[109]

(Six -Pointer Buck,le Dàibhidh Stephen. Clò-bhuailte le Lutterworth. 12/6. )

Tha iad ann a their nach eil móran anns an Roinn Eòrpa a chumas ceann a mhaide ri Daibhidh Stephen an uair a thig e gu eòlas air eòins air ainmhidhean. Co-dhiùbh tha sin fìors gus nach eil, tha fios is cinnt againn gu bheil na mìltean agabhail tlachdna sgrìobhadh seachdaineach ann an aon de na paipearan naidheachd. Tha gaol aige air gach creutair beò, bhon mhadadh chealgach gu iolaire nan speur, agus, an uair a thòisicheas e asgrìobhadh mun deidhinn tha e atoirt ùr-thuigsinn do a luchd-leughaidh. Seadh agus gaol air na creutairean, co-ionnan ri a mheas fhéin orra.

Mar is trice, is ann atoirt cùnntas air dol amachs air teachd asteach nam beò-chreutairean a tha e. Ach, an dràsdas a rithist, bithidh e ag innse sgeulachdan mun deidhinn mar a rinn e ann anTarka the Otteragus ann anString Lug the Fox.Bha iad sin le chéile math. Ach so am fear as fheàrr buileach—Six-Pointer Buck.Faodaidh e bhith gu bheil sin mar sin a chionns gu bheil spéis aig Stephen don damh ruadh os cionn gach creutair eile, agus is e damh cròiceach gaisgeach agus cuspair an leabhair seo.

RugadhBounce—laogh cho snogs air an tugadh ainm riamhann an Gleann Critheann. E fhéin agus a dhithis pheathraichean. Cha robh e ach dha no trì làithean a dhaois an uair a thug neas an aghaidh air. Cha robh e ach dha no trì sheachdainean an uair a chuir mortair gunna rimhàthairga fhàgail ri aghaidh bàis mur a be gun do ghabh eilid eile truas ris. Bhuaithe sin amach, tha sinn aleantainn eachdraidhBouncele ùidh cho mórs a lean sinn sgeulachd mu bheathas mu chunnart, mu ghaols mu bhàs, riamh. Agus anns an leantainn tha sinn ag ionnsachadh. Ag ionnsachadh mu na creutairean eile ris an do thachairBounceair a shlighecàirdean agus nàmhaidean. Tha sinn eadhon afaicinn math is dona achinne-daonna troimh shùilean féidh.

Their sinn gum bhréig gur e so leabhar nach fàg air sgeilpe leabhraichean fad iomadh bliadhna. Bithidh cuimhne againn airBouncefada an deidh dhuinn dìochuimhna dheanamh air ceudan de ghaisgich dhaonnta mun do leugh sinn. Oir is e an fhìrinn nach do chuireadh eachdraidh is iomradh an daimh ruaidh ann am briathran cho snasail coibhneil bhon a chuir Dunnchadh Bàn Beinn Dóbhrain an altan.

F. McD.

titleAn Sgeilp Leabhraichean (Six-Pointer Buck)
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 18 %p

parent textGairm 18
<< please select a word
<< please select a page