[262]

Iain Rothach

(I)

Le MURCHADH MOIRREACH

THA mi buidheach dhe na fir-dheasachaidh airson an cothrom so thoirt dhomh gu clach bheag a chur air càrn-cuimhne mo dheagh charaid, am bàrd Iain Rothach. Bu mhath leam sin a dhèanamh an ainm a luchd-eòlais uile, ’s mi làn chinnteach nach eil aon ann dhiubh nach rùnaicheadh cur air a chàrn achlach a beireachdaile is a burramaiche bhiodhnan comas; oir bha Iain den chòmhlan bheag sin den chinne daonna tha gu nàdurrach dàimheil, duineil, caomh is iriosalnan uile ghluasad a measg dhaoine.

Thàinig abhuaidh sin a bhair gu làidir asteach orm, ’s mi bho chionn ghoirid adol troimh sheann phàipeirean, bileagan a thagam an gleidheadh airson an toileachais-inntinn a bheir iad dhomh gach uair a leughas mi iad. ’Nam measg tha dhà no trì a litrichean agus earrainn bàrdachd a chaidh agam gun a chall de na chuir Iain thugam ri linn achiad Chogaidh Mhóir. Gach uair a leughas mi iad, tha e atighinn cho faisg dhomhs gu bheil gach subhailc uasal a bha ceangailte ris cha mhór cho beò fa mchomhairs ged a bhiodh e-fhéin fhathast sacholla-dhaonnta ri mthaobh.

Ach dhuibhse do nach baithne e, chan eil ann an Iain Rothach dìreach ach ainm. Cha dfhuair e ann airson a chliù a dhol am farsainn a measg dhaoine. Le sin bu mhath leam beagan a ràdh a dhfhaodas rudeigin de bheachd a thoirt dhuibh air a bheus, mar dhuine, mar shaighdears mar bhàrd.

Thainig e bho dhaoine sgairteil dèanadach, maraichean is saighdearan, a bheireadh iad fhéin troimhn t-saoghal, ach an cothrom a bhith ac’, cia bith àite dheth sam faodadh iad a bhith. Bathair dha Iain Rothach a bha uaireiginna sgiobair air abhàta, anWater Lily.Rugadh e an Suardal, an sgìre an Rubha, an Leódhus air an 10mh den Dùdlachd, 1889; thogadh e an Aiginis, ’s fhuair e achiad chuid de a fhoghlum ann an Sgoil aChnuic. Ged a choisinn e uair is uair an t-àite a bàirde anns acheasnachadh airson bursaraidh a bheireadh e do Sgoil MhicNeacail, an Steòrnabhagh, cha do ghabh e an cothrom. Roghnaich e an àite sin a bhithna phupil-teacher, dìreach a chionn abhàigh a bhaige ri maighstear-sgoile aChnuic. Saoilidh mi nach robh call sam bith aige dheth, oir leugh e móran anns na bliadhnachan sin, gu h-àraidh de bhàrdachd Shakespeare, de an tug e leis caoban taisealach air a theangaidh. Is iomadh uair a thìde a chuir e seachad le leabhraichean abhàird sin, ’s e leis fhéin an lagain na mòintich no an geodhaichean achladaich, agus farsainneachd nan speur is tulgadh is neart na mara atoirt fàis is doimhne do a mheanmna, do smuains do aignidhean.

Bha a bhuil: oir ged nach robh a theanga riamh àrd air a ghualainn, bha a fhreagairt anabarrach faisg air; ’s nuair bhiodh na h-oileanaich adeasboid mu phuing sam bith, thigeadh Iain amach, as a ghuth thàmh, le dhà no trì a sreathan bàrdachd, cuimseach is eirmseach, a dhfhosgladh dorsan ùra dhaibh air raointean nach robh roimhe sin a dhaon chuidnan sùilean no, dhfhaodadh, ’nan comas.


[263]

[Dealbh]
Iain Rothach


[264]

[Sanas]

Ged a bha ùidh mhór aige ann an leabhraichean, cha do chùm sin a riamh e gun a chuid fhéin a bhith aige a dhaotromas na h-òige. Aig an àm a bhann, bha bailtean Leódhuis làn a dhaoineinbhich is òigridhagus, a chionn sin, làn a dhfhearas-chuideachd, céilidhean is bainnsean, bàtaichean is iasgach, agus gach cur-seachad eile a bha mór aig òigridh. Bha am muir gu h-àraidhga tharraing, ’s bu tric a gheibhte e-fhéin agus a chompanaich sgoile acur seachad an fheasgair shamhraidh ag iolla san Loch a Tuath no san Chuan Sgìth.

Thàinig rian nampupil - teachersgu crìch mus do chrìochnaiche e an cùrs, agus bha aige ri dhol a Sgoil Steòrnabhaigh airson trì bliadhna eile, a chùm rudeigin fadalach e ach a thug dha móran toileachais agus a dhfhàg làrach air inntinn is air a spiorad fad làithean a bheatha. Bha e aig an àm sin, mar a bha e a riamh, ciùin, socairna nàdur, oir cha robh fothalan no faoin-luaisgeanna ghnè; ach bha dealas is greasad laghachna inntinn, rùn-gu-gnìomh, a bhaga sparradh gu rudeigin duineil a dheanamh, ’s gun fhios ro-mhath , is gun an cothrom ann. Tha cuimhne mhath agam air an oidhche dhfhiach e-fhéin agus Iain MacSuain nach maireann, ciad cheann Sgoil aChaisteil, an Steòrnabhagh, agus fear eile, ri briseadh troimh na ceanglaichean le gabhail don arm. Thug Coinneach Mór, an seàrdseant, aon sùil air an fhear bu shuaraiche den triùir agus rot e dhachaidh iad. Thug iad oidhirp no dhà eile, ach cha deach leotha. A nis ghluais Iain aig a robh toiseach anns gach a dhfhiachadh e ris gu oidhirp a thoirt gu an saoghal mór a thoirt fo cheann? Is ceisd i sin nach eil furasd a freagairt, ach saoilidh mi gur h-e bu phrìomh aobhar e bhith ag ionndrainn rudeigin a dhfhiachadh gu dhùbhlan feartan inntinn is cuirp a bha e amothachadh ann fhéina dhaon fhacal, rùn-gu-gnìomh.

