[151]

Gnothaich Bhoireannach

Le MURDAG NICCOINNICH

CHAN eil mi buileach cinnteach gur h-e na boireannaich a mhàin aig am bi sùil air na duilleagan so, ach, co-dhiùbh, ’s ann as leth nam ban a thug mi sgrìob a Ghlaschu a choimhead an sgiobaidh a tha sàs cùisean Gàidhlige aBh.B. C.

Chan e Di-Luain an latha as fheàrr idir gu àite sam bith a thadhal, ach ged a bha iad car trang cha do chuir sin càil a ghruaim air an fhàrdaich. Tha mi creidsinn nach eil móran atoirt cus smuain air ciamar a tha na prógraman Gàidhliggar ruighinn ged nach eil sinn leisg air an càineadh car àm. Tha trì rumannan as deidh a chéile aca ag obair gu dìblidh gach latha, agus anmoch feasgar gu tric, gu ar cànan a chumail adol gualainn ri gualainn ris gach cànan eile a thàtar acraobhsgaoileadh.

Tha còrr air fichead bliadhna a nis bhon stéidhich Eóghan Mac-a- Phì buidheann Gàidhlig aBh.B. C., agus faodar gu dearbh a ràdh gun dhfhàs a chiabhag liath astrì ris aGhàidhlig a chur air feadh an t-saoghail, ri a cumail adol, agus aig acheairt àm am mór phobull a riarachadh cho math ri suaicheantas achànain a ghleidheadh. Chì sibh an so e aig an stiùir, mar gun canadh sibh, agus saoileam gur brod an sgiobair a tha ann an Eóghan.

[Dealbh]
Eoghan Mac-a- Phì ag ullachadh dealbh-chluich airson an leth-uair Ghàidhlige.



[152]

Rugadh e ann am Baile Chaolais, far an deachaidh a thogail le làn a chlaiginns a chridhe den Ghàidhlig a tha siùbhlach, sgileil air a theanga. Innsidh e dhuibh gur mór an t-eadardhealachadh a thair an oifis so bhon te bhig don tàinig esan, oir tha in diugh air te cho trang, fallains a thaig aBh.B. C., agus gu dearbhs ann aige fhéin a bha an treabhadh ri dhèanamh. Tha Eóghan pòsda, le dhachaidh am Bearsden, ach is tric e air an rathad mhór an ceann a ghnothaich. Nuair thuirt mi ris nach robh guth nam mnathanga chluinntinn cho trics bu mhath leinn, cha robh e fada ri freagairt gu robh sin an làmhan nam mnathan fhéin, oir tha an aon sgeul an sos a tha anns gach ceàrn mu mhnathan Gàidhealtachan eil iad deònach sgrìobhadh idir. Aon fhocal chan eil atighinn don oifis so nach eil iad aleughadh agus acur air ais, mur eil iad buileach freagarrach, le comhairlenan cois. So cothrom nan cothrom do gach a tha rùnach air a cànan a chumail beò. Gun teagamh, chan e a h-uile dan tig sgeul a sgrìobhadh, ach faodaidh gach feuchainn.

Than luchd éisdeachd eòlach gu leòir air guth Freadaidh Mhic Amhlaidh oir tha bhliadhna bho ghabh e àite Fhionnlaigh Mhic Dhòmhnaill. Uibhisteach, a thug amach M.A. an Oilthigh Dhun-Eideann, tha e pòsda aig ban-Dhun-Eideannaich, le balach beag sia mìosan deug. Ged a tha a dhachaidh an Glaschu chan ann da dheòin. Saoileam gur h-e na machraicheans na cnuic as dlùithe da chridhe na sràidean abhaile mhóir. Chì sibh an so e, mar as

[Dealbh]
Flòraidh NicNeill agus Fread MacAmlaidh atoirt sùil air facail òrain mun lasar an solus dearg anns an studio.



[153]

[Dealbh]
Tha na mìltean eòlach air gàire Màiri air afón.

minig a tha sibhga chluinntinn. Tha e den bheachd gura còir na ghabhas deanamh a chraobh-sgaoileadh far na Gaidhealtachd fhéin, far a bheil fìor bhrìgh na Gàidhlige.

Gheibh sibh Freadaidh an còmhnuidh sèimh, càirdeil, deas gu neach a chur air a dhòigh, gun fhiamh aghàire fada bho shùil. Dhaontaich esan cuideachd ri Eóghan Mac-a- Phì nach robh gu leòir bhoireannach asgrìobhadh no acraobh-sgaoileadh dhoibh.

