Tiodhlaic Nollaig
Le DOMHNULL GRAND
LATHA Nollaig air tighinn mu dheireadh is Padruig Beag mu chomhair an dìomhaireachd mhóir. Cha robh fhios aige ro mhath air a’ mhadainn so co-dhiùbh a bu chòir dha a bhith sona no tùrsach.
Ged nach robh Pàdruig ach na naoi bliadhna seachad bha seòrsa de fhaireachadh aige gum b’ e bròn a bha ceart is daoine ’ga fhaicinn. A leithid sin dhaoine air ais ’s air adhart chan fhaca e riamh roimhe. Bu chòir dha a bhith tùrsach gun teagamh is ise a bha coibhneil ris ’na laighe sa’ chadal bhuan. B’ e sin a dh’ iarradh Iseabail, piuthar a mhàthar, air co-dhiùbh, agus bu shuarach an rud e ged a leanadh e a seòl-se aig a leithid de àm.
Chan e gu robh e gu math sam bith snuadh a’ bhròin a bhith air d’ aghaidh ma bha aighear ’nad chridhe. An robh e a’ toirt a chreidsinn air fhéin gu robh e duilich? Cha robh. Bha e ’ga h-ionndrain gun teagamh, ’s ann dhà a thigeadh. Gu dearbh nan cumadh e air an rian sin cha b’ fhada gus am bitheadh e fhéin a’ caoineadh cho math ri piuthar-a- mhàthar.
Cha robh e a’ dol a chaoineadh. Cha b’ e mulad idir a thainig an uachdar oir b’ e an sealladh mu dheireadh a fhuair e dhith sealladh ciùin sona, fiamh air a h-aodann nach fhaca e bho chionn seachdainean fhad ’s a bha i air a léireadh le euslaint.
Cha b’ e so a’ chiad turus a thainig am bàs gu math dlùth do Phàdruig. Bha fìor-chuimhne aige nuair a chaill e a’ chiad mhàthair a bh’ aige, ged nach robh e buileach trì bliadhna nuair a thachair e. B’ e sud an aois a thuirt iad ris fada an deidh sud.
Cha robh a’ chiad mhàthair ach bochd mar a bha móran timcheall oirre an sràidean caola a’ bhaile-mhóir. Bha an sòlasan fhéin aig gach teaghlach a dh’ aindeoin sin agus iad a’ deanamh an dìchill gu bhith cho adhartach ris na daoine m’an timcheall.
Ged nach robh cuimhne réidh aig Pàdruig air mar a thachair ’na chiad dhachaidh chan eil teagamh nach d’ fhàgadh claisean ’na inntinn nach rachadh a lìonadh gu sìorruidh. Ciamar a thachair aig àm na Nollaig is gun e fhathasd trì bliadhna a dh’ aois? Bha na giobaill eile a’ faotainn rudeigin bho phàrantan no luchd-dàimh, agus bha Pàdruig cho dàna ’s gun dubhairt e sin ri a mhàthair. Mar nach bitheadh a’ bhochdainn dona gu leòir, thainig an tinneas ’na car. An robh e ’ga mhealladh fhéin, no an do gheall e dhi fhad ’s a bha i ’ga aithneachadh, gun toireadh esan tiodhlaic Nollaig dhi cho luath ’s a choisneadh e airgead air a shon fhéin?
Ma gheall cha do sheas e dearbhadh. Dh’ fhuasgail am bàs e bho choimhlionadh a’ gheallaidh mun gann a ruith a’ bliadhna gu ceann.
Cha robh sin ach saoghal eile. Thugadh Pàdruig air falbh as a’ bhaile mhór agus fhuair e dachaidh ùr. Ghabh Màiri Banntrach Alasdair cùram dheth, agus ged nach robh i dad na bu shaidhbhire an gnothaichean an t-saoghail na bha an te a dh’ fhalbh chan eil teagamh nach robh i saidhbhir an dòighean eile.
Thug muinntir na Glaic Uaine an aire cho piollach truagh ’s a bha Pàdruig nuair a thàinig e. Is gann a chumadh an deise ùr a bh’ air, làidir tiugh ’s gu robh i, am falach an gainne feòla air a bhodhaig. Thuirt iad riutha fhéin gum b’ e an t-àgh a chuir an rathad e, agus gu h-àraidh an rathad Banntrach Alasdair. Bha fhios aca nach bitheadh móran air fhàgail aig ceann na seachdain dhe na tasdain a bha i a’ faotainn o’n Stàit airson Pàdruig a chumail.