Bann aig an àm sin a thuig a chompanaich an toiseach gum bu bhàrd e. Chuir Ard-cheann na Sgoile mar dheuchainn orra iad sgrìobhadh ealaidh am Beurla, a rinn Iain amblank verse.Be an cuspair a ghabh e Eilean Leódhuis, agus a measg gach inneas a thug e air, rinn e tighinn air Ruairidh Dall mar am bàrd a bainmeile a rugadh san eilean. Air iomall aphàipeir mu choinneamh sin, mas fìor na chuala mise, sgrìobh am breitheamh, Professor Grierson, gur h-iongantach gun rugadh bàrd a riamh an Leódhus a bfheàrr na Iain fhéin. Agus dheidheadh barrachd air aon duine leis an sin.

Bè an dux a bhair an Sgoil abhliadhna dhfhàg e gu dhol a dhOil-thigh Obair-dheadhain. Rinn e obair mhath an sin, gu sònraichte ann ammathematics ,meur den fhoghlum anns an robh e air na fìor bharraichean. Bha an toiseachna rùn dreuchd fear-teagaisg sgoile a thoirt amach, ach aig deireadh na dara bliadhna chuir e roimhe amhinistrealachd a leantainn, ’s bha e dìreach a


[265]

deanamh deiseil airson a dhol do Cholaisd nan Diadhairean, an déidh dha inbhe M.A. fhaighinn, nuair a thòisich Cogadh aChaesair.

Ghabh e dhan arm goirid an déidh sin, agus chaidh e don Fhraing leis na Ceathramh Sìphortaich ann anOctober ,1914. Lean e còmhla riutha troimh gach cruadal is doilgheas a thachair riutha, atighinn troimh gach caol-theàrnadh mar gum biodh seun air, gus an tainig e a Bhreatainn ann anJune ,1916, airson coimisean. Aig toiseach na bliadhna, 1917, chaidh e don Fhraing an rìs, ach guBattalioneile de na Sìphortaich. An déidh dha a bhith aig an tigh air fòrlagh, sgrìobh e thugam ann am mìos na Màirt, 1918, ag innse mar a chòrd a thurus dachaidh ris, ach gu robh e toilichte a bhith air ais ann am poll nan trainnsichean agusged nach dubhairt e anns na briathran sin ena h-uiread ra dhèanamh: an còrr cha burrainn e innse. Seachdain no dhà an déidh sin, bhris na Gearmailtich troimh an dìon a bhagainn am Belgium, cunnart cho mór is a chaidh air an arm Bhreatannach, is air an 13mh deApril ,1918, choisinn e Crois aMhìlidh aig Wytscaete airson a sgils a ghaisge ann a bhith cumail nan Gearmailteach air an ais, chùm ùine is rian a thoirt don chuid eile den Bhattalion gu tàrrsainn as gun chus calla. Ged a bha a phlatoon fhéin ach beag air an cuairteachadh, le strì gu fhòghnadh fhuair e amach as an rib iad. Trì an déidh sin, an 16mh , thuit e fhéin, an déidh trì bliadhna gu leth ri aghaidh nàmhaid, gun fhaochadh, gun lasachadh, bho chunnart no bho chogadh, agus, gus an sin, gun an leòn bu lugha. Le a bhàs, chailleadh saighdear duineil, socair, a rinn iomadh euchd nach cualas a bheag mun deighinn; duine eireachdailna phearsa, is rèidh, ciùin, glic is, thar chàich, breithneachail is laghachna dhòigh; inntinn ghleusda is spiorad iorasal a bha air leth buadhach; caraid dìleas air a robh mór mheas aig uile chàirdean is eòlaich.

Ach chan e sin buileach as aobhar gu bheil mise, cha mhór da fhichead bliadhna an déidh a bhàis, atoirt luaidh air, ach gu bheil agam, mar a thubhairt mi cheana, ’na làimh-sgrìobhaidh fhéin, beagan bàrdachd, air a bheil mór mheas, chan e a mhàin agamsa ach aig gach duine a leugh e anns an leabhar, AN DILEAB. Tha mi dhen bheachd, ged nach eil dearbh-chinnt agam, nach eil againn ach earrainn bheag de a bhàrdachd. Chailleadh cuid dith anns an Fhraing, is chuireadh cuid eile gu feareigin, ’s gun fhios an diugh è, ach ma tha e an tìr nam beò, ’s gun tig so gu chluasan bhithinnna chomain, agus an comain duine sam bith eile aig am faod amhór no abheag de a bhàrdachd a bhith, nan cuireadh e thugam deargadh no copaidh dhiubh.

(Ri leantainn)

[Sanas]

titleIain Rothach
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Murchadh Moirreach in Gairm 19 %p

parent textGairm 19
<< please select a word
<< please select a page