Sgeul air Mac Raoghaill Na Ceapaich
Le DOMHNALL DOMHNALLACH (FEAR GHIOSLADH)
BHA Mac Raoghaill na Ceapaich uair amuigh anns na garbh bheannaibh a tha ’cuartachadh na dùthcha sin air lorg féidh ach cha deach an là leotha ’s thainig e dhachaidh gun chalg. Is e bean mhór ghreannach, gun choibhneas gun fhoighidinn, a bh’ aige agus nuair chunnaic i gu robh e falamh, thòisich i air le a teanga, oir bha miann mór aic’ air sithinn, agus chùm i ’g ràdh “thabair sealgair, thabair sealgair!” agus bhuail i na coin gu cruaidh le cabait a bh’ aice. Dh’éirich an nàdur aige-san agus thubhairt e “Nam biodh thusa air a h-uile ceum a dhean iad-san a dheanamh an diugh, chan ann le bata a bhithist a’ cur fàilt’ ort.” Chaidh an ceòl air feadh na fìdhle, agus an trod na bu bhrais gus mu dheireadh rug e air ghuaillean oirre ’s thilg e mach air an t-sitig i. Ghabh ise an tàmailt gu h-olc, agus dhean i air tigh a h-athar, agus dh’ innis ise a sgeul fhéin mar thachair, agus dhiùlt i tilleadh dhachaidh gu tigh a céile-pòsda.
Bha a h-athair cho math air a’ chlaidheamh ri duine a bha san tìr, ach cha b’e Mac Raoghaill na Ceapaich dad bu lugha air an robh iomradh fear sgaiteach le claidheamh agus cha b’ fhada gus na chuir am bodach fios thuige e bhith deiseil airson coinneachadh ris-san gus an deanadh e dìoltas air airson mar làimhsich e an nighean aige-san.
Chaidh là agus uair a shuidheachadh agus sheas na fir aig a chéile—ghabh an cleasachd air adhart gu cruaidh gus ma dheireadh thug am fear òg sgròbag fo smeagaid athar-céile. “An dean sin a’ chùis dhut?” arsa Mac Raoghaill na Ceapaich. “Cha dèan gus am faigh mi dìoltas!” ars an sean-dhuine, agus ghabh iad dha chéile rithist. Cha robh iad fad an sàs gus an tug am fear òg an sgobag ud dha agus gheàrr e dheth am putan a bha ’ceangal amhaich a léine. “Is cinnteach gun dean sin a’ chùis dhut,” ars am fear òg. “Cha dèan, cùm ort”, ars am fear eile, agus ghabh iad dha chéile na bu nàimhdeil’ agus nas fiadhaich na bha iad roimhe, agus cha b’ fhada gus an tug am fear òg gearradh fada tarsuinn a’ mhionaich aig an fhear eile, agus thuit e agus nochd an fhuil. Leum an lighich dha chuideachadh. Chaidh an chreuchd a cheangal suas, agus am bodach a thoirt gu cabhagach gu thigh fhéin.
Chaidh òrdugh amach bho na luchd lagha nach fhaodadh Mac Raoghaill na Ceapaich a dhol an còir athar-céile airson bliadhna agus là. Chaidh am bodach gu laighe na leapa, oir cha d’ rinn an chreuchd an t-adhartas slànachaidh ris an robh dùil, agus bha e mar chleachdadh aige bhith coimhead amach air an uinneig gach latha, agus a’ bagradh na dhèanadh e air an duine a rinn a’ chùis air leis a’ chlaidheamh. Bha Mac Raoghaill na Ceapaich air ceann a ghnothaich aon là sa’ bhaile agus có a chunnaic e ach athair-céile troimh an uinneig agus chaidh am bodach troimh a chéile. Dh’ éirich an fhearg anns an inntinn aige agus rinn e airson éirigh amach as an leapaidh, ach mo thruaighe! Shrac an fhuaghal a bha ann an craicionn mionaich a’ bhodaich agus dh’ eug e mus d’ fhuair an lighiche
thuige. Cha robh aig Mac Raoghuill na Ceapaich ach tàirsinn as, oir ’s ann air a chaidh bàs athar-céile. Dh’ fhalbh e e-fhein còmhla ri dithis no thriùir eile ann an garbh-chriochan Siorrachd Rois an Iar, ach cha robh iad fada an sin nuair a bha tòrachd an lagha as an deidh, agus b’fheudar sgapadh, agus fhuair fear na Ceapaich aiseag anull gus na Hearadh.
Aon là àraid chaidh fear Mhiavaig amach, Dòmhnall MacShomhairle Bhàin, tràth air a’ mhadainn, airson coineanan a mharbhadh agus air a thainig e gu fosgladh Gil na Brunnde có chunnaic e ach duine mór snasail, air a sgeadachadh ann an tartan Chlann Dòmhnaill, le claidheamh air a leis, agus a bhogha ’s saighead innte ’na làimh.
