[308]

SEACHDAIN THRANG ANN AM BEATHA MINISTEIR

le Ruairidh MacLeòid

(Tha mise ag obairnam mhinistear ann an Cum Lodain, Taobh Loch Fìn agus Loch Geàrr, sgìr sgapte a tha suidhichte eadar Inbhir Aora agus Cean Loch Gilb. Tha ceithir bailtean anns apharraiste seo: an Fhùirneis, far a bheil cuairidh ainmeil a chaidh fhosgladh ann an 1841; Mionaird agus Loch Geàrr, far an robh iomadh iasgair afuireach na bu tràithe anns an linn seo; agus Port Anna, baile beag a thog Coimisean na Coille. Nuair a thàinig mi don sgìr ann an 1985, bha Alasdair MacLeòid, nach maireann, ás an Eilean Sgitheanach, a bhana fhìor sheanchaidh, ’na eildear agam. Dhinnis esan dhomh gu robh seann bhaile Phort Anna na bfhaisge air achladach, agus gun dfhuair e an t-ainm a chionn gu robh air an robh Anna NicEalair agus a bràthair ag aiseag dhaoine tarsaing an loch. Bidh cuid asmaoineachadh nach eil mòran atachairt anns na sgìrean sàmhach ann an Earra Ghàidheal. Ach an seo tha iomradh air seachdain riaslach anns aGhiblean 1997, a tha adearbhadh gur iomadh car a dhfhaodas tighinn ann am beatha ministear-sgìre an taobh a-staigh de sheachdain. Agus is iomadh duine inntinneach agus annasach ris an coinnich e an cois na h-obrach!)

Diluain. An dèidh trì seirbheisean a bhith agam na Sàbaid, is toigh leam rud-eigin socair a bhith agam Diluain. Ach cha bhi e an còmhnaidh comasach sin fhaighinn. Bfheudar dhomh an Fhùirneis fhàgail an-diugh ro naodh uairean anns amhadainn agus maghaidh a chur air baile mòr Dhùn Eideann. Disathairne tha seirbheis-phòsadh ann an Dùn Eideann anns am bi mi agabhail compàirt. Mar a bhios mi anns abhitheantas adèanamh, chaidh mi leis achàr gu Baile an Loch - mu leth-cheud mìle air falbh, air rathad Loch Laomainn. Ghabh mi trèana ás an sin gu ruige Glaschu agus tèile gu Dùn Eideann. ’S e dòigh shocair a tha an seo air siubhal, seach a bhith adol fad na slighe le càr agus na rathaidean cho trang. Agus air an trèana theid agad air fois a



[309]

gabhail agus leabhar no pàipear-naidheachd a leughadh. Air an trèana leugh mi aithisgean a sgrìobh Tormod à Ceann Loch Gilb a bhios freagarrach airson na duilleig Ghàidhlig anns aphàipear ùr, West Highland Star. A-measg nan sgrìobhaidhean tha dàn àlainn a chuir Tormod ri chèile mar chuimhneachan air Coinneach MacRath á Ceann Loch Gilb, sgoilear, fear-ciùil, fear-iomain, agus deagh charaid.

Choisich mi á Stèisean Margadh an Fheòir ann an Dùn Eideann gu taigh Bill, am ministear Easbaigeach a bhios air ceann na seirbheis Disathairne. Air an t-slighe chaidh mi seachad air an eaglais aige, Eaglais Mhàrtainn far am bi an t-adhradh. Bha i uaireiginna h-Eaglais Bhaistich - agus aig aon àm bha i aig na Coitheanalaich! Tha a h-uile coltas ann gu bheil seachdain caran ecumeniceach gu bhith romham. Tha postair aig Bill ann an uinneig an taighe amoladh aPhàrtaidh Uaine. Tha beachdan làidir aig Bill mu dhìon na h-àrainneachd - agus air fèin-riaghladh do dhAlba cuideachd, oir air an leabhar- bha an sin gu follaiseach sanas le suaicheantas Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba. Ghabh sinn grèim bìdh ann an taigh Bill còmhla ris achàraid a bhios apòsadh Disathairne. Buinidh Ailean, fear na bainnse, do Bheàrnaraigh na Hearadh far an robh mi naodh bliadhna deugnam mhinistear. Cha robh mi air fhaicinn bho chionn iomadach bliadhna, agus bha mi glè thoilichte nuair a thàinig fios bhuaithe gun dùil sam bith ris a dhfhaighneachd an cuidichinn Bill le seirbheis aphòsaidh. Chuir sinn cuairt air an eaglais, agus chuir sinn air dòigh mar a bhios an t-seirbheis.

