Facal mun aimsir
le Torcuil MacRath
Chan eil beachd sam bith agam cò e an seann duine air an robh mo dhaoine gu tric a’ bruidhinn. Faodaidh e bhith gu robh e ann cho fada air ais ann an eachdraidh ri linn nan draoidhean. Co-dhiù, cha ghann nach cuala mise mun t-seòrsa aimsir bha esan ag iarraidh fa chomhair gach ràithe bh’ anns a’ bhliadhna. B’e seo a mhiann:
Geamhradh reòthanach
Earrach ceòthanach
Samhradh breac riabhach
Foghar geal grianach.
Ach mar a tha an sean-fhacal ag ràdh – nach iomadh rud a chì an duine bhios fada beò. Thug mi greis a’ meòrachadh air an iarrtas a bha aig an t-seann duine ud agus ’s e mo bheachd nach leigeadh e leas mòran dùil a bhith aige ri geamhradh reòthanach nam bitheadh e timcheall san latha th’ ann. Sin gu dearbh brìgh mo sheanchais gun tàinig caochladh air an aimsir thairis air na bliadhnachan a dh’ fhalbh. Mar dhearbhadh air a sin bheir mi iomradh air loch uisge tha goirid dhomh far a bheil mi a’ fuireach.
Gluaisidh nàdar beag air bheag agus mus sheall thu riut fhèin, tha an nì a th’aice san amhairc air a thighinn gu buil. Sin mar a thachair dhòmhsa thaobh an loch a bha siud. Aon latha anns na 1970-an fhug mi an aire nach robh mi a-nis a’ faicinn air an uisge ud anns an ràithe gheamhraidh ach sgàilean beag de dheigh an siud ’s an seo. Mar sin ’s e loch an t-slat-thomhais a th’agam air mar a dh’atharraich an aimsir.
Tha e furasda thuigsinn gu bheil na h-uiread de bhuaidh aig anail na mara air an reothadh; ach eadhon anns na h-eileanan Siar bhiodh dùil ri geamhradh reòthanach anns an aimsir a dh’fhalbh-làithean goirid grianach ’s ’n oidhche a’ tuiteam gu cabhagach le reothadh trom. Seo an rud ris an canadh iad sìde ’na h-ionad.
Bhiodh dùil ris a sin, uair no uaireigin, anns an ràithe gheamhraidh le dòrtadh sneachd aig toiseach na cùis.
Gu nàdarrach, ’s ann a-rèir neart a’ reothaidh bhios tiughad na deighe. Bidh sin buileach fìor ma leanas a’ reothadh airson ùine mar a thachair anns a’ bhliadhna 1935. Air a’ gheamhradh sin bha ’n deigh air an loch cho tiugh ’s gum bitheadh sinne bha nar balaich a’ cluiche ball-coise oirre. Cuideachd, ràinig sinn eilean a th’ ann am meadhon a’ locha, agus a chiad uair a chuir mi mo chas air tìr ann shaoil leam gu robh mi ’nam sheasamh air talamh nuadh air nach do choisich duine riamh.
Tha amharas agam gun tàinig sinn tarsainn an sin air seann eachdraidh air am b’ fhiach dhomh iomradh a thoirt san dol seachad. Tha sloc ann am meadhon an eilein agus chan eil an teagamh as lugha ann nach e làmh duine a dhealbh i. Chanainn gum bhiodh ceithir troighean de dhoimhne innte an latha chaidh a dèanamh, no ’s dòcha barrachd. A-nis tha mòran lochan uisge air an astar seo agus grunn eileanan air feadhainn dhuibh, ach chan eil ach aon eilean eile air a bheil sloc dhen t-seòrsa ud. Saoil an e seo far am bhithe a’ cur an deoch làidir air falach?
A’ tilleadh air ais gu fàth mo sheanchais, feumaidh mi a ràdh nach eil lorg sam bith agam gu dè an tiughad a bh’ anns an deigh ris na dh’ earb sinne sinn fhìn a’ dol chun an eilein. Ach mar a chì sinn, chan eil teagamh sam bith ann nach robh i làidir. Mar a bha chùis, bha ’m baile air an dàrna taobh dhen loch agus am monadh air an taobh eile. Am-muigh an sin bha mòine dhubh agus bhithte ga buain ’s ga tughadh far na robh i nuair a bhitheadh i deiseil. Bha i air leth tioram agus bheirte dhachaigh i o àm gu àm, ann am poc no ann an cliabh.
