[124]

Duais Airson Sgeulachd Ghoirid

Nuair a gheall sinn duais ( £10 10/ -) airson sgeulachd ghoirid anns an nòs ùr, cha robh dùil againn gun gearaineadh am posta air luchd nan litrichean, ach thainig grunnan beag sgeulachdan thugainn, is tha sinn atoirt taing dhaibhsan uile a thug an oidhirp. Tha sinn aclo-bhualadh an so an sgeul a choisinn an duais, is acur meal-a- naidheachd air an Urr. Cailean MacCoinnich, Hearach a tha an diughna mhinistear an Kilwinning. Tha dòchas againn gun toir sinn am follais, ri tìde, no dhà de na sgeulachdan eile a fhuair sinn.

Is dòcha gu bheil sgrìobhadairean ann nach eil ro chinnteach tha dhìth oirnn nuair a tha sinn ag iarraidh sgeulachd anns an nòs ùr. Tha iomadach seòrsa sgeulachd ann, ach tha dhìth oirnn an dara cuid sgeulachd anns am bi an gnìomhadh(plot)foirfe (neo astrì ri bhith foirfe! ), air neo sgeulachd anns a bheil duine, ann an suidheachadh àraidh, air a chur fo ghloine-amhairc an ùghdair mar gum beadh, gus sealladh a thoirt dhuinn air mar a tha a inntinn, neo a chridhe, ag obair anns an t-suidheachadh sin. Agus rud eile, tha sinn buailteach air fàs sgìth den rud a chaidh a dhèanamh uair is uair mar thà ann an Gàidhlig. Chan ann idir adeanamh tàir air aGhàidhlig a tha sinn ann a bhith ag iarraidh leudachadh fàire dhi anns gach dòigh, agus leanaidh Gairm air, afàilligeadh an dàrna h-uair is abuannachd uair eile, acur ri crìochan litreachas na Gàidhlige.

titleDuais Airson Sgeulachd Ghoirid
internal date1956.0
display date1956
publication date1956
level
reference template

Gairm 18 %p

parent textGairm 18
<< please select a word
<< please select a page