B’Aithne Dhomh Coinneach MacLeoid
EARRANN I
Le AONGHAS MACDHONNCHAIDH
RIAMH mus faca mi Coinneach MacLeòid idir, bha mi eòlach air an ainm agus air na h-oidhirpean-litreachais a chaidh fhoillseachadh sa’ Ghàidhlig fo ’n dearbh ainm. Cha robh mi, mar sin, tur aineolach air a’ chiad uair a chaidh mi ’na chainnt. An déidh dha a bhith greis a’ seanchas rium, chuir e a làmh ’na bhonaid mar gum bithinn ’nam dhiùc no ’nam uachdaran fearainn, agus dh’fhàg e beannachd agam le na briathran “Tuilleadh eòlais!”
SUIL ROMHAINN
Cha b’fhada gus am faca mi e a rithist, agus e air tighinn gu Céilidh nan Gaidheal an Glascho airson òraid Ghàidhlig a thoirt seachad. Agus b’i sin an òraid. An uair a dh’iarr an ceann-suidhe air an òraid a leughadh dhuinn, is ann a thòisich e a’ gabhail a leisgeil fhéin, ag ràdh gun tug e droch riasladh air a chìoch-shlugain leis a’ chnatan, agus nach deanamh e feum dha a cheann a bhith crom os cionn paipeir. “Cha mhisde sinn” ars esan, “a bhith a’ coimhead aghaidhean a chéile airson aon oidhche. Co-dhiùbh, cha mhisde mise a bhith a’ coimhead oirbhse”.
Ged is fhada bho ’n oidhche ud, tha cuimhne agam fhathast air móran de na thubhairt e, agus e a’ labhairt air a’ chuspair “Sùil-Romhainn”. Chan e a mhàin gun cuala sinn òraid a bha grinn agus comasach, ach fhuair sinn aig an aon àm eòlas air iomadh nì ann an eachdraidh agus ann am beul-aithris ar daoine. A’ gearain agus ag iomchor air an luchd-riaghlaidh an Sasuinn nach robh a’ tuigsinn luach na Gàidhlige do na Gaidheil, agus nach deanadh bonn feuma, thug e tarraing air an Fhéinn, ag ràdh gum biodh iad ag òl gaisge Fhinn, neart Oscair, agus luathas Chaoilte, a bha cho luath is gum beireadh e air a’ ghaoith luath Mhàirt a bha roimhe, ’s a’ ghaoth luath Mhàirt a bha ’na dhéidh nach beireadh i air, ach gum bitheadh iad ag òl, air thùs ’s air éis, Suidheachadh Chonain air a’ Chath.
Bha Gàidhlig Choinnich ’IcLeòid cho coimhlionta ’s nach iarradh duine sgur ’ga éisdeachd. An déidh dha innseadh dhuinn mu chuideigin a thuirt ris gum maireadh a’ Ghàidhlig a leithid so do dh’ ùine, chuir e ann an dà dhòigh dhuinn e, ag ràdh gu robh am fear a bha an so a’ gealltainn saoghal do ar cànain sìos chun an t-siathamh glùin. Chuir e an uair sin air dhòigh eile e, agus ged a bha sinn de ’n bheachd gur h-ann glé spìocach a bha am fear ud, ge be có e, bha an dòigh anns an do chuir Coinneach e ’na annas do mhóran. “A’ Ghàidhlig”, arsa Coinneach “aig a’ mhac; a’ Ghàidhlig aig an ogha; a’ Ghàidhlig aig an iar-ogha; a’ Ghàidhlig aig an dubhogha; a’ Ghàidhlig aig an fhionn-ogha; agus a’ Ghàidhlig aig iar-ogha an dubh-ogha”.
An uair a chaidh taing a thoirt dha aig deireadh na coinneimh, is e a thuirt e, “Cha eil an sin ach comain (fàbhar). ’S e tha toilichte mise.”
AN CLACHAN A BHA ANN
Dà bhliadhna roimhe sud, bha Leabhar a’ Chlachain aig Gaidheil Ghlascho, agus ged nach robh ann ach aon phaipear sa’ Ghàidhlig, bha sinn coma agus ainm Choinnich MhicLeòid ris a’ phaipeir sin.
