[232]

Rob Macleoid agus a Chomhlan Ciuil

AIR an dùthaich cha toir iad smugaid air Bill Haley, ’s cha mhotha orra Elvis Pressley na tarbh aBhùird. Agus airson Lonnie Donnegan . . . .

Thig is falbhaidh dùsgannan ann an saoghal achiùil bhogadaich, ach, air feadh na mór-chuid de Alba fóghnaidh Rob MacLeòid is Jimmy Shand.

Seachdain an déidh seachdaine, tha ultaichean litrichean aruigheachd Thobar-mhoire ag ràdha gur e Rob as fheàrr na Seumas: post an déidh puist, tha màileidean aruigheachd Dhun- ag ràdha gur e Seumas as fheàrr na Rob. Tha saoghal achiùil Ghaidhealaich gu ìre mhóir roinnte eadar an dithis.

An uair a thachras duine ri Rob MacLeòid, tha e duilich a chreidsinn gur e so am fear a bhios acur dioglaidh ann am buinn nan gilleans ann an òrdagan nan cailleachan. Tha e cho modhail ri ministears cho diùid ri dèacon.



[233]

Ged is ann air Tobar-mhoire a dhainmichear Rob, is ann do thaobh siar Rois a bhuineadh athair nach maireann, agus a mhàthair. Cha deachaidh iad do Thobar-mhoire gus an do ghabh iad seilbh á Tigh-òsda Mhisnis bho chionn beagan is deich bliadhna fichead air aisgoirid mun do rugadh Rob.

Ma bha dùil aig a phàrantan gum biodh e ainmeil mar fhear ciùil, bi aphìob mhór a bhiodhnam beachd, oir cha robh e ach cóig an uair a thòisich e oirre. Fhuair e a dheagh theagasg cuideach, bhon phìobaire ainmeil Uilleam MacIlleathain, agus anns an sgoil shamhraidh aig Uilleam Ros ann an Ceann Loch Iùbh. Tha buaidh na pìoba soilleirna chuid ciùil fhathast, oir tha e atarraing air na puirt phìoba cus nas motha na tha gin de na còmhlain dannsa eile.

An uair a dhfhàg Bobaidh an sgoil, thug e bhliadhnana ghille puist ann an Tobar-mhoire, agus bann an uair sin a thòisich e air fàsgannan a thoirt air abhocsa. Mun deachaidh e don R.A. F. ann an 1943, bha iarraidh air aig dannsachan abhaile, agus eadhon an uair sin bhiodh e atoirt drumair leis gus snag a chur anns acheòl danns. An uair a bha an cogadh seachad, thòisich e fhéin agus Uilleam Low, a bhiodh acluiche aphiàno, air a dhol chun nan dannsachan còmhla, agus bann mar sin, a thòisich an còmhlan ris an canar an diughBobby Macleod and his Band” .

[Dealbh]
Rob fhéin. Dàibhidh Whitehead (Gouraig) a tha air a bhith còmhla ri Rob bho chionn seachd bliadhna . Bert Shorthouse (Ceann Rois) Dick McGill (An t-Oban) Seumas Ritchie (Gleann Sìth) Seumas Bell (Glaschu).



[234]

Ach cha robh an sin ach spòrs. Cha robh guth gum biodh an còmhlan gu bràth iomraiteach air feadh an t-saoghail. Gu dearbha, be rud mór a bhann an uair a fhuair iad cuireadh cluiche turus aig dannsa anns an Oban! Agus rud mór uabhasach an uair a fhuair iad fiathachadh gu cruinneachadh bliadhnail Chomuinn Mhuile agus Idhe ann an Glaschu ann an 1948.

Bi abhliadhna 1948 a sheulaich an cliù. Rinn iad achiad chraobh-sgaoileadh mar chòmhlan anns abhliadhna sin, agus tha iad air 75 a dheanamh bhon uair sin.

Bho chionn thrì bliadhna, rinn Phillips (muinntir nan clàr) cùmhnant riutha, agus tha iad air da fhichead clàr a dheanamh mar thà.

Am bliadhna, fhuair iad cuireadh cluiche trì seachdainean anns anEmpireann an Glaschucuireadh nach dfhuair còmhlan dannsa Albannach eile riamh.

barail Rob air an t-seòrsa beatha a tha fainear dha a nise?

Chan eil e uile gu léir cinnteach. Tha, mar a their e fhéin, bean agus triùir chloinne, eathar agus , aige ann an Tobar-mhoire, agus tha uaireannan seachdainean adol seachad anns nach fhaic e iad. Tha Sìne, a bhean, agus a mhàthair acoimhead as déidh an tighe-òsda. Is e Rob achiad fhear a dhaidicheas gur ann orra-san a tha ceann trom amhaide. Ach ged a tha sìth agus blàths teaghlaich ann an Tobar-mhoire, tha tarraing mhór ann am bualadh nam bas agus ann an deagh-ghean nan tallachan dannsa.

[Dealbh]
Grunnan ghillean acur cheisdean air Rob. So an carbad anns an do shiubhail an còmhlan 40,000 mìle bho chionn bliadhna.

titleRob Macleòid agus a Chòmhlan Ciùil
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Gairm 19 %p

parent textGairm 19
<< please select a word
<< please select a page