[258]

TAOBH LOCH FIN MAR A BHA E
le Ruairidh MacLeòid

Thèid mi nunn gu tìr mo rùin,
Thèid mi nunn thar amhonadh,
Thèid mi nunn gu tìr mo rùin,
S mòr mo shunnd bhith tilleadh dhachaigh.

Nuair bha mi òg ri taobh Loch Fìn,
S math mo chuimhnbhith cluich le caman;
Tha min-diugh ri taobh chanàil,
Och, a rìgh, chan fhaigh mi dhachaigh.

Ach ma gheibh mise saoghl,
Gabhaidh mi sgrìob gu fairge fhathast,
S togaidh mi rithna siùil bhàn’ –
Gur e a bfheàrr na putadh ghlasan.

S iomadach balach math bha leam,
Nuair bha mi ògs mi fàgail dhachaigh;
Ach an-diugh chan eil iad ann,
Tha iad fon ùirs cha till iad dhachaigh.

S math mo chuimhnnuair bha mi òg,
na BliadhnUiran Loch Giorra,
Gach òigearachs a chaman ùr,
Dol a dhionnsaigh na Dail Ghiorra.

Fhuair mi faochagan lem dhà bhràthr,
S chuir sinn iad gu margadh Shasainn;
Iad an-diugh mar tha mi fhèin,
Uile pòsd’ ’s air falbh bhon dachaigh.

O gur e siud an t-àm bha mòr,
Le mathrs mo mhàthr an àm na Nollaig;
Bha iad cridheil càirdeil ciùin,
Cumail cuideachd ris na balaich.



[259]

Fhuair mi an t-òran siud on bhàrd a chuir ri chèile e, Calum Mac aBhiocair, nach maireann, agus tha e sgrìobhte dìreach mar a dhaithris e fhèin dhomh e, ann an Gàidhlig bhlasda Meadhon Earra Ghàidheal.

Rugadh Calum Mac aBhiocair ann an Loch Geàrrno Loch Giorra, mar a chanas muinntir na sgìre, air Loch Fìn, baile beag eadar Inbhir Aora agus Ceann Loch Gilb, anns abhliadhna 1902. Anns na seann dealbhannan a thogadh aig an àm sin, chì thu gu leòr de thaighean-tughaidh anns abhaile.

Bha teaghlaichean mòra glè chumanta a-measg nan Gàidheal aig an àm a rugadh Calum. Bha ochdar anns an teaghlach dam buineadh e fhèin. Gann gu bheil an àireamh sin de chloinn aois sgoile ann an Loch Geàrr air fad an-diugh, oirs e daoine a tha air an dreuchd a leigeil dhiubh, a thàinig bharr Ghalldachd agus á Sasainn, a tha anns amhòr-chuid den t-sluagh a tha acòmhnaidh ann nar latha, agus chan eil teaghlaichean òga aca.

Chaidh Calum agus an còrr agus an còrr den teaghlach àrach ann an taigh ris an canar An Caisteal Biorach, seann togalach le ballachan tiugha a thana sheasamh gu greadhnach a-muigh air rubha. Tha an taigh ann an suidheachadh àlainn, agus gheibhear sealladh brèagha bhuaithe a-mach air Loch Fìn, sìos chun an Tairbeirt. Faodar dealbh a dhèanamh air teaghlach Chloinn aPhiocair ag èirigh suas an siud an cois achladaich. Is ann air làithean sona na h-òige, agus air coibhneas a phàrantan, a tha Calum acuimhneachadh anns an òran. Tha e ag innse cuideachd mar a bhiodh e fhèin agus a bhràithrean atogail amhaoraich a bhiodh pailt mu na cladaichean agus acosnadh beagan beò-slaint anns an dòigh sin.

