Eilean Phabaidh, Loch a Ròag
le Tormod Dòmhnullach
Tha làn-chuimhne agam fhathast gum biodh Aonghus Tharmoid Oig, ás a’ bhaile againn fhìn, ag innse dhomh, is mi ’na mo phàisde glè òg, gu robh càirdeas eadarainn tromh dhithis pheathraichean a rugadh ’s a thogadh ann an Eilean Phabaidh ann an Caolas an Iar Loch Ròag. Tha e coltach gun do phòs tè aca an Grasabhaig agus an t’èile an Giosladh. Le cuideachadh bho Uilleam Lawson ás a’ Bhaile a Tuath sna Hearadh fhuair mi dearbhadh air a sin bho chionn ghoirid ach ’s e a tha ann an sin ach sgeul eile.
Tha Eilean Phabaidh mar a thuirt mi sa’ Chaolas an Iar, mach bho chladach Uig mu choinneamh Bhaltos agus gu dearbha ’s e Eilean beag iomraideach a th’ ann ged a tha e nise bàn.
Tha e coltach gu robh seachd croitearan le ’n teaghlaichean air an Eilean aig aon àm agus tha làrach na seann eaglais fhathast am follais. Chan eil cinnt sam bith agam dè a chuir na daoine ás an Eilean – ’s maite gur e an gort – ach co-dhiù chaidh iad uile gu tir-mòr Uig, feadhainn a Bhaltos agus feadhainn a dh’ Eadar dà Fhadhail.
Fhuair Seumas Ruadh á Lìonsiadair còir air an Eilean ás dèidh sin ach mu dheireadh chaidh a thoirt air ais do chroitearan Bhaltois.
Mu dheireadh na naoidheamh linn deug agus toiseach na linne seo bha iasgach na lìon mhòra glè shoirbheachail agus a’ cumail beò-shlaint ri iomadach teaghlach ann an Uig agus an Eilean Bheàrnaraidh. Feumaidh e a bhith gu robh fathannan mu dheidhinn a sgaoileadh air feadh na dùthaich air fad agus ri linn sin thàinig grunnan iasgairean, le am mnaoithean, bho thaobh an ear na h-Albainn dha na h-Eileanan an Iar agus bha iad a’ comhnaidh ann an uamh air Eilean Phabaidh. Bha iad an dùil iasg, gu h-àraidh langannan agus truisg, a cheannach bho na h-eathraichean agus an dèidh an sailleadh agus an cruaidh-thiormachadh a reic ri luchd-malairt an Uig neo an Steòrnabhagh.
Bha taighean saillidh aig muinntir Bheàraraidh air iomadach Eilean agus a-rèir aithris bha ceithir aca an Caolas Liungam an Caolas Uig. Tarmod Aonghuis á Tòbason a bha ’na Chiùrair. Tha tobhta taigh-saillidh fhathast ri fhaicinn am Beàrnaraidh Bheag.
Bha aona rud sònraichte càirdeil anns na ciùrairean agus bhiodh iad a’ cur air leth beagan èisg airson nam bochd, na h-euslaintich, agus eile a bha feumail air cuideachadh. Gu dearbha cha robh an cleachdadh sin air dol á fasan air a bha mi fhìn òg am Briaclait. Gheibheadh banntraichean is eile annlan nuair a bhiodh an turas-mara sealbhach.
Nuair a thàinig na coigrich a dh’Eilean Phabaidh bha iad le chèile a’ fuireach ann an uamh. Gheàrr iad claisean ás a’ chreag le sgeilbean agus ’s ann an sin a bha iad a’ sailleadh an èisg. Bha àite gu leòr aca air creagan an Eilein gus a thiormachadh as a’ ghrian. Tha mi glè chinnteach gun cuala sibh iomadach uair gu bheil an tìde cho math grianach an Uig agus ann am Beàrnaraidh agus gun deidheadh aca air sin a dhèanamh gun pholla sam bith. Leis an fhìrinn innse tha làn chuimhne agamsa iasg saillt a bhith air a chrochadh a-muigh air slat gus a thiormachadh sa’ ghrèin. Aig an àm air a bheil mi a’ bruidhinn bhiodh coigrich Phabaidh a’ reic an iasg-saillt ri ceannaiche ann a Bhaltos ach bhiodh muinntir Bheàrnaraidh ga chur air bàta a Steòrnabhagh agus a-rèir aithris ’s ann ri ceannaiche do’m b’ainm MacAmhlaidh a bhiodh iad ga reic. Bhiodh esan, e fhèin a’ reic an iasg-saillt ri stàitean nam Baltaics. Chan eil cinnt sam bith agam a-nise co ás a bha e ach tha an t-ainm ’ga cheangail ri Uig neo ri Beàrnaraidh agus cuiridh sin pìos ris an t-seanchas co-dhiù. Chuir an cogadh mòr ás dhan a’ chleachdadh.
