[243]

Gnothaich Bhoireannach

Le MURDAG NICCOINNICH

IS farumach gu dearbh an còineal a chluinnear mu gach teanntachd agus cruadal a tha romhainn; agus is dòruinneach a chaoidhear na h-aimsirean sona a dhaom, ach fhads a thabhliadhna fhathastna pàisde thoireamaid sùil eile air 1957. Saoileam gur h-ann le osna thaingeil a dhaidicheas sinn cho sealbhachs a tha ar crannchur le cothrom a bhith againn astar troimh bhliadhna so nam mìltean innleachd, agus nan goireas gun chunntas.

Slàinteso focal a bha tric an iomadh beul bho chionn greis, agus focal làn brìgh don phobal gu h-iomlan a nistha lan dùil aig an dream a tha acumail aire air na gnothaichean sin, gum bi am mór shluagh nas fallain am bliadhna na bha iad a riamh roimhe so. Tha dòchas beatha gach neach adol nas fhaide agus feumar aideachadh gu bheil ar cuid cloinne nas tapaidh, slàn gach tha tighinn orra. Chan eil mìos anns nach eil an luchd rannsachaidh ealanta afoillseachadh ìocshlaint ùr eile gu cobhair chlisg a thabhairt.

Cha deifir an e trom-inntinn no sproc, -mhisneachd no beag-dànadais a tha cur dragh ort, cuirear ruaig orra ann an clisgeadh. Bha call folana mhór dhoilgheas do dhiomadh neach, gu h-àraid aig tarraing nam fiaclan; ach an diugh cleachdarADRENOXYL , ’s cha bhi càil ach blas na folanar beul an ceann uair a thìdefurtachd anabarrach don dream a bhiodh lem bannasan asileadh car seachdain.

Bho chionn bliadhna cuideachd, thàinigHYDRO -CORTISONE—an acainn ro mhìorbhuileach sinamach don mhór chuideachd. Chan eil móran bhriseadh craicinn air nach toir so buaidh mhaireannach, agus ged a tha i car daor fhathast, ’s ann nas saoire tha i dol.



[244]

[Sanas]


[245]

Ged a sgrìobhainn car mìos cha chuirinn an céill gu h-iomchuidh meud na cobhairs an fhaochaidh a fhuair mi fhéin ra linn.

S E sean-fhocal a tha ann amplastica nis, ach tha seòrsa dhe a ghabhas a spùtadh air gach gearradh is lot, an àite bannan-ceangail, a tha nas comhfhurtail, nas saoire, ’s nas fhurasda thoirt dhiubh. Gun iomradh a thoirt ach air abheagan sin, amach as a mhór àireamh, chì sinn brod an aobhair misneachd anns an sam bheil sinn beò. Ach, fhads a tha mi cur amach air cor achuirp, cuiridh mi geall nach tàinig smuain an cridhe móran agaibh air an ath rud a thagam an so. ’S e cheist a tha tric romhainn ciamar a ghabhas an fhàrdach a cumail san chor as fheàrr bho gu an teas an t-samhraidh no am fuachd an reothaidh. Fuirichibh oirbh, gu ta, cha ruig sibh a leas ach cùirteinean a cheannachd, agus ni an aon fheadhainn achùis. Cumaidh iad an seòmar fionnar am bruthainneachd, no blàth an teis meadhon nan doireann. Chan eil mo reusan air mfhàgail fhathast idirtha an dearbh rud sin anns na bùitean a nis. Tha an t-aodach-sa air a dheasachadh le còmhdach de stuth a tha tilgeadh teas dheth; is tha fios math gur h-e an stuth a chuireas dheth an teas a ghleidheas e. Mar sin an uair a tha blàths astigh cumaidh iad astigh e. ’S e na mìltean de ghràinean beaga de dhaluminium measgaichte le seòrsa de ròsaid a tha air a chur air an aodach-sa, cho tanas nach mór gun gabh e chreidsinn, agus theirearMILIUMris. Cha bhi umhail sam bith ra chur air. Gabhaidh iad an crochadh cho réidh, snogs a bàbhaist; ’s chan eil paidhir chùirteinean ach mu ùnnsa nas truime.

