[369]

BEALACH NAM BO
le Tormod E. Dòmhnallach

[Mapa]

Chan eil rathad beinne eile ann am Breatann a tha cho cas, camalubach agus a chuireas uiread de dheagal air draibhearan ri Bealach nam air taobh siar Siorramachd Rois. Tha e adìreadh, bho chòmhnard na mara, ann an astar sia mìle, suas gu 2054 troigh.

Is e seo an lorg a bhitheadh na dròbhairean agabhail troimh na lìnntean air an t-slighe leis achrodh dhubh chun na margaidhean aig aChraoibh agus an sin aig an Eaglais Bhreac. Anns an fhoghar 1792 chaidh trì cheud beathach troimh an bhealach. An uair a bhiodh e fosgailte is e abfheàrr na a dhol air an t-slighe fhada ri taobh na mara air frith-rathad troimh Airigh Driseig agus na h-Uamhagan.

Aig uairean bha an t-ainm air a litreachadh mar Bealach na agus tha feadhainn den bheachd gur e Bealach an Aba a bu chòir a bhith air oir bha Abaid aig aChomhraich.



[370]

Be Dòmhnall MacCoinnich, ás aMhanchainn, a bhana Bhall Pàrlamaid airson Siorramachd Rois, a chuir mu dheidhinn an rathad a thogail. Bha e fhèin agus a chàirdeannan uachdarain anns an sgìr airson iomadach bliadhna.

Thòisich an obair ann an 1818, chuireadh crìoch air ann an 1822 agus chosg e ceithir mìle nota. Bha e mìorbhaileach gun deach aig an luchd obrach air a chrìochnachadh idir agus gun ròs aca air na h-innealan mòra cumhachdach a tha ri làmh an-diugh.

Gus an deach an rathad timcheall oir achladaich chun aCheannmhòr fhosgladh, ann an 1976, bàbhaist, aig uairean, ri geamhradh fuar reòthtach, nach fhaighte troimh an bhealach.

Is toigh le luchd turais a bhith astad ann an Loch Carrann, baile beag bòidheach air oir na locha agus an sin gabhaidh iad an rathad troimh Bealach nam chun aChomhraich. Leanaidh iad an rathad timcheall achladaich chun aCheannmhòr, tadhlaidh iad ann an Sìldeag agus tillidh iad gu Loch Carrann.

Tha an rathad troimh an bhealach làn de lubaidhean agus gu tric air fiaradh. Tha e asnìomh eadar na beanntan Meall Gorm, 2328 troigh, agus Sgurr aChaorachain, 2544 troigh. Tha rathaidean eile ann an Alba a tha a cheart cho cas agus tha rathad Ghleann Sidh nas àirde aig 2199 troigh. Tha rathad an Leachd eadar Drochaid aChoilich agus Tom an t-Sabhail adìreadh gu 2090 troigh.

Chan eil, ge-ta, aon eile a chuireas uiread de chlisgeadh agus de dhiomagain air luchd nan càraichean. Chan fhaicear a-mach air an uinneig ach sgorran, cas-chreagan, bearraidhean agus grìpean. Mur a toir draibhear an aire gabhaidh e eagal amhionaich agus e atighinnna cheann gu a thrachas ma theid e far an rathaid agus gun teid car dheth sìos chun an ùrlair. Is eudar dha a shùilean a chumail air thoiseach air, oir tha an rathad caol, cumhang agus faodaidh tubaist tachairt ann an tiotan.

Anns na bliadhnachan an dèidh 1950, chuireadh uachdar math de theàrr air agus rinneadh pìosan dheth beagan nas leatha. A bharrachd air an sin rinneadh mòran de dhàiteachan far am faigh carbadan seachad air a chèile. Tha sanasan mòra ag ìnnse cho àrds a tha an rathad ag èirigh ann an astar goirid agus atoirt rabhadh nach còir do luchd ionnsachaidh draibheadh neo do neach sam bith aig am bheil carabad mòr neo carabhan fiachainn air. Aig acheann a deas tha rathad abhealaich atòiseachadh aig Drochaid Treamhar nam Preas, eadar Loch Carrann agus Sìldeig. Air dha a dhol seachad air Abhainn Chiseorn gheibhear sealladh àlainn air Loch Ciseorn ach an sin tha e atogail suas do na beanntan agus asìor fhàs cas agus ationndadh, alùbadh agus adìreadh. Shìos gu h-iosal tha Allt na Cumhaing. Ged is duilich a



[371]

[Dealbh]



[372]

[Dealbh]

bhith ga thriall is beag an t-iongnadh ged a bhitheas luchd turais ga thathaich oir chì iad seallaidhean cho bòidheachs a tha ri fhaicinn. Air latha soilleir, thairis air Loch Carrann, chithear chun an deas, na beanntan eadar Loch Dubhthaich agus Loch Shubhairne. Chun an iar-dheas tha an Cuiltheann agus chun an iar-thuath aChuith-raing agus nas fhaide air falbh na h-eileanan a-muigh.

Aig uairean bidh am Bealach sgeadaichte le sneachd agus aig uairean eile fo thrusgan de cheò ach chan eil teagamh nach bi e, gu sìorraidh, acur iongnadh air luchd turais.

titleBeallach nam Bò
internal date1999.0
display date1999
publication date1999
level
reference template

Tormod E. Dòmhnallach in Gairm 188 %p

parent textGairm 188
<< please select a word
<< please select a page