Inneal A’ Mhi-Sheilbh
Le IAIN PEATARSON
CHA robh mi dà uair riamh ’na leithid a chàs ’s a bha mi an oidhche ud an tigh Fhearchair Bhàin ’ic Shomhairle Bhuidhe. Tha an tigh aig Fearchar an Glaic na h-Airde air taobh an earrdheas Eilean Thorculaidh. Eilean beag brèagha air iomall an Taibh, agus abair fhéin farraireach. ’S ann dìreach fèir a’ bhliadhna an Fhoghair-sa chaidh a bha mi ann ’s mi a’ cruinneachadh seann bheul-aithris. Cha robh duine astigh ach sinn fhéin le chéile, agus mar a robh mise ’nam éiginn dha-rìribh. Dh’fhàg na chuala mi aig Fearchar gun smid mi agus cha b’urrainn dhomh greimeachadh air aon fhacal a chanainn.
Ar leam leis an daoirsne spioraid a bha orm gu robh an cidsin cho sàmhach ris an uaigh agus gu robh bithbhuantachd eadar a chuile diog aig a’ ghleoc.
Bha an gleoc thall m’am choinneimh air an dreasair. Cha robh e ach a’ coimhead duanaidh gu leòir ann an solus biorach na tilidh a measg gach ball-àirneis lainnireach eile bha anns a’ chidsin: agus am fón—am fón, thoir an aire—ann a sud air an ceann. Bha na craobhan air leòsan a’ ghleoc cho seargte ri na litrichean buidhe air cùl a’ Bhìobuill anns a’ phreasa ghlaineadh os cionn ceann na seingseadh, ach cha do chùm sud o obair e. Thòisich durrghail ’na bhroinn mar gum biodh e feachaireachd air an fhón a bha làmh ris anns an uinneig bhig air cùl a’ chidsin. An déidh móran ùinich bhuail e deich uairean ann an gliongarsaich chritheanaich.
Ach fiach thusa an tug sud faothachadh dhòmhsa as m’éiginn. Cha mhotha na sin a thug e feac a Fearchar. Bha Fearchar fhéin air a dhol ’na chruthchaill anns an t-seathar ’s a cheann crom. Cha robh aire air cruthaidheachd a bha timcheall air agus e a’ sìor fhàsgadh ceann na pìoba a bha ’na dhòrn. Chithinn na h-uilt geal troimh an chraicionn agus na cuislean amach ’nam baltan mar na gàdan.
Mu dheireadh thall gharbh reubadh an t-sàmhchar. Chaidh gaoir troimh m’ fheòil leis a’ chaismeachd a thug an cidsin agus gach cùil is cial dhorcha fhalamh asta do ràn oillteil an fhón.
Thuit a’ phìob air Fearchar chon an làir is chaidh an luath is an tumbaca ’nan spruilleach mar sud is mar so. Thug e smuaisleachadh air fhéin mar fhear a’ dùsgadh á dùsal cadail, agus bha aon uair eile ma mo choinneimh an duine altmhor ealanta.
Bha mise a neisde air tighinn thugam fhéin agus cha do leig mi leis an fhón straighlich eile a dheanamh a chionn ’s gu robh mi a’ tuigsinn mar a bhà. Dh’éirich mi gun ghuth gun ghabadh anull seachad air Fearchar agus thog mi an adhairc lainnireach is thuirt mi ann an guth socair rèidh: Torculaidhone -three.
Bithidh e a’ cur iongnaidh oirbhse dé thug ormsa a bha ’na mo choigreach anns an tigh ud gu o chionn na bu lugha na leth uair an uaireadair, gabhail orm fhéin a dhol a fhreagairt an fhón. Ma tha innsidh mi sin dhuibh. So mar a bhà.