Cha robh Pàdruig mì-thaingeil. Cha b’ ann le briathran a nochd e a thaingealachd, ach le aghaidh aoidheil agus ceum aotrom. Cha robh an còrr a dhìth air Màiri Banntrach Alasdair. Chaidh Pàdruig do’n sgoil agus lean soirbheachadh ris an sin mar an ceudna.
Cha robh a’ chlann eile mì-choibhneil ris, oir cha b’ e so a’ chiad dhìlleachdan a chunnaic iad a’ tighinn do’n Ghlaic Uaine. Bha balach an sud ’s an so, agus corra chaileag cuideachd, a’ tréigsinn seann eòlaich agus a’ cumail astigh air a’ choigreach. Rinn cuid spliachd dha na bloighean Beurla a bh’ aca agus moit orra gum b’urrainn daibh bruidheann ri Pàdruig ’na chànain fhéin. Chan e gu leigeadh iad a leas sin, oir bha Pàdruig ag ionnsachadh na Gàidhlig na bu luaithe na bha iadsan ag ionnsachadh na Beurla.
“Tha balach tapaidh an sud agaibh”, arsa am maighstir-sgoile ri Màiri Banntrach Alasdair aon latha Sàbaid is iad a’ tighinn dhachaidh as an eaglais, “na bith càit an d’ fhuair sibh e”. “Tha e sin,” fhreagair Màiri, “cha deanadh mac na b’ fheàrr”.
Cha d’ fholaich Màiri bhuaipe fhéin no bho Phàdraig sgeul nam bliadhnachan bho thoiseach. Is minig a bha iad a’ còmhradh air a’ mhàthair a chaill e. Theagamh gun do dhaingnicheadh am meas air a’ chéile anns an dòigh sin na bu treasa na ghabhta dèanamh air dòigh sam bith eile.
Dh’ fhàs na sgoilearan eòlach air Pàdruig; bha e mar aon dhiùbh fhéin. Cha robh an latha buileach leis, oir dhùisg ’fhileantachd farmad an àite no dhà. B’ e Calum Mac-an-aba am prìomh-sgoilear mun tainig Pàdruig; b’ fheudar dha a nise an inbhe ud a leigeil bhuaithe. An rud nach deanadh Calum astigh anns an sgoil, dh’ fhiach e ri a dheanamh air an raon-chluiche. Cha do dhearmad e cothrom Pàdruig a chur air a dhruim-dìreach anns gach gleachd a bhitheadh ann.
Bha so na b’ fhurasda do Chalum na bu chòir dha bhith, oir cha robh nàdur a’ ghearain am Pàdruig. Cha mhotha a bha Màiri comasach air a chòir a sheasamh. Bha i strì ris a’ chroit moch is anamoch agus nach b’e sin, a réir mar a thuirt na nàbaidhean, a thug an gaiseadh innte mu dheireadh. Cha robh Màiri idir gu math.
Cha do chùm an lighiche ainmeil fada i. Thuirt e rithe tilleadh dhachaidh agus gach cùis a réiteachadh eadar i fhéin ’s a teaghlach.
[Sanas]
Cha robh sin ach a’ chomhairle a bha aige, smaointich Màiri, gach duine anns an t-suidheachadh so, gun fhoighneach dé an teaghlach a bh’ ann no an robh teaghlach idir ann.
Bha Iseabail, piuthar Màiri, aig an tigh ’na h-àite agus gu fortanach, ma bha sgial air fortan, bha i comasach agus deònach fuireach còmhla ri Màiri. Bha Màiri aoidheil ris na h-uile. Shaoileadh tu gum bu mhath leatha a dhearbhadh nach robh i a’ cur a’ choire airson a cor air duine beò. Bha an latha a’ giorrachadh. Mar a lughdaich an solus anns an speur, dh’ fhalbh an solus a sùilean Màiri beag is beag. Bha fhios aig Iseabail agus aig na coimhearsnaich nach maireadh i fada.
Bha Pàdruig a’ mothachadh gu robh a mhàthair glé thinn. Ma thuig e dé a bha anns a’ bhàs cha do ghabh e air e. B’ e rud a bh’ ann a bha tachairt do fheadhainn eile.
Bha an Nollaig dlùth agus othail am measg nan sgoilearan fa chomhair a’ chuiridh bhliadhnail a bha a’ feitheamh orra gu tigh na baintighearna aig ceann shuas an loch. Bha Pàdruig còrr is naoi bliadhna a nise agus air teachd gu’n inbhe a leigeadh leis a dhol gu’n chuirm airson na ciad uair. Neo-air-thaing sgeul dhà-san agus do’n fheadhainn òg eile bho na sgoilearan móra a bha thall ’s a chunnaic mu’n ghreadhnachas a bha rompa.
