[107]

RAIBEART BURNS AGUS CLANN MHICLEOID
le Ruairidh MacLeòid

Cha chuireadh e iongnadh sam bith orm ged a bhiodh an luchd-leughaidh caran teagmhach mu thiotal a thug mi air an aithisg seo.

Tha e soilleir gu leòr gu robh ceangal aig prìomh-bhàrd na h-Alba ri treubh Gaidhealach eile, na Caimbeulaich. Thadhail e air fearann Mhic Cailein Mhòir nuair a bha e air chuairt anns acheann a tuath, ged nach do rinn e cus molaidh air an aoigheachd a fhuair e ann am baile Inbhir Aora. Ann an Earra Ghaidheal tha daoine moiteil gu robh fuil nan Caimbeulach aruith ann an cuislean Bhurns, mas fìor beul-aithris. Sgrìobh am bàrd briathran tiamhaidh tarraingeach mu Mhàiri Chaimbeul a bhuineadh do dhEarra Ghaidheal.

Ach am buntanas a tha aig bàrd á siorrachd Air ri cinneadh Gaidhealach a tha suidhichte glè fhada tuath air tìr-mòr na h-Alba, agus a-muigh air eileanan iomallach air nach do thadhail Raibeart Burns riamhna bheatha?

Bha nighean àlainn aig na Caimbeulaich a chuir cridhe abhàird fo dhraoidheachd. An robh boireannach bòidheach idir a-measg Chloinn MhicLeòid a tharraing aire Raibeirt Bhurns agus a ghluais e gu ceòl agus gu bàrdachd?

Ma leughas sinn na dàin aig Burns air fad, an fheadhainn a tha ainmeil, agus achuid nach eil cho iomraiteach no cho ealanta, chì sinn earrainnean leis an ainm, Raving Winds Around Her Blowing. ’S e fonn Gaidhealach a chuir am bàrd air an òran seomar a rinn e corra uair eileCumha MhicGriogair.

Seo mar a tha a tha an t-Urr. Ruairidh MacDhòmhnaill ag eadar-theangachadh nam faclan a tha anns achiad rann den òran seo:

Gaoth air bhoil tha uimpasèideadh,
Duilleach bhuidhair muin a chèile,
Aig an abhainn, cruaidh ag èigheach,
Iseabail thacaoidhs i deurach.



[108]

i an Iseabail a bha seo a bha cho brònach truagh? a dhfhàg i fo throm-mhulad aig an àm seo? Agus an ceangal a tha eadar an dàn seo agus Clann MhicLeòid?

Bha deichnear nighean aig Iain, an deicheamh ceann-cinnidh air Cloinn MhicLeòid Ratharsair. Bi Iseabail de na caileagan brèagha sin. Nuair a bha an sgoilear mòr, Somhairle MacIain, air chuairt anns an Eilean Sgitheanach ann an 1773, ghabhadh ris gu fialaidh coibhneil ann an taigh mòr Ratharsair. Chuir MacLeòid cuirm air chois, agus shuidh a dhà dheug thar fhichead cruinn mun bhòrd aig an suipear, Iseabailnam measg.

Tha e coltach gun do lean spiorad na h-aoighealachd ri teaghlach Ratharsair nuair a bhiodh iad afuireach air Ghalldachd. Bha taigh aig Cloinn MhicLeòid Ratharsair ann an Dùn Eideann, air Sràid Naoimh Eòin, agus bhiodh Raibeart Burns bho àm gu àm atadhal air an dachaigh fhialaidh sin, dìreach mar a bhiodh fàilte agus furan roimhe anns na taighean mòra eile a bha aig uaislean abhaile.

Bha Iseabail NicLeòid air barrachd air aon bhuille chruaidh fhulang anns na làithean sin, aguss e seo a ghluais Raibeart Burns gu bhith asgrìobhadh pìos bàrdachd airson cofhurtachd a thoirt dhi. Thubhairt Burns fhèin gum be an dàn seo a chuir e thuicean t-aon seòrsa airgid leis am pàigheadh bàrd a tha fo fhiachan do chuideigin a bha air coibhneas a nochdadh dha.” Thubhairt fear de sgoilearan Bhurns mun òran seo a chaidh sgrìobhadh do dhIseabail NicLeòid, “Chan eil an t-òran seo air fear den fheadhainn as fheàrr aig abhard, agus chan eil am fonn air a bheil e freagarrach a thaobh ruithim.” Ma-dhfhaoite gur e beachd caran cruaidh a tha sin.

Ann an 1787 bha Iseabail NicLeòid air tìodhlac a chur gu Raibeart Burns. Sgrìobh esan dàn goirid air an t-siathamh deug den Mhàrt airson a thaingealachd a chur an cèill gu follaiseach.

An seilean tairngear leis abhlàth,
S an gobhlan-gaoith aghrian:
A cheart cho caoin an tìodhlac ciùil,
Bho Isabella bhrèagh.

Chan eil fios againn aig an ìre seo antìodhlac ceòlmhora bha seo a fhuair e o nighinn Thriath Ratharsair a chòrd cho math ris abhàrd. Is dòcha gur e inneal-ciùil no leabhar-òran a bha ann.

Air abhliadhna sin cuideachd sgrìobh Burns òran eile do dhIseabail NicLeòid. Thàinig crìoch dhuilich air a bràthair, Iain, air an fhicheadamh den Iuchar 1787, agus bha am bàrd a



[109]

fiachainn ri cofhurtachd a thoirt dhi leis na faclan a sgrìobh e. Bha a h-athair, Iain Ratharsair, air bàsachadh dìreach bliadhna roimhe sin. ’S e ainm an dàin, On the Death of John McLeod, Esq.

