TAIGHEAN-SOLUIS
le Iain Mac a’ Ghobhainn (Dun Eideann)
Riamh bho thòisich daoine seòladh na mara, agus is fhada bhon uairsin, chan eil cunntas air co-mheud briseadh-cridhe thachair tre ghàbhadh na fairge agus iomadach cunnart eile bha ’n cois a’ chaitheamh-beatha sin; bha soithichean a’ dol ás a’ rathad; seòldairean is cargu dha ’n call; teaghlaichean a’ feitheamh air tìr ri luchd-mara nach tilleadh gu bràth. Mar sin dheth bha e soilleir gu robh feum mhòr air dòighean fhaighinn a leasaicheadh an cunnart, no co-dhiù an cumail cho sàbhailt ’s a ghabhadh a bhith, fhad ’s a bhiodh iad a’ strì ris a’ mhuir, mar iasgairean & ;c. A bharrachd air stoirmean gaoithe agus beucadh fairge bha creagan agus sgeirean folaichte a’ feitheamh orra fad oir gach dùthaich air thalamh; air sgàth sin cho-dhùin iad gu math tràth gu robh droch fheum air dòigh-rabhaidh a leigeadh dhaibh seachnadh nan cunnartan, co-dhiù air feadh na h-oidhche agus le àm ceòthach. Troimh na linntean rinn feadhainn mòran dìcheall a’ cur air chois ìnnleachdan airson sàbhaladh maraichean ann an grèim cunnart na fairge: bàtaichean teasairginn; putaichean stiùraidh; trombaidean-ceòmhorachd; bàtaichean agus taighean-soluis. .. agus gach seòrsa uidheam a dh’ fheumtear maille ri sin. ..
Chaidh taighean-soluis a chur an àirde air sgeirean is goban thall ’s a-bhos gu fios a thoirt do luchd-mara càite robh iad air cuan; agus tha gu leòr eachdraidh mun deidhinn-san, le gach seòrsa“statistic”a dh’ iarradh duine sam bith. Chan eil, mar sin, mòran a chòrr ri aithris air na cuspairean sin an dràsda; ach bidh luchd-mara, agus muinntir a tha ’n crochadh orra, airson nach teid obair-sàbhalaidh na mara a dhì-chuimhneachadh; chan eil bliadhna dol seachad gun chall air muir, gu h-àraid bho fhuaireas ola fo ghrunn na mara timcheall air ar dùthaich fhèin; cha teid dì-chuimhne air na soithichean-ola mòra a chaidh ris na creagan eadar Sealtainn ’s a Chuimrigh ’s a leig tonnan ola fa sgaoil a’ gànrachadh nan cladaichean ’s eòin-mara.
’S iomadh sgeul a dh’ fhaodar a chur an cèill mu dheidhinn luchd-faire nan taighean-soluis, agus tha gu leòr aca air clàr mar tha; co-dhiù ’s iongantach mar e eachdraidh nan Eileanan Flannanach tè cho duilich ri gin aca: aig deireadh a’ bhliadhna 1900 chaidh triùir dhaoine chall bho na sgeirean sin. Nuair a chaidh a’ sgioba-cobhair a-mach á Breascleit, bha àite còmhnaidh nan triùir air fhàgail grinn ach mar gu robh iad air falbh a-mach ’nan cabhaig; cha robh lorg orra-san; cha robh fios dè thachair.
Bho ’n uair sin tha luchd-rannsachaidh den bheachd gur e làdach mòr uabhasach mara thàinig orra, ’s iad a’ feuchainn ri ròpan 7c a sgeadachadh aig a’ laimhrig bheag aca. Chan eil ach dha no trì bhliadhnachan bho bhàsaich boireannach ann an Dun-Eideann, da ’m ainm Ann Ducat, aig aois còrr is ceud. B’ i ise nighean fear de na fir-fhaire chaidh a chall – Iain Ducat. Bha cuimhne aice-se air an turas mu dheireadh a dh’ fhalbh e bhon dachaigh; leig e beannachd leatha fhèin agus le ’m màthair aig an doras ’s rinn e ás sìos chun a’ gheata; ann a sin thill e air ais ’s phòg e bhean a-rithist; chan fhacas tuilleadh e.
Fad air ais anns an t-sean aimsir bha, rèir aithris, Seachd Miorbhuillean anns an t-saoghal, agus b’ e aon de na seachd taigh-soluis mòr suidhichte mach á baile Alexandria anns an Eiphid. B’e “Pharos” an t-ainm a bh’ aca air anns a’ Ghreugais, agus ’s e sin ainm tè dhe na soithichean tha frithealadh nan taighean-soluis gus an latha ’n-diugh. B’ e tùr mòr àrd a bha sa’ Pharos le teine air a mhullach is fiodh mar chonnadh; chitheadh seòldairean an teine air feadh na h-oidhche, agus a’ cheò dheth troimh ’n a’ latha.
