[169]

S e Tide A Dhinnseas

Le TORMOD MACLEOID (NIS)

CHAN eil móran nach cuala gun deachaidh Saul amach a lorg asail a bhair a dhol air seacharan, ’s gun dfhuair e rìoghachd. Cha do rinn Màiri buileach cho math ri sin nuair a chaidh i air losd na , ged nach tugadh i, le a làimh anns achreathaill, bonaid anuas do dhuine chanadh rithe nach do rinn.

Nuair a dhfhàg i abhó air madainn ghrianaich earraich, maille ri crodh abhaile air slios Beinn Inealt, cha do chuir i umhail sam bith oirre gu robh càil de nàdur suirghe air a h-aire. Choisich i dhachaidh còmhla ri ban-nabuidh gun anns an t-saoghal acur dragh oirre ach na bha ri dhèanamh mun tigh.

Chuir i seachad an mar a bàbhaist dhi. Bha am buntàta air a chur, bha an talamh air a thionndadh airson an t-sìl, ’s i ri feitheamh ri Dòmhnall Chaluim airson a fhrasadh ann. Bheathaich i na cearcan, dhfhuin i breacag arain no dhà, agus mar a dhaidich i dhomh fhìn an deidh làimh rinn i a chuile bha sin is a cas acumail ceum ri port a bha dol tuathalanna ceann bho dhfhosgail i a sùilean anns amhadainn:

Thig mo leannan fhéin anochd
An oidhche nach robh dùilam ris.”

Misears ise, “bhan deidh na trìexicheana chur seachad.”

Ach co-dhiùbh, thàinig am feasgars cha tàinig abhó. Bha abhaile atighinn bho thè; chluinneadh Màiri geumnaich an dràsdas a rithist ach cha robh nuallan bho Shealbhach.

Mu dheireadh choisich i mach air a socair gu Tom na Spréidh, ach cha robh foir air abhoin. Dhfhaighnich i do dhithis a bha sin atrusadh chaorach an tug iad an aire don bhoin acasan bho dhfhàg iad am baile. “Thug”, arsa Dòdubh, “chunnaic mis i adol seachad air bun Chascro mar a chaidh am maor troimh Gharrabost”, “Chunna mise cuideachd i”, ars an t-Albannach, “ ’s ann a bha i coltach ri aig am biodhappointment’ ’s i car fadalach air a shon.” “Tha taca Mhic Dhòmhnaill thugamsa”, arsa Màiri, atoirt taing dhaibhsgam fàgail.

Thill i dhachaidh. Dhinnis i da màthair mun chùis, is thilg i dhith na piollagan a bhiodh oirre mun tigh. Thug i boiseag air a h-aghaidh; chuir i sgrìobagna ceann; chuir i oirre na brògan ìosals anoveralla bha i air ceannachd an sin fhéin bhon duine dhubh; thog i leatha an fheisd, ’s thug i amach.

Cha robh i airson an rathaid mhóir a ghabhailbha cus de dhuinneagan air agus tuilleadhs a bhleid gu a ceasnachadh mu thimcheall a ceann-turuis. Ghabh i cùl nan gàrraidhean eadar am bailes am muir an dòchas nach tachradh neach rithe a dhaithnicheadh i.

[Sanas]



[170]

Bha mi agabhail sìos gu guanachars ise riumsa, ùine an deidh sud, “gun maire air air talamh an t-soisgeil nuair a chuala miCrùb’, ’s mar gu rachadh am peilear annam bha mina mo phliac air aghlasaich gun fhios ciamar. Nuair a sgioblaich mi mo cheud-faithean, ’s a thug mi sùil mun cuairt, bha fear ann a sinna shìneadh air cùl prucain, còta air dath na talmhainn air, gloine-amhairc ri shùil, ’s e ri sgrìobhadh an dràsdas a rithist ann an leabhar beag. Thug mi sùil ris an taobh a bha e ag amharc. Bha churracaig ann a sin; an dara na seasamh bog balbh, a ceann air a gualainn, ’s a cuinnean san adhar. Ach obh, obh, an téile. Bheireadh ise ceum no dhà gu stàtail air aiss air adharts gu gach cliathaich air beulaibh na téile. Thogadh i a dosan gu dìreach don adhar; dhfhosgladh i a sgéith mar gum biodh i ag iarraidh air an téile ruithna h-achlais. Dhéireadh i an sin air iteig, ’s chuireadh i car-a- mhuiltein no dhà os a cionn; laigheadh i rithist air a beulaibh, a srón don talamhs a sgéith sìnte amach mar gum biodh i ag ràdh: “ tuilleadh a mi air do shon?” Chan fhaca mi uiread de dhibhearsain bho chunna mi Toss leis an daoraich afiachainn ri car-ma-chnoc a thoirt a taibhse a bha e ri faicinn acoiseachd roimhe air an rathad, ’s gun ann ach snàilean a bhana shlaod ri bil a bhonaid ro fhaisg air a fhradharc. Leig mi gloc gàires rinn mi airson éirigh. “Laigh sìosarsa fear nan gloineachan, dìreach mar spochadh a bheirinn gu Astar, an dubh againn, nuair a bhios cus mire air aire. Ach ma laigh mise, dhéirich na curracagan is dhitealaich iad air falbh a fianuis air cùl tom conais.

