Sean Eolas-Luibh
(I) A’ Challtuinn
Le ALASDAIR MAC’ILLE MHAOIL
AMEASG nan Ceilteach o shean bha iomradh air a’ challtuinn mar Chraoibh an Eòlais. B’fhiosrach leotha naoi craobhan calltuinn a’ ghliocais air na dh’fhàs na cnothan crò-dheag a bheireadh eòlas na cruinne do neach sam bith a bhlaiseadh orra. A rèir am beachd bha tobar aig toiseach gach aibhne, agus aig gach tobar chinnich craobhan an eòlais—calltuinn crìonna. Thuit na cnothan aca sin do’n uisge, agus bha iad air an itheadh le bradain na h-aibhne. Ge bè a dh’itheadh cuid de ’n iasg so, bha e fhéin air a lìonadh le spiorad na bàrdachd is tuigse thar tomhais.
Am bitheantas cha robh cnothan na coille air am meas mar nithean sealbhach, ach bha dhà dhiubh còmhla mar chomharradh air soirbheas. B’e so a’ chnò chòmhlaich a bhitheadh na suirghichean a’ losgadh sa’ ghrìosaich air air Oidhche Shamhna, gus dearbhadh fhaighinn air blàths an gràidh d’a chéile.
Tha móran beul-aithris co-cheangailte ris a’ challtuinn, agus tha e air innseadh gur ann de ’n fhiodh so a bha sgiath-chogaidh Fhinn mhic Cumhaill air a dealbh, an Seancholl Snigheach mar a theirte rithe.
title | Sean Eolas-Luibh (A’ Challtuinn) |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Alasdair Mac’Ille Mhaoil in Gairm 19 %p |
parent text | Gairm 19 |