S e bràthair Chaluim, Seonaidh, an duine mu dheireadh a bha afuireach anns aChaisteal Bhiorach. Sin far an robh e nuair a thàinig mise a dhfhuireach ann am Meadhon Earra Ghàidheal ann
an 1985. A chionn gu robh an t-àite rud-eigin iomallach nuair a bha an aois alaighe air, ghluais Seonaidh on Chaisteal gu taigh a bha e air a thogail na bfhaisge air an rathad mhòr air an tug e fhèin an t-ainm Gàidhlig, “Taigh aMharaiche.”

Mu cheithir bliadhna deug air ais rinn Murchadh MacLeòid prògram air Taobh Loch Fìn anns an t-sreath, “Fàiltair aBhaile.” Thadhail sinn air Seonaidh Mac aBhiocair anns aChaisteal Bhiorach agus dhinnis e beagan mu eachdraidh na coimhearsnachd. Bha fìor dheagh Ghàidhlig aig Seonaidh, mar a bha aig Calum. Anns aphrògram sin cuideachd sheinn Caitrìona Nic aBhiocair òran-cianalais a seanar a tha sgrìobhte gu h-àrd.

Anns an òran tha Calum acuimhneachadh air achur-seachad a



[260]

bhiodh aige nuair a bha ena bhalach ann an Loch Geàrr. ’S e latha mòr a bha ann an Latha na BliadhnUire air taobh Fìn, oir bhiodh iomain adol ann am mòran de na bailtean.

Anns an Fhùirneis, far a bheil mi fhèin afuireach, bhiodh farpais eadar na daoine a bha afuireach air gach taobh den abhainn, an Leacainn. Air an dàrna taobh den abhainn, a tha adèanamh leth den bhaile, tha oighreachd Diùc Earra Ghàidheal. Air an taobh a deas tha an oighreachd aig Caimbeulaich Chrà . Air Latha na Bliadhna Uire bhiodh blàr iomain eadarFir Shir SeòrasagusFir an Diùc.”

Tha Calum ag innse dhuinn anns an òran mar a bhiodh na balaich ann an Loch Geàrr adèanamh air pàirc air a bheil an Dail Ghiorra air Latha na BliadhnUire. Is iad a bhiodh moiteil agus caman ùr aig gach gille. Bha fiodh gu leòr timcheall a dhèanadh caman agus bha daoine ann a bha eòlach air an cumadh ceart a thoirt orra. Tha fear de na h-oghaichean aig Calum, Mitchell Mac aBhiocair, ’na chluicheadair sgileil, aleantainn ann an cas-cheuman a sheanar.

Shiubhail Calum Mac aBhiocair gu sìtheil sèimh anns an Fhaoilleach 1997. Fhuair e aois mhòr, oir bha e seachad air ceithir fichead agus ceithir deug. Bha dithis mhac aige, Seonaidh, agus Eairdsidh Calum, agus nighean, Cairistìona. Aig àm a bhàis bha sia oghaichean agus seachd iar-oghaichean aige. Tha ionndrain fhathast air aGhàidheal uasal chàirdeil seo, agus tha mi toilichte gun dfhuair mi eòlas air, agus gun dfhuair mi cothrom an t-òran aige a thoirt am follais an seo. Tha mi acreidsinn gun ionnsaich ogha Chaluim, Caitrìona, an t-òran do na balaich aice fhèin, agus cha tèid e air diochuimhne air aghinealach ùr.

Nuair a rugadh Calum Mac aPhiocair bha Loch Geàrr, mar a bha na bailtean beaga eile air Loch Fìn, làn Gàidhlig. Bha e fhèin ag innse dhomh gu robh cuimhne aige a bhith atadhal air Mionard, baile-iasgaich eile a tha mu chòig mìle á Loch Geàrr agus ena bhalach òg, agus cha chluinneadh e facal Beurla ann. Ach nuair a chaidh iasgach an sgadain air Loch Fìn sìos, ghluais mòran de na daoine a bhuineadh don bhaile air falbh airson cosnadh eile a lorg. An fheadhainn a thàinig a-steachnan àite, cha robh Gàidhlig aca. Bha buaidh aig seo air aGhàidhlig agus air cleachdaidhean Gàidhealach, agus air an Eaglais Shaoir cuideachd, oir bann ceangaite ris an Eaglais sin a bha achuid mhòr de na daoine a bha ann o thùs. An-diughs e glè bheag de Ghàidhlig a chluinnear ann am Mionard agus ann an Loch Geàrr, agus chan eil ach grunnan air fhàgail aig an Eaglais Shaoir far an do chleachd an togalach a bhith làn aig toiseach na linne a



