[219]

Lochlainneach an Liurbost

(Geàrr-iomradh air an leabhar aigMagne Oftedal, The Gaelic of Leurbost, Isle of Lewis. H. Aschehoug & Co., Oslo. )

Le RUARAIDH MACTHOMAIS

CHAN EIL annas againn de sgoilearan á dùthchannan eile a bhith agabhail ùidh anns aGhàidhlig, agus tha so uaireannanna bhrosnachadh do na Gaidheil, a tha ro bhuailteach air a bhith acur an cànain fhéin ann an suarachas. Tha achànain againn cho airidh air rannsachadh ri iomadach cànain eile, agus cho airidh air a cumail beò. ’S ann, air dòigh, a chionns gu bheil eagal orra gum bàsaich i a tha na sgoilearan Lochlainneach agabhail uiread de dhùidh anns aGhàidhlig, oir tha fhios aca gu bheil móran nithean taisgte suas innte a shoilleiricheas eachdraidh an cànain fhéin, is eachdraidh an dùthcha. Nach mór a thuilleadh air a sin a tha taisgte innte de fhriamhachd is de dheachdraidh ar beatha fhéin?

Chan eil fada bho thug sinn iomradh air leabhran beag a sgrìobh Magne Oftedal mu dheighinn ainmean nam bailtean an Leódhus. Cha robh an sin ach eàrlas: so prìomh thoradh a shaothrach. Cha do chuir e seachad ach mu naoi mìosan an Liùrbost (geamhradh 1950 is samhradh 1951 no mar sin), ach rinn e feum iongantach den ùine ghoirid sin. Gun teagamh bha an obair aig Carl Borgstrom, leithidThe Dialects of the Outer Hebrides, ’na chuideachadh mór dha, agus tha e ag aideachadh so. Ged a tha eadar-dhealaichidhean beaga eatorra anns an dòigh anns a sgrìobh iad aGhàidhlig a rèir a foghraidheachd(phonetically) ,faodar a ràdh gur h-e an t-aon rian a thaca.

Tha Oftedal agabhail Gàidhlig Liùrboist mar a thà i, agusga mìneachadh dhuinn. Chan eil e afiachainn ri a cur ann an cruth anns nach eil i an diugh, no agabhail a leisgeil airson nach eil i coltach ri Gàidhlig Earraghaidheil, no Gàidhlig nan leabhraichean. Tha gu leòir de luchd-Gàidhlig a tha ro dheiseil gu so a dhèanamh, ach tha fhios aig Oftedal gu bheil cainnt sluaigh daonnan ag atharrachadh, agus an tomhais mhóir gur h-e an a tha air a chleachdadh a thaceart.” Mar sin, ’s e mìneachadhsynchronica tha e atoirt dhuinn, mìneachadh nach eil, an coitcheannas, an urra ris mar a bha aGhàidhlig air a bruidhinns air a sgrìobhadh roimhe so. Ach air a shon sin tha e gu tric asloinneadh facail Liùrboist air ais gu ruig nan seann chànaineanGàidhlig, Norse agus Beurla.

Tha mion-chunntasga thoirt air fuaimneachadh nan eileamaidean anns achainnt. Air aon dòigh, tha Oftedal ag ràdh, chan urrainn dhuinn a ràdh gu bheil facail air leth anns achainnt so (no an Gàidhlig Albainn air fad) leis mar a tha cumadh agus fuaim nan roinn cho tric an crochadh ris na tha mun timcheall (t.d. 20). Achs e facal feumail a tha ann amfacal,” agus mar sin chan eil e adiùltadh feum a dheanamh dheth! Air an làimh eile tha e abeachdachadh air roinnean nas motha na facail, agus atoirt dhuinn dealbh desentence (noabairtmar a their na h-Eireannaich), aleigeil fhaicinn dhuinn anns an dealbh so mar a tha abairt an Gàidhlig Liùrboist (agus an Gàidhlig Leódhuis air fad) agluasad sìos is suas mar gum biodh


[220]

pongan ciùil air an cur rithe, agus mar is tric an guthga ìsleachadh aig an deireadh. Is tric a chuala sinn luchd-Gàidhlig eile, aig nach robh an ceòl-sanan guthan, amagadh air Gàidhlig Leódhuis! ’S ann tha Oftedal afiachainn ri a mhìneachadh.

S e seòrsa ùr de ghràmair a tha so, achs e gràmair a tha ann gun teagamh, agus seòrsa a tha fàs cumanta gu leòir ann an cànainean eile. Chan eil teagamh nach biodh achànain nas fhasa a togail air an dòigh so na leis na gràmairean cumanta. Cha chuireadh an tuiseal tabhairteach (no andative casemar a their Gaidheil na h-Albann) móran dragh air duine an so, is chan eil sgeul idir air anaccusative ,oir chaidh e sin á cleachdadh o chionn fhada, agus a rèir coltais tha aGhàidhlig, cleas na Beurla, acall nan tuiseal beag air bheag.

Tha móran de nithean eile ann a so nach eil gu tric air am mìneachadh anns na gràmairean coitcheanna, mar a tha gach atharrachadh a tha atighinn air fuaimear(vowel)ann am facal, leithid cat, cait; each, eich; breac, bric; crodh, cruidh is mar sin air adhart fhichead is a dhà dhiubh air an ainmeachadh ann an Gàidhlig Liùrboist. Is dòcha nach biodh so cho furasda don luchd-ionnsachaidhs a bha sinn an dùil. Tha cluas bhiorach aig Oftedal a dhaithnicheas gu bheil dhòigh air tigh-seinnse fhuaimneachadhcha bann am broinn fear dhiubh a bha e acur seachad a chairtealan!

