[115]

An t-Each Uisge

Le NIALL MACGHILLE SHEATHANAICH

THA móran iomraidh air a dheanamh am beul aithris, is an litreachas na Gaidhealtachd, air an Each Uisge agus creutairean -thalmhaidh eile; cuid dhiubh nach eil ri fhaicinn ach ri chluinntinn, mar tha aChaointeach. Ceart mar tha Eóghann aChinn Bhig ri fhaicinn aig àm bàis aon de Chloinn Ghilleathain Locha Buidhe, tha tuireadh na Caointeich ri chluinntinn an uair a tha Seathach atighinn gu ceann a réis. Bha e air aithris gu saor aig an àm a chaochail mo sheanair, Iain Buidhe mar theireadh iad ris, gun cualas aChaointeach agal is atuireadh. Thàinig mac piuthar athar dhomh asteach don tigh agus dhinnis e don luchd-caithris gun cual e acaoineadh aig Glaic na Craoibhe, ach cha dfhuair e de fhreagairt achSeadh a laochain.” Bha am beachd fhéin aig an fheadhainn a bha astigh.

An robh a leithid de chreutair ann ris an Each Uisge, no ciamar idir a dhéirich na faoin-sgeulan a gheibhear am beul-aithris na Gaidhealtachd gu h-iomlan? Feumaidh gum facas uile-bheist, no bòcan, a shamhlaicheadh ri each, uair no uaireigin, no am feum sinn aideachadh gur éiginn gu robh anns na linntean dorcha a dhfhalbh, creutair atathaich lochan is aibhnichean ar dùthcha nach eil annta an diugh?

Tha fathast ann an Africa tabaist ris an can iadHippopotamusagus is e is ciall don fhacal Ghreugach sin Each Aibhne, no mar a bfheàrr a fhreagradh oirnne is ar n-aibhnichean cho beag an coimeas ri aibhnichean Africa, Each Uisge. Tha sheòrsa denHippoann, aon a tha cho mór ri ceithir troighean deug air fad agus mu cheithir troighean aig àirde an t-slinnein. Chan eil an seòrsa eile ach beag, mu mheudachd muice. Linnean cian air ais bha anHippori fhaighinn feadh na h-Eòrpa agus fhuaireadh cnàmhan aon diubh an Sasann. Saoil sibh an ann bhon chreutair neo-bhòidheach sin, a bhiodh atathaich nan lochan, a dhéirich na faoin-sgeulan a tha cho lìonmhornar beul-aithris mun Each Uisge? Bha ar n-aithrichean a chearta cho innleachdach air dealbhadh fhacal is ainmean ris na Greugaich agus, an neo-ar-thaing mur snìomhadh iad uirsgeul air na céilidhean!

Cuiridh an t-Each Uisge e fhéin an cruth fir no boireannaich a réir mar bhios a dhìth air an neach ris an tachair e a thàladh air ais leis don loch as an tàinig e. Tha atharrach beòil-aithris aig gach sgìre mu dheidhinn an Eich Uisge agus an cuid de na sgeulachdan tha e air a thoirt far comhar ann an riochd each beag peallagach.

Cha chan mi an còrr mu bheul-aithris an dràsda ach innseadh mun uile-bheist a chunnaic mi fhéin. Faodaidh cuid de na leughas an sgeul a leanas a shaoilsinn gu bheil i do-chreidsinn, nach eil innte ach bruadar no breislich balaich. Tha an a chunnaic mi le mo dhà shùil fhéin dearbhte gu leòir dhòmhsa, agus a bhàrr air sin chunnaic neach eile e.

An uair a bha mi mu dheich bliadhna a dhaois chaidh mo chur, beagan làithean saora as an sgoil, gu mo sheanair is mo sheanmhair a bha a chòmhnaidh mu sheachd mìle bhuainn thar amhonaidh.



[116]

Cha robh rathad mór ann an uair sin, no eadhon frith-rathad a bairidh an t-ainm. Bha thu agabhail cùrsa dhuit féin bho chnoc gu cnoc agus bho bhealach gu bealach.

