An Sgeilp Leabhraichean
“The Atom of Delight”le Neil M. Gunn.
Clo-bhuailte leFaber and Faber. (15/- .)
Tha mi an dùil gur e Niall Gunn aon de na cóig fir sgrìobhaidh nobhalan as fheàrr a thainig amach a Alba—a’ cunntas Sir Bhaltar Scott. ’Na chuid leabhraichean, is iad, daonnan, na daoine an cur, agus an dùthaich an dlùth, agus ’na chuid fighe tha am pàtaran an còmhnaidh ag atharrachadh gun dad de bhrìgh a’ cholmaidh ’ga chall.
Tha Gunn a nise aig an aois—no ’s dòcha gur e an ìre bu chòir dhomh ràdha—aig a bheil e an dùil gura còir dha beagan de eachdraidh a bheatha a chur an clò. Is e sin a tha e a’ deanamh anns an leabhar so. Ach tha e a’ deanamh tuilleadh mór is sin. Tha e ag aideachadh gun robh a bheatha fìor thoilichte, agus tha e a’ feuchainn ri bun is bàrr an toileachais a lorg. Mar sin, tha an leabhar, mar gum b’eadh, ann an dà roinn: aon roinn a’ déiligeadh ris an ùghdar mar bhalach, agus an roinn eile a’ sgrùdadh feallsanachd feuch an cuir feallsanachd soilleireachadh air toileachas.
A’ chiad roinn an toiseach—am balach anns an t-srath.
Tha sinn eòlach air comas sgrìobhaidh Gunn, ach tha mi an dùil gu bheil sgrìobhadh an so cho math ’s a thug e dhuinn riamh. Tha mi fhéin de’n bheachd gu bheil na trì caibidilean anns a bheil e ag innse mu’n bhalach air tòir a’ bhradain air sgrìobhadh cho math agus a chunnacas bho pheann duine san dùthaich so riamh. Agus tha caibidilean eile gu ìre bhig cho snasail; caibidilean mar a tha “Am balach a’ toirt dhachaidh na bà’, ‘Am balach anns an Eaglais’, agus ‘Na h-iasgairean a’ tighinn dhachaidh’. Chan e mhàin gu bheil iad sin grinn air an sgrìobhadh, ach tha iad a’ toirt seallaidh dhuinn air an dùthaich anns an do thogadh Niall Gunn agus air na daoine bu dhaoine dha. Nam biodh a h-uile duine cho geur-thuigseach, blàth-thuigseach, ’s a tha esan, cha bhiodh aobhar ghearain aig na Gaidheil.
An dara roinn—bunait an t-sonais agus an toileachais.
Tha an t-ùghdar a’ gabhail dà cheann teagaisg. An toiseach, am balach leis fhéin air latha grianach a’ cnagadh chnò air lic; an uair sin, am balach beag air oidhche dhorcha a’ dol amach gu ceann an tighe agus a’ faireachadh, airson na ciad uair, làmh mhór an eagail a’ sìneadh thuige as an duatharachd.
Fo’n chiad cheann, tha an t-ùghdar ag argumaid agus ag ràdha gu bheil toileachas a’ bhalaich air an lic a’ comharrachadh an toileachais a tha dual do’n duine bho làithean cian fad as, an uair a bha an duine na b’ìsle na tha e an diugh anns a’ chruthachadh. Mar an ceudna, tha eagal a’ bhalaich bhig roimh’n dorchadas a’ comharrach
eagal an duine roimh na rudan nach robh e a’ tuigsinn anns na làithean, mìltean móra air ais, an uair nach b’àirde e na a’ bhrùid.
Air an dà bhunait sin—air toileachas a’ bhalaich bhig, agus air eagal a’ bhalaich bhig—tha Gunn ag ràdha gu bheil toileachas agus eagal an duine air an stéidheach. Agus gus tacsa a chumail ri chuid argumaid tha e a’ dol a dh’ionnsaigh nam feallsanach móra—Jung, Freud, Proust, agus Kierkegaard.
Chan e idir leabhar furasda a leughadh a tha an so, ach is e leabhar a tha ann as fhiach an t-saothair. Anns a’ chiad roinn tha e a’ toirt tlachd, agus anns an dara roinn a’ dùsgadh smaoin. Chan eil móran ceàrr air leabhar a ni an dà rud sin.
F. McD.
title | An Sgeilp Leabhraichean (The Atom of Delight) |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 18 %p |
parent text | Gairm 18 |