Chan ann an aodach chùirteanan a mhàin a gheibhear so. BithidhMILIUMair còmhdach abhùird iarnaigidh a dhaithghearr. Nuair bhios sinn acleachdadh an iarainn air an dàrna taobh, mar bho thùs, ’s ann a tha an teas ag éirigh bhon aodach còmhdaichs acur crìoch air an obair an leth na tìde. ’S dòcha nach faic abhliadhna-sa e, ach chan fhada gum faighear còmhdach-leapa agus chathrach, is eadhon paipeir-balla leMILIUM, gus gach seòmar a chumail an staid fhreagarraich, gun a bhith ro fhuar no ro theth anns gach gnè aimsir.

CHAN eil sam bith aig a bheil tlachd ann an culaidh mhaisich, thaitnich nach faod a sùil a thogail gu math meanmach ris an Earrach is ris an t-Samhradh, oir chan fhacas a riamh uimhir de thrusgain àluinn. Bidh aChàisg, tha iad ag ràdh, acur miann rudeigin ùr an inntinn na cuid as motha, agus gu dearbha deimhinn, tha earradh is sgeadachadh nam ban gu mór nas banail, tlachdmhor an diugh na bha iad bho chionn greis mhath. Bha àm ann, anns na làithean matha a dhaom nach burrainn dhuinn gùn soilleir, maiseach a cheannachd air eagal nach gabhadh e ghleidheadh ann an coltas grinn as déidh caitheamh no dhà. Chan eil deacaireachd sam bith an cois eireachdais, is dreach àillidh, an diugh. Is ann a tha e duilich aon stuth a thaghadh a measg na tha mur coinneamh, ann an dathan fìnealta, furasda an cumail maiseach.

Ged is e seann chàirdean a tha ann anTERYLENEis anNYLONtha iad air an taisbeanadh am móran riochdan ùra, le cnapans le pleatan. ThaTERYLENE ORGANZAairson ghùintean dannsa, a tha mar gu robh stuthaigeadh ann, nach feum ach a thogail as a


[246]

bhùrn nighe agus a chrochadh bog fliuch. Tha anart a nis leTERYLENE ’na mheasg, a tha gleidheadh riochd an anairt, agus nach eil deònach a dhol loirceachnaidheachd glé mhath, oir tlachdmhors ged tha an t-anart, tha e doirbh a chumail snog car àm.

ThaORLONadol nas fheàrrs nas fheàrr. Gheibhear e an riochd clòimh(jersey) ,cho mìn ris an t-sìoda agus cho blàth ris abhian. Chunnaic mi an gùn àluinn so ann anORLONgeal, làn phleatan. Gabhaidh e nighe cho trics a thogras sibh. Tiormaichidh e an ùine ghoirid, cha dhearg an leòmain air, cha teid e steach san nighe is cha chaill e a shnuadh ùr gus am bi sibh seachd sgìth dheth. Tha am breacan cuideach, leth clòimh is lethORLON, buileach feumail airson féileadh na cloinne, nach caill pleat agus nach feum iarann. Achs e an naidheachd as motha bheir de iolach a measg nam ban, sean is òg, gu bheil mu dheireadh thall, MEILMHEID ra faotainn a ghabhas nighe mar aodach sam bith eile; agus chan e sin, ach a h-iarnaigeadh cuideach. Tha còrr air fichead eadar-dhealachadh dhath anns na bùitean, air dhà dheug ar fhichead is sia sgillin an t-slat. Am faca sibh na cleòcaichean meilmheid a tha am fasan a rithist?

[Dealbh]

Aodach eile, a thair a thighinn anall a Ameireaga—ACRILAN .Tha so glé choltach riORLON ,ach tha e beagan nas daoire fhathast.

Biodh Earrach ann no as, ’s e an ghlic a bheir brod na sùil anns an sgàthan mun téid i amach a cheannachd a culaidh ùir, ge be air bith na thaicena sporan. Eadar gu bheil am meadhon aig na h-achlaisean no aig an t-sliasaid air caileaganDIOR ,is math achomhairle do gach a cruth fhéin a chumail an aire. Ma tha i goirid, no car leathann, ’s e gùn den aon dath, gun treallaich sam bith mu mheadhon, a chuireas àirde oirre, is a bheir tainead mealltach da cruth. Cha deifir gur e sgiort agusblouseris a bheil i cleachdte. Na biodh grìogag no bràiste faisg air amhuineil gheàrrmar as ìosail a cheanglas i a gùn, gun ball suas mu a sgòrnan, ’s ann as dlùithe i ri loinn na h-eala.

