An Lochmor
Le FIONNLAGH I. MACDHOMNAILL.
Aig cidhe an Tairbeirt
“GHEIBH i droch shadadh an diugh; cha robh dùil ’am gum fàgadh an Robastanach an cidhe!”
Is tric a chuala mi na briathran sin aig mo sheanair nach maireann, e ’na sheasamh aig an dorus agus am marcach-sìne a’ toirt bhuaithe na Lochmóir eadar Sgeotasaidh agus Eileanan a’ Mhinisteir. Air cùl nam briathran, bho fear a bha ’na sheòladair e fhéin, bha an smuain— “Ma dh’fhàg an Robastanach an cidhe, ’s fheudar gum bi cùisean ceart.” Agus mas e deireadh an euchda dearbhadh a’ ghliocais, cha robh aobhar riamh aig duine a chur as leth an Robastanaich, no as leth Dhòmhnaill Màiri a lean e, gun do dh’fhàg iad riamh cala ri sìde a thulgadh an sgiobaireachd.
Eadar Caol Loch Aillse agus an Tairbeart, eadar an Tairbeart agus Loch Baghasdal, eadar Loch Baghasdal agus Mallaig, chan eil dachaidh am fianuis cuain do nach eil an Lochmór ’na seann eòlach. Ri sìde nan seachd sian, ri reothadh ’s ri gréin, tha i air a bhith a’ riabadh a’ Chuain Sgìth, agus, anns an ùine sin, tha i air còrr agus muillean gu leth fear siubhail a ghiùlan bho phort seòlaidh gu ceann-uidhe; agus sin gun bheud, gun tubaist.
[Dealbh]
An sgiobair
B’ann air an t-seachdamh là de’n Iuchar, 1930, a rinn an Lochmór a ciad thurus gu Innse Gall. Taca ris an t-seann Phlover bha i mar lùchairt air sàl; agus ’s i a dh’fhaodadh, oir bha i ùr nodha, agus uidhimichte leis gach nì a chuireadh ri sàbhailteachd is ri comhfhurtachd. Air a drochaid bha Donnchadh Robastanach as an Elean Sgiathanach—sgiobair air am bheil cuimhne agus meas fhathast anns gach ceàrnaidh de’n Cheann a Tuath, ged a tha nise naoi bliadhna bhon a leig e dheth an Lochmór, agus ochd bhon a chaochail e.
Tha sgiobairean Mhic a’ Bhruthainn ainmeil co-dhiùbh mar dhaoine agus mar mharaichean, agus cha leigear a leas an còrr a ràdha an so mu Dhonnchadh Robastanach oir is e cuspair sgeòil a tha ann dheth fhéin. Chan eil am fear a lean e ceum air deireadh air—Dòmhnall MacLeòid a Caragraich sna Hearadh, a bha ’na mheit air a’ bhàta bho 1930.
[Dealbh]
Am meit
B’ann an seirbhis Mhic a’ Bhruthainn a’chaidh Dòmhnall Màiri gu muir an toiseach—ann an 1912. Bha e ’na làimh air an t-seann Mhountaineer gus an do thòisich a’ chiad Chogadh Mór, ach, an uair sin, chaidh e null thairis ann an seirbhis an Rìgh. Anns a’ Mhuir Mheadhon-Thìreach fhuair e fhéin agus an criutha anns an robh e droch ludradh bho shubmarine Ghearmailtich, ach fhuair iad cuideachd urram a chur orra an uair a chuir iad fodha i leis an aon ghunna bheag a bh’aca! An deidh a chogaidh, bha MacLeòid greis a’ seòladh a dh’Eirinn, agus bha e ann am Baile
[Dealbh]
Dòmhnall Dòmhnallach a Idrigil an Leódhus, an sàs anns an einsean.
Ath Cliath an oidhche a chaidh na Ceithir Cùirtean a spreadhadh ann an 1922.