Chuir mi còrr is sia uairean an uaireadair seachad an-diugh air an rathad no ann an trèana.


Dimàirt. Seo an a bhios mi acur cuairt air na h-ospadail ann an Ceann Loch Gilb. Thadhail mi an toiseach air madainn-chofaidh a bhios buidheann dhìcheallach de luchd-cuideachaidh acumail a h-uile seachdain anns an Ionad eireachdail a chaidh a thogail do dhaoine air a bheil MS. Tha barrachd afulang le MS anns achoimhearsnachd seo na gheibhear anns an fharsaingeachd ann am Breatann. Anns na h-eileanan againn fhèin cuideachd tha MS nas cumanta na tha i ann an ceàrnaidhean eile den rìoghachd. Tha iomadh goireas feumail anns an Ionad ùr seo.

Anns an ospadal mhòr chunnaic mi Iain a chleachd a bhithna mhinistear ann an Ceann Loch Gilb. Ged nach eil e ach trì fichead bfheudar dha uallach coitheanail a leigeil dheth nuair a thàinig stròc air barrachd air aon turas. Bho dhfhàg e a mhinistrealachd tha e ceangailte ris achoitheanal againne. Tha e air a bhith glè



[310]

mheadhanach bho thàinig cuairt air aig tiodhlacadh ann an Grianaig, ach tha e atighinn air adhart ged a tha inntinn fhathast troimh-a- chèile.

Ann an dachaigh nan seann daoine choinnich mi ri Seumas, fear á Uibhist a tha air bliadhnachan mòra a chur seachad ann an Caradal. Bidh cothrom agam an còmhnaidh aGhàidhlig a chleachdadh nuair a bhios mi acur cuairt air na h-ospadail. Is mòr an toileachadh a seann daoine nuair a chluinneas iad cainnt na h-òige. Anns na h-ospadail ann an Ceann Loch Gilp agus anns an Oban tha mi air coinneachadh ri luchd-Gàidhlig á Uibhist, á Leòdhas, á Muile, ás aMhorbhairne, agus á iomadh ceàrn eile den Ghàidhealtachd. Tha mac Sheumais air ainm a chosnadh dha fhèin le bhith ag ionnsachadh chon-chaorach. ’S e call mòr a tha ann nach eil barrachd mhinistearan ann an Earra Ghàidheal aig a bheil Gàidhlig a bhruidhneas ri daoine anns na h-ospadail agus ann an dachaighean nan seann daoinenan cànan fhèin.

Feasgar Dimàirt bidh Còisir Bheag Taobh Loch Fìn atighinn cruinn ann an Talla na Fùirneis, agus bidh mi fhèin atoirt Gàidhlig dhaibh. Bidh iad afiachainn aig Mòd Ionadail an Obain anns an Og-mhìos, agus aig aMhòd Nàiseanta ann an Inbhir Nis anns an Dàmhair. Bha na caileagan agus na gillean ann an deagh fhonn a-nochd. Bidh iad afaighinn beagan Gàidhlig anns an sgoil, ach tha iad ag ionndrain Dhòmhnaill Iain a bha acur cuairt air bun-sgoiltean Earra Ghàidheal. Tha sinn an dòchas gun tig cuideiginna àite oir tha ùidh mhòr aig na sgoilearan - agus aig mòran de na pàrantan anns achànan. Bidh achlann fhathast adèanamh nan cleasan Gàidhlig a theagaisg Dòmhnall Iain dhaibh.

Diceudaoin. Thuig mi nach robh saor gu bhith agam airson ullachadh fa chomhair nan seirbheisean a bhios atighinn orm deireadh na seachdaine ach an-diugh fhèin. Mar sin cha do ghluais mi on dachaigh fad an - ach a-mhàin a dhiarraidh an phàipeir, anScotsmanagus pàipear an Obain. ( ’S eHeraldGhlaschu a bhios achuid mhòr aleughadh ann am Meadhan Earra Ghàidheal. Achs fheàrr leam fhèin pàipear Dhùn Eideann, a thòisich mi aceannach nuair a bha minam oileanach. Tha measgachadh math ann de naidheachdan agus sgrìobhaidhean eile, tha na litrichean inntinneach - agus tha aithisg Ghàidhlig aca a h-uile Dihaoine.) Bidh mòran mhinistearan adèanamh ullachadh na Sàbaid Disathairne. Bha ministear anns na h-eileanan anns an t-seann aimsir a bhiodh apàigheadh gille airson na caoraich a chumail air falbh on mhansa feasgar Disathairne air eagal gun cuireadh iad dragh air agus e dripeil anns an t-seòmar-