Chan eil sgath dheth air fhàgail an-diugh, ach bhon uair sin ’s iomadach ìnnleachd a chuir daoine air chois gus an solus a dhèanamh nas deàlraiche; agus gus am faicear e nas fhaide ás. Ach mas cuirear solus sam bith gu h-àrd, dh’ fheumte bunaitean daingeann a stèidheachadh air na sgeirean iargalta air an robh droch fheum a seachnadh; agus gu dearbha cha robh an obair sin fearasd an aghaidh stoirmean is tìde-mhara nach robh idir fàbharach. Co-dhiù, chaidh togalaichean àrda shuidheachadh air iomadach àite bha duilich ruighinn ach a bha sònraite cunnartach ri soithichean seòlaidh.
Mas robh leithid ann is dòigh-iùil air choreigin bhiodh iomadach soitheach-seòlaidh a’ dol ás a’ rathad air creagan, agus nuair a thachradh sin faisg air tìr, tha e coltach, a-rèir eachdraidh (nach eil ach truagh) gum biodh e mar chleachdadh aig feadhainn a bhi feitheamh riutha agus a’ gabhail cargu an t-soithich fo làimh dhaibh-fhèin. Tha e air aithris, eadhoin, gum biodh feadhainn a’ cur soluis-mheallaidh air tìr ann an àiteachan a bha ’n dearbh gheall gu ruitheadh an t-soitheach dìreach air creagan a’ chladaich a dh’ aon ghnothaich gu faighear grèim air a’ chargu. Aig an aon àm bha cùl-mhùtaireachd is spùinneadaireachd a’ dol air adhairt gu math cumanta, agus mar sin cha robh cinnt aig luchd-mara, nuair a chitheadh iad solus, an e math no olc a bh’ ann dhaibh-san. Air sgàth na bha sin bha feum anabarrach air soluis aithnichte a threòraicheadh luchd-mara, (co-dhiù an fheadhainn aca bha sàs ann am malairt dhligheach), sàbhailt gu cala.
Faodar co-dhùnadh gum biodh taighean-soluis (no seòrsa dhiubh) an sàs ann an iomadach àite air feadh an t-saoghail, ach ann an Alba (agus air an Eilean Mhanainneach), ’s e ’m buidheann aig am beil cùram nan gnothaichean sin an-diu, Bòrd Tuath nan Taighean-soluis, suidhichte ann an Dun-Eideann; chaidh a chur air bhonn anns a’ bhliadhna 1786; na buill aig am beil ùghdarras anns a’ bhuidheann sin: ’s e“Commissioners”a theirear riutha.
Roimh àm a’ Bhuird (NLB), bha sean taigh-soluis air Eilean Maidh ann an Caolas an Abhainn Dhuibh; b’ e seo an fhìor chiad “taigh-soluis” ann an Alba, rèir aithris; chaidh a thogail ann a 1636; bha teine guail dha chumail a’ dol air mullach tùr cloich agus bha cìsean ri ’m pàigheadh aig soithichean a bha a’ tighinn a-steach gu cala le fìon bhon a’ Fhraing 7c. B’ ann aig an fhear-faire bha ri eallach guail a tharraing an àirde gu mullach an tùir far an robh àite-teine; bha e fhèin ’s a theaghlach air an eilean fad na tìde agus cha robh mòran pàighidh aca dh’ aindeoin cho mì-thlachdmhor ’s a bha ’n obair.
Ach air ceann sreath chaidh taighean-soluis ùra thogail: tùran mòra, daingnichte ris a’ chreig, agus le uidheam làmpaichean/ sgàthanan/ gloineachan 7c, an àite teine guail no fiodh. A’ chiad fhear a thog am Bòrd Tuath, bha sin air Ceann-na-h- Airde faisg air Baile nam Frisealach, ann a 1787. Bhon uair sin chaidh mòran eile chur air bhonn: e.g. Creag na Glaig(Bell Rock); aig an àite sin b’ann air èigin a bha sgeir ris aig àm tràghaidh; agus còrr is deich troighean de dhoimhnead mara air uachdair aig àm lìonaidh; tuilleadh air sin bhiodh stoirm is fairge a’ bacadh saothair dhaoine a bha feuchainn ri bunaitean a chur a sàs.
