[229]

ACOIMHEAD AIR AIS
le Catrìona NicNèill

Tha mi an seo gu blàth, seasgairnam shuidhe ri taobh teine, gun luath, gun smùid is nach eil agam ach car a thionndadh ann an cnap beag air an taobh aige airson an teas a chur suas no sìos mar as miannach leam. Nach mise chunnaic an latha!

Bha uair eile ann nuair nach rachadh agam air cupa fhaighinn samhadainn gus an cuirinn an teine mònaa bha air a smàladh bhon oidhche roimhe le luath a chur thairis air na h-èibhlean, gus an cumail acnàmh-losgadhdol a-rithist, le fòidean mòna ás ùr nuair a ghlanainn air falbh a luath. Chuirinn an sin an coire, le uisge ann a chaidh a tharraing ás an tobar, air an t-slabhraidh os cionn an teine, agus mun goileadh e bha mi uile deiseil airson mo chupa .

Ach mu faighinn amhòine airson an teine, sachiad àite dhfheumte dhol suasna bheinn air astar fada gus a gearradh, a faighinn tioram agus a tarraing dhachaigh.

Nuair a bhiodh obair an Earraich deiseil is a sìol san talamh is ann a bhiodh-te tòiseachadh air amhòine a ghearradh. Bha na seann daoine math air taghadh an àite far an robh deagh mhòine: be sin àite bha còinneachail, oir is e achòinneacha bha dol sìos anns an talamh fad mhìltean bliadhna agus afosaileadha bha dèanamh na mòna.

Rachadh sgrathan den rùsg a ghearradh an toiseach airson am poll-mòna a dhèanamh, is a sin bha achiad shreath de dhfhòidean gan gearradh. Mar bu doimhne bhatar adol sìos sapholl is ann bu duibhes a bfheàrr a bha amhòine gus a ruigte ancaorana bha cho dubh is cho cruaidh is ann bu choltaiche e ri gual nuair bhiodh e tioram.

Mar a bhiodh-te ga gearradh bha amhòine ri a sgaoileadh air a cnoc thioram mun cuairt air apholl gu a tiormachadh, agus bha sin adol air adhart latha ás dèidh latha gus am biodh cuid na bliadhna air a ghearradh. Chan e idir aon pholl a bhiodh ri obrachadh airson sin a dhèanamh.



[230]

Mar a bha achiad chuid den mhòine atiormachadh bhiodh-te acur beagan dhe na fòidean an tacsa a chèile (rùdhanan) ’s an taobh a bha ris an làr ga chur ris an taobh a-mach airsons gu rachadh aghaoth troimpe. Chuirte fàd air uachdar gach tòrr beag is dhfhàgte iad atiormachadh saghrèin (gu dòchasach) gus am biodh iad buileach tioram. An sin bha cruach mhòr ga dhèanamh aig gach poll, gu cùramach, diongalta airsons gu seasadh i suas ris gach sìde a thigeadh. Bha na sgrathan a ghearradh an toiseach, ’s a bha nis tioram, feumail a-nis airson sin.

Bha i nis deiseil gus a tarraing chun an taighe, uidh air n-uidh. Cha robh pònaidh againn ri mlinn-sa (ged a bha roimhe sin) agus is e sinn fhìn a bha ga tarraing. Is iomadh poca beag a tharraing mise air mo dhruim nuair a bha mi glè òg.

Ach is e toileachadh mòr a bhann dhuinne, nar cloinn, a bhith aig amhòineshuas gu fada a-measg chreagan àrda, far an robh Mac Talla atilleadh ar guthan air ais, agus sinn uile chinnteach gu robh sìthichean afuireach annta.

An àite dol dhachaigh airson ar dinneir bhapicnicagainn a bha fada na bfheàrr, nar beachd, na biadh sam bith a gheibheamaid a-staigh, is rachadh sinn a chluich mun cuairt fads a bhiodh càch aleigeil an anail.

Nuair a bha mi san sgoil bha sinn afaighinn leasan airNature Studymar a theirte ris agus bha ùidh mhòr agam anns gach lus a bha fàs air achroit againn fhìn. Bhiodh mo sheanmhair ag ionnsachadh dhuinn mu lusan a bha feumail gu leighis cuideachd, is chuireadh i a bhuain seòrsachan lusan sinn a ghoileadh i suas airson leighis. Bha i fuathasach math dhuinn air gach dòigh agus bha eòlas mòr aice. Is i a dhionnsaich dhomh còcaireachd, fighe agus càrdadh is snìomh oir bha mo mhàthair daonnan aig obair a-muigh. Tha achuibhle-shnìomh aice a-nis agam fhìn agus tha mi glè mhoiteil aisde. Is iomadh snìomh a rinn mi leatha aig àm achogaidh isna dhèidh, ’s tha i nis agam an seo rim thaobh is gach neach a thig a-staigh agabhail annas dhi.