Chuir Coinneach do ’n phaipear so air “An Clachan a bh’ann” móran de bheul-aithris a rinn e fhéin a chruinneachadh, cho cinnteach ri seann ghnathasan a bhiodh aca aon uair anns na h-Eileanan Siar. Is ann san leabhar so a tha e ag innseadh seachd riaghailtean na céilidh, mar so, 1. Is rìgh fear-an-tighe. 2. Chan eil claon anns a’ mhodh. 3. Is mothaid rud aithris. 4. Seanfhacal o chùil na mòna, ’s tòimhseachan o ’n t-slige-chrùisgein. 5. Mìn-innseadh na uirsgeul gu meadhon-oidhche, garbh-innseadh na uirsgeul gu gairm-coilich. 6. Sgeul air an sgeul, is òran air an òran, is deiseil air gach nì. 7. A’ chiad sgeul air fear-an-tighe, is sgeul gu latha air an aoigh.
O LEANABAS GU FEARALAS
A’ bhliadhna an déidh so, thainig an Comunn Gaidhealach gu ìre, agus e air a shuidheachadh bliadhna-thar-fhichead roimhe sin. Bha Coinneach e fhéin air fear de ’n Chomhairle, agus sgrìobh e paipear grinn air an tug e an t-ainm O Leanabas gu Fearalas airson mìosachan a’ Chomuinn.
Bha uair a bha an t-iomlan de ’n phaipear so agam air mo mheomhair, agus b’ fhiach e sin ged nach biodh ann ach an naidheachd a rinn e aig deireadh an t-seanchais air a’ mhanach a shaobh o’n chreidimh, ach a dh’iarr air ais do dh’Eilean I an déidh dha Calum Cille fhaicinn as a chadal, agus e ag ràdh, “Eirich, tiugainn dhachaidh, chan eil slat an dorus I”.
Bu bheag air Coinneach blas na Beurla a bhith air a’ Ghàidhlig agus tha e a’ caoidh gur h-ann mar sin a tha. “Gàidhlig an là-an-diugh, a’ mhór-chuid dith co-dhiùbh—chan eil mo dhùthaich no mo dhaoine innte. Cha do ghuil i le Deirdre an Gleann Eite; cha d’aslaich i le Calum an I; cha do shuidh i air Cnoc na Comhairle le Buachaille nan Eilean; cha tug i sgeul riamh á crann na luinge a sheòl gus an Eilean uaine an dé, agus a sheòlas air a h-ais am màireach.” The e car cruaidh air a’ Chomunn Ghaidhealach, agus e ag ràdh, “Tha an Comunn an déidh bliadhna air fhichead de cheòl a thoirt dhuinn. Nach toir e dhuinn a nis bliadhna air fhichead de Ghàidhlig.”
[Sanas]
DUATHARACHD NA MARA.
Cha robh Coinneach MacLeòid ach ’na ghille, agus e gun chuideachadh o leabhraichean Gàidhlig, an uair a thòisich e air seann sgeulachdan a thoirt sìos; agus bha e mar sin freagarrach agus ceart gur h-e an sgeulachd Gaisgeach na Sgéithe Deirge a’ chiad nì o a làimh a chuir an Ràitheachan gasda, anCeltic Review,amach. An ceann dà bhliadhna eile, thug an dearbh ràitheachan An Cuan Siar agus Duatharachd na Mara am follais, agus tha an sgeulachd agus an oidhirp-litreachais air Duatharachd na Mara le chéile anns an leabhar Rosg Gàidhlig (1915).
Cha ghabh e dèanamh Duatharachd na Mara a mholadh mar is còir. Có ach eileanach a b’urrainn a leithid a sgrìobhadh? Tha eòlas agus tuigse ann, agus snas cainnte d’a réir; agus chan eil duine a leughas e nach aidich gu bheil an nì a tha aige mu mheadhon a’ phaipeir fìor: “Gach nì thun a’ chuain, agus tha eachdraidh nan Eilean sgrìobhte.”
Is iomadh ceàrn as an tug e naidheachd. Ann an Duatharachd na Mara chì sinn e, mar gum bitheamaid a’ far-chluais air, agus iasgair a’ deanamh naidheachd dha air an fhearra-luing. Aig an deireadh tha a’ cheisd, “Is càite an tug i oirre ’na dhéidh sin?” So am fear-turuis a’ cur ceisde air an t-seanchaidh, agus a’ faotainn freagairt a tha a’ cur na cloiche-mullaich air an sgeul: “Aig an t-Sealbh tha brath! Ach an sealladh mu dheireadh a fhuair sinn dhith, bha i amach an Caol Canach, agus an Cuan Siar fo ’sròin.”