Chaidh na làithean seachad gu sona agus an uair a thàinig an t-àm dhomh tilleadh dhachaidh chuir mo sheanmhair gur, no linn, de eòin bheaga ann am bascaid a bha mi ri ghiùlan gu mo mhàthair. A chumail cuideachd rium, is a dhaotromachadh muallaich an dràsdas a rithis, chuir i Mórag, ogha eile dhi, còmhla rium. Bha Mórag beagan na bu shine na mise.

Ghabh sinn an t-ath-ghoirid gu Cachaileith Bhealaich, thar Sruthan an Uruisgs a suas ri Druim Dubh. Sheachainn sinn an Caibeal is chùm sinn Achadh aCharraigh is na Clachan Fiannta eadar sinn is an cladach. Chaidh gach gu math leinn gus an robh sinn aig ceann tuath na pàirce anns am biodh an tuathanach acumail nan caorach an àm lomaidh is spannaidh. Ciod a chunnaic sinn ach àireamh each ag ionaltradh air talamh còmhnard air thoiseach oirnn. Chuir so iongnadh oirnn oir bha fios againn nach robh aig an tuathanach ach each, DandyagusCharlie ,agus co-dhiùbh cha be sud ionaltradh airson eich baileriasg, cóinneach agus fionndairneach. Cha do chuir so geilt oirnn is chùm sinn ceum ann is chaill sinn sealladh air na h-eich.

An uair a thàinig sinn gu dìreadh àrdain a dhfhaighinn gu Glaic na Dunaich lean sinn sean cheum rathaid a bha adol seachad air luba mhóir. Cha robh i fada no leathann, ach bha i domhainn agus am fraoch acinntinn thar a bruachan. Is ann an uair sin a chunnaic sinn an uile-bheistna laighe air stùcan beag mu leth cheud slat bhuainn. Dhaithnich sinn nach bu chreutair talmhaidh e agus, gun fhacal a ràdh ri chéile, thill sinn air ais agus thog sinn suas ri cnocan beag cas, acumail an uabhais so san amharc. An uair a ràinig sinn am mullach fhuair sinn sealladh a bfheàrr air abhéist agus gu fortanach dhuinne cha robh a cheann ri fhaicinn. Bha ena laighe is a chasan deiridh fòidhe, mar a laigheas muc. Bha na bha ri fhaicinn de a choluinn slèagta dubh adeàrrsadh an gréin shoilleir na Bealltainn. Chan urrainn domh coimeas as feàrr a thoirt dhuibh air na bha ri fhaicinn dheth na tabaist de ròn a chitheadh sibhga ghrianadh fhéin air sgeir, ach gu robh e na bu duibhe. Bha mar gum biodh ceithir stobain challtuinn acumail suas breacan cìobair agus, mar gum beadh, acumail fasgaidh air a cheann. Cha do ghluais e am feadh is a bha sinnega choimhead ach, mar a thuigeas sibh, cha do rinn sinne moille, no idir mothar, ach cumail oirnn gu snàigeach gus an do ràinig sinn aGhlaic. Cha do luathaich sinn ar ceum ach is cinnteach gun tug sinn sùil thar ar gualainn is gun fhios nach dfhuair e am fàileadh againn. Bha sinn glé thaingeil an uair a thàinig bothan tughaidh na Buaile am fradharc. Dhfhairich sinn tèarainte an uair sin is cha bfhada gus an do ràinig sinn an t-seann dachaidh.

Dhinnis sinn mun t-sealladh iongantach a chunnaic sinn cho luath is a thug sinn na h-iseanan thairis gu sàbhailte do mo mhàthair. Dhfhàs iadsan suas, rug iad uighean is fadheòidh chuireadh saphoit iad!



