[157]

Sid Is Aimsirean

Le TORMOD DOMHNALLACH

Nuair a bhios aghaoth air chall iarraidh an deas i”— (Seanfhacal.)

Chan aithne dhomh ach aon sluagh eile a bha cho beachdail mu shìd is aimsir ris na seann Ghaidheil. Biad sin na daoine dearg, achiad chinneadh a thuinich ann an tìr Ameriga mu thuath. Ged is eirmiseach, earbsach, am bitheantas fàidhean sìd an latha an diugh, a dhaindeoin an cuid fòghluim is innealan, chunnaic mi am fàidheadaireachd adol uair agus uair iomrall an àm geamhraidh is earraich ann an ceàrnaidhean den Ghaidhealtachd, ach cha chuimhne leam ach glé thearc, ma bha uair idir ann, a bha sìd gach ràith is aimsir adol calg dhìreach an aghaidh comharraidhean is beachdan an t-seann duine mun deidhinn.

Is gann gu bheil latha no seachdain de na ceithir ràithean mu nach eil rann no seanfhacal air fhàgail againn a tha adeanamh luaidh eagnaidh mun t-seòrsa sìd a bha nàdurra don àm agus ris am faodadh dùil a bhith aig neach.

Nach minig a chuala mi am facal:— “solus Sathuirne Foghair rìgh nan seachd solus,” sin ri ràdh, an sìd a bheireadh ciad ghealach an Fhoghair leatha bha an sìd ceudna buailteach gun leanadh e troimh na seachd gealaich a thigeadhna déidh.

Mar bu dorcha a bhiodh an oidhche ann am fìor thoiseach aGheamhraidh, is ann a bu ro fheàrr a chòrdadh e ri daoine. Eadar toiseach aGheamhraidh agus a dha no trì de sheachdainean an deidh na Nollaig, tha an latha cho ghoirid agus am boillsgeadh a thig den ghréin cho diombuain, fann, is gur e na Dubhagan a theireadh iad ann an àiteachan ris na mìosan so. Theireadh iad anns achoitcheannoidhche nan trì suipearanris an oidhche as faide den Gheamhradh. Bha an oidhche cho fada an uair sin agus mur an robh cabhag air daoine a bhith dol a chadal, rud nach biodh, dhfheumadh iad trì biadhan ithe. Ach do bhrìghs nach robh na biadhan na bu truime na cabhraich, buntàta prann agus bainne, no brochan sùghain bha iad soirbh gu leòir an cnàmh.

Is ann daonnan an deidh tionndadh an latha air an dara fichead de mhìos December a thà am fìor fhuachd atighinn mar a thà an ràdhga chur:— “Is Samhradh gach Geamhradh gu Nollaig.” Tha an còmhnaidh beagan làithean atighinn roimh na bhliadhnùir a thà toirt bàrr air càch ann am fuachd is reòdhtachd ris an abradh iad:— “gearradh dubh na Nollaig.”

Ann an cuid de àiteachan anns aGhaidhealtachd, bha e air a ràdh gun robh trì den Fheadaig agus trì den Ghobaiglàithean fiadhaich, cranntaidh, —atighinn roimh an Fhaoilleach:—

Feadag, Feadag, màthair Faoillich fhuar,
Marbhaidh i na caoraichs na h-uain,”

ach ann an cuid eile den dùthaich, theireadh iad gur ann as deidh an Fhaoillich, no eadar am Faoilleach agus an Gearran, no eadhon an deidh aGhearrain, a thig an Fheadag agus aGhobag.

A rèir achunntais ùir, mar a theirte ris, tha am Faoilleach a



[158]

[Sanas]



[159]

tòiseachadh air a cheathramh--deug de mhìos Ianuari agus acrìochnachadh air an trìtheamh--deug de Februari. Theireadh iad ris so, “na Faoillich Gheamhraidh agus na Faoillich Earraich,” ach a rèir an t-seann chunntais bha am Faoilleach atòiseachadh ann am mìos Februaris atoirt leis amhìos air fhad.

Dhiarradh na seann daoine am Faoilleach a bhith cho stoirmeil is gun tachradh tughadh nan tighean orra anns na claisean uisge. Bha sudna chomharradh air gun tigeadh Earrach mathna dheidh.

Facal eile a chuala mi agus a tha cho fìor is gu bheil mi acur beachd shònraichte air agusga dhearbhadh, chan ann aon uair, ach ceithir uairean anns an bhliadhna:— “is mìos roimh gach ràith a choltas.” Chì mi coltas an Earraich atighinn air an iarmailt agus fiamhachd gach ràith eile beagan sheachdainean mun tig e.

