[203]

Air An Spiris

THA Cathair Ceilteach a nise stéidhichte ann an Oilthigh Ghlaschu. Is e rud mór a tha an sin, agus tha sinn acur meal an naidheachd air Aonghas MacMhathain a roghnaicheadh mar achiad Ard-ollamh; tha e an urra ris-san a nise loinn a chur air aChathair ùr agus an tuilleadh cliù a chur air teagasg na Gàidhlige ann an Oilthigh Ghlaschu.

Mar is motha a bhagras rocaidean agus cunnartan eile air adhbhar na Gàidhlige, is ann mar sin as motha am feum air teagasg. Air an adhbhar sin, tha ena chùis-thoileachaidh dhuinn uile gu bheil urrachan an fhoghluim atoirt am barrachd spéis don Ghàidhlig mar a tha na bliadhnachan adol seachad. Is e an call gun deachaidh uimhir de bhliadhnachan seachad mun do bhlàthaich an spéis.

Ach ma ruigeas each mall muilinn, is còir gum faic sinn leasachadh air staid na Gàidhlige uair no uaireigin, oir, anns an aon ràithe san tainig naidheachd air aChathair Cheilteach, thainig fios cuideachd gu bheil bhaile eile air deagh eiseamplair Ghlaschu a leantainn a thaobh teagasg na Gàidhlige anns na sgoiltean. Tha Sgoil Norton ann an Dun-éideann gu bhith atairgse Gàidhlige do sgoilearan a nise, agus tha sinn aguidhe gach soirbheachadh do Mhurdag NicCoinnich a thaghadh mar achiad bhan-sgoilear. Tha cuideachd Ard-sgoil Ghrianaig an déidh clasaichean Gàidhlige a stéidheachadh airson na ciad uair riamh, agus tha e coltach gu bheil còrr agus trì fichead sgoilear afeitheamh tòiseachadh.

Tha a h-uile coltas gu bheil obair nan rocaidean adol air adhart a dhaindeoin theireas, agus chan eil teagamh sam bith againne gur i sin abhuille as goirte a fhuair achànain riamh. Chan eil teagamh againn nach bi aGhàidhlig an ìre mhath marbh anns na h-Uibhistean ann an ghinealaich eile.

Mar is motha a sheargas aGhàidhlig anns na ceàrnan sin, is ann as motha am feum air teagasg ann an àiteachan eile, agus tha sinn an dòchas gun lean tuilleadh bhailtean Albannach Glaschu agus Dun-éideann agus Grianaig, agus nach fhada gus am bi cothrom aig cloinn anns gach baile an Alba air Gàidhlig ionnsachadh, mar a tha cothrom aca mar thà cànainean coimheach ionnsachadh. Agus, anns gach sgoil anns an tòisich Gàidhlig, bu chòir do luchd teagaisg a chuimhneachadh nach e gràmair an aon rud as urrainn dhoibh a chur an ceann na cloinneach cuideachd ùidh agus dealasachd a thaobh rud cho prìseils a tha fighte ann an dualchas na h-Albann.

titleAir an Spiris
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Gairm 19 %p

parent textGairm 19
<< please select a word
<< please select a page