[117]

Ghabh na bha astigh ri ar n-aithris agus leig iad ris an co-fhaireachdainn ruinn agus mhol iad sinn a chionn cho tapaidh is a bha sinn; nach do chaill sinn ar cialls ar reuson. Cha do chuir athair no màthair, no inbheach eile, teagamh nach fhaca sinn sealladh a chuireadh geilt air cridheachan a bu làidire. Chaidh an sgeul air feadh an eilein is bidh cuid abruidhinn air gus an latha diugh.

Is tric a thig e air maire saoil an robh co-cheangal aig an uile-bheist ud ris na h-eich a chunnaic sinn an toiseach; agus a rithis, ciamar, no carson, a dhfhoillsicheadh na nithean ud do dhà chreutair cho òg, neo-chiontach?

Chan fhaca mise Mórag ach aon uair bho cheann leth-cheud bliadhna ach tha mi dearbhte as gun cuir i a làn aonta ris na h-uile facal a sgrìobh mi. Ann a bhith ag aithlis airPara Handyan uair nach burrainn dha ceist a chuireadh ris fhuasgladh, theireadh e, “nan robhDougiean so dhinnseadh esan duibh.” Théid agamsa air a ràdh, “nan robh Mórag an so dhinnseadh i dhuibh acheart sgeul”.

Tha loch, mu leth-mhile air fad agus leathann da réir, mu chóig ceud slat os cionn na Buaile, far an robh ar dachaidh aig an àm, agus mar bu dual do bhalaich a chaidh àrach an cois na mara, bha sinn déidheil air a bhith adèanamh agus aseòladh bhàtaichean beaga.

Tha eilean air an lochLoch Càthair nan Eun. Bha, aig an àm ud co-dhiùbh, an t-aon bu mhotha dhiubh còmhdaichte gu h-iomlan le craobhan beithe is feàrna, agus bhiodh na feannagan aneadachadhnan geugan. Bha an t-eilean beag còmhdaichte le feur gorm agus chraoibh bheag chaorann alùbadh thairis agus, ach beag, atumadh anns an uisge. Bu bhòidheach an dearcan dearga aig deireadh an fhogharaidh! Bha casach dhomhainn aig acheann an iar-dheas le bruachan mòintich ag aomadh thairis. Gu sealbhach cha robh ionaltradh faisg oirre agus chan fhaicte beathach cruidh, caora no fiadh mar astar dhi. Gidheadh, goirid bhon chasaich so bha cuilc afàs gu lìonmhor agus aig àm bhiodh lilidhean am measg na duilleig bhàite acur maise air acheann thoirmisgte sin den loch. Aig acheann eile bha tanachd le gainmhich chruaidh gharbh agus sruthan beag ataomadh a chuibhrionn féin de uisge nam beann don loch. Bann an so a bhitheamaid acluich agus aseòladh nam bàtaichean beaga le an siùil bhòidheach gheala.

Cha déirich beud riamh dhuinn ach is iomadh sgràilleadh a fhuair sinn bho na seann daoine. Bhiodh iad afeuchainn ri eagal a chur oirnn le bhith ag innseadh mu easgannan móra agus losgannan a bha atàmh anns an loch. Ach biodh bhur barail féin air, cha chuala sinn riamh tuilleadh mu na h-easgannan is na losgannan an déidh an t-seallaidh a chunnaic Mórag is mi fhéin.

Ach fhuair mise eagal aig an loch agus cha bann bho each-uisge no easgann. Latha dhomh a bhith agabhail sràid leam fhéin thàinig mi gu h-obann air damh féidh is ena laighe faisg air bruaich na h-aibhne. Ged a bha an creutair ullamh gu bàsachadh rinn e oidhirp air éirigh air a chasan deiridh is thug e raoic as. Ma thug, thug mise mo chasan leam agus cha bfhada bha mi aruigheachd na Buaile! Thill mi an -ar-na-mhàireach le companaich agus fhuair sinn am fiadhna laighe marbh far an tug e an raoic mu dheireadh as.

titleAn t-Each Uisge
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Niall MacGhille Sheathanaich in Gairm 18 %p

parent textGairm 18
<< please select a word
<< please select a page