An dearbh fheasgar ud fhéin bha mi air a dhol air tìr ann an Torculaidh, agus mar a rinn an t-Agh fhuair mi fàthachd còmhla ri
seann chaillich chòir a bha fuireach ’na h-uain is ’na h-ònrachd ann an tigh beag cuimir faisg air an laimrig. A dh’aindeoin a bliadhnaichean bha i fhathast gu math fùiseil ’na bodhaig ’s ’na slàinte, ach a mhàin gu robh i, o chionn bliadhna no dhà, air a claisneachd a chall gu dona. Leis a so cha robh e furasda móran còmhraidh a dheanamh rithe. Ach co-dhiùbh fhuair mi mach uaipe ma bha seann seanachasan a dhìth orm gum bu chòir dhomh a dhol a choimhead air Fearchar Bàn mac Shomhairle Bhuidhe a bha fuireach air taobh eile an rubha.
So dìreach mar a rinn mi. Bha ciaradh an fheasgair air tighinn gu math mus do ràinig mi tigh Fhearchair. Nuair a nochd mi asteach bha Fearchar ’na sheasamh aig ceann a’ bhùird bhig a bha thall fo ’n uinneig is e a’ lasadh na tilidh.
Anns a’ chearcall soluis a bha an coinean a bha e a’ cur rithe a’ dèanamh, chithinn gur e duine mór dèanta a bha ann. Fìor smior a’ Ghàidheil le aghaidh leathainn dhreachmhoir agus dos math de fhalt buidhe bàn. Ach cha b’e a dhreach na a chruthachd bu mhotha dha ’n tug mi an aire ach cho altmhor cinnteach ’s a bha a chuile gluasad aige. Anns an tiotan mus do labhair a h-aon seach aon againn thuirt mi rium fhéin, ‘ ’S duine gneachdail tonaisgeil a tha so agam. Duine nach teid ’na idrisg ann an gàbhadh agus nach bi gu h-ealamh air a mhealladh le faoineis’. Shuidh mi an taobh shuas dha na h-anartan a bha ’nan tòrr air ceann na seingseadh agus ghabh mi beachd air cho altmhor ’s a bha e: mar a chuir e an lampa air shiubhal agus mar a bha i ann an tiotan anns an drolla aige. Leis an aon sgiobaltachd bha gach soitheach parafain is eile air am pasgadh seachad agus air an cur ’nan àite fhéin.
Bha gu ruigeas a’ phìob ’s a spliùcan ’nan àite fhéin air sgeilp an luidheir. Thug e làmh orra is lìon e a phìob. Cha robh e dìreach ach a’ pasgadh seachad an spliùcain nuair a’ thòisich a’fón air gliongarsaich.
Shaoil leam, agus chuir e iongnadh orm aig an àm, gun tainig rudeigin de sgèan anns na sùilean aige agus gun tainig fiamh eagail air an uair a chuala e a’ fón. Ach cha do ghluais na charaich e as an àite sa robh e. Mu dheireadh thubhairt e: “Siuthad fhéin, ’ille, freagair inneal a’ mhì-sheilbh sin, ’s tu as ealanta aige is tu air tighinn far Ghalltachd.”
Cha robh mise ro thitheach air so a dhèanamh ach cha do rinn e fhéin oidhirp sam bith air a dhol chon a’ fón agus air a’ cheann mu dheireadh bhuannaich e orm gum freagrainn e.
Dé bha sin ach brath gu Fearchar o Fhlòraidh a bhean, gum biodh i anmoch gun tighinn dhachaidh is i a’ dol a dh’fhantainn an Tigh a’ Ghlinne far a robh bean-an-tighe air laighe air leabaidh chloinne.
Ghabh mi annas mór cho rag ’s a bha Fearchar mu dhol a fhreagairt an fhón agus dh’fhaighneachd mi dha dé fhad ’s o fhuair iad e.
“Fhuair sinn e”, ars esan, “a bhliadhna a gheamhraidh-sa chaidh agus bu cheart cho math leam ged nach bitheamaid air fhaighinn riamh. Chan e nach eil mi a’ deanamh feuma gu leòir dheth. Cha mhór là nach eil mi a’ cur air falbh fios a bhadeigin leis. Ach inneal na mollachd, cha do fhreagair mi e ach dà uair riamh anns an ùine sin. Seadh, tha mise cinnteach gun do fhreagair mi dà uair e, ach tha Flòraidh pailt cho deimhinne nach do fhreagair mi ach aon uair e.”
