[27]

SEUD NEO SLIGE
Le Tarmod Dòmhnullach

S e sgeulachd glè annasach a thagam dhuibh; sgeulachd a bhuineas do thìm, is do aimsir agus do linn eile; sgeulachd nach cluinnear aig duine beò ach mi fhèin; sgeulachd a bhuineas a-mhàin do chlann òga agus do sheana bhodaich.

Fada ro linn mo sheanar cha robh rathaidean mòra ach glè ghann ann an Earraghaidheal agus bha sin aciallachadh nach robh ena annas do mhuinntir na sgìre a bhith acoiseachd iomadach mìle fhada, chorrach, thar chnuic is glinn air ceann gnothaich. Is math a baithne dhaibh na frith-rathaidean a bhiodh na bu shocair air an corp is air am bonnan cas-ruisgte agus a bhiodh gu math na bu sgiobalta. Cha robh bailtean mòra sasgìre ach a-mhain Ceann Loch Chille Chiarain agus gu dearbh a-rèir eachdraidh cha robh mòran sluagh neo meud annsan a bharrachd.

Anns na làithean air a bheil mi abruidhinn rugadh càraid bhalach ann am bothan beag shuas ri taobh Loch nan Eunàite aonarach, uaigneach, is gun teaghlach eile faisg oirre. Is maite nach eil fios agaibh càite a bheil an Loch seo ach ma tha Dealbh-dùthcha Earraghaidheal agaibh, lorgaidh sibh e an iar air Loch Odha agus beagan a deas air ceann shìos Loch an Amhaich. Mar a thuirt mi cha robh comh-aoisean faisg air làimh arra agus bha a bhuil. Bha iad an cuideachd a chèile a dhoidhches a latha agus teann faisg air a chèile ri linn. Cha chuireadh an dàrna fear ceum ás gun a fear eile a bhithna chois agus sheas sin fad am beatha, ach aona uair a-mhàin, agus cluinnidh sinn mun chuspair sin a dhaithghearr.

Bha iad le chèile tapaidhnan naoidheanan. Bha iad cho mòr ri duine a chitheadh tu air stràid mus robh iad còig bliadhna a dhaois; aig aois bhliadhna dheug bha iad mu dhusan troigh a dhàirde agus trom, garbh, làidir leis. A dhaindeoin sin chan fhacas air talamh creutairean cho solt, sona, sìobhalta riutha. ’S e fuaimhearan a bhannta da-rìribh ach cha chuireadh iad dragh air duine beò - gu dearbhas ann a bha iad glè dheònach làmh agus



[28]

cuideachadh a thoirt do dhuine sam bith ris an tachaireadh iad.

Be an aona nàbaidh a thaca, banntrach bhochd a bha afuireach mu chòig neo sia mìle bhuapa aig ceann Loch nam Bric Buidhe. Bha i ann an seona h-aonar bho bhàsaich a cèile agus air a fhuair na balaich eòlas oirre cha robh latha nach robh iad atadhal a-staigh gun fhios nach robh rud sam bith a dhìth oirre. Bha a bhuil. Bha tiùrra mòr fiodh-connaidh aig ceann an taigh a dhfhòghnadh do Chaisteal mòr Inbhir Aora. Bhiodh iad corr uair adol dhith le sìol coirce is eòrna a bha ri bhleith ann am muilinn an t-Sròin Mhòir, faisg air Loch an Eala. ’S e slighe chorrach a bha aca ri leantainn, mu cheann an iar Loch an Abhaich, seachad Bràigh aGhlinn Mhòir, troimh bhealach an Eas Ruaidh gu Baile na h-Odha ach cha chuireadh sin maill orra. Bha ena annas dhaibh agus bha an ceum cheart cho aotrom feasgar air a thilleadh iad, fear le poca min-choirc air a ghualainn agus bolla min-eòrna aig an fhear eile. Cha robh an t-eallach acur maill sam bith orra.

