An Sgeilp Leabhraichean
Studies in Irish Literature and History, leJames Carney. (Dublin Institute for Advanced Studies.42/- .)
Mar a tha rannsachadh ann an cuspairean Ceilteach a’ dol air adhart tha an rannsachadh sin an dà chuid ’ga chuingleachadh is ’ga leudachadh, agus tha e furasda a thuigsinn ciamar a bhiodh sin mar sin. Nuair a thainig sgoilearachd Cheilteach gu ìre an toiseach, anns an naodhamh linn deug, bha sìneadh fada aig na sgoilearan móra, leithid Zeuss agus Whitley Stokes, agus thog iad adhbhar sgoilearachd as na cànainean Ceilteach air fad. Ri tìde thainig còmhlan meadhonach mór gu bhith ’g obair anns an raon fharsaing so, agus leis a’ bhrosnachadh a fhuair na h-Eireannaich is na Cuimrich bho an luchd-riaghlaidh is bho an daoine fhéin, rinn sgoilearan nan dùthchannan sin, agus sgoilearan Gearmailteach is Frangach, is Albannach cuideachd adhartas iongantach anns an obair. Bha rosg agus bàrdachd nan cànainean sin uidh air n-uidh air an deasachadh, eachdraidh is iar-eachdraidh air an sgrùdadh. Bha iomair bho iomar de ’n raon mar so air àiteachadh. Gun teagamh, gheibhte treabhaiche an sud ’s an so nach deach a riamh amach air na crìochan aige fhéin, ach bha toradh a’ tighinn bho a shaothair-san cuideachd.
Tha gu leòir de sgoilearan de ’n t-seòrsa so againn fhathast, is tha feum orra, oir tha gu leòir ri dhèanamh, eadhon fhathast, an rathad deasachaidh is mion-sgrùdaidh de gach gnè. Ach gheibh sinn a nis dà sheòrsa eile de sgoilear Ceilteach, (1) fear a tha a’ taghadh earrann de ’n raon a tha nas lugha na iomair (feannag, abair), agus ’ga dhùsgadh is ’ga threinnseadh is ’ga chriathradh gus am bi gach nì soilleir nochdte fo do shùilean. ’S ann mar so a tha luchd-sgrùdaidh nan dual-chainntean uaireannan ag obair. Gheibh sinn a rithist (2) sgoilear a tha a’ trusadh is a’ co-chur brìgh gach rannsachaidh a chaidh a dhèanamh cheana, agus a’ toirt dhuinn sealladh as ùr air an raon gu h-iomlan. B’ ann do ’n bhuidhinn sin a bhuineadh Coinneach Jackson anns an leabhar a chuir e mach o chionn trì bliadhna, Language and History in Early Britain.B’ ann do ’n bhuidhinn sin a bhuineadh T. F. O’Rahilly agus an Gearmailteach Thurneysen, agus feadhainn eile.
Nuair a chuimhnicheas sinn gu robh co-dhiùbh cóig cànainean (agus barrachd) ’gam bruidhinn no ’gan sgrìobhadh am Breatainn anns na linntean an déidh 800 A.D. , chì sinn gu bheil raon an fhir-rannsachaidh farsaing da-rìribh, agus ’s e fìor dhuine air leth aig am biodh tomhas de dh’ealantas anns gach cànain tha sin, agus gach cuspair a tha fuaighte ris na cànainean sin. Is fhada bho bha e aithnichte gu robh ceangal, agus uaireannan dlùth-cheangal, eadar na cànainean ud, agus eadar an cuid litreachais, agus gun an còrr
ainmeachadh, rinn H.M. Chadwick agus N. K. Chadwick obair mhór ann a bhith a’ sgrùdadh nan ceanglaichean sin, a thaobh litreachais. Tha móran fhathast ri dhèanamh. Cuiridh na sgrìobhaidhean Laideann is Lochlannach na h-uiread fhathast ann an lìon an sgoileir Cheiltich, cuiridh litreachas na Cuimrigh solus air litreachas na Gàidhlig, is mar sin air adhart.
’S e so an dòigh obrach a tha aig Seumas Carney, anns an leabhar a chuir e mach an uiridh. Tha e a’ taghadh grunn de sgeulachdan Eireannach, agus a’ dearbhadh, no a’ fiachainn ri dhearbhadh, gu bheil ceangal eadar iad agus sgeulachdan agus bàrdachd a chaidh an dèanamh an Laideann, an Icelandic, am Beurla is an Cuimris. Tha e a’ taghadh sgeulachdan mar a tha Táin Bó Fraích, Táin Bó Cuailnge, Tromdámh Guaire, Diarmaid agus Gráinne, agus móran eile, agus a’ nochdadh far a bheil dlùth-cheangal eadar na sgeulachdan sin agus leithid Beatha an naoimh Kentigern(Vita Kentegerni) ,sgeulachd Tristan, agus an dàn SagsunnachBeowulf .
’S e dòigh chugallach a tha so air uairean, oir chan eil e furasda a bhith cinnteach an ann bho bheul-aithris eadar-nàiseanta a tha cuspair no fo-chuspair sgeòil a’ tighinn, no an e iasad a th’ ann bho sgeulachd sgrìobhte. Bithidh gu leòir ann, is dòcha, nach creid gu h-aithghearr gu robh dlùth-cheangal eadarBeowulfagus Táin Bó Fraích, agus gu robh ùghdarBeowulfeòlach air an sgeulachd Eireannaich. A rithist tha Carney de ’n bheachd gun do chuireadh sgeulachd Tristan ri chéile an toiseach an ceann a deas na h-Albann, far a robh a’ Ghàidhlig agus a’ Chuimris ann an achlaisean a chéile uair, agus gur h-ann as a sin a dh’fhalbh an sgeulachd gu ruig na Cuimrigh, gu Devon, agus gu Breatainn na Frainge. Bha Rachel Bromwich air beachdan coltach riutha so a chur fa chomhairCymmrodorion SocietyLunnainn ann an 1953, ach is iongantach mur robh leabhar Carney a’ dol troimh ’n chlò mus fhaca e sgrìobhadh Rachel Bromwich. Tha Carney a’ dearbhadh, saoilidh sinn gu soilleir, gu robh eòlas aig an duine a chuir Tromdámh Guaire ri chéile air aVita Kentegerniagus sgrìobhaidhean Laideann eile.
Tha Carney gu tur an aghaidh aon bheachd a tha glé chumanta— ’s e sin, gun d’ rinn móran de na sgeulachdan Eireannach sin fàs, bho inntinn gu inntinn is bho bheul gu beul mar gum b’ eadh. ’S e as dòcha thachair, their esan, gun d’ fhàs iad ann an inntinn duine sònraichte, a tharraing cuspair is fo-chuspair bho bheul-aithris agus bho leughadh, is a chuir a loinn is a chruth fhéin air an obair.
Togaidh an leabhar so deasbad airson ùine mhór a measg sgoilearan. Bu mhór am beud nach do chuireadhindexris, oir bithidh móran a’ rùraich ann.
R. McT.
[Sanas]
title | An Sgeilp Leabhraichean (Studies in Irish Literature and History) |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 19 %p |
parent text | Gairm 19 |