Latha dhe na bh’ ann, anns a’ gheamhradh 1935; thàinig boireannach òg tarsainn air an deigh, pìos a-mach bho òs a’ locha, le cliabh air a druim, làn dhen a’ mhòine dhubh air an tug mi iomradh. Cha b’ e eallach aotrom a bh’ aice agus cha robh i fhèin air an fheadhainn a b’aotrom a bharrachd.
Cha robh geamhradh rim chiad chuimhne nach fhaicte a’ bhiast-dhubh, an tighinn an latha no tuiteam na h-oidhche, a’ dol thairis air an deigh gu taobh eile locha. Bitheadh gach allt is loch anns a’ mhonadh reòtha is bha ise a’ dèanamh chun na mara an tòir air an iasg bha ri faighinn an sin. ’S fhada ’s fhada bho nach fhacas làrach na spògan aice anns an t-sneachd air an loch ud. Ma theid i tarsainn an-diugh ’s ann air an t-snàmh: rud a tha ’na comharradh air mar a dh’ atharraich an aimsir.
Mar a bha geamhradh 1935 ’s ann cuideachd a bha geamhradh 1947 air leth reòthta. Lean a’ reothadh gu math a-steach dhan
earrach. Air a’ bhliadhna sin, air loch ann a’ Leòdhas, fhuaireas bric ann, a-rèir aithris, a bha reòthta anns an deigh. Feumaidh e bhith gu robh an loch sin ann am meadhon na mòintich no aig astar math air falbh bho anail na mara. Ach biodh sin mar a dh’fhaodas, tha fios agam air mo shon fhìn gu robh na geamhraidhean a thàinig ás dèidh a’ chogaidh gu math reòthanach.
Aig an àm sin bha mi a’ strì ri crodh is caoraich. Lean mi ris an obair sin tro na 50-an agus suas gu deireadh na 60-an. Thairis air na bliadhnachan sin chan fhaca mi a’ loch ud gun e còmhdaichte le deigh, uair no uaireigin, anns an ràithe gheamhraidh. Gun teagamh, cha threabh gach bliadhna ga chèile: gidheadh, sann ainneamh a chunna mi geamhradh – ma bha e idir ann – nach fheumainn an òrd mòr airson an deigh a bhriseadh am bòrd a’ locha ach a’ faigheadh an crodh deoch.
Mar sin bhithinn ag iarraidh an aiteamh: bhiodh mo shùil air an àirde ’n Iar-Dheas ach a faicinn casan carbad fo na grèine – comharradh na gaoithe mòire. Nuair a thigeadh an aiteamh bhiodh fuaimean sònraichte ann nach cluinn mi an-diugh.
Cha bu luaithe a chailleadh a’ reothadh a ghrèim, na leigeadh an deigh ràin aiste agus chìte sracadh oirre tarsainn a’ locha. Bhriseadh i ás a chèile, beag air bheag, ’na leacan. Leanadh a fuaim airson dà latha no trì fhads a bhiodh gaoth làidir a’ sluaisreadh na leacan ri cladach a’ locha. Tha co-dhiù deich bliadhna fichead ann bho nach cualas na fuaimean sin air an astar seo.
Mar a dh’ atharraich an aimsir, ’s gann gun chreid an òigridh an eachdraidh a th’ agam ri aithris: chan fhaca iad a-riamh a’ loch dùinte le deigh. An-diugh ma chithear sgàilean de dheigh ri bòrd a’ locha, their cuideigin, “bha reòthadh trom ann a-raoir.” Ach ’s ann diombuan a bhios an deigh sin. Mar cheò na maidne cha bhi lorg oirre mus tig meadhon latha. Mar an ceudna, chunna mi anns an Dùbhlachd an Cliseam le còmhdach geal de shneachd oirre. Dà latha ás dèidh sin bha mi ga faicinn air fàire liath-gorm gun sneachd ’na còir.
Gu dè bu choireach gun tàinig caochladh air an aimsir, chan eil fios agam le cinnt sam bith, agus tha mi a’ dèanamh dheth gu bheil luchd-saidheans anns an aon cheò rium fhìn thaobh a’ chuspair seo. Faodaidh e bhith gu robh an aimsir o thùs a’ dol timcheall ann an cearcall mar gum bitheadh. Mas fìor sin thigeadh caochladh bho àm gu àm. Co aige tha fhios nach fhaca mi an eachdraidh sin sgrìobhte anns a’ mhòine air an robh mi cho eòlach ’nam òige.
title | Facal mun Aimsir |
internal date | 2000.0 |
display date | 2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | Torcuil MacRath in Gairm 190 %p |
parent text | Gairm 190 |