Sheas fear nan gloineachan air a bhonnan is sheall e riumsa. Spliadh a dhà shùil mar uaireadairean eaglaiss cha mhór nach tainig cuairt air. “Tha mi duilich”, ars esan, “mar a labhair mi ruibh. Gabh mo leisgeul; bha maire cho dian air na h-eòins nach

[Dealbh]
“. . . bha mi na mo phliac air aghlasaich . . .”



[171]

robh tuigse agam do tuilleadh a bha timcheall.” “Na cuireadh e luasgan sam bith oirbh”, fhreagair mise. “Gu dearbh chòrd cleasachd nan curracag rium fhìn; cha robh dad a dhfhios agam gum biodh plòidh den t-seòrsa ud aca. Achs e coigreach san àite a thannaibh, tha mi den bheachd.” “Os è”, ars esan, “tha còrr is mìos bho thainig mi an taobh so, is tha mi acòmhnaidh còmhla ri piuthar mathar air an taic.” Sin mar a choinnich mise ri Eóghann.

Le facal an suds an so mun aimsirs mu obair an earraich choisich iad taobh ri taobh suas cùl nan gàrraidhean. Nuair a ràinig iad an t-Allt Ruadh chuimhnich Màiri gun do dhfhalbh tuil an earraich leis abhòrd a bha ri deanamh drochaid thairis air, is gu feumadh i a casan a rùsgadh. “Ach gun fhios gun iarraidhars ise riumsa, “thog e mi beò slànna sgùirds mus do sheall mi rium fhìn bha mi air talamh tioram air an taobh thall, ’s mo chridhe air uideal eadar mo shlugans mo bhonnan dubha, agus cuailean de mo chuid fuilt air moglachadh am putan na seacaid aige. Leig e mu sgaoil e air a dheagh shocair fhéin, is an deidh sin chùm sinn oirnn chon na taice mar bhalbhan.”

Ràinig iad, is bha abhó an sin gun ghuth gu robh dachaidh air an t-saoghal. Nuair a bha Màiri acur na feisd oirre thuirt Mac Dhòmhnaill gu robh antractora bha ag obair aige-san an ud ri dol sìos an sgìre, is gu faodadh i abhó a chur don chairt a bha e atarruing. Thuirt Eóghann seach nach robh dad aige fhéin ri dhèanamh gu rachadh e an ceann na anns achairt is gu suidheadh Màiri air cùl an draoibheir anns antractor .Sin mar a rinneadh. Shuidh Màiri air nàdur de spiris iarainn, a sùil as a deidh air amharts air an fhear a bha leatha. Ged nach robh an sorchan air a robh Màirina suidhe glé chomhfhurtail, gu h-àraidh adol thairis air na duic a bhanns an rathad, ’s cha bu bheag sin, bha i fada na bfheàrr dheth na esan a bha astrì ris abhoin. Bha annas na h-aiseig acur air abhrùid bhochd, is bheireadh i briosgadh aisde an dràsdas a rithist a bha bagairt tumadh an t-sùlaire chon an rathaid a thoirt dhi féins do dhEóghann. Bha iad ri dol mar sin air adhart gus an do ràinig iad achiad bhaile. “O Thì, seall air Banntrach Uilleim ann antractorPhiaraidh”, ghlaodh balachan a bha an cois an rathaid, ’s mus canadh tuOichcha robh giullan sgoile, fireann na boireann anns an àite nach robh ri feadaireachds ri glaodhaichs ri fealla-dhà mun cuairt dhaibh. ’S cha be sin a mhàincha robh uinneag no dorus anns na trì bailtean nach robh fear no , no eadhon triùir annta, ’s gach neach le craos gàire bho chluais gu cluais. Cha robh feum air solus dearg air antractor ,am feasgar udbha ghruaidh Màiris an fhuil gu leum asda.

