Arcaibh O Shean
Le ANNA FHRISEAL
Baile Stromnis (I. Peterson)
BHA Seumas MacThómais ag innse dhuinn an Gairm greis air ais ciamar a tha cor Arcaibh an diugh, agus chan eil dad bu mhiann leamsa a chur ris an iomradh ghasda ud. Ach ma dh’fhaodte gum faighte taitneach leòsan nach robh riamh ann, beagan a chluinntinn mu na cuimhneachain a th’ann air na làithean a dh’fhalbh o chionn mìltean bliadhna. Is fhada bho chuala mi mar a tha Arcaibh ’na fhìor thigh-stòrais do a leithid sin, agus air dhomh dol ann ach am faicinn dhomhfhéin, fhuair mi amach nach robh na chualas ach a’ cumail na còrach ris na mìorbhuilean a bha a’ feitheamh riùm—ionnas gu robh mi gu dripeil ri’n rannsachadh fad nan deich làithean a chuir mi seachad shuas an sin. Agus sin air a’ mhór-thìr a mhàin.
Tha na cuimhneachain eadar bheag ’s mhór, agus Oifig Oibrichean an urra ris na h-uile as airidh an cumail suas. Agus de na fir mhóra, ’s e Fàinne Bhrógair(The Ring of Brogar)as fhasa a ghabhas ’fhaicinn, is e ’na sheasamh air talamh àrd ri taobh an rathaid mhóir. ’S e “clachan an cearcall” a th’ann. Goirid uaithe, na ceithir monolithean aimmeil, Clachan Stenness, agus faisg orra-san, an aon chlach aonranach, ochd troidhean deug gu leth air àirde, air a bheil “A’ Chlach-fhaire.” A bharrachd air sin, tha dà bhroch as fhiach am faicinn
[Dealbh]
Clachan Stenness (I. Peterson)
(cho math ri boighean de fhicheadan eile) —togalaichean dìomhair ris an cante “tùir Chruithneach” le cuid.
Tha na cùirn ’s na tighean-ùrach(earth-houses)móran nas lugha, ach eadhon nas taitniche, ar leam. Mar na cearcallan agus an còrr a dh’ainmich mi cheana, tha na cùirn uile air uachdar, ach a chionn iad a bhith làn chòmhdaichte le feur (co-dhiùbh leis na fir-togail a dh’aon obair, no mean air mhean an iomlaid nan linntean, cha chinnte, tha iad a’ coimhead cho coltach ri tom feurach sam bith eile agus nach cuireadh duine mu’n coinneamh dad neo-chumanta. Faodar a bhith cinnteach gu robh iadsan a chaidh an tiodhlachadh anns na cùirn so ’nan ciad fhir-àiteachaidh an Arcaibh. Agus le an cuid uaigh a bhith cho lìonmhor, thàtar a’ meas gu robh uimhir de dhaoine anns na h-eileanan an sin, cha mhór, agus a gheibhear ann an diugh. Is beag ar cuid eòlais air an t-seann mhuinntir ud, ach is dòcha gun tàinig iad á dùthchannan air cladaichean an ear na Mara-meadhonaiche—math—dh’fhaodte còrr agus ceithir mìle bliadhna air ais.
Ged nach ionnan càrn is càrn, tha aon dòigh àraidh air a bheil na h-uile coltach ri chéile—agus sin ann a bhith dealaichte an earrannan beaga mu thimcheall seòmair mheadhonaich—a bheir an t-ainm “cùirn-seòmraichte” dhaibh. ’S e am fear d’an ainm Maeshowe as àirde cliù, agus chan eil teagamh nach fiach e sin. Feumaidh gu robh a’ mhórchuid de na clachairean de’n Linn-cloiche ud ’nam fir-oibre
air leth, agus acfhuinn cho mì-ghoireasach aca, ach is ann aig Maeshowe a chithear brod an oibre. Agus rud eile dheth—nuair a dh’fhosgladh an tom ann an 1861, fhuaradh gu robh spuinneadairean ann uaireigin roimhe sin. Ach a chionn gur h-e Lochlannaich de’n dara linn a bha annta, agus gun dh’fhàg iad air na ballachan sreath an déidh sreatha de“runes” ,an cruinneachadh as mò air an t-saoghal de na sgrìobhaidhean sin, is math as fheàirrde sinn cleachdadh nach math ach corr-ainneamh!