An sealladh mu dheireadh a chunnaic mi de Fhreadaidh, bha es stùr as a dhéidh a dol amach geata aBh. B.C. ann an seann Alvis a bhios e fhéin acumail am fonn, agus as am bheil e cho moiteils a tha e as duine den teaghlach!

Ach cha bhiodh Oifis Ghaidhlig ach lapach as aonais nam boireannach, agus tha triùir dhiùbh acumail nam fear an òrdugh.

Tha Màiri Nic a Phearsain a Breacais an Eilein Sgiathanaich air a bhith còmhla ri Eóghan bho 1938; gu dearbha is iad an dithis as fhaide tha air a bhith còmhla anns aBhB.C. an Alba gu léir.

Bha Màiri ann an Sgoil Phortrìgh an uair a bha Raghnall MacLeòid ateagasg na Gàidhlige an sin; chan i a h-uile caileag a chuir an teagasg gu buil cho math, oira mhàin bhliadhna a bha i còmhla ri Coimisean nan Coillteantha Màiri air a beatha a chur seachad ann an seirbhis na Gàidhlige. An uair nach eil i an sàs an obair aBh.B. C. tha i atoirt làmh-chuideachaidh do Ghairm, rud a tha i air a bhith adèanamh bhon a thòisich an ràitheachan.

Tha i taingeil don Oifis Ghàidhlig airson cothrom a thoirt dhi gach ceàrnaidh de Albann a shiubhail air ceann gnothaich; tha cuimhne bhlàth aice air na Canadianaichluchd Gàidhligea thadhail oirre fhéins air Eóghan Mac-a- Phì ri linn achogaidh; tha moit oirre gun do thachair i ri móran de dhaoine móra na Gàidhlige nach maireann an diugh. Ach chan ann air taobh Màiri a mhàin a tha an toileachas; tha na mìltean de luchd Gàidhlige a rinn toileachas ri a gàire cridheil air afón.

Choinnich mi Una Nic an Oig, ged thà, aguss i fhéin a tha gasda, tlachdmhor. Chuala sinn bho Una ann an Gairm bho chionn bhliadhna nuair a bha i am measg nan Eireannach, cunntas a chòrd rinn da rìribh, is bithidh sinn an dòchas gun cluinn sinn bhuaipe fhathast. Feumaidh mi aideachach nach do dhaithnich mi i bhon



[154]

[Dealbh]
Suez leis aGhàidhlig! Una agus Calum MacDhonnchaidh adeasachadh naidheachdan na h-oidhche h-Aoine.

[Dealbh]
Niall MacIlle Dhuinn, Seonag Chamshron, Seumas MacCoinnich, Lachlainn MacDhonnchaidh is Calum MacDhonnchaidh ann anTrioblaidean Eachainn Chroiteir



[155]

dealbh a bha an cois na sgeòil aig an àm— ’s ann a tha i tòrr nas bòidhche na sin. ’S ann dhi a thig crathadh na làimhe gu teann, càirdeil, agus is e mo bheachd gur math as fhiach i an t-eòlas. Tha deich bliadhna bho thòisich ise san oifis. Rugadh an Glaschu i, ach chaidh a togail anns an Eilean Sgiathanach, agus tha i cho Gaidhealtas a ghabhas e bhith. Tha i pòsda aig Aonghas Mac Dhòmhnaill, ’s mar grunn eile tha i acumail tighe le cuideachadh bho a fear. Theirinn gu bheil gach Gàidhlig faisg air a cridhe. Bha ise den aon dùil rium fhéin gum bfheàirrde sinn barrachd a chluinntinn bho na boireannaich.

Bha Sìne(Janet)Nic Fhionghuin trang mu nithean Beurla, ach chuala mi mu deighinn-se. Chan eil i ach mu dhà ar fhichead, ach tha sinn an dòchas gun cùm ise an àirde bratach na Gàidhlige, cheairt cho math ris an dream a chaidh roimhpe. Bu chòir dhi, co-dhiùbh, is i air a fòghlum ann an sgoil mhóir an Obain, agus air i fhéin a nochdadh le bhith cosnadh dhuaisean aig aMhòd.

Nuair chluinneas sinn gu bheilear afaotainn litrichean mu na leasanan Gàidhlige, a thair fad aGheamhraidh-sa, as an Olaind, a Eirinn, a Sasunns as aChuimrigh, gheibh sinn beagan beachd air meud na h-oibreach a tha am buidheann beag so adèanamh.

[Dealbh]
Cluinnear iad so ann an cluichean Gàidhlig is BeurlaCeit Anna Nic Neacail, Niall MacIlle Dhuinn agus Seonag Chamshron.

titleGnothaich Bhoireannach
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Murdag NicCoinnich in Gairm 18 %p

parent textGairm 18
<< please select a word
<< please select a page