Ann an iomradh sam bith mu thaighean-soluis na h-Alba, chan fheumar dì-chuimhne dhèanamh air an teaghlach Stevenson: b’ann an urras riutha-san, fo ùghdarras a’ Bhùird, a bha mòran den obair chlachaireachd co-cheangailte ri stèidheachadh bhunaitean air sgeirean agus togail nan tùraidean a bhàrr orra, agus cuideachd roinn mhath den uidheam-soluis fhèin. Tha ’n teaghlach sin gu lèir ainmeil ann an iomadach eachdraidh; cha leigear a leas a-rèisde ach facal no dhà a chur mu dheidhinn Robert Louis, fear a sgrìobh na leabhraichean ainmeil, e.g. “Kidnapped”. A-rèir beul-aithris, chuir e ri cheile a’ sgeulachd“Treasure Island”air dha sealladh fhaighinn air “Fidra”, eilean beag eile ann an Caolas an Abhainn Dhuibh, far am beil taigh-soluis suidhichte an-diugh.
Dh’ fhaodar taghadh beag ainmeachadh de na chuir am Bòrd an àirde: – Sgeir Mhòr, Dubh Artach, Ard-nam-Murchan, an Tiùmpan, Rudha Robhanais, an Carbh, na h-Eileanan Flanainneach, sgeirean a’ Chaoil Arcaich. .. Muckle Flugga.. .. 7c.
Tha gu leòr eile ann agus an eachdraidh fhèin co-cheangailte ris gach aon dhiubh; chuir am Bòrd còrr air 70 taighean-soluis mhòra an àirde timcheall air oirthir na h-Alba, agus a bharrachd air sin, iomadach put(buoy)is solus-beag(beacon); fhad ’s a bhitheas siubhal air muir bidh feum air a h-uile gin aca.
Bho chionn ghoirid chaidh sgioba nan taighean-soluis an cur an anabarr; cha robh feum orra tuilleadh; chaidh ìnnleachdan an latha ’n-diugh an cur an àite sgioba dhaoine; agus is e fìor chorr fhear dhiubh aig am beil bith-beò a-nis mar a chleachd iad.
’S e beatha aonranach, cumhang, a bh’ aig a’ mhòr-chuid de na luchd-faire aig an robh cùram nan taighean-soluis mar dhreuchd; bha uaireigin àireamh mhòr aca ann ach an-diugh chan eil air fhàgail ach glè bheag den àireamh sin; tha na taighean-soluis a-nis fo stiùireadh ìnnleachdan an latha ’n-diugh is mar sin chan eil feum air làimh-obair dhaoine; ach a-mhàin buidheann beag a dh’fheumas a dhol a shealltainn am beil cùisean a’ dol mar is còir.
A bharrachd air cumail an t-soluis a’ dol troimh ’n oidhche, bhiodh dreuchdan eile crochaichte air luchd-faire nan taighean-soluis; bha aca ri cùnntas a chumail air caochlaidhean an aimsir, e.g. gaoth/uisge/tàrnanaich/ceò 7c; bha leithid seo gan cur gu ’n “Mhet Oifis” airson a chraobh-sgaoileadh air feadh na dùthaich. Bhiodh cuideachd cur-seachad dhaibh-fhèin aig feadhainn a-rèir dè ghabhadh a dhèanamh far an robh iad: e.g. obair-làimh le fiodh etc; cumail sùil air eòin is soithichean a’ falbh ’s a’ tighinn; toirt fàs air lusan ann a’ leas.. .. nuair a bhiodh sneachd no ceò ann b’ e chiad char-obrach an lanntair a chumail glan.. .. agus dh’ fheumar biadh ullachadh an dràsda ’s a-rithist.. .. Co-dhiù, nuair a bhiodh triùir aca seachd sgìth a’ coimhead a chèile glaisd ann an àite beag cumhang, airson ùine mhòr, ’s maidhte grùnn sheachdainean air sreath, dh’ fheumadh iad cur-seachad air choreigin; no chailleadh iad rian.
Ach dh’ fhalbh “balaich an t-soluis” mar a dh’ fhalbh “balaich an iasgaich” uaireigin; dh’ èirich dòighean eile air na soluis a chumail a’ dol; mar sin dheth chaidh na fir bho sgaoil, ’s chan eil dùil a-nis gun till iad. Tha feadhainn ag ràdh gur mòr am beud, ’s nach bi ann tuilleadh sùilean dhaoine a’ cumail faire cho geur air ùpraid na mara, air oirthir ar dùthcha; chithear dè mar a bhitheas anns na bliadhnaichean tha romhainn: bidh feum air taighean-soluis co-dhiù; IN SALUTEM OMNIUM.
(Leabhraichean a chleachdadh anns an iomradh seo:
(1) Scotland ’s Edge (K. Allardyce/E. M. Hood)
(2) Scottish Lighthouses (R. W. Munro)
(3) Pharas (K. Sutton-Jones).
title | Taighean-soluis |
internal date | 1998.0 |
display date | 1998 |
publication date | 1998 |
level | |
reference template | Iain Mac a’ Ghobhainn in Gairm 185 %p |
parent text | Gairm 185 |