Faodaidh sibh a bhith cinnteach gu robh abhanntrach fadanan comain ach, brònag, cha burrainn dhi ath-dhìoladh a dhèanamh agus i gun sgillinn ruadhna pòcaid. Cha be aona thuras neo gu dearbh aona oidhche a bheachdaich i air achuspair ach mu dheireadh thalls ann a cho-dhùin i paidhir stocainnean an duine fhighe dhaibh, rud nach robh mun casan bho rugadh iad. Cha be ruith ach leum a-nis ach cha bfhada gun do thuig i gu robh saothair uabhasach roimpe. Bha casan nam balach cho mòr is nach dèanadh cnocan snàtha ach cuairt neo dhà agus cha trì bioran a dhfheumadh i a chur an sàs.

Bha i air clòimh an bhliadhna a chur mu seach agus thug i seachdainean ga dath - crotal, buidhe, uaine, gorm, dearg agus dubh. Bha an crotal air a sgrìobadh bho chreagan is carraighean. Bha i air roid is bun an rainich mhòir a chur mu seach gu dath buidhe a thoirt air achlòimh. ’S e rùsg conaisg agus fraoch bhadain a bha cur an dath uaine. Mheasgaich i dearc an dromain le ailm gu dath gorm a chur an sàs. Chuireadh sùth na craoibh leamhna agus fiasag nan gobhar dath brèagha dearg an sàs aguss e riamhaichean nan copag le rùsg an daraich a bha i acleachdadh gu dath dubh a chur air achlòimh. Bha saothair mhòr an crochadh ris an obair ach bha an tuilleadh is achòir ri thighinn.

S e obair latha tòiseachadh mar a chanas an sean-fhacal ach cha robh aice ach toiseach tòisichidh. Bha chlòimh ri acàirdeadh agus a snìomh agus is iomadh oidhche fhada Gheamhraidh a chuir i seachad, le solas bochd a chrùisgein acàirdeadh, acumail a chuibhle-shnìomh adol aig astar agus an dealgan atoinneamh. Bha càil aice san obair agus mu dheireadh thall bha cnocanan



[29]

snàtha abolgadh a-mach ás gach cùil.

Bha i afaighinn beagan faochaidh air a thòisich i afighe ach gu dearbha cha bu bheag an saothair a bha roimpe. Chan eil fios aig duine beò co mheud bior a bha an sàs aice ach cha mhòr nach robh casan nam balach cho fada ri geòla agus cha be trì bha an sàs aice tha mi glè chinnteach. Chan urrainn e a bhith nach robh a gàirdeanan trom goirt iomadach oidhche. Achs e an t-uallach bu mhotha bha oirre nach fhaigheadh na balaich a mach a bha i ris. Bha i an dòchas gun tigeadh i orra gun fhiosd.

Bha aona chur-seachad sònraichte aig na balaich agus uair neo dhà san t-seachdain chromadh iad sìos gu Tràigh Mhòr Loch Chreaganais. ’S e bha taitneach acoiseachd air aghainmhich mhìn, bhog, rèidh an taca ri bhith a-measg na pollagan, na tomanan agus am fraoch garbh a bha mun cuairt aig an dachaigh. Bha an sàl cho geur, fuar, fionnar, atoirt faochadh dhan òrdagan fhads a bha iad arèis sìos is suas air an tràigh. Bha leòbagan saghainmhich aig oir na mara agus bhiodh iad astrì ach a ghlacadh am fear bu mhotha fo an casan. Gu dearbha cha bhiodh dol ás nuair a sheasadh fear aca air rud sam bith le truimead an cuirp.

Bhiodh iad gle thric atoirt sùil a-mach air sealladh cho bòidheach is a tha fon ghrèin - mach Loch Chreaganais, seachad air Eilean Mhic Chrìon, thairis air Eilean Rìgh, os cionn an Aird gu Coire Bhreacain le Diùra air an dàrna taobh agus Cruach Scarbaidh cho follaiseach air a làimh eile, le cuan mòr farsaing asìneadh a-mach mìltean nam mìltean gun fhios a bhair a chùl. As dèidh spàirn cleasachd air an tràigh bàbhaist dhaibh dìreadh suas gu mullach Dùn an Dubh Ghalla far an leigeadh iad an anail mus tilleadh iad air an t-slighe dhachaigh.

