[368]

Lasairean na BliadhnUiranns aBhroch

le Ruairidh MacIlleathain

Anns achuid as motha de choimhearsnachdan na h-Albann chan eil aBhliadhnUr mar a bha i idir. Do mo leithid fhèin, a tha measail air seann nòsan, tha i a-nis an ìre mhath mar a tha an Nollaig - rudeigin sgìtheil, aleantainn dòighean nàiseanta seach cleachdaidhean ionadail tradiseanta. Chan eil brìgh innte mar a bàbhaist. Ach gu fortanach, tha àite neo dhà ann fhathast far a bheil an sluagh acumail gu daingeann ri dòighean an sinnsirean. ’S e fear dhiubh am Broch(Burghead)air oirthir Siorrachd Mhoireibh.

Ged a chomharraicheas muinntir aBhroch Bliadhna Ur aMhìosachain, mar a tha daoine air feadh na dùthcha, aig deireadh an Dùbhlachd/toiseach an Fhaoillich, tha iad cuideachd acur fàilte air abhliadhna ùr, mar a bàbhaist, air an aonamh latha deug dhen Fhaoilleach. Achs e an dòigh a thaca a thana annas mòr; bidh iad atogail is agiùlan teine air an guailnean air feadh abhaile, adèanamh solas ann an dorchadas meadhon agheamhraidh. ’S e sin oidhche achlèibhidh agus bha mi fortanachs gun dfhuair mi cothrom a dhol ann am bliadhna.

S e a thann anns achlèibhidh leth-bharaille a thair a chur suas air pòla is a thair a lìonadh le teàrr is maidean bho bharaille-sgadain. Tha sgioba de dhfhireannaich ann a fear a h-uile bliadhna air an latha mus tèid a losgadh, fo stiùireadh fhir a thair a chomharrachadh mar rìgh achlèibhidh. Aleantainn seann dòighean, tha an tarrag mhòr a chumas an cabar ris abharaille air a bhualadh ann le cloich an àite òrd, is tha teine air a chur ris le fad-mònach. Tha na ceudan dhaoine an làthair, sean is òg, alìonadh an t-sràid aig sia uairean feasgar, agus iad ag èigheachd is adèanamh gàirdeachas nuair a leumas na lasairean ás achlèibhidh airson achiad turais.

Tha fàileadh an teine asgapadh fad is farsaing, alìonadh cuinneanan a tha ceud slat neo barrachd air falbh bhon



[369]

chlèibhidh. Agus ged nach tig cuid de sheann daoine abhaile a-mach air oidhche fhuair, thig iad gu an dorsan is an uinneagan airson urram a thoirt do luchd achlèibhidh fhads a tha iad adèanamh slighe tro na sràidean. Tha sùilean nan gillean òga a tha càirdeach do bhuill an sgioba adeàrrsadh le tlachd is moit, agus iad acoimhead air adhart don latha a thig iad fhèin gu ìre, nuair a thogas iad fhèin an clèibhidh. Tha clann-nighean is boireannaich ann cuideachd; ’s iad as motha a bhios ag èigheachd, ged nach eil ach fireannaich anns an sgioba a tha atogail is agiùlan achlèibhidh. Chan eil teagamh nach eil an oidhche seo uabhasach cudthromach do bheatha na coimhearsnachd. Dhinnis rìgh achlèibhidh, Dan Ralph, dhomh gu bheil i acurnan cuimhne gur eBrochersa thannta. (Tha am facal sin fhèin anns aBheurla àraidh acana chomharra gu robh Gàidhlig air a bruidhinn anns abhaile o shean).

Chan eil fios aig duine cho sean mar chleachdadhs a tha losgadh bliadhnail achlèibhidh. Tha cuid acumail a-mach gu bheil ceangail aige ris na Lochlannaich a bha anns aBhroch airson greis, ach tha e nas buailtiche a bhithna fhèis Cheiltich a chaidh a chur air chois ri linn nan Cruithneach pàganach. Tha fios againn gu robh na Cruithnich anns aBhroch - bha fear dhe na dùin a bu mhotha is a bu chudthromaiche aca air an rubha far a bheil am baile an-diugh. Gu -fhortanach chaidh milleadh mòr a dhèanamh air na bhair fhàgail dhen dùn aig toiseach an naoidheamh linn deug nuair a bhathar atogail baile aBhroch ás ùr.


