart Urchardan an uair a thuirt e, o chionn ghoirid, gu robh a thìde aig cuid de na bailtean móra a bhith air am fàsachadh, is na glinn is na srathan a bhith air an lìonadh as ùr le sluagh, ged a b’ann as na bailtean móra a thigeadh an sluagh sin?
Tha dà thaobh, mar is minig, air a’ mhaoil. Aig amannan ann an eachdraidh na Gaidhealtachd bha iomadach duine air a dhol bàs mura b’e na criomagan a fhuair iad anns na bailtean móra. Chùm móran de na chaidh air imrich cuimhne air an dualchas, agus chuir iad ris cuideachd. Nuair a chaidh na bàird-teaghlaich bàs air a’ Ghaidhealtachd thog na bàird ùra orra chun nam bailtean a chur an rannan an clò. Ma dh’fhalbh a’ Chliar Sheanchain thainig am Mòd. Ma dh’fhalbh an céilidh leis an uisge thainig am B.B. C. leis a’ ghaoith.
Chaidh iomadach comunn is buidheann Gàidhlig a stéidheachadh an Albainn bho’n ochdamh linn deug. An do lorg iad a’ chruaidh mus do leag iad an stéidh? A bheil e a dhìth oirnn an diugh tilleadh chun nan seann bhunaitean: am Mòd a thoirt air ais do ’n Ghaidhealtachd; earrann Gàidhlig a’ Bh.B. C. (a’ craobh-sgaoileadh air V.H. F.) a shuidheachadh am measg an t-sluaigh do ’m buin e; clo-bhualadh an Gàidhlig a stéidheachadh aig an tigh; buidheannan riaghlaidh a tha a’ gabhail gnothach ris a’ Ghaidhealtachd a shuidheachadh anns a’ Ghaidhealtachd; Bòrd na Mònach a chur an sàs an sin mar a tha aca an Eirinn; an sluagh a thàladh air ais chun na dùthcha, agus obair-fearainn is obair-muillne ullachadh dhaibh an sin? Is dòcha gur h-e sin an dòchas a bha aig Sir Raibeart. Ma tha sinn gu bhith sìor fhàs nas Gallda bu cho math le cuid againn an t-sreang a leigeil far a’ phoca agus leigeil ruith leis a’ bheagan a tha air fhàgail ann.
An gabh Coimisean nan Croitearan gnothach ri ceistean de ’n t-seòrsa so? Tha fhios gu bheil e dhìth orra gum bi na croitearan Gaidhealach soirbheachail; a bheil e a’ cur a’ cheairt imnidh orra am bi iad Gaidhealach?
title | Air An Spiris |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Gairm 18 %p |
parent text | Gairm 18 |