Bhiodh mo sheanmhair ag innse sgeulachdan dhuinn cuideachd, gach oidhche roimh àm cadail, is shealladh i dhuinn na deilbh a bha san teine a-measg nan èibhlean (chan eil gin dhiubh san teine ùr agam). Dhinnis i dhuinn gu robh creutair neònach, ris an cante aChorra Chagailte, acòmhnaidh anns an teine a-measg nan èibhlean, is air cho teths gum bitheadh iad cha ghabhadh e losgadh. Mur a priobadh tu do shùil idir ma dhfhaoite gu faiceadh tu sealladh goirid dhiths i leum mun cuairt ann a lasair an teine.



[231]

Bha creutair eile, mar ainm a Nighean Chlach Urlair, acòmhnaidh fo leac an teinntean is bhiodh fios aice mu rud sam bith a dhèanamaid ceàrr is dhinnseadh i e dhar pàrantan. Cha do chuir sinn riamh teagamh innte is bhiodh sinn gu math cùramach nach doireamaid adhbhar dhi coire fhaighinn dhuinn.

Anns aMhàrt Earraich bhiodh sgagaidhean beaga atighinn air na casan rùisgte againn leis aghaoith fhuar – ’s e na màirteanan a chante riuthaagus nuair a bhiodh na casan gan nighe roimh àm cadail bhiodh cràdh annta a bha geur, ach dhfheumadh sinn fhulag air neo thigeadh Gille nan Corc le a sgianan beaga biorach is stopadh e iad nar casan is bhiodh iad na bu mhiosa buileach. Rachadh na casan a nighe gu luath an sin nuair a mhaoidhte Gille nan Corc oirnn.

Bidh mi smaointinn cho soineanntas a bha sinn aig an àm seach mar a tha clann an latha-an-diugh. acasan a chreideadh gu robh nighean afuireach fon chagailte? Dhfheumadh iad a faicinn air a son fhèin ach cha do smaointich sinne riamh air ceistean a chur. Cha robh brosnachadh sam bith ga thoirt dhuinn airson ceistean a chur co-dhiù. Bha againn ri èisdeachd ris na bha nas sine na sinn fhìn.

Bha co-chomann aig na seann daoine ri Nàdur agus eòlas math air gnothaichean a bha fàs san talamh, agus feamainn na mara a bha blasda mar bhiadh. Is iomadh duileasg a dhith sinne, nar cloinn, nuair rachamaid chun na tràghad a chluich air aghainmhich, agus is i bha math dhuinn. Cha robh feum air an duileasg a bhruich idir ach bha seòrsa eile feamainn ann a bhiodh-te atiormachadh mun cuirte gu feum i, agus an sin dhèantepuddingbainne àlainn air, le siùcar is liomaid no faoineag gus blas mar bu mhiannach thoirt air. Is ecarraigeanan t-ainm a thair an fheamainn-sa agus tha e doirbh a chreidsinn gun tionndaidheadh e mach cho tlachdmhor air dhath an uachdair. Thatar an-diugh ga reic (gu daor) anns aBhùth Slàinte an seo agus is mi rinn an toileachadh ri fhaicinn.

Rachadh aig na seann mharaichean air màirnealachadh na sìde na bfheàrr nan roimh-aithris a gheibh sinn gach latha air an telebhisean a-nis. Shealladh iad anns na speuran is chitheadh iad gu n t-sìde a bha ri teachd. Dhfheumadh iad sin ionnsachadh oir cha robh neach sam bith acasan a thinnseadh dhaibh nam biodh droch shìde atighinn, is bha am beatha an crochadh air.

Tha e ann an nàdur mhic an duine a bhith feuchainn ri gnothaichean a dhèanamh nas fheàrrs nas fheàrr, gach ginealach afàs nas ionnsaichte nan aon roimhe. Anns an linn seo fhèin rinneadh adhartachd mhòr ann an eòlas leighis agus teicneolas.



[232]

idir a chreideadh, nuair bha mise òg, gu rachadh daoine don ghealaich no gu rachadh ath-chur a dhèanamh air pàirtean den cholainn, atoirt fad saoghail a bharrachd do dhaoine nach robh dòchas leighis idir aca. Nach e an fheadhainn a rinn sin comasach a bairidh air cliù fhaighinn?

Ach a-nis thatar asmaointinn air sìnteag a ghabhail a tha ro dhàna buileach, saoilidh mi. Tha aon acur roimhe gun gabh e os làimh pearsa a chruthachadh leclònadhmar a chaidh aca air a dhèanamh air caora. Càite bheil e dol a stad?

Nach bochd gu bheil galairean grànnda ùr ag èirigh anns an t-saoghal a-nis cuideachd is nach dfhuaras leigheas dhaibh fhathast. Saoil a bheil cumhachdan Nàduir asealltainn nach fhaod Mac an Duine làmh an uachdair fhaighinn. Be mòr-thubaisd a bhiodh ann nam faigheadh!

titleA’ Coimhead air ais
internal date1998.0
display date1998
publication date1998
level
reference template

Catrìona NicNèill in Gairm 183 %p

parent textGairm 183
<< please select a word
<< please select a page