[109]

The Guns of Navaronele Alastiar MacIlleathainn.
Clo-bhuailte le Collins. (14/- .)

Bha e leth-uair an deidh meadhon oidhche. Thuirt mi rium fhéin gun gabhainn aon smochd eile mun deidhinn don leabaidh, agus gun toirinn sùil air achiad chaidibil den leabhar ùr aig Alastair MacIlleathainn.

Aig ceithir uairean samhadainn thionndaidh mi an duilleag mu dheireadh, agus thilg mi bhuam aphacaid thoiteagan a bha nise falamh!

Sin an seòrsa leabhair a than so. Cuiridh mi mo bhonaid air gheall gun loisg e an tòn a iomadh coire, agus gun leig e iomadach teine as; oir, on chiad duilleig chun na duilleig mu dheireadh, tha an sgialachd asiubhalna deann.

Bha an leabhar mu dheireadh a sgrìobh MacIlleathainn air a shuidheachadh anns aChuan a Tuathmu long chogaidh bhig

[Sanas]



[184]

a chaidh don ghrinneal agus i astrì ri dìon a chumail air aon de na conbhoidhean Ruiseanach. Tha an sgialachd ùr so air a stéidheachadh air achogadh anns aMhuir Mheadhon-thìreach.

Tha eilean Navaronena chunnart do na h-airm chàirdeileilean Greugach air nach gabh ionnsaigh toirt far na mara no as an adhar, oir tha na Gearmailtich a ghabh sealbh as air a stalcadh le gunnachan. Agus tha an t-eilean fhéin cho cas, corrach, agus gura gann a gheibh duinena chòir. Tha e riatanach do na dùthchannan càirdeil gun teid clos a chur air gunnachan Navarone air los gum faigh bàtaichean gu eilean eile far a bheil còrr agus mìle saighdear an cunnart bàis.

Chan eil air ach gum feum cóignear shaighdeirean creagan Navarone a shreap agus na gunnachan a chur o fheum. Bithidh iad leotha fhéin agus cha leig leas sùil a bhith aca ri cuideachadh sam bith. Bithidh iad an teas-meadhon an nàmhaid aig a bheil fhios gu bheil iad air an eileancóignear an aghaidh nam mìltean. Fad nan ceithir latha a tha na seabhaltaich air tìr, chan eil dad nach tachair riuthatubaist is murt is marbhadh. Mar a thuirt mi mar thà, chan eil duilleag den leabhar anns nach eil tachartas.

Ach an e leabhar math a tha ann? Chan eil mi idir cinnteach gur h-è! Fileantas ged a tha Alastair MacIlleathainn leis apheann (agus gu dearbha tha e sin) cha do dhionnsaich e fhathast srian a chumail air a mhac-meanma. Tha an suidheachadh do-chreidsinn. Tha na daoine do-chreidsinn, oir chan e fuil is feòil a tha annta ach dealbhan. An uair a tha an leabhar ullamh chan aithne dhuinn dad mun deidhinnmun athraichean no mum màthraichean no mun teaghlaicheandad ach gu robh iad tapaidh thar tomhais agus thar creideis.

Tha gibhtean iongantach aig MacIlleathainn, ach tha e fhathast òg anns an dreuchd. Feumaidh e ionnsachadh nach fhoghainn murt is bàs is tachartas ann an leabhargum feum na daoine a thagam murt, na abàsachadh, no ri gnìomh, a bhith blàth, beòthail, so-chreidsinn don leughadair.

Agus, co-dhiùbh, tha sinn afàs sgìth de sgeulachdan cogaidh anns an lathan diugh.

Tachraidh aon rud de dhà rud do MhacIlleathainn. Sgrìobhaidh e dha no trì eile de leabhraichean den t-seòrsa so agus bithidh e ullamhbeairteach faodaidh, ach gun chliù a mhaireas. No tionndaidh e ri a dhùthaich fhéin agus ni e oidhirp air foillseachadh a dheanamh (ann an sgialachd) air na daoine beò, blàth, cumanta, a tha mun cuairt dha; ma ni e sin, faodaidh gum bi ainm maireannach, agus gun cuir e rudeigin as fhiach ri litreachas na h-Alba agus a dhaoine.

F. McD.

titleAn Sgeilp Leabhraichean (The Guns of Navarone)
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 18 %p

parent textGairm 18
<< please select a word
<< please select a page