Tha an innteart cumhang, ìosal anns na cùirn uile gu léir, agus eadhon aig Maeshowe chan eil i thar ceithir troidhean air àirde. Agus aig an fhear ris an cante Cuween, chì Oifig Oibrichean iomchuidh rabhadh a thoirt ’nan leabhran dhaibhsan “a h-aon chuid sean na culach” gun fheuchainn asteach, leis nach eil an trannsa, 18′ air fad, ach mu dhà throidh gu leth air àirde, agus caol dh’a réir. Tha mi fìor-thoilichte ’aithris gun d’fhuair mise asteach cuimseach furasda—oir mun tug mi ’n ionnsaigh àraidh sin, fhuair mi amach gum b’fheàrr liùgadh agus siubhal air adhart air na sàiltean, mar an dannsair Ruiseanaich, na snàgail air mhàgan, agus b’e am bun a bh’ann gun rachainn an ceann gun chus spàirne—ged bha rudeigin aig m’fhéithean r’a ràdh mun d’fhàs iad cleachdte ris a’ ghiùlan neo-ghnàthaichte ud. Ach ged a tha Cuween duilich do fheadhainn, cha choimeasar e idir ris a’ chàrn d’an ainm Beul-àth-leathann(Wideford)— 17½′ air fad, chan eil e dad nas àirde na 2′ , agus nas cuinge eadhon na sin. Chan eil e furasda ’fhaicinn ciamar a rachadh aig a’ bheò air am mairbh a thoirt asteach troimhe: feumaidh gun snàgadh iad air am broinnean, le fear a’ slaodadh agus fear eile a’ putadh a’ chuirp, ar leam. Ach feumar ’aideachadh gun d’fhuair mise asteach air sheòl rud beag na b’fhasa, oir tha fosgladh cuimir anns a’ mhullach nise, agus fàradh tiugh a’ teàrnadh gu làr a’ chùirn uaithe. Anns an dol seachad, ’s e so an t-aon chàrn a tharraingeadh aire neach nach robh ’ga shireadh a dh’aon obair, oir tha e uabhasach coltach ri bonnach-bainnse trì-sreathach agus, air chùl sin, ’na laighe air sliabh fosgailte goirid o’n rathad mhór.
[Dealbh]
Càrn Beul-àth-leathann
Chuireadh air trannsaichean cho ioma dhùinte so gur obh daoine nan seann làithean ud ’nan troichean d’an réir. Ach chan ann mar sin a bhà; tha na cnàmhan aca a dh’fhàg iad ’nan déidh a’ togail fianuis gu robh iad meadhonach àrd. Feumaidh gu robh aobhar eile aca—gus creachadairean de chaochladh ghnè a chumail amach.
Sud beagan a thaobh chàrn. A thighinn gu tighean-ùrach, cha ghabh eadhon uiread ris a sin a ràdh le fìor chinnt mu’n deighinn, air aobhar nach d’fhuaradh ann an aon dhiubh na dh’fhaodadh leigeil
ris dìreach cuin a thogadh iad, no carson. Ach is dòcha gu bheil iad cho sean, gu inbhe bhig, ris na cùirn, sin r’a ràdh, a’ teannadh ri aois cheithir mìle bliadhna, co-dhiùbh. Eu-coltach na na cùirn, tha iad uile fo’n talamh. Dh’fhoillsicheadh thar fichead mar thà, cuid aca nach eil ach ’nan sluic bheaga, a’ sealltainn mar nach robhtar ’gan cleachdadh ach mar ionaid-tasgaidh do bhiadh agus rudan de’n t-seòrsa ud. Ach nuair a thig sinn gus an dà thigh, Rennibister agus Gràin, chan ann mar sin a tha e idir.