[Dealbh]
1. Alosgadh achlèibhidh



[370]

Cho fad air ais ri 1666 tha leabhraichean na h-Eaglaise ag innse dhuinn gu robh triùir de sgiobairean-iasgaich abhaile afaighinn peanas airson a bhith an sàs ann an losgadh achlèibhidh. Ann an 1689, chaidh aithris a dhèanamh air dithis aig an robh clèibhidh is a bha abeannachadh am bàtaicheana-rèir seann nòs pàganach”. Dhfheuch muinntir na h-Eaglaise ri stad a chur air a leithid ach, anns aBhroch co-dhiù, dhfhàilnich orra. Ma dhfhaodte gu robh iad na bu shoirbheachaile ann an àiteachan eile far an robhar alosgadh achlèibhidh aig àm na BliadhnUire; tha a h-uile coltas ann gu robh an cleachdadh ann air feadh bailtean iasgaich Siorrachd Mhoireibh. Fiùs air falbh bhon chladach, ann an 1704 bha an Eaglais astrì an aghaidh losgadh achlèibhidh ann an sgìre Inbhir Athfhinn(Inveravon)far an robh na tuathanaich abeannachadh an cuid chruidh is arbhair le teine anns an aon dòighs a bha na h-iasgairean abeannachadh an cuid bhàtaichean.

Tha aithris eile ann an 1869 ag innse dhuinn gu robh luchd achlèibhidh anns aBhroch air sgur a dhol a-measg nan eathraichean-iasgaich leis an teine, atilgeil sìl anns gach aca mar a rinn iad grùnn bhliadhnaichean roimhe sin, air sgàths gu robh e màirnealach. Bha iad acoiseachd air feadh sràidean abhaile gun a bhith adol don chala - dìreach mar a tha iad an-diugh. Chan ann slaodach a tha iad acoiseachd, ge-; gu h-àraidh ma tha gaoth làidir ann, feumaidh iad dèanamh cinnteach gum mair an clèibhidhs nach loisg e cus mus ruig iad an ceann-uidhe air ncoc ris an canarDoorie Hill, a bha mar phàirt de bhàbhainean an dùin. Leis cho troms a tha e, bidh duine ga ghiùlan airson eadar mu cheud is cheud slat (le dithis eile ga chuideachadh) mus tog cuideigin eile e. Anns an t-seann aimsir, bhathar adèanamh dheth nan leigeadh duine leis tuiteam gu làr, gun tigeadh droch-fhortan air abhaile is, nas miosa na sin, nach ruigeadh an neach ceann na bliadhna beò!

Ach, a-rèir muinntir aBhroch, tha sealbh an lùib aghnothaich cuideachd, gu h-àraidh dhaibhsan a gheibh maide leth-loisgte a-mach ás achlèibhidh. Is gu dearbh, chunnaic mi iomadh neach atighinn chun achlèibhidh le miotagan-dìon orra airson maide a thogail ás is a thoirt air falbh don taigh aca. Tha an sgioba acur tuilleadh mhaidean ann fhads a tha iad acuairteachadh abhaile gus am faigh a h-uile duine a mhiannaicheas a leithid pìos dha fhèin. Dhinnis gille òg dhomh gu bheil iad gan cumail slàn fad na bliadhna gus nach tadhail droch-fhortan air an dachaighean.

Chan eil achùis ás aonais cunnairt, le lasairean is teàrr teth atighinn a-mach ás air an fheadhainn tha agiùlan achlèibhidh.