[311]

leughaidh. Ach chuir mise romham bho chionn grunn bhliadhnachan a-nis ullachadh na Sàbaid a bhith agam dèante Dihaoine. Chan eil fios na dleasdanasan eile a thig am bàrr gun dùil riu nuair a thig Disathairne, agus tha e nas fheàrr an searmon a bhith ullaichte tràth air an t-seachdain. Leugh mi mu mhinistear Gàidhealach anns an ochdamh linn deug agus bhiodh e an-fhoiseil agus -shuaimhneach mur biodh ullachadh na Sàbaid dèante aige ro chiaradh an fheasgair Dihaoine.


Diardaoin. A-nochd bha mi air ceann na seirbheis-ullachaidh anns an Eaglais Shaoir ann an Ceann Loch Gilb. Bha mi glè thoilichte an cuireadh fhaighinn. Tha co-chomann agus còrdadh eadar na h-eaglaisean ann am Meadhon Earra Ghàidheal nach lorgar tric ann an àiteachan eile ann an Alba. Tha seo atachairt gu nàdarra gun duine a bhith ga phutadh. Ghabh mi biadh ann am mansa na h-Eaglaise Saoire ron t-seirbheis. Buinidh Iain, ministear na h-Eaglaise do dhAstràilia, agus tha e fhèin agus a bhean air dithis bhalach a thogail. ’S e teaghlach gasda a tha annta.

Tha an Eaglais Shaor air crìonadh ann am Meadhon Earra Ghàidheal seach mar a bha i uaireigin. Bha ministear ann an Taigh aBhealaich - coitheanal Chille Mhàrtainn agus Chnapadal a Tuath - gu 1972, agus ann an 1976 dhfhalbh am ministear mu dheireadh a bha aig an Eaglais Shaoir ann am Mionaird. Aig àm aChiad Chogaidh bha an gaisgeach spioradail sin, t-Urr. Coinneach MacRath - a bha an dèidh sin bliadhnachan mòra ann an Steòrnabhagh - ’na mhinistear ann an Ceann Loch Gilb. ’Na -san ann an Ceann Loch Gilb bhiodh còrr is leth-cheud aige anns aGhàidhlig agus còrr math is ceud aig an sheirbheis Bheurla air an t-Sàbaid. Chan eil seirbheisean Gàidhlig aig an Eaglais Shaoir ann an Ceann Loch Gilb a-nis, ach bhruidhinn grunnan den luchd-adhraidh rium ann an Gàidhlig agus mi abreith air làimh orra aig crìch na seirbheis-ullachaidh a-nochd.

Chan eil ministear suidhichte aig an Eaglais Shaoir ann am Mionaird no ann an Taigh aBhealaich. (Bidh Iain acumail seirbheis ann an Mionaird gach Sàbaid.) Aig aon àm bhuineadh achuid mhòr de mhuinntir Mhionaird don Eaglais Shaoir agus bhiodh an taigh-adhraidh làn agus acur thairis air an t-Sàbaid. An-diugh chan eil aca ach grunnan beag. Nuair a chaidh an t-iasgach sìos air Loch Fìn, chaidh àireamh an t-sluaigh sìos cuideachd. Na daoine a thàinig a dhfhuireach don bhaile, cha be Gàidheil a bha annta, agus cha buineadh iad don Eaglais Shaoir. Bha buaidh aig seo air aGhàidhlig cuideachd. Dhinnis Calum Mac aPhiocair á Loch Geàrr dhomh turas nach cluinneadh esan



[312]

facal Beurla ga bruidheann ann am Mionaird nuair a bhiodh e atadhal ann is ena bhalach còrr is ceithir fichead bliadhna air ais. An-diughs e annas a tha ann Gàidhlig a chluinntinn anns na bailtean air Loch Fìn - co-dhiù aig muinntir an àite. An fheadhainn aig a bheil Gàidhlig, agus tha deagh chuid dhiubh ann, is ann á Uibhist no Ile no ás an Eilean Sgitheanach a tha amhòr-chuid dhiubh.