Tha rudan beaga an suds an so nach eil buileach ceart, is faodaidh sinn sùil a thoirt air feadhainn dhiubh sud. T.d. 51 suasrainn(acquainted) : ’s e suas ruinn tha so; t.d. 56 a thuilleadh air fàd( .i. mòine) tha mi acreidsinn gu bheil am facal fòd ann an Gàidhlig Liùrboist, aciallachadhceap” —tha fhios gu bheil fòid innte; t.d. 85 is cinnteach nach eil gnothaich aig an fhacal eagalach riuglyna Beurla?; t.d. 86 an àite cha chaoil thu a leugh cha chaoil leat a; t.d. 106 ann am facail mar tàbh, (fuaim an) taibh 7c. (Norse háf, haf)an ann bhon airteagal(definite article)a tha t- atighinn?; t.d. 118 am facal a tha air a litreachadh -shealbh, ’s e bu chòir a bhith ann -thalamh; t.d. 121 chan eil miaranaich aciallachadhto spin yarns” ,achyawning” (c.f. méanfadhach saGhàidhlig Eireannaich); t.d. 143 cuirmto celebrate” ( ?) ;t.d. 146 mórchuis, leughhaughtinessan àitehaughty” ;t.d. 186clannhas no plural” —ach mu a chlannu?; t.d. 191 chan urrainnear bàrdachdan, aoigheachdan, saighdearachdan a ràdh: chan eil ach an aon chruth air na facail bàrdachd 7c.; t.d. 224 tha air, aciallachadhan déidh7c., air a chleachdadh tric gu leòir e.g. bha mi air a dhol a laighe; t.d. 248 gheibhear eadh cuideachd anns an fhacal gidheadh; t.d. 252 shaoilinn gum biodh abair air a chleachdadh fhathast leis na seann daoine; t.d. 275 an àite carachadh bhàrr nam fàdan leugh car a chur dhe na fàdan( ?) —is cinnteach gu bheil am foghraidheachd air t.d. 274 ceàrr? Ann an grunn àiteachan cha do thachair gun cuala Magne Oftedal facal ris am biodh dùil aige, is tha sin afagail beàrn an suds an so nach biodh duilich a lìonadh. Ach chan e sin bu chòir iongnadh a chur oirnn, ach na beàrnan a lìon e, agus sin ann an dòigh cho comasach. Ged nach e so achiad leabhar den t-seòrsa mu dheighinn Gàidhlig na h-Albann, saoilidh mi gur h-è an leabhar as fheàrr a fhuair sinn fhathast.


[221]

Tha faclairean aig deireadh an leabhair, araon faclair àbhaisteach is cruinneachadh de na facail san t-seann Ghàidhlig Eireannaich, an Norse is am Beurla air a bheil e atoirt iomraidh. Tha earrann ann cuideachd de naidheachdan is de dhòrain a chuala e, is ged nach eil uiread anns bu mhath leinn, is math na thann. Naidheachdan beaga den t-seòrsa so:

Bho chionn deich bliadhna bha dùsgadh anns na h-eaglaisean ann seo air an robhan tuiteamaca. Bha tòrr dhaoine atuiteam agus ag éigheachd air a thòisicheadh am ministear asearmonachadh. Bha sluagh mór acruinneachadh as a h-uile h-àite den eilean a dhfhaicinn an rud a bha atachairt. An oidhche so bha mi fhìn agus R. shìos ach am faiceadh sinn am faigheadh sinn càil de na bha adol. Agus mu mheadhon an t-searmoins ann a chunnaic mi droch dhath atighinn air R., agus e ag iarraidh orm a chollair fhosgladh, agus gun e faireachdainn gu math. “O,” orsa mise, “thadoseagadsa den rud a tha dol.” “O,” orsesan, “feumaidh tu falbh dhachaidh leam, chan eil mi afaireachdainn gu math.“ Achair a fhuair e mach as an eaglais, cha chumainn coiseachd ris air an t-slighe dhachaidh. Chaidh sgeul timchioll abhaile gun robh R. air a iompachadh. An ath-oidhche a rithisd chruinnich na h-eilltearan don taigh aige a chumail coinneamh, achs ann a thubhairt e riutha: “Falbhaibh dhachaidh, a dhaoine, tha mise mar a bha mi roimhe.”

Agus òrain leithid:

Dhèanainn sùgradh ris an nighean duibh,
O éirigh anns amhaduinn,
Dhèanainn sùgradh ris an nighean duibh.

Dhèanainn sùgradh riut air àiridh
Nam beann ardus càchn an cadal.

Dhèanainn sùgradh riut air buaile
Sìosus suas mu bhruaich do leapa.

So an seòrsa sgeulachdan is òrain a tha adol, anns achumantas, ach le rannsachadh na bfhaide gheibhte seòrsachan eile. Tha dhìth oirnn a nis duine an suds an so a dheanadh mion-sgrùdadh air cainnt, air beul-aithris is air dòigh-smuain is caitheamh-beatha a sgìre fhéin, no sgìre anns am burrainn dha fuireachd fad dhà no trì bhliadhnachan Nam faighte duine anns an t-suidheachadh sin, le sgoilearachd Oftedal, abraibh gun deanadh e leabhar air am biodh blàth an fhiosrachaidh agus na daonnachd.

[Sanasan]

titleLochlainneach an Liùrbost
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Ruaraidh MacThómais in Gairm 19 %p

parent textGairm 19
<< please select a word
<< please select a page