“Ciamar so?” dh’fhaighneachd mi fhéin, agus e doirbh leam a thuigsinn nach biodh fhios aig duine cho pongail ri Fearchar air rud cho suarach so.
“Ma tha, ’ille ghasda”, thòisich Fearchar, “on tha coltas duine pongail ort is gur e coigreach a tha annad ’s nach bi thu bruidhinn air a measg nan nàbaidhean, innsidh mise sin dhut. Ach thoir an aire, cha do dh’fhosgail mi fhéin na Flòraidh ar beul riamh mu dheighinn ri anail bheò.”
“ ’S ann an dearbh sheachdain a fhuair sinn an ionnstramaid a fhreagair mi a’ chiad uair e, agus mura do mhol ’s mur d’ bheannaich mise an là ud e. Bha mo chliamhainn a’ fónaigeadh á Glaschu le moit mhóir air gu robh mi a neisde ’na mo sheanair. Bha gille aig Màiri a’ mhadainn sin fhéin agus bha iad a’ dol a thoirt ainm a sheanar air. Cha robh againne ach dithis chloinne, Màiri agus Somhairle. Bha Somhairle aig an tigh aig an àm, agus bha mi a’ ràitinn ris, agus sinn ag òl làn air slàinte an ogha, nach robh sinn leith taingeil airson nan innleachdan ionmholta a bha a’ tighinn òirnn o bhliadhna gu bliadhna. Ach tha eagal orm gu bheil car eile air a dhol ann an adhairc an daimh o’n uair sin. Seadh ma tha, chan eil mi cho cinnteach gu bheil na h-innleachdan cho ionmholta idir.”
Thainig rudeigin de mhonais air Fearchar agus stad e agus e a’ dùr amharc air an teine a bha air a dhol sìos gu aon chraos.
An ceann treiseig thubhairt mi fhéin: “An e droch naidheachd a fhuair sibh an dara turus?”
“Ma thà a laochain, cha b’urrainn dhomh a ràdh aig an àm gur e droch naidheachd a bh’ann, ged a chuir i iongnadh gu leòir orm. ’S ann dìreach air oidhche Di-ciadaoin a bh’ ann; leithid eile na h-oidhche nochd. Bha mi astigh mar so ’nam ònrachd is Flòraidh amuigh a’ bleoghan na bà. O nach robh sùil againn ri duine a thighinn air chéilidh, is mi fhéin sgìth le obair an Fhoghair, cha deachaidh mi aig dragh an tilidh a lasadh. Bha mi air mo phìob a lìonadh is mi a’ leigeadh m’ analach ’na mo shìneadh air an seingsidh nuair a leig a fón gliongarsaich as. Chaidh mi anull gun bhruaillean sam bith is fhreagair mi e. Có bha so ach Somhairle.”
Dh’éirich Fearchar agus shìn e dhomh far sgeilp an luidheir dealbh a bha ann an céis ann a sin ri taobh bocsa na tea.
“Sin agad an dealbh aige.”
Cha robh ann ach dealbh beag ach a dh’aindeoin sin chunnaic mi anns a’ mhionaid gur e cnuaic de bhalach mór tapaidh le cruthachd athar agus falt dualach dubh a mhàthar a bha ann an Somhairle. Bha an dealbh air a thogail air bòrd bàta agus bha Somhairle ’na aodach obrach: briogais ghorm le crios leathair agus léine liath le muilichinnean goirid, is i fosgailte sìos air a’ bhrollach.
“Dh’fhaodadh sibh moit a bhith oirbh a leithid sin a bhalach sgoinneil a bhith agaibh”, thubhairt mi fhéin.
Cha d’ fhosgail Fearchar a bheul ach chuir e air ais an dealbh ’na àite. “Chan e naidheachd gu robh e dol a phòsadh a bh’ aig Somhairle dhuibh?” thuirt mi fhéin as mo ghuth thàmh.