“Có thusa a’ tighinn cho dàna agus cho tràth gu talamh Mhiavaig?” arsa MacShomhairle Bhàin. “Is dàna cù air a shitig fhéin. Is mise Mac Raoghaill na Ceapaich. A bheil eagal ort a nis?” ars am fear eile.
Is e Dòmhnallach a bh’ ann am Fear Mhiavaig agus chuir e fàilte air agus thug e cuireadh dha a thighinn gu tigh Mhiavaig, ach cha deidheadh an coigreach leis gus an innseadh e dha a sgeul gu léir, oir bha e ’na chionnt tigh, no biadh, no cuideachadh sam bith a thoirt do fhear a bha an lagh a’ lorg. Nuair a chuala Fear Mhiavaig a sgeul gu léir, agus na dòrainnean troimh ’n deach e mus do ràinig e Miavaig, is ann a bhlàthaich a chridhe ris agus rinn iad suas gun caidileadh an Ceapach ann am bothag ann an Gil na Brunnde ach gun tigeadh e gu tigh Mhiavaig airson biadh agus blàths agus so mar a thachair. Bha Fear Mhiavaig glé mhath air cleasachd-a- chlaidheimh agus is iomadh uair a dh’ fhiach iad có b’ fheàrr, ach ’s ann ainneamh nach d’ fhuair Fear na Ceapaich làmh an uachdair air, ged is e am fear eile bu chinntiche leis a’ bhogha ’s saighead air na cearcan fraoich ’s na coineanan.
Bha e mar chleachdadh aca a bhith dol ’nan dithis amach do’n fhrìth mhóir a bha eadar Leódhus agus na Hearadh, agus is iomadh damh cròiceach a chaidh ri talamh aig na h-amannan sin. Bhiodh iad a’ fuireach greisean fada san t-samhradh a’ cadal anns na seann bhothain a bha ann bho linn an duine dhuibh, ’gan cumail fhéin beò air an iasg a bha pailt anns na h-aibhnichean ’s na lochan san là sin, agus air sitheann na féidh a bha gu pailt anns na beannaibh àrda. Uaireanan thigeadh ceò orra ’s cha b’ urrainn dhaibh sealg, agus mharbhadh iad caora a thigeadh faisg air a’ bhothan nuair bhiodh an t-acras ’gan tolladh, ach chumadh iad gu cùramach an cluasan airson an comharra agus phàidheadh iad a rithist, nuair a gheibheadh iad dhachaidh, an luach a chuireadh am fear leis an robh a’ chaora nuair rannsaicheadh e mach co leis a bha an comharra. Bha so furasda dhaibh a dheanamh oir a nis bha fhios aig cuideachd Mhic Raoghaill na Ceapaich far an robh e falach fo’n choill, agus a h-uile ràithe bha Fear Mhiavaig a’ toirt sgrìob gu Tairbeart na Hearadh airson an airgead a bha ’tighinn bho urras gus an fhear eile.
Bha làithean matha aig na fir agus tha muinntir Uig fhathast a’ deanamh iomradh air cho calma ’s a bha an dithis ud ’s cho mór ’s a bha iad suas ri chéile. Is e mo sheanmhair a dh’ innis dhòmhsa an sgeul so nuair a bha mi ’nam bhalach ann an Uig. Tha rubha
fada air Loch Grunnavat a tha air ainmeachadh as deidh Fear Mhiavaig— “Rubha Dubh Mhic Shomhairle Bhàin”.
Ach thainig an t-àm anns an robh tòrachd an lagha tighinn gu crìch agus shuidhich an dà charaid gun deidheadh iad greis a shealg do’n fhrìth agus gun iasgaicheadh iad Abhainn Ghriomarstadh agus as a sin gun gabhadh iad gu Steòrnabhagh troimh mhòinteach nan Loch, agus so a rinn iad. Nuair nach robh ach beagan làithean gus an robh ceann na seachd bliadhna suas, rinn iad air a’ bhaile mhór, mar a chuir iad rompa, ach mo thruaighe! Nach do bhuail an teasach iad le chéile air mòinteach nan Loch agus dh’fhàs iad cho lag nach b’ urrainn dhoibh gluasad na b’ fhaide ’s chrùb iad asteach fo bhruthach mór ri taobh allt far am b’ urrainn dhaibh an làmhan a thomadh anns an uisg’ agus na bilean aca ’fhliuchadh, oir bha am fiabhras trom orra ’s iad gun cuideachadh sam bith. Bha aig am àm so gàmhlas mór aig na Dòmhnallaich ’s na Tàilich dha chéile, bho spùill Siol Choinnich Caisteal Stròm ’s am fearann suas gu Geàrrloch bhuapa. Chuala feadhainn de Chlann Choinnich a bha ’tigheadas ann an Ràinis gu robh dithis de na Dòmhnallaich gu tinn fo bhruthaich agus thainig iad amach agus dh’ aom iad am bruthach air am muin. Nach bu Chrìosdail iad, na coin!
[Sanas]
title | Sgeul air Mac Raoghaill Na Ceapaich |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Dòmhnall Dòmhnallach in Gairm 18 %p |
parent text | Gairm 18 |