Chan urrainn do gach caol na coise bhith mar an earb, achs math a dhfhaodas i an rud as fheàrr a thana comas a dhèanamh. Cha robh brògan a riamh cho taitneachs cho comhfhurtail, anns gach gnè shnuadh, ach cuin a thuigeas móran nach eil cus de mhnathan, thar fichead, snasail ann am brògan gun chnaip? Feuchaibh oirbh brògan le cnaip cho àrds a tha glic, agus chan aithnich sibh sibh


[247]

fhéin anns an sgàthan. Tha na stocainnean cuideach afàs nas làidirs nas taine; ’s tha aon glé fhìrinneachchan eil leisgeul aig sam bith nach eil sgiobalta mu na casan am bliadhna.

Nan toirinn iomradh air na tha anns na bùitean gu ar deanamh nas òige, ’s nas bòidhche, bhithinn a sàs gun ath bhliadhn’, ach mur eil an cuailean deònach fuireach àillidh car greis, bogaibh ann an leann e as déidh an ath nighe; mo bhriathran gun cuir so boillsgeadh air.

[Dealbhan]

ANNS gach baile mór is beag chì sinn curragan de dhiomadh gnè air mullach nam fàrlasnithean a tha ro fheumail ann an dùthaich cho gaillionnach ri so. Is ainneamh a tha an currag cho feumails bu mhath leinn; is tha acheò deuchainneach gu leòir. Chì sibh an so dealbh na h-innleachd a bhios aca an ceàrnaidhean ànradhach an Roinn-Eòrpa. Tharraing mi mar gum be dàrna leth dhuibh, gus am faiceadh sibh an taobh stigh aige leis an innleachd a tha aig amhullach. Tha an rud so(deflector)adeanamh leth air gach osaig gaoithe, ’sga cur sìos thaobh troimh an chlais a chì sibh, agus mar sin acumail na deathaich bho thilleadh sìos air ais. Os bàrr sin, ma tha uisge trom ann, tionailidh e am bùrn agus stiùiridh e sìos na claisean e. Cosgaidh so beagan is ceithir punnd Sasunnach. Gheibhear anns an dùthaich-sa e bhoOMNIA CONSTRUCTION Ltd.

Eadar gu bheil sibh car sgìth, no nach eil, chan fhaod sibh fiù leisgeul norrag fhad anns amhadainn a ghearain, oir gheibh sibh a nis innleachd a dhùisgeas sibh, a dhìnnseas gu an uair a tha e, a chuireas air an solus agus cupan tea dhuibh, gun sibh cas a chur amach as an leabaidh.

Gu , matà, an còrr a tha sinn ag iarraidh, gu brosnachadh agus deagh mhisneachd a thoirt dhuinn, mun bhliadhna tha gu mór romhainn fhathast? Bu mhath leam fhéin gun deanadh iad briogais balaich, as nach falbhadh am màs ann am mìos no dhà; ach aig tha fios nach toir 1957 sin am follais cuideach?


[248]

Tha Gaidheil Dhun-éideann air àite coinneachaidh ùr a lorgco-dhiùbh an fheadhainn dhiùbh a tha an toir air cupa tea na coifi! Is e sin anLaighmar a their iad ris, tigh coifi ùr a dhfhosgladh an uair a bha an Fhéis Eadar-nàiseanta ann an Dun-éideann an uiridh.

Buinidh anLaighdo Mhoultrie Kelsall, actar aig a bheil ùidh mhór ann an seann togalaicheans ann an seann àirneis agus seann nòsan Albannach. Tha e air an ùidh sin a chur gu buil anns an tigh coifi aige, oir tha teine mòna an sud le cathraichean is beingeachan as gach oisinn de Alba mun cuairt air. An uair a thadhail sinn ann an latha roimhe, ’s ann a chuireadh fàilte òirnn ann an Gàidhlig, agus a bhair cùl achuntair ach Flòraidh aChodaidh á Barraidh.

[Sanasan]

titleGnothaich Bhoireannach
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Murdag NicCoinnich in Gairm 19 %p

parent textGairm 19
<< please select a word
<< please select a page