Chòrd an t-seirbheis rium anns an Eaglais Shaoir. Bha òrdugh na seirbheis cho coltach ris an adhradh a bhiodh agam ann am Beàrnaraigh aig toiseach mo mhinistrealachd, le sailm gan seinn agus cuideigin atogail an fhuinn. Bha an coitheanal coibhneil càirdeil.


Dihaoine. An-diugh bha mi air ceann seirbheis anns achrematorium air Bruaich Chluaidh far an robh coitheanal mòr air tighinn cruinn gu bhith afàgail slàn aig Aonghas còir a chaochail gu h-obann anns an Fhùirneis na Sàbaid. Bha Aonghasna dhuine tàlantach, ged nach deach cùisean cho math leis anns na bliadhnachan mu dheireadh. Tha na mic fhathast ag obair anns aghnìomhachas a chuir Aonghas agus fear-gnothaich eile air bhonn. Aig an t-seirbheis leugh mi iomradh a sgrìobh an teaghlach - Brian, Dùbhghlas agus Alyson - mu na cuimhneachain a bha aca air an athair agus iad ag èirigh suas còmhla. ’S e iomradh glè dhrùidhteach a bha ann.

Fhuair mi chun na seirbheis aig achrematorium còmhla ri mo nàbaidhean, Rob agus Beitidh. An dèidh na seirbheis thug iadsan a-steach mi na bfhaisge air meadhon Ghlaschu far an robh Fionnlagh gam fheitheamh le càr ùr a bha mi atoirt air ais leam chun na Fùirneis.

Air an oidhche an dèidh dhomh tighinn dhachaigh fhuair mi an naidheachd dhuilich mu bhàs Iain ann an Inbhir Aora. Bhuineadh e do thaobh an ear Siorrachd Rois, ach bha e air bliadhnachan mòra a chur seachad ann an Earra Ghàidheal. Tha trì mìosan air an bho dheug a bhean. A-rèir coltais cha burrainn do dhIain a bhith beò ás a h-aonais. A chionn gu bheil Brian, ministear Inbhir Aora, fhathast fo chùram an dotair an dèidh a bhith anns an ospadal, bidh agamsa ri seirbheis an tìodhlacaidh a chuartachadh. Cha bhi fios cuin a bhios an t-adhlacadh ann gus an tèid rannsachadh a dhèanamh.


Disathairne. Rinn mi moch-eirigh an-diugh agus seirbheis aphòsaidh atòiseachadh ann an Dùn Eideann aig aon uair deug. Ràinig mi an eaglais agus ùine gu leòr agam. Bha Bill, am



[313]

ministear Easbaigeach, romham. Dhinnis e dhomh gu robh e fhèin agus a bhean aig pòsadh ann an Lus Diardaoin. Thug iad na bàidhsagalan leo air an trèan cho fada ri Baile an Loch, agus mharcaich iad air na bàidhsagalan ás an sin gu Lus. Achiad rud a chunnaic iad anns an eaglais, ’s e sanas mun t-seirbheis Ghàidhlig a-màireach ann am Baile Eilidh. Bidh Bill adèanamh deich mìle mìle air abhàidhsagal anns abhliadhna.

Nuair a ràinig fear na bainnse an eaglais bha seòrsa de chleòc dubh seann-fhasanta air agus claidheamh ri a thaobh. Bha bean-choimhealtachd ann a bha a cheart cho iongantach. Bha sia troighean de dhàirde innte, bha i air a còmhdach air fad ann an dubh, agus ad chruaidh dhubh air a ceann. Ged a bha aodach bean na bainnse anns an nòs ùr, cha robh i idir cho neo-àbhaisteach ri càch. Ach bha an t-seirbheis fhèin glè òrdail. Rinn mise ùrnaighean agus am beannachadh ann an Gàidhlig.

An dèidh na seirbheis choisich sinn uile chun an taigh-bhìdh agus pìobaire air an ceann. Bha bradan Loch Fìn air achlàr, agus bha e fìor bhlasda.

Bha mi airson tilleadh cho luath agus a burrainn agus agam ri tadhal ann an Inbhir Aora air an t-slighe dhachaigh. Bha mi greis ann an taigh Iain òig. Dhfhuiling e fhèin agus a bhean, Diane, buille chruaidh, nuair a chaochailathair. Ach tha iad ciallach stòlda le chèile air cho briste agus gu bheil iad.