Garbhs gam bheil an aimsir anns an Fhaoilleach, gheibhear làithean fìor mhath ann:— “thà trì latha den Iuchar anns an Fhaoilleach” ( “agus trì latha den Fhaoilleach anns an Iuchar. ”) Chan iarradh an Gaidheal an còrr na sin oir be a bheachd:— “bfheàrr achreach a thighinn don tìr na latha mìn san Fhaoilleach fhuar!”

Ciod e brìgh an fhacail Faoilleach no ciamar a dhéirich an t-ainm? Thubhairt seann charaid rium uaireigin gur ann anns na làithean anns an robh am faol, no am madadh-allaidh, ro phailt ann an Alba, a thugadh an t-ainm. Be so an aon àm den bhliadhna anns an toireadh sìd gaillionnach, glaiste, air an fhaol tighinn anuas bho na monaidhean agus na coilltean uaigneach am fianuis nan tighean còmhnaidh. Mar sin thainig am mìos den dùmhlachd a bheireadh am faol gu baile gu bhith ainmichte mar am Faoilleach.

Ged nach eil an Gearran cho dona ris an Fhaoilleach le an-uair, tha a chuid féin aige de ghaillionns de reòdhtachd.

Is e Feill Brìde achiad den Earrach. Anns achunntas ùr is e achiad de mhìos Februari, agus anns an t-seann chunntas an trìtheamh--deug. “Air Feill Brìde thig an rìbhinn as an tom.” Be an rìbhinn an nathair. Ann an cuid de àiteachanse their iad.— “thig nighean Iomhair as an tom,” ainm a tha aciallachadh achreutair cheudna. Bha e air aithris cuideachd:— “air latha Feill Brìde bheir na stìdean dhachaidh amhòine.” Chleachd an sìde a bhith cho math agus gun robh e eadhon an comas chreutairean cho dis dol don mhòine. Ann an àiteachan far nach eil mòine idir theireadh iad:— “air latha Feill Brìde theid na stìdean don choille chonnaidh.” Mun àm so bu chòir gum biodh nead an fhithich ions a bhith ullamh:— “nead mu Bhrìde, ugh mu Inid, eun mu Chàisg, mur bi sin aig an fhitheach bithidh am bàs.”

Cuin a bhios Inid ann? A rèir beachd nan seanachaidhean anns an Eilean Sgitheanach, sin ceist a bha bho thùs air a fuasgladh anns an Ròimh:— “Fios na h-Inid as an Ròimh.” Tha beul-aithris ag ràdh gur ann anns an Ròimh a bha e air a shuidheachadh an dearbh latha air am biodh Inid ann gach bliadhna agus gum biodh pearsa eaglais adol an sin a dhaon ghnothach airson an fhios so fhaotainn. A rèir beachd feadhainn eile, be Inid achiad Di-Màirt de sholus òg an Earraich.

Ann an Canada their an t-Innseanach gun tig am mathan amach as an t-saobhaidh far an robh e cadal tren Gheamhradh, air an dara



[160]

de Februari. Theid e ceum no dhà anull bho bheul an tuill agus ma chì e fhaileas féin, tillidh e asteach agus caidlidh e ochd seachdainean eile, ach mur am faic e fhaileas, fuirichidh e amuigh. Thà e tuigsinn gu math ma thà de ghréin bhoillsgeant ann na faileas gu bheil seachdainean de shìd gaillionnach air a chùl. Tha an ceudna air a ràdh mun chreutair ris an can iad an bhuidsuc, a tha beagan nas motha na coinean agus a thà mar an ceudna acadal troimh an Gheamhradh.

So facal a chuala mi anns amhór-chuid den Ghaidhealtachd:— “tha ceann guin air Earraich.” Nuair a thà an t-Earrach atighinn astigh ma thachras gum bi uisge no sneachda ann, cha mhair e idir bho mhoch gu dubh mar a e anns aGheamhradh, cha toir e leis ach ceann den latha; ma bhios e fiuch samhadainn, togaidh e gu turadh tràth san fheasgar. Chunnaic mi iomadh uair nam biodh sìor-uisge ann tren latha gun tigeadh fìor fhras mhór throm mu fheasgar agus le sin, sguireadh an t-uisge, bi so:— “fras glanaidh an fheasgair.”

Is iomadh comharradh a bha air aithris mu gach seòrsa sìd bha ri tighinn gun dàil agus docha ràith mun tigeadh e. Is e deagh chomharradh a bha ann breac an rionnaich fhaicinn san adhar:— “breac an rionnaich anns an adhar, latha math a màireach.” Fìor chomharradh air droch shìd casan-cairbe fhaicinn bhon ghréin tràth samhadainn. Is e comharradh dona a tha ann cuideachd ròin a bhith tighinn asteach gu cladach far nach bàbhaist dhaibh a bhith, agus ma bhios féidh ateàrnadh bhon àrd mhonadh thun achòmhnard, an toiseach an Earraich, tha tuilleadh sneachda am fagus. Dearbhadh soilleir air faguisgeachd an t-sneachda, na cait a bhithdol ro dhàna air an teine. Air oidhche shoilleir, ma bhios na rionnagan ris an abrairCrann nan Cat,” ’na sheasamh dìreach, tha droch shìd ri tighinn as, agus tha an aon aleantainn rionnagan adol air imrich. Is sanas cinnteach air uisge, sgeirean no clachan fadas, a bhith deàlradh saghréin.