“Chan è, chan è, ach rud gu math na bu mhì-choltaiche na sin. Mar a bha mi ràitinn riut nuair a thog mi an adhairc chuala mi guth
Shomhairle. Bha e mar gum biodh cabhag air. ’S e a thubhairt e, ‘Cha leig sibh a leas an t-eathar a chur amach as a’ bhara fhathast air mo shonsa, ach thigibh ’na mo choinneimh leatha, a mhìos gus am màireach, a dh’Eilean nan Sgarbh, is bithibh cinnteach gun toir sibh leibh an gunna. ’”
“Mun do thàrr mi facal a ràdha chaidh ar gearradh dheth agus bha mi ’na mo sheasamh leis an adhairc marbh ri mo chluais.
“Co-dhiùbh thainig Flòraidh asteach aig a’ cheart àm agus dh’innis mi dhi am fios a fhuair mi.
“A neisde bha sùil againn ri Somhairle ann an ceann a dha na trì lathaichean is am bàta beag bathair air a robh e a’ tighinn anuas dha na h-eileanan le uidheam airson obair an dealain. Chan e an dàil a bha anns a’ chùis a chuir iongnadh oirnn idir, oir is minig a b’ fheudar dha turus a dheanamh dha ’n Fhraing no dha ’n Olaind aig an dearbh àm a bu chòir dha a bhith bhos an taobhsa. ’S e a dh’fhàg am fios cho diamhair gur ann a dh’Eilean nan Sgarbh a dh’iarr Somhairle a dhol ’na choinneimh: àite dha nach cualas a bhith dol a dh’aiseag duine riamh.
“Chan eil ann an Eilean nan Sgarbh ach cnap a dh’ eilean àrd creagach air an taobh an iar far nach biodh creutair, ach an sgarbh fhéin, beò. Cha chreideadh Flòraidh dùrd dha na thubhairt mi agus bhùrd i as mi, ag ràdh nach do rinn mi ach tuiteam ’na mo chadal air an t-seingsidh agus gur e aisling a chunnaic mi.
“Airson a dhearbhadh gu robh i ceart dh’fhónaig i an oifis agus dh’fhaighneachd i an tainig fios chon an tighe againne o chionn ghoirid. B’e an fhreagairt a fhuair i nach robh fios air tighinn air ar son-ne o mheadhon-latha. Cha do leig Flòraidh dad oirre ri nighean na h-oifis, ach an déidh an adhairc a chur sìos thubhairt i riumsa: ‘Nach do dh’innis mi dhut?’
“Ged nach do shaoil Flòraidh an còrr dheth cha b’e sin dhòmhsa e, agus gu seachd àraid an ceann ceithir na cóig a lathaichean is gun ghuth a’ tighinn o Shomhairle. Cha robh mi fiù is a’ faighinn fois na h-oidhche. Dhùisginn as mo chadal an dràsda is a rithist is mi an dùil gu robh a fón a’ dol agus gur e Somhairle a bh’ ann ag iarraidh a choinneachadh is e a’ tighinn dhachaidh air fòrladh.
“ ’S e thainig as a so gun do chùm mi amuigh air a’ mhòraids an t-eathar beag agus thòisich mi air a dhol amach a dh’iasgach is a shealg tràth a chuile madainn, fiach an togadh so m’ inntinn. Chaidh an ùine seachad mar so gus an tainig lathaichean anabarrach ceòthach, agus ’nan déidh sin droch-shìde o’n earrdheas nach fhaca duine tha beò riamh a leithid mu ’n tac ud a bhliadhna. Mhair an gèile o’n earrdheas fad an latha Di-luain gun aon iall-shìtheadh beag, agus an oidhche sin fhéin bhac i suas ris an tuath agus a là-rna-mhàireach bha i ’na creich o’n iar.
“Bho Diar-daoin bha an t-sìde air a dhol na b’fheàrr agus bha muir an Taibh air seitligeadh gu math. Faodaidh tu bhith cinnteach gu robh ceusadh ormsa o Dhi-luain gu Di-ciadaoin. A chionn gu robh ùine meòrachaidh agam chuimhnich mi gu robh mìos o fhuair mi am fios o Shomhairle.