Mar a thuirt mi bha achailleach glè dhripeil agus dìcheallach le na bioran agus mu dheireadh thall bha an phaidhir stocainnean air an cur bho na bioran agus latha neo dhà ás dèidh sin, air ceann latha am breith, choisich i null gu croit Loch nan Eun leotha ann am màileid air a druim. Cha robh na balaich air tiodhlac mar siud fhaighinn a riamh roimhe agus thabair thusa gu robh iad pròiseilan dàrna fear le stocainean a bha geal is ruadh, buidhe agus uaine agus am fear eile le paidhir a bha geal is gorm, dubh agus dearg. Bha iad cho brèagha ri earball coileach-peucaig. Cha robh iad air a leithid fhaicinn a riamh agus is iad a bha moiteil. Cho luath is bu dùraig dhaibh chuir iad orra na stocainnean brèagha ùr agus gus nach milleadh iad an toidhlac phrìseil chuir iad cuaranan mun casan airson achiad turas a riamh.

Càite eile a dheidheadh iad air latha mòr ach sìos gu tràigh Loch



[30]

Chreaganais? Nuair a ràinig iad, chuir iad dhiomp na stocainnean agus chuir iad air falach iad le na cuaranan ann an càrn os cionn achladaich. Thabair thusa gu robh gearradh-sùrdaig aca sìos chun na tràghad agus mar a bàbhaist thòisich iad arèis air aghainmhich bhog rèidh. As an dol seachad nach do mhothaich iad rud glè neònach aig oir na mara agus rinn iad air aig am peilear.

Fhuair fear aca grèim air an t-slige agus ás abhad a thog e i dheàlraich leis a h-uile dath a tha bhon ghrèin, gan dalladh le a bòidhchead. Bha i cho mòr ri cuibhle cairt agus air cumadh slighe-chreachain. Bha an dithis aca mar gum biodh iad air an suaineachadh, agus na dathan deàrrsach adrùidheadh agus aceannsachadh an inntinn. Cha robh an còrr air an aire agus ann am priobadh na sùile bha iad an glaic a chèile, an dàrna fear afeuchainn ris an t-slige a spìonadh á làmhan an fhir eile. Cha be spòrs a bha nise air an aire; ’na àite bha spidealachd spideagach.

Mar bu mhotha an tuasaids ann bu dorcha a chrom an iarmailt, ’s ann bu mhotha a dhèirich aghaoth gu stoirm, aguss ann bu luaisgeanach, an-fhoiseil a dhèirich an fhairge gus an tàinig orra an casan a thoirt ás agus dèanamh air fasgadh. As an dol seachad mhothaich iad gu robh na stocainnean air an sguabadh ás achàrn agus iad a-measg a chèil an rib a fhraoich. Cha robh tìde aca an cur orra le dranndan nan eileamaidean asìor dhol na bu mhotha le gruaim a bha amaoidheadh is abagradh orra. ’S e fasgadh a bha a dhìth orra agus spìon iad na stocainnean ás an fhraoch agus rinn iad air talamh àrd, fad na h-ùine atrod is acàineadh a chèile, gach fear fhathast glè dhiombach ris an fhear eile. Cha robh guth air càirdeas bràithreil. ’Na àites e gamhlas a bha gan stuigeadh is gan sgiùrsadh.

Airson achiad uair a riamh dhealaich iad bho chèile le droch-ghiùlan aimhleasach, atrods acàineadh a chèile gun abhsadh. Cha bfhada gus an do sguir na tuairsgeul tharchuiseach agusnan àites ann a thòisich iad afeuchainn clachan air a chèile. Gu dearbha cha be clachan beaga a bharrachd ach ulpagan mòra agus carraighean thomadach. Chì sinn fhathast ràth dhiubh mu shlìosaidean nan cnuic anns an robh iad asireadh fasgadh.

Thàinig an oidhche orra le aithghearrachd a bha -choltach. Cha robh mòran fasgaidh an àite sam bith le neart na gaoithe is an fhairge agus an t-uisge adòrtadhna thuil. Bha an talamh eadar na creagananna chop geal le bras-shruth nan aibhnichean adòrtadh sìos gu ceann na tràghad. Bha fuaim -nàdurrachna chois le frasadh nan gailinn, foram nan uillt agus luasgan achuain ghreannaich abòcadh gun fhois. Cha be oidhche a bhann air am faigheadh duine beò air thalamh mòran fois ged a bhiodh e



[31]

paisgte seasgairna leabaidh achs ann a bha an dithis acasan a-muigh air an t-sitig, fuar fann gun norradh cadail an glaic na beinne le gaoth troimh thuill gan ragadh. A dhaindeoin sin bha am fear a-bhos a tionnsgain ciamar a gheibheadh e grèim air an t-slige agus am fear eile adealbhadhna inntinn mar a chumadh e fhèin an t-slige gu cùramach gus an cuireadh an Gobha Beag toll innte san cuireadh e cuibhreach ghrinn rithe.