Rennibister—is pailt am“bister”so an Arcaibh, agus feumaidh gur ionann esan agus am“bost”a gheibhear an Innse-Gall, Lochlannach le chéile. Fad nan linntean, anuas gu ruig 1926, bha an “tigh” so ’na laighe gu sìochainteach fo iodhlann tuathanais de’n aon ainm faisg air Kirkwall, agus ma dh’fhaodte nach b’aithnichte e an diugh mur bitheadh gun deachaidh inneal-bualaidh fodha, cha mhór, an toll. Fhuaras lorg an sin air togalach fìor shnasail, thar aon troidh deug air fad, an dà chuid leathann agus àrd, ceithir cuilbh theann a’ cumail taice ris a’ mhullach, sia-shlisneach agus le àireamh chùiltean geàrrte as an talamh aig na h-oisnean dèante leis a’ chumadh so. Snasail, sin r’a ràdh, mach air na cnàmhan agus claignean dhaonna leis an robh cuid de’n làr còmhdaichte. Uile gu léir, fhuaradh na dh’fhàgadh de shianar inbheach agus de dhusan òigridh, co-dhiùbh, bho chóig gu seachd bliadhna deug a dh’aois; ach carson a bha iad ann, agus có leis an d’réiticheadh ceithir de na claignean gu sgiobalta ri fear de na cuilbh, chan eil dad a dh’fhios aig neach sam bith.
Feumar aideachadh nach gabhadh taobh astigh an àite-tàimh so a ruigsinn ro fhurasda anns na seann làithean. Thigeadh na bhitheadh ’ga chleachdadh sìos bho’n uachdar troimh tholl cumhang, gu trannsa chaol, chlaon, agus bhitheadh aca ri dol le bruthach gu làr an tighe fhéin, dà throidh gu leth na b’ìsle. Nuair a chaidh an tigh ’fhoillseachadh, bha an trannsa so tachdte le ùir dhuibh, agus uabhas shligean maorach ’na ceann. An diugh, tha fosgladh, o’m bheil fàradh a’ teàrnadh do’n taobh astigh, am mullach an tighe fhéin. Cha b’urrainn dhomh gun an turus troimh an trannsa a dhèanamh ach am faicinn ciamar a bha e. Air an turus suas, cha bu spàirn sin orm, ach leis nach robh rùm agam tionndadh thàinig orm a thighinn anuas an comhair mo chùil, agus eadar gach nì a bha ann cha mholainn-sa an oidhirp do chàch.
Tha’n tigh-ùrach eile, Gràin, dìreach taobh astigh crìochan Kirkwall fhéin, agus air a chuartachadh nise le tighean-comhairle—an diugh ’s an dé an ceann a chéile, gu deimhinn. Tha e coltach ri pònair mhóir ’na chumadh (na buill dhubha, chan eil annta ach cuilbh leis a bheilear a’ cumail taice ris a’mhullach), agus ceangailte le trannsa gu math farsaing ri stàidhreachan a dh’éireas do’n uachdar. Leis a sin, feumaidh gum faigheadh muinntir an àite amach ’s asteach móran na b’fhasa na iad-san Rennibister. Agus leis gun do
[Dealbh]
Tigh-ùrach Gràin
[Dealbh]
An làrach ainmeil ris an canar Skara Brae
theirig mo dhòrn-leus buileach glan fad ’s a bha mi an taobh astigh, b’fheàirrde mi-fhéin sin nuair a bh’agam ri faighinn amach ann an dorchadas mar a’ bhìth!