Bha mi air tìr an Eilean Phabaidh aon uair agus cha b’ ann an dè bha sin. Thadhail mi san uamh agus creid neo nach creid bha pìos lìon-mhòr le na dubhanan ann an cùil sa’ bhalla agus luath teine-mònach am meadhon an làir.
Tha tòb-ghiomach faisg air an uamh aig ceann a-staigh bàgh beag brèagha a thug tèarainteachd is fasgadh do iomadach bàt-iasgaich á Beàrnaraidh ri droch shìde. Cha d’fhuair mi mach a riamh cò a thog an tòb-ghiomach agus is iongnadh leam gu bheil duine beò an-diugh aig a bheil fios. Ach fhuair mi a-mach gu robh oifigeach-cuspain stèidhte am Pabaidh mun àm air a bheil mi a’ bruidhinn agus bhiodh esan a’ cumail sùil gheur air malairt dibhe is eile timcheall nan cladaichean. Carson nach do chuir iad fear air an drochaid ùr?
Tha e coltach gu robh an tòb-ghiomach aig fear Uisdean á Iarsiadair agus Iain MacNeachdainn a bha a’ fuireach air croit 23
Circabost. ’S ann acasan a bha feurachd na h-Eileanan Flannach mun àm sin cuideachd. Fhuair iomadach duine còir air na h-eileanan ás dèidh sin. Tha cuimhne agam air a bha mi sa’ sgoil am Briaclait a bhith a’ faicinn na caoraich a bha air an toirt ás na h-Eileanan agus ’s iad a bha mòr garbh. Bha aona rud annasach mu’n deidhinn. Cha robh ath-chlòimh idir orra; chan fhuilingeadh iad a’ chlòimh a chall am fuar-fionnarachd an Eilean Mhòr agus Eilean Tighe. Ach tha claonadh air a thighinn air mo sheanchas. Nì mi seanchas air na h-Eileanan Flannach uair eile.
Cha do rugadh duine am Pabaidh cho ainmeil ri Màiri Mhurchaidh Tharmoid a rinn fògarradh a Chanada ás dèidh dhi an t-eilean fhàgail. A-rèir eachdraidh bhuail an cianalas i cho trom dona agus gun do chaill i a fradharc – dochann a thug orra am far-ainm Màiri Dhall. ’S ise a rinn an t-òran breagha tiamhaidh “Och nan och tha mi fo mhulad, Dhòmhsa tha mo chòmhradh duilich” Co-dhiù mar a thuirt i fhèin as a’ chiad shreath den cheathramh mu dheireadh “Ach theid mise air ais a Leòdhas” thàinig gu bith bliadhnaichean mus do thòisich a’ chiad Cogadh Mòr. Chaochail i sa’ bhliadhna naoidh ceud fichead. Thainig i air ais gu a daoine is gu a dùthaich fhèin far an d’fhuair i càirdeas agus coibhneas. Tha e air aithris gur e balaich òg a’ bhaile a bha buain na mòine dhi agus bha a dachaigh ’na thaigh cèilidh dhaibh uile.
Thug mi iomradh mu thràth air eathraichean á Beàrnaraidh a bha sàs anns na lìnn mhòra aig an àm ud. Tha cuimhne agam clàr-ainm a bhàt’ -iasgaich aLOOKALIVE ,a bhith againn ann am Briaclait air a bha mi glè òg. Seo agaibh an sgiobadh a bha oirre aig an àm ud.
Tarmod Beag á Briaclait – a sgiobair.
Dòmhnull Ruadh, 13 Tòbason
Iain Aonghuis Fhearchair (m’athair) 13 Briaclait.
Tarmod Chaluim Ruaidh, 18 Circabost
Coinneach Chaluim, 9 Tàclait
Shonnie Barabal, 14 Tàclait
Calum an Tàilleir, 11 Tàclait.
As an dùnadh faodaidh mi a ràdh gur e Tarmod Aonghuis, air an tug mi iomradh na bu tràighe, mo sheanair, athair mo mhàthar, Catrìona Tharmoid Aonghuis á Tòbason. Nach iongantach mar a bheir meomhair air seachran duine sam bith tha dèanamh seanchas.
title | Eilean Phabaidh, Loch a Roag |
internal date | 1998.0 |
display date | 1998 |
publication date | 1998 |
level | |
reference template | Tormod Dòmhnullach in Gairm 185 %p |
parent text | Gairm 185 |