Bha fear na slige beagan na bu dòigheil na bhràthair agus rinn e norrag bheag ach cha bfhada gus an do dhùisg e. Bha fuaim annasach atighinn thige an dràsdas a-rithist. Bha e acluinntinn plub mòr atighinn is atighinn na bfhaisge. Chaidh e air a spògan agus thòisich e afàtaireachd troimh an dubh-dhorchadas. Mu dheireadh thall rinn e a-mach cumadh a bhràthar, leathach slighe a-measg abheum-slèibhe, asadadh carraghan mhòra roimhe mar staran agus craobh mhòr giuthas aigena làimh mar bhata adaingneachadh a cheum. Thabair trom-laighe!

Co-dhiù mu dheireadh thall ràinig e tanalach, choisich e air adhart gus an do rinn e tìr dheth. Mhothaich a bhràthair an uairsin a bha mu chasan. Leis a chabhag a bha orra le chèile ateiche bhon tràigh bha e air stocainn ás gach paidhir a thoirt leis agus bha abhuil. Thòisich am fear eile alachanaich agus a bhràthair acoimhead cho faoin, ach ma thòisich nach do mhothaich a bhràthair gu robh an dearbh rud ceàrr air casan an fhir eile. Bha an sealladh cho èibhinn agus gun do dhì-chiumhnich iad an gamhlas a bha eatorra. Ann am priobadh na sùile bha iad an iath-ghlacaibh a chèile agus mar bu mhotha an lachan-gàires ann a bìsle chaidh neo-thruacantas na tìde. Sguir an t-uisge. Thàinig fiath. Bha am muir sèimh socair. Bha seun na slige air a briseadh agus nuair a thug iad sùil oirre bha i air ais air an aona dhath ghlas, ghrànnda, odhar.

Leis an aithreachas, cha dthuirt iad smid ach chuir iad dhiùbh na stocainnean agus sgaoil iadnan càraidean iad air leac saghrian gus an tiormachadh agus a-mach leotha sìos an leathad gu Tràigh Loch Chreaganais. Chaidh iad a-mach gun tòin air amhuir agus shad fear aca an t-slige cho fada is cho làidir is a burrainn dha, a-mach air a loch. Thug i cruinn-leum thairis air Eilean MhicChrìon, thug i sùrdag seachad air Eilean Rìgh, rinn i sìnteag thairis air an Ard, thog i steall á Coir-Bhreacain mus deach i á fianais fada gun iar air Cruach Mhòr Scarbaidh. Tha iomradh gum faca muinntir Cholla sealladh soillseach coltach ri dealanaich adol gun iar aig acheart àm.

Bha na balaich cho ciallach a-nise agus dhaithnich iad an cron a bha an t-slige air adhbharachadh agus bha iad adeanamh glè



[32]

chinnteach nach tachaireadh a leithid a chaoidh tuilleadh agus gu dearbha cha bann na bu lugha a bha an dàimh eatorra ro bhuil.

Sin a-nis mo sheanchas - gabhaibh ris neo fàgaibh e. Ach ma thèid sibh air ceann-turais neo air slighe eadar Ceann Loch Ghileab agus an t-Oban cumaibh sùil gheur a-mach air na cnuic faisg air aBhealach Mhòr agus chì sibh fhathast ri taobh a rathaid mhòir chnoc le tiùrraichean chlachan mun slinneanan far an robh na fuaimhearan ainmeil adèanamh geal air a chèile an oidhche ud. Mur eil sibh ga mo chreidsinn dearbhaidh moghaichean gur e an tul-fhìrinn a thagam.

titleSeud na Slige
internal date1999.0
display date1999
publication date1999
level
reference template

Tarmod Dòmhnullach in Gairm 189 %p

parent textGairm 189
<< please select a word
<< please select a page