Didòmhnaich Bha seirbheis agam an-diugh ann an Eaglais Chum Lodain anns an Fhùirneis aig leth-uair an dèidh deich agus ann am Mionaird aig meadhan-. Mar as trice tha trì seirbheisean agam, ach ghabh Tomaidh á sgìr Ghlasairigh an t-seirbheis dhomh ann an Loch Geàrr aig trì uairean. Rinn mise air Baile Eilidh agus seirbheis Ghàidhlig againn an sin aig leth-uair an dèidh trì ann an Eaglais Chaluim Chille. Cha robh fios cia mheud a thigeadh chun na seirbheis, ach bha còrr math is ceud gu leth a làthair. A chionn gu robh sinn cruinn ann an Eaglais Chaluim Chille agus gur i seo Bliadhna Chaluim Chille, ’s e ar dualchas spioradail air an robh sinn asmaoineachadh anns an t-seirbheis, anns na laoidhean agus anns na h-òraidean.

Chuir Fred, ministear achoitheanail, fàilte bhlàth oirnn ann am Beurla agus ann an Gàidhlig aig toiseach na seirbheis. Nuair a bha an t-adhradh seachad, thug e taing - ann am Beurla - do na ghabh compàirt anns an t-seirbheis. Feumaidh e a bhith gun do mhothaich e do na faclanMhgr. Seumas MacNèillair clàr na seirbheis, oir thug e taing donMhonsignorMacNèill. Thubhairt mi ri Maighistir Seumas gum bi e air a ràdh gum bi rud-eigin air chall



[314]

ann an eadar-theangachadh, ach gur ann a bhuannaich esan mòran!

Bha againn an dèidh na seirbheis agus bha mi acòmhradh ri mòran chàirdean nach faca mo bho chionn fada. ’Nam measg bha Niall - cha robh sinn air a chèile fhaicinn bho bha sinn ann an Sgoil Phort Rìgh fhichead bliadhna air ais.

Bidh mi air ceann an adhraidh aig trì seirbheisean Gàidhlig air amhìos seo. Air an t-Sàbaid a chaidh seachad bha an t-seirbheis mhìosail againn anns an sgìr agam fhèin, ann an Loch Geàrr. Bidh daoine atighinn thugainn, fileantaich agus luchd-ionnsachaidh, á iomadh sgìr eile, cho fada air falbh ri Ceann Loch Chille Chiarain no Dùn Omhainn.


Diluain Seachdain ùr eile, ach cha bhi an Diluain seo nas saor o uallach. Chuir sinn romhainn seirbheis-chuimhneachaidh a bhith againn airson Aonghais. Bha mòran chàirdean ann nach dfhuair cothrom a bhith aig an t-seirbheis air Bruaich Chluaidh Dihaoine a chionn gu robh iad ag obair no airson adhbhair eile. Thàinig còrr is ceud a-mach gu bhith afàgail soraidh slàn le Aonghas, a thogadh anns an Fhùirneis agus a fhuair bàsna aonar anns abhaile far an robh ena bhalach. Thàinig a bhràthair a bòige chun na seirbheis seo. Cha burrainn dha a bhith aig an t-seirbheis Dihaoine a chionn gu robh e thall anns an Spàinn.

Bidh e air a ràdh gum bu chòir do mhinistear a bhith aige anns an t-seachdain saor o obair sgìre. ’S e rùn math a tha sin, ach chan eil e cho furasda a choileanadh. Bha ministear ann uaireigin agus a h-uile Sàbaid anns achiad ùrnaigh bhiodh e atoirt taing airson na sìde. Amhadainn a bha siud bha nan seachd sian ann. Bha ena cheist air achoitheanal ciamar a burrainn don mhinistear moladh a dhèanamh air an aimsir an t-Sàbaid ud. Ach seo a thubhairt e anns an ùrnaigh, “Tha sinn atoirt taing dhut nach eil a h-uile mar a tha an an-diugh.” Tha mise taingeil nach eil a h-uile seachdain cho uallachail ris an t-seachdain a chaidh seachad. Ach fhuair mi cadal sùnndach Diluain, agus dhùisg mi Dimàirt air mùrachadh.

titleSeachdain thrang ann am beatha ministeir
internal date1997.0
display date1997
publication date1997
level
reference template

Ruairidh MacLeòid in Gairm 180 %p

parent textGairm 180
<< please select a word
<< please select a page