[371]

Chanainn gu bheil muinntir an latha-an-diugh nas faiceallaiche na bha iad anns an naoidheamh linn deug, nuair a bha teàrr goileach, a-rèir aithris ann am pàipear-naidheachd, asruthadh sìos drium an fhir-ghiùlain! Ach a dhandeoin sin, chaidh fear a losgadh am bliadhna mu chluas agus bfheudar do dhotair sùil a thoirt air. Tha sgioba na Crois-Deirg anns abhaile airson na h-oidhche, ged a chumas iad a-mach á sealladh; anns an dearbh dhòigh tha an luchd-smàlaidh ri làimh cuideachd.

Tha deasbad air a bhith ann airson greis mhòir, ged nach eil fuasgladh anns an amharc idir, a thaobh an fhacailclèibhidh” (clavieanns aBheurla). Bha sgoilear ainmeil na Gàidhlig, Iain Og Ile, dhen bheachd gur ann ácliabha thàinig e (agus am baraille rudeigin coltach ri cliabh), ach chanainn fhèin gur e as buailtich a bhith ceart gun dàinig e bhoclivvie, facal a bhaig muinntir Siorrachd Bhanbh o shean agus a bha aciallachadh maide a bhair a sgoltadh airson leus-luachrach a ghiùlan. Ann an leabhraichean na h-Eaglaise anns an ochdamh linn deug, bhathar ag aithris airlighted Clevies or torchesmar nach robh diofar cudthromach ann eadar clèibhidh agus leus.


[Dealbh]
2. Sgioba achlèibhidh adortadh teàrr anns achlèibhidh aig toiseach gnothaich



[372]

An dèidh mu uair a thìde, tha an clèibhidh aruigsinnDoorie Hill (a-rithist chan eil fios aig duine gu tha an t-ainm aciallachadh) agus tha an sgioba ga chur ann an carraig anns a bheil toll a tha freagarrach airson aphòla. Tha canastaran làn theàrr air mullach achnuic mar tha, agus cuiridh an sgioba ás don chlèibhidh aig acheann thall le bhith atilgeil teàrr air, le suas ri mhìle neach acoimhead is ag èigheachd. Abair thusa teas is solas brèagha! Tha e furasda tuigsinn carson nach robh a leithid ceadaichte aig àm achogaidh nuair a bhathar afeuchainn ri bailtean Bhreatainn a chumail cho dorchs a burrainn.

Aig acheann thall, tha an sgioba abriseadh achlèibhidh, agus e fhathast alosgadh, agus afalbh gu taighean faisg air làimh airsonachiad chasa chur thairis air na stairsnich. (Tha daoine eile afalbh do na taighean-òsda airson biadh is deoch is dannsaidhean is cèilidhean) Bha boireannach ag innse dhomh gu robh an taigh as fhaisge airDoorie Hillair amhargaidh o chionn ghoirid, ach gun deach cùmhnant a chur air an reic gun cuireadh an luchd-seilbh ùra failte chridheil (is dramana lùib) air sgioba achlèibhidh ás dèidh an loisgidh. Tha sinna dhearbhadh air cho dealasachs a tha muinntir aBhroch air an t-seann chleachdadh aca.

Chaidh a ràdh ann an 1892 gu robh losgadh achlèibhidh anns aBhroch asìoladh ás, ach gu fortanach còrr is ceud bliadhna ás dèidh sin tha e cho làidirs a bha e a-riamh. Coma leam trì cheud mìle neach air Sràid aPhrionnsa ann an Dun Eideann Oidhche Challainn, agus iad atoirt a chreidsinn gu bheil iad adèanamh rudeiginAlbannach”. Chunnaic mi mar bu chòir aBhliadhna Ur a bhith anns a h-uile coimhearsnachd ann an Albainn nuair a bha mi anns aBhroch air an aonamh latha deug dhen Fhaoilleach. Mo bheannachd air muinntirbailachlèibhidhair fad!

titleLasairean na Bliadhn’ Ur anns a’ Bhroch
internal date1997.0
display date1997
publication date1997
level
reference template

Ruairidh MacIlleathain in Gairm 180 %p

parent textGairm 180
<< please select a word
<< please select a page