Faodaidh mi a ràdh gu bheil sealladh air a thoirt dhuinn anns a’ chóigeamh leabhar de Charmina Gadelica air Coinneach còmhla ri Alasdair Mac ’Ille Mhìcheil san tigh-sgoile an Eilean Eige o chionn leth-cheud bliadhna, agus iad a’ ceasnachadh piuthar-athar Choinnich mu ’n òran-luathaidh, “Tha Seathan anochd ’na mharbhan”, a ghabh i dhaibh. Ri a ciad chuimhne, thubhairt i, b’e òran Sheathain roghainn nan òran-luathaidh, agus e cho fada ’s gun luaitheadh e clò leis fhéin air righinnead an aodaich. (Cha robh na clòitean-móra air tòiseachadh an uair sin). Tha an còmhradh a bha eadar an triùir aca an sud, an dubh ’s an geal, iadsan a’ cur cheisd mu Sheathan, mu chuid de na facail a bha aice, agus mu na h-àiteachan a bha i ag ainmeachadh san óran.
Bha mi fhéin là còmhla ri Coinneach ann an Eilean Ghiodha agus sean-bhean air an do thadhail e a’ deanamh naidheachd dhuinn air nighinn Leódhusaich a bha ’ga cosnadh còmhla rithe an Glascho. Bhitheadh iad a’ ceannach paipear-naidheachd an Obain a h-uile Di-h- aoine, agus ’ga phàidheadh seachdain mu seach. An t-seachdain a bha ’n so, is ise a fhuair gréim air a’ phaipear an toiseach, agus an uair a chunnaic i bàs fir á Barabhas ann, dh’fhalbh i far an robh an nighean Leódhusach, agus dh’innis i dhi gu robh a leithid so de dh’fhear air siubhal ann am Barabhas. Thog i sin a dà làimh os a cionn, agus thubhairt i, “O a Thì! An do thòisich iad air siubhal am Barabhas?” Thainig fiamh a’ ghàire air Coinneach ach cha do leig e dad air, agus cha d’innis e do ’n t’éile nach do thuig an nighean Leódhusach i agus gur h-ann a bha dùil aice gu robh fear de mhuinntir Bharabhais air falbh ’na cheannaiche-siubhail. Bha e cho cleachdte ri seanchasan de gach seòrsa, agus cha robh annas aige dhiùbh.
FAR AN ROBH NAOMH.
Sgrìobh Coinneach MacLeòid aon phaipear fo ’n ainm Far an robh Naomh do Ghuth na Bliadhna, an ràitheachan aig Ruaraidh Arascain is Mhàirr, air an robh iomradh an Gairm an t-samhraidh an uiridh. Rinn Coinneach fhéin an naidheachd dhòmhsa.
Bha e uair air aoigheachd am Bonn-sgaoid, faisg air Baile Chloichridh, agus sheall iad dhà seann làrach far an robh ceall aig manach aon uair, agus seann chladh air an aon làrach. Is e coigrich a bhìdhte a’ cur do ’n t-seann chladh so; agus bha e san aithris, cuideachd, gur h-e leanabh an neach mu dheireadh a chaidh ’adhlacadh ann o chionn ceud bliadhna. “Bha mi” arsa Coinneach, “mar gum bithinn ’na àite, agus is e a rinn mi dheth gur h-e bha ann fear de na bràithrean a bha air fhuadach aig na Lochlannaich a Eilean I, agus a’ dol iomrall san oidhche air an t-slighe gu Dun-Chailleann. Bha a h-uile rud a rinn e dìreach mar dheanainn fhéin nam bithinn ’na àite, agus gu dearbh bhà mi ’na àite, ’s mi fhéin, cho cinnteach ris-san, ’nam fhògarrach as na h-Eileanan san àm.”
Leis a’ bheagan so air a’ chuigeil shnìomh Coinneach naidheachd ghrinn air manach na h-I, a’ cantail nan salm leis fhéin, agus, le caoin na mara ’na ghuth, a’ teagasg an t-sluaigh mun cuairt da, eadar bheag agus mhór. An uair nach bitheadh e cho dripeil, chromadh e chun na h-abhann—an abhainn Teimheil—agus thòisicheadh e a’ seòladh bhàtaichean seileasdair ann an glumaig air an abhainn, a’ toirt a chreidsinn air fhéin gur h-e an Cuan Siar a bha sa’ ghlumaig, agus gu robh na bàtaichean a’ togail ris na h-Eileanan air an robh fhéin cho eòlach.
