[279]

Lord Lovat of the45,le Moray McLaren.
(Jarrolds. Lunnainn. 18/- .)

Air aGhaidhealtachd anns an ochdamh linn deug bha grunn mhath de na cinn-cinnidh a bha eadar a bhith Gaidhealach is a bhith Gallda. Agus bha rùn air an siubhal a bha cumanta gu leòir roimhn àm sin isna dhéidhbe sin a bhith gleidheadh, no ameudachadh, am móralachd fhéin. Be aobhar den t-seòrsa sin a bha fo sgéith na mór-chuid de na cinn-feadhna nuair a thug na Stiùbhartaich oidhirp air crùn na h-Albann, is crùn Bhreatainn, ath-ghlacadh an 1715 agus am Bliadhna Theàrlaich. Chuir cuid de na bàird sgèimh air an fhéinealachd shuaraich so, agus cuid aca, is dòcha, gun smuain aca gu robh a leithid sachùis. Agus air an làimh eile bha feadhainn ann a rinn cogadh as leth an dùthcha is a chaill gach maoin is inbhe a bhaca.

Cha do dhfhàg eachdraidh air MacShimidh an latha sin, no am Morair MacShìomoin mar a theireadh Mac Mhaighstir Alasdair ris, gum be cor a dhùthcha a bha acur dragh air, ach tha Moray McLaren anns an leabhar ùr aige, afiachainn an suds an so ri teagamh a chur anns achùis. Cha robh duine nach do dhaidich gu robh MacShimidh innleachdach

Bu lìonmhor cuibheall ghoireasach
Chinn sgoinneil ann ad eanchainn,”

arsa Mac Mhaighstir Alasdairagus tha McLaren anochdadh gur h-ann a bha cus innleachd air aire. Tha e aig an aon àm ag ràdh gu robh e dìleas do na Stiùbhartaichna dhòigh fhéin, fad a bheatha. Be sin an dòigh iongantach.

Is fhiach an sgeul innse a rithist, a dhaindeoin sin uile. Chan eil a bheag de rud as ùr anns an aithris so, ach còrdaidh i ris achàil a shaoileas gu bheil iomraidhean Hill Burton agus W. C. Mackenzienam biadh ro làidir. ’S e eachdraidh shuigeartach a tha so, agus tha an duine atighinn beò fo ar comhair, atadhal na cùirte san Fhraing, fon choill am monaidhean na Gaidhealtachd, aig ceann abhùirdna àros fhéins achuirmga caitheamh, adannsa an Dun-éideannna thrì fichead bliadhnas a deich, is adol gu a bhàs am baile Lunnainn sabhliadhna 1747. Deagh sgeulachd, air a deagh h-innse, is cha ghabh duine aithreachas a leughadh.

R. R.

[Sanas]

titleAn Sgeilp Leabhraichean (Lord Lovat of the ’45)
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

R. R. in Gairm 19 %p

parent textGairm 19
<< please select a word
<< please select a page