Sia bliadhna an deidh a’ chogaidh, thill e gu Mac a’ Bhruthainn mar mheit air a’ Mhountaineer, agus, riamh bhon uair sin, tha e air a bhith còmhla ris a’ chompanaidh — mar mheit air an Lochmór, mar sgiobair far am biodh feum air fad a’ chogaidh, agus, mu dheireadh an so, mar sgiobair an Lochmór fhéin. Duine calma air a bheil meas aig criutha ’s aig luchd-siubhail.
Ceart mar a bha MacLeòid air deas làimh an Robastanaich fad bhliadhnachan, tha Dòmhnall Iòsaph MacFhionghuin air a bhith ri gualainn MhicLeòid, agus latha de na làithean, ’s dòcha gur e a leanas e air an drochaid. Agus dé bu choltaiche. Ma bha duine riamh làn de dhualchasan sgiobairean Mhic a’ Bhruthainn, tha an Iòsag dhiubh sin — aoidheil, bàigheil, calma, agus cho earbsach ’s a tha an Cuan Sgìth domhainn.
[Dealbh]
Eddie Wilson a Hileapul an Tiridhe—fear de na stiùbhartan.
Is e Barrach a tha ann an Dòmhnall Iòsaph—mac do Ruaraidh Iain Bhàin nach maireann—agus tha e ainmeil airson sheann òran. An uair nach eil e air an drochaid, lorgar shios ’na sheòmar beag fhéin e, cuartaichte le leabhraichean anns am bi e a’ sgrìobhadh gach duan is luinneag a chluinneas e. Is ann bhuaithe a fhuair sinn “Sporan Dhòmhnaill” agus “Bùth Dhomhnaill ’Ic Leòid” —òrain Dhomhnaill Ruaidh a chlò-bhuail sinn ann an Gairm bho chionn ghoirid.
Ged nach eil riaghailt
ann, agus ged nach gabh e deanamh daonnan, tha muinntir Mhic a’ Bhruthainn a’ fiachainn ri an cuid chriuthachan a tharruing as na h-àiteachan air am bi am bàtaichean a’ tadhal.
Ach, an còmhnaidh, tha feadhainn as gach oisinn de Alba ’gan lorg fhéin air an Lochmór. Seallaibh air Eddie Wilson—an treas stiùbhart. Air a Ghàidhlig, chuireadh sibh as Earra-Ghaidheal e, agus, ann an dòigh, bhiodh sibh ceart. Ach is ann an Glaschu a rugadh Eddie. B’esan fear de’n chloinn a chuireadh air oideas do Thiriodha ri linn a’ chogaidh, agus b’ann an sin a thainig e gu ìre agus a thog e a Ghàidhlig. Ged a dh’aidicheas e gur ann an Glaschu a rugadh e, is ann air Hileapul a dh’ainmicheas e e fhéin.
Litrichean, clòthan, càraichean, cearcan, laoigh. Chan eil dad fo’n ghréin nach eil an Lochmór a’ giùlan bho eilean gu eilean agus air ais ’s air adhart thar a’ Chuain Sgìth.
Mar a tha màileid a’ phuist, tha i ’na teachdaire faochaidh is dóruinn, bròin is sòlais.
Ach buinidh i fhéin agus a criutha do bheatha nan eileanan, agus tha ceudan a theid latha ’n deidh latha “a choinneimh na Lochmór” ged nach eil dùil aca ri duine leatha.
Cha bhi i uabhasach fada tuilleadh air an t-slighe. Tha fios aig muinntir Mhic a’ Bhruthainn mar thà air an dearbh bhliadhna san cuirear bàta ùr ’na h-àite, agus, an uair sin, ’s dòcha gun téid i, mar a chaidh an t-seann Loch Ness, a shiubhal cuantan céin fo ghréin as teotha na grian nan eilean.
[Dealbh]
A’ feitheamh chàirdean air cidhe Scalpaidh
title | An Lochmór |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Fionnlagh I. MacDhòmhnaill in Gairm 18 %p |
parent text | Gairm 18 |