Chuala mi an rann a leanas an tùs mo latha ann an Eilean aCheò

Mìos Faoilleach is naodh latha Gearrain,
Trì latha Sguabaig suas an t-earrach,
Trì latha màgaig is trì latha cràgaig,
Trì latha luime ri luime,
Is trì latha boga blàtha.

Rinn sinn iomradh air an Fhaoilleach agus air na naodh latha Gearrain a thaga leantainn, mu thràth.

Tha an Sguabag a rèir a h-ainm aciallachadh làithean de ghaoith chruaidh, thioram, gun a bhith ro àrd, a thatoirt sguabadh de thioramachadh air an dùthaich, mar a chì sinn am Mìos aMhàrt.

Anns na trì latha màgaig thà na muileachan-màgaig adùsgadh a suain aGheamhraidhs atogail ri crònan, agus anns na trì latha cràgaig chithear daolagan, cuileagan, agus iomadh creutair snàigeach agluasad amach as am frògans an àitean fasgaidh.

Don chroitear, be na trì latha luime ri luime a bu duilghe a thigeadh fad na bliadhna. Aig an àm so bha an sabhal mar bu trice lom, falamh, is cha robh de adhartas fathast air tighinn air feur ùr an Earraich anns amhachair na chumadh an spréidh ann am biadh. Ann am briathran eile, bha luime amuigh agus astigh.



[161]

Cha chuimhne leam mìos aGhiblein riamh a bhith gun trì latha boga blàtha. Bu tric a bheireadh e beagan ceò leis cuideachd, mar a tha anns an fhacal: “ceò nan losgann mun Ghiblean.”

A rèir beachd ar seanairean, tha aon den bhliadhna ann anns am bi aghaoth anns an àird a tuath ged nach biodh i ann ach trì mionaidean, is e sin Càisg. Cha chuimhne leam riamh aChàisg gun fuachd na h-àird a tuath a bhith am bun na gaoithe, maireadh e fada no goirid.

Tha trì sneachdannan atighinn anns an Earrach, aon an deidh aoin:— “sneachd na Càisg,” “sneachd na cuthaig,” agussneachd nan uan.” Chuala mi ràdh eile a tha glé fhìrinneach: “cha shneachda ach sneachda on deas, chan uisge ach uisge on tuath.” Eadhon mun Bhealltainn, chunnaic sinn iomadh uair frasan sneachd is clach-mheallain is fuachd cho geur ri dad a thainig fadaGheamhraidh. Be so: “glaisean coimheach na Bealltainn.”

Dhiarradh an tuathanach bun math arbhair a bhith san t-sabhal mu Chàisg: “Earrach fada air chùl Càisg bheir fàs air na saibhlean.” Cha deanadh feadhainn abheag de thoileachadh ris an smeòraich a chluinntinn aseinn roimh an Fheill Brìde, no idir anns an Fhaoilleach. Tha an ceilearadh so roimh an mhithich, is cha lean e ach butarras sìd. Cha mhotha a dhiarradh iad achuthag a chluinntinn thar Féill Sheathain. Nan goiridh i cho fada air adhart ri toiseach mìos Iuli, theirte: “sin punnd Sassanach eile adol air abholla mine!” Mar an ceudna, ’se comharradh den t-seòrsa so a tha ann ma tha na rodain atoirt leotha abhuntàta nuair a tha e fathast anns an fhreumh santa lamh.

Be an ceangal sìd bhon éireadh rath achroitear:—

Geamhradh reòdhagach, Earrach ceòthagach,
Samhradh breac riabhach, is Foghar geal grianach.”

Bha dòigh aig an t-seann duine air faighinn amach cuin bha meadhon latha, no -uair-dheug, ann. Nam faiceadh efhaileas air an raon, shìneadh e mach a chas gus an ruigeadh sròn a bhròige a cheann anns an fhaileas: nuair a ruigeadh, bha e làn chinnteach gu robh meadhon latha ann, mar an ruigeadh, cha robh fhathast.

Chan eil an so ach iomall beag de na chuala mi de bheul-aithris nan Gaidheal mu shìd is aimsir. Is ann aca féin da-rìribh a bha amheomhair, am breithneachadh geur, agus an t-sùils an inntinn bheachdail.

[Sanas]

titleSìd Is Aimsirean
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Tormod Dòmhnallach in Gairm 18 %p

parent textGairm 18
<< please select a word
<< please select a page