Cha chuireadh nì, eadhon tinneas a mhàthar, an cruinneachadh so a smaointean Phàdruig. Thainig an latha roimh Nollaig agus thuirt Màiri ri Iseabail tràth dhe’n latha, “Bi cinnteach a nise gun teid Pàdruig gu’n treut a nochd”. Cha duirt Màiri móran an déidh sud.
Bha cuirm na Nollaig cho math ’s a bha an t-ainm. Bha Pàdruig cho cinnteach ’s a b’ urrainn aon de aois a bhith nach fhac e a leithid riamh agus nach robh e an comas duine nì na b’ fheàrr a shealltainn dha gu bràth tuilleadh. Thainig Bodach na Nollaig agus shìn e do Phàdruig poca shaoiteas agus neapaicinn pòcaid. Bha na h-uile riaraichte agus thàinig deireadh na cuirme. Chruinnich còmhlan beag na Glaic Uaine agus ghabh iad an ceum dhachaidh.
Sìos an rathad còmhla ri Pàdruig bha Calum Mac-an-aba agus dithis no triùir eile. Bha cagnadh gu leòir air rudan milis ach thug Calum an aire nach do bhlais Pàdruig air a chuid fhéin.
“Dé tha thu a’ dol a dhèanamh leis na saoiteas?” arsa Calum ri Pàdruig. “Tha mi a’ dol ’gan toirt dhachaidh gu mo mhàthair”, fhreagair Pàdruig. “ ’S tù nach eil”, arsa Calum, is càch a’ stad a dh’ éisdeachd, “chan e do mhàthair a th’ innte co-dhiùbh. Tha fhios againne glé mhath cia as a thàinig thu”. “Tha mi coma”, arsa Pàdruig, a’ deanamh greim na bu daingeann air na bha ’na dhòrn, “tha mi a’ dol gan toirt dhachaidh co-dhiùbh”. Mhothaich am fear eile le mì-thlachd nach robh Pàdruig air a leòn cho mór ’s a bha dùil aige.
Thòisich Calum a rithisd. “Cha toir thu dhachaidh iad. Thoir aonan dhòmhsa”. Leis a sin spìon e am poca a làmhan Phàdruig agus sud na saoiteas sgapte air an làr mu’n timcheall. Dh’ fhàg Pàdruig Calum a’ cruinneachadh nan saoiteas agus thug e ris na buinn. Bha an neapaicinn aige fhathasd.
Bha dithist dhe na coimhearsnaich astigh còmhla ri Iseabail. Bha e furasda gu leòir do Phàdruig coiseachd gu fiataich agus bruidheann air a shocair mar a bha iadsan a’ deanamh. Nach b’ e sin an cleas a bh’ aige a nise bho chionn sheachdainean.
“Dé th’ agad an sin?” arsa Iseabail. Sheall Pàdruig dhi an neapaicinn-pòcaid agus thuirt e, “ ’S ann dha mo mhàthair a tha e”. Chaidh e fhéin is Iseabail asteach do’n t-seòmar gu socair. Bha Màiri ’na sìneadh ’s a sùilean dùinte. Cha duirt aon seach aon guth. Chuir Pàdruig an neapaicinn fo na meòirean os cionn an aodaich agus chaidh iad amach air ais.
Bha Pàdruig air a chois tràth an là-ar-na-mhàireach. Bha barrachd na b’ àbhaist air ais ’s air adhart, na h-uile gu stòlda, ged nach robh feum air stòldachd an diugh. Bha Màiri far nach cuireadh stroighlich an t-saoghail dragh oirre tuilleadh.
Thug Iseabail Pàdruig asteach ’ga faicinn. Shaoil leis gum fac e fiamh air a h-aodann nach fhac e riamh roimhe, agus bha an neapaicinn paisgte ’na làimh dheis. Dh’ innis Iseabail gun d’ rinn Mairi seòrsa de dhùsgadh feadh na h-oidhche. Sheall Iseabail an neapaicinn dhi agus thuirt i, “So agad tiodhlaic Nollaig bho Phàdruig”. Thainig an aoidh sin air a h-aodann agus dhùin i a sùilean airson an uair mu dheireadh.
Bha Iseabail a’ caoineadh. “Chan eil so ach Nollaig thruagh dhutsa, a Phàdruig a luaidh”, arsa ise. Cha duirt Pàdruig guth ach b’ e an sòlas, agus cha b’ e am bròn, a fhuair làmh-an-uachdair ’na chridhe.
[Sanasan]
title | Tiodhlaic Nollaig |
internal date | 1956.0 |
display date | 1956 |
publication date | 1956 |
level | |
reference template | Dòmhnull Grannd in Gairm 18 %p |
parent text | Gairm 18 |