A dhuilleag fhaoin, is bochd do sgeul,
Le rabhadh dubhach, ciar,
Am bàs do sgar a bràthair gaoil,
Bho Iseabail gu sìor.

Chan eil Gaidheil an -an-diugh eòlach air eachdraidh Iseabail NicLeòid agus air achàirdeas a bha aice ri Raibeart Burns. Ach tha cuimhne ann am beul-aithris air fear eile den teaghlach, an t-Urr. Calum MacLeòid, bràthair a h-athar, a bhana mhinistear ann an Eaglais na h-Alba. Bha esanna mhinistear ann an Snìosort eadar 1788 agus 1832. Bha mac Chaluim na biomraitiche buileach a-measg nan GàidhealMaighistir Ruairidh a bha ann an Snìosort agus a-rithist ann am Bràcadal. Bha ministearan foghainteach eileleithid Dhòmhnaill Iain Mhàrtainn a bha ann an Steòrnabhaghcàirdeach don teaghlach seo.

Phòs Iseabail NicLeòid, an a fhuair moladh cho mòr o Raibeart Burns, oifigeach airm, am Màidsear Tòmas Ros. Ach lean am -fhortan a chuartaich a beatha aig an àm a chuir am bàrd eòlas oirre rithe anns na bliadhnachan an dèidh dhi pòsadh. Bha i thall thairis còmhla ri a fear-pòsda nuair a fhuair esan bàs an dèidh a bhith air a leòn ann an cath. Aig an àm sin bha dithis de theaghlach air a bhith aca, Iain, a chaochailna leanabh, agus Ealasaid Sìne. An dèidh bàs Thòmais chuir Iseabail, a bha trom aig an àm, a h-aghaidh air an t-Seann Dùthaich. Air an t-slighe dhachaigh a Bhreatann rugadh nighean eile do dhIseabail, air an tugadh Iseabail Ròsainm a màthar. Gu -shealbhach fhuair Iseabail NicLeòid, banntrach Thòmais Rois, bàs anns an leabaidh-shiùbhla, agus chaidh a tìodhlacadh aig muir. Choinnich Triath Ratharsair am bàta nuair a ràinig i Breatann agus cha robh roimhe ach sealladh brònach. Cha robh air fhàgail ach na dilleachdain. Thug esan leis dhachaigh iad gu ruige Ratharsair far an deachaidh an togail, agus chaidh iad don sgoil ann an Dùn Eideann.

Phòs Ealasaid Sìne, nighean Iseabail NicLeòid agus Thòmais Rois, a chaill a pàrantan agus i cho òg, dealbhadair air an robh Sir Teàrlach DOyly. Bha isena bana-bhàrd, agus cluinnear na h-òrain Ghàidhlig aice fhathast. Nuair a bhios còisirean an-diugh gu faramach aseinn Thàinig an Gille Dubh, chan eil for aca air acheangal a bha aig màthair na a sgrìobh an t-òran ri Raibeart Burns!



[110]

Thàinig an gille dubhn-raoir don bhaile seo,
S trom mo cheum on thrèig mo leannan mi,
Thàinig an gille dubhn-raoir don bhaile seo.

Co aig a tha fios nach do sgrìobh a màthair, gun fhios do chàch, òran Gàidhlig donghille dhubhá siorrachd Air a bhiodh a·tadhal oirre ann an Dùn Eideann!

Chaochail aBhan-tighearna DOyly ann an 1875, agus cha do dhfhàg i sliochd ás a dèidh. Chuir a piuthar, Iseabail Ròs, a rugadh nuair a chaochail a màthair, cuid mhath de a beatha seachad ann an India. Phòs ise an Seanalair Sir Bhàltair Gilbert. Tha an sliochd a thàinig a-nuas on phòsadh sin fhathast beò ann am Breatainn agus thall ann an New Zealand.

Ach cha do chuir sinn crìoch fhathast air acho-cheangal a bha eadar Raibeart Burns agus Clann MhicLeòid. Ann an 1792 chaidh buidheann a stèidheachadh air an tugadh an t-ainm Comann Càirdean aPhobaill. ’S e a bha fainear don chomann ùr seo oidhirp a dhèanamh airson gum biodh barrachd dhaoine afaighinn cothroim Buill-Phàrlamaid a thaghadh. ’Na bhall ann am meur Ghlaschu den chomann bha Tormod, Triath Dhùn Bheagain, a bha aig an àm sinna Bhall-Pàrlamaid airson siorrachd Inbhir Nis. Ann an dàn air an tug e an tiotal, Here ’s a Health to Them thats Awa’, tha Burns amoladh ceannardan achomainn, MacLeòid an Eilein Sgitheanaich air fear dhiubh.

Deoch-slàinte na muinntir thair falbh,
Deoch-slàinte na muinntir thair falbh,
Deoch-slàinte MhicLeòid as luachmhoir nan t-òr,
Ged thogadh em beanntan tha garbh!
Do ar càirdean gach taobh den aChaol,
S ar càirdean gach taobh den an Tuaidh,
Is esan a bhrathadh ar còir ann an Alb’,
Na itheadh eh-aran gu buan!

titleRaibeart Burns agus Clann MhicLeoid
internal date1998.0
display date1998
publication date1998
level
reference template

Ruairidh MacLeòid in Gairm 182 %p

parent textGairm 182
<< please select a word
<< please select a page