Mu dheireadh thall ràinig iad an tigh, is le cuideachadh leth abhaile, is seann tobhta tigh a seanar fhuair Màiri agus Eóghann abhó gu talamh glas. Bha i nis den bheachd, an deidh na chaidh i troimhe mar thà, nach tigeadh an còrrna lùib a chuireadh ailleanachd sam bith oirre, nuair a nochd a màthair anns an dorus. “ ’N ann aig an taca a bha i, Mhàiri”, ars ise; an deach i dhàir?” “Clach mhullach nan uile”, arsa Màiri rithe fhéin, ’s i atoirt sùil timcheall air tonsils leth abhaile, ach fhreagair i, “Aig Sealbh tha brath; ’s e tìde a dhìnnseas.”



[172]

[Dealbh]
“. . . atoirt sùil timcheall air tonsils leth abhaile . . .”

Cheangail i abhó air an steil anns abhàthaich, agus eadar ursannan an doruis air a slighe amach thainig achearc mhór ruadh sin fon dearg chaoch mu oisean an tighe, ’s an coileach dubh le réis an fhir mhillidh as a deidh. Sud achearc mu chasan Màiri, ’s sud Màirina clod chon an làir, ach rug i air achoileach san dol seachad. Spalp i fo a h-achlais e, ’s dhfhalbh i leiss chuir i fo chliabh anns an t-sabhal e. An sin dhaom tubaistean is deuchainnean an fheasgair oirre gu h-iomlan is shuidh i air achliabh ri lachanaich gus an robh i an impis sgàineadh. “Crodh is curracagan is coilich”, ars ise. “Eil fhios fon chruitheachd a robh làraidh le sgaitean gorta troimhn sgìre bho thòisich an t-àiteach? Chan ann gun aobhar thamhire so.”

Nuair a fhuair i fo a h-anail leig i saorsa don choileach is thug i an tigh oirre. Bha a màthair is Eóghannnan suidhe gach taobh den teine cho dòigheil ri cait an aon tighe. “Eil fhios agad”, ars a màthair, “ a thagad an so? Mac Mòr Chaluim air a thighinn dhachaidh as aCheann a Deas. Mac na deagh mhàthar. Nach robh mi fhìns i fhéin leis an aon luideig sgliata anns an aon suidheachan anns an sgoil an greis a thug sinn innte. Siuthad, dean blasd suipearach; theid mi fhìn fon bhoin ged a tha mi acreidsinn gur dìomhain sin dhomh anochd. ’S fiach gur e soithichean glana a chuireas tu air beulaibh an t-strainnseir”.

Bho dhfhalbh a màthair amach bha Màiri afaireachdainn mar gum biodh an tigh ri dol a leum oirre. Bha a chuile cho sàmhachs gu saoileadh neach gu robh an t-sàmhchar fhéin beò slàn agaradh a chasan eadar an dithis aca an taic an teine. Bha esan aslìobadh ceann achoin, is ise ri seatadh abhùird. “ ’S e math tha so”, ars esan. “Os e, ’s e sin Astar”, fhreagair ise. Sin na chaidh a labhairt gus na thill an t-seann te.



[173]

[Sanas]

Ach bho thainig ise cha robh fois no fosadh air teanga. Cha robh a thachair no chualas bho linn an aileabhain dhuibh nach tug i ruith air. ’S ged nach duirt Màiri móran fhuair Eóghann a theanga, ’s chaidh an uair seachad gun fhios ciamar. Nuair a dhfhàg e aig àmhunn na h-oidhche dhaidich e nach do dhfhairich e e fhéin aig an tigh bho thainig e don eilean chun a sud.

Tha còrr agus bliadhna bhon fheasgar ud, ’s bithidh cuimhne aca gu sìorruidh anns abhaile air abhanais a bha sud, agus gu h-àraidh air achòta pòsaidh a bha air Màiri adol don eaglais air a dheanamh le craicinnskunks .An diugh, an uair a bhios Eóghann ag atharrachadh no atoirt deoch don laogh a tha e ag altrumas mar naoidhean leis acheangal a thaige ris, ’s a dhfhaighnicheas Anna Mhór an ath-dhorus an e dad a tha ceàrr air Màiris nach fhaca i mu na dorsan i bho chionn greis, ’s e fhreagras Eóghann, “ ’S e tìde a dhinnseas.’

[Dealbh]
“. . . còta air a dheanamh le craicinnskunks . . .”

title’S e Tìde A Dh’innseas
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Tormod MacLeòid in Gairm 18 %p

parent textGairm 18
<< please select a word
<< please select a page