Bha làn dhùil aig an fhògarrach tilleadh uaireigin, ach chan fhaod e a bhith. Chan eil dùthchas aig a sheòrsa ach dùthchas nan gaoth a shéideas far an àill, agus feumaidh e fuireach far eil feum air, agus a shaoghal a chur seachad a measg an t-sluaigh do ’n robh e ’na aoghaire agus ’na fhear-teagaisg. “Is anns na làithean a thig” tha Coinneach ag ràdh aig deireadh an sgeòil, “measar e ’na iochd do ’n chiontach is do ’n choigreach an adhlacadh ad chill—is ri do thaobh càirear leanabh beag.” Thuirt Coinneach rium gun tug e toil-inntinn mhór dha fhéin an naidheachd ud a sgrìobhadh.
LA IS BLIADHNA LEIS NA H-EOIN.
A’ bhliadhna a thòisich a’ chiad chogadh mór, bha an ràitheachan, anCeltic Review,air cùram Ella Nic ’IlleMhìcheil, a bha pòsda aig an t-sàr sgoilear Gàidhlig, Uilleam I. MacBhàtair. Bha meas mór aca le chéile air Coinneach MacLeòid, agus is ann fo a h-anail a bhruidhneadh ise air Coinneach agus air a shaothair ann an litreachas Gàidhlig.
Is ann aig toiseach na bliadhna sin, agus aig a’ Chàisg, a thug anCeltic Reviewam follais an dà phaipear a sgrìobh e fo ’n cheann, Là is Bliadhna leis na h-Eòin; agus so faoinsgeul cho tlachdmhor ’s a chiureadh riamh ri chéile ann an cànain sam bith, ged nach faoin a bhitheadh i ’s i aige-san.
Tha an t-eòlas farsaing a bha aige air litreachas, ’s chan e a mhàin litreachas Gàidhlig, glé fhollaiseach anns an oidhirp-litreachais so, agus e a’ tòiseachadh leis a’ chaillich-oidhche, ’s i ag innseadh dha mu ’n chéilidh a bha aice fhéin agus aig Dòmhnall MacFhionnlaigh nan Dàn. Tha a’ chuthag air a maslachadh aige glé thràth san t-seanchas, ach tha tlachd mór aige do ’n dreathann—an dreathann-donn—agus e air stob, sop feòir ’na ghob, coic ’na cheann (mas ceann gogan, mar thuirt e fhéin mu ’n chlacharan) agus e a’ sìor chnuasachd air gnothaichean eun agus dhaoine.
“Nach dean thu fead, a ghràidhein” ars esan, an uair a chualas gu robh iolair na creige móire am beachd tigh-samhraidh a thogail air a’ chòmhnard. “Chan fhaca tu riamh rud cho inntinneach no cho feumail ri fead. Togaidh fead soirbheas, agus leagaidh fead soirbheas.” Tha Coinneach an uair sin ag innseadh mar thug na h-eòin bheaga a car as an iolair, agus a chaidh a fuadach cho luath ’s a thàinig i.
Có riamh a leugh e nach cuimhnich mar tha an seanchas a’ crìochnachadh. “An uair a bhuail mo dhosan anns a’ ghealaich”, ars an Dreathann— ’s carson nach buaileadh ’s e air druim na h-iolaire “bhuail an smuain so gu làidir ri m’ inntinn, gum bu dubh, is gum bu dona saoghal peacach gun phuirt-a- beul. Chan aithne dhomh fhéin nì eile cho inntinneach no cho seaghail riutha. An cuala tusa, a chlacharain, no thusa, a chathag, rud riamh cho laghach no cho inntinneach a’ phort so:
Tha mi ’n dùil gum bi mi ’nochd
Ri taobh mo ghaoil, ge b’ann air sop;
Tha mi ’n dùil gum bi mi ’nochd
Air taobh a bhos na h-aibhne.”
(Ri leantainn)
[Sanasan]
title | B’Aithne Dhomh Coinneach MacLeòid |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Aonghas MacDhonnachaidh in Gairm 19 %p |
parent text | Gairm 19 |