“Mar sin cha bu bheag an t-aotromachadh a thug e dha m’ inntinn a bhith falbh amach a shealg madainn Diar-daoin. Bha mi an dùil
an déidh an rosgail a bha i air a dheanamh gum biodh sgairbh gu leòir air na caolais astigh. Co-dhiùbh, an déidh dhomh cuairt a chur air na caolais cha d’fhuair mi sian agus bha e bochd leam tilleadh dhachaidh falamh. Cha robh air ach an t-eathar beag a leigeil amach gu Eilean nan Sgarbh. Bha na sgairbh bheaga ’nan cleithdean ann a sin, agus cha robh mi falp a’ toirt as na chumadh ruinn fhéin is ri na nàbaidhean airson seachdain.
“Rinn mi airson tilleadh dhachaidh, ach an uair a bha mi a’ tionndadh amach aig Rubha Mhairbh shaoil leam gu faca mi murrag air choreigin air taobh eile an rubha. Cha robh ach leig mi timcheall an rubha i, agus dé bha sin ach geòla soithich air a’ chladach.
“Nuair a fhuair mi na b’ fhaisge oirre chunnaic mi gu robh rudeigin ’na deireadh. Ann an tiotan dh’aithnich mi gur e corp a bha ann. Leig mi asteach an t-eathar beag gus an d’fhuair mi a bhroinn na t’éile. Bha an corp ann a sud suainte ann an tarpalan is e ’na shuidhe air an sguit, a’ falmadair, a bha air falbh far na stiùireach, ’na dhòrn, agus a cheann sìos eadar a dhà chois.
“Cha b’ urrainn dhomh sian a dheanamh ach suidhe air an tobhtaidh mheadhoin is mi lag le tioma is struth o ’m shùilean a’ gul airson a’ bhalaich bhochd a bha sud, ge bè air bith có bu leis e. Co-dhiùbh nuair a fhuair mi seachad a’ chiad smaointinn a chuir an sealladh brònach ud orm chaidh mi sìos air mo shocair dha ’n deireadh agus gu faiceallach, mar nach bithinn airson gun goirtichinn e thog mi an ceann fliuch fuar leis an fhalt dhualach dhubh.”
Stad Fearchar ann a so agus cha robh e air thuar an còrr a ràdha.
An ceann treiseig thuirt mi fhéin air mo shocair: “Seadh?”
Cha dubhairt Fearchar gabadh ach le glug a’ chaoinidh ’na ghuth: “Somhairle mo mhac.”
An iongnadh leibhse a neisde ged a dh’éirich luchd dhìomsa an uair ghlaodh a’ fón. A dh’aindeoin cho uabhasach ’s a bha an t-straighlich aige anns a’ bhailbhe ud is ann a rinn mi rudeigin a ghàirdeachas ris is e a’ toirt cothrom dhomh air bruidhinn air rud air choreigin eile. ’S e fios a bha ann Fearchar a dhol a dh’ aiseag an dotair a bha a’ tighinn gu bean a’ ghlinne.
Gun ghuth gun ghabadh dh’éirich Fearchar is chuir e uime na bòtunnan le làmhan cho altmhor ’s a bha iad riamh.
“Tha mi duilich gu feum thu falbh mar so,” ars esan, “gun fiù boinne tea a ghabhail.”
Leis a so chuir e sìos an tilidh agus le pleb na dhà chaidh i as. Shaoil leam anns an dorchadas gun do chabhagaich an gleoc a cheum mar gum biodh e a’ griosad nam mionaid gus am biodh anam eile air a thoirt dha ’n t-saoghal—na saoil an ann a’ cunntais nam mionaid a bha e gus am biodh seòldair bochd eile air a ghlacadh aig a nàmhaid, an cuan.
Chaidh sinn amach á dorchadas an tighe agus bha fìor oidhche rògach Fhoghair ann. Cùl beag gealaich os cionn nan cnoc, sgòthan móra dubha gu h-àrd agus guileag na guilbnich shìos ann an rubha a’ cur an céill gu robh a’ chruinne mhór a’ dol air adhart mar a bha i riamh, manaidhean is innleachdan ann no as.
title | Inneal A’ Mhì-Sheilbh |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Iain Peatarson in Gairm 19 %p |
parent text | Gairm 19 |