Agus a nis an làrach ainmeil sin—Skara Brae, am baile-beag roimh-eachdraidheil a chladhaicheadh o chionn mu thrichead bliadhna, an déidh dhà laighe falaichte le gainneamh agus fuidhleach bho chian nan cian. B’e gluasad a’ bhrait so leis a’ ghaoith a dh’fhoillsich na bha fodha, agus sin cho slàn agus nach robhas a’ meas an toiseach gun gabhadh e a bhith dad na bu shìne na dà mhìle bliadhna gu leth a dh’aois, air a’ chuid bu mhò. Ach cha b’fhada gus an robh an t-Ollamh Childe, air an robh cùram na h-oibreach, am barail gum buineadh am baile do’n Linn-cloiche (coltach ris na cùirn agus na tighean-ùrach), oir a dh’aindeoin an iarraidh bu mhionaidiche, cha do lorg e meatailt sam bith ann.
A’ chiad uair a thadhail mi am baile, bha móran sluaigh ann, air chor agus nach robh agam air ach dol mun cuairt còmhla riù. Ach an dara uair bha mi na bu ghlice. Ràinig mi moch sa’ mhadainn, agus gun ann ach mi-fhéin ’nam aonar leigeadh leam dol mun cuairt agus rannsachadh gu toil mo chridhe.
Tha ochd no naoi bothain ann, cho math ri bùth-oibre agus àite-margaidh, agus tha trannsaichean ìseal, a bhitheadh còmhdaichte gu clùthmhor le fuidhleach o’n t-sitig, a’ ceangal cuid de na bothain ri chéile. Tha grunn de rudan a tha ro-phrìseil air an gleidheadh gu h-eudmhor fo ghloine, anns a’ mhargaidh—sreath no dhà de sgrìobhadh, an cànain buileach neo-aithnichte, a dh’fhairtlich air na h-uile a dh’fheuch ri ciall a thoirt asda.
Mar a thuirt mi cheana, tha am baile deagh-ghléidhte air fad, ach air aobhar air choreigin tha aon de na bothain an cor air leth slàn,
agus uidheamaichte fhathast mar a bhà—aig gach taobh, leaba iom-dhruidte le leacan dìreach; teallach mór aig an dara ceann, agus dreasair rùmail, dà-sgeilpeach, dealaichte an ceithir roinnean mar amhraidhean gun dorsan, aig a’ cheann eile; agus àireamh chisteachan beaga anns am biteadh a’ cumail mhaorach agus gràin. Agus an ath-dhorus do’n dreasair, an dorus ìosal troimh am faigheadh an luchd-fuirich amach ’s asteach. Dé an tubaist a thachair, chan urrainnear a ràdh, ach ge be dé a bh’ann, thàinig an t-àm nuair a b’eudar dhaibh ’ghrad-theicheadh air eagal am beatha—agus ’nan cabhaig a’ faighinn troimh an dorus, bhris bean a paid, agus feuch, grìogagan ’nan spaidreach, a’ feitheamh ri’m faotainn mìltean bliadhna—fianuisean balbha air an droch thuiteamas ud o shean. Ach sheas na ballachan gu daingeann, a dh’aindeoin nach gabh e thuigsinn le clachair, àrd-chlachair no neach teòma sam bith eile ciamar a thogadh iad, no carson nach do thaobh-thromaich iad fada roimh so. Oir an àite a bhith dìreach, is ann a tha iad a’ claonadh chun an taobh astigh, gun dad a’ cumail taice riù, agus gun ghuth air aol no rud sam bith a cheangladh na clachan ri chéile. Chan eil mullach air a’ bhothan fhathast, ach is dòcha gum b’e seiche no fiodh a bha ann uair, le fàrlas troimh am faigheadh toit amach agus solus asteach.
* * *
Leugh mi uair, an àiteigin: “Thig gach nì gu crìch, agus mar as fheàrr e is ann as luaithe a thig.” Sin mar a bha e an Arcaibh dhòmh-sa, agus mun gann a ràinig mi b’eudar dhomh dealachadh ris, a réir coltais. Ach tha romham tilleadh.
[Dealbh]
An“Dwarfie Stane”—àite adhlacaidh eile air Eilean Hoy
title | Arcaibh O Shean |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Anna Fhriseal in Gairm 19 %p |
parent text | Gairm 19 |