[261]

[Dealbh]
Tha na bàtaichean seo a chìthear air Loch Geàrr anns an dealbh seo glè eadar-dhealaichte ris na bàtaichean-iasgaich a bhiodh Calum Mac aBhiocair afaicinn roimh àm aChiad Chogaidh agus ena bhalach. Thogadh an dealbh air latha sònraichte nuair a bha rèisean-bhàtaichean agus cur-seachad eile air an loch.

dhfhalbh.

Ach air an dàrna Sàbaid a h-uile mìos cluinnear Gàidhlig gu leòr ann an Loch Geàrr, mar a bha i ri linn Chaluim Mhic aBhiocair. Tha seirbheis Ghàidhlig ga cumail anns an eaglais, agus bidh luchd-adhraidh atighinn thuice á ceàrnaidhean cho fada air falbh ri Dùn Omhainn. An dèidh na seirbheis bidh fileantaich agus luchd-ionnsachaidh agabhail cupan ann an talla na h-eaglaise, far am bi conaltradh agus co-chomann. Tha Uibhistich, Sgitheanaich, Tirisdich, Colaich, Leòdhasaich, Hearaich agus Gàidheil bharr tìr-mòr acoinneachadh gach mìos anns abhaile bheag seo a bha uaireigin cho Gàidhealach.

Aig toiseach na ficheadamh linn bha mòran de na fir ann an Loch Geàrr trang ris an iasgach. Bha Dòmhnall Mac aBhiocair, a bha ann an càirdeas do Chalum, ag innse dhomh gu robh cuimhne aige fhèin ann an làithean òige air sia deug de bhàtaichean a bhith ag iasgach a-mach ás aChamas gu h-Iosal, achuid sin de Loch



[262]

[Dealbh]
Tha balaich òga fhathast ris achamanachd ann am Meadhon Earra Ghàidheal, mar a bha iad nuair a bha Calum Mac aBhiocairna ghille ann an Loch Geàrr. Tha na ficheadan de sgoilearan ag iomain an-diugh ann am bailtean leithid Aird Driseig agus an Tairbeirt, far an robh an spòrs air a dhol á bith. Air an làimh chlì anns an dealbh seo chìthear Ruairidh Greum, a bha acluich aig an àm sin do Chille Mhoire, sgioba a tha stèidhichte air na bailtean timcheall air Ceann Loch Gilb, agus a tha an-diugh acluich do dhInbhir Aora. Thogadh esan ann am Baile aChaisteil, faisg air Loch Geàrr. Buinidh màthair Ruairidh do dhUibhist a Deas. A bharrachd air a bhithna shàr iomainiche, tha ena dheagh phìobaire.

Geàrr far an robh e fhèin afuireach.

Ghabh Dòmhnall Mac aBhiocair e fhèin compàirt anns aphrògram, “Fàiltair aBhaile”, a dhainmich mi mar-thà. Dhinnis ena dhòigh shocair chùramach fhèin mu na fiosrachaidhean a bha aige aig àm achiad Chogaidh. Chaidh a leòn anns abhlàr agus chaidh fhàgail fad latha gu lethna laighe air an talamh agus càch asmaoineachadh gu robh e marbh. Ach mhothaich oifigeach Gearmailteach dha anns an dol seachad, agus thuig e gu robh an deò ann fhathast, agus thug e gu ospadal e. Bha eagal air càirdean Dhòmhnaill aig an taigh gu robh e air bàs fhaotainn, ach chaidh aige air cairt a chur gu a theaghlach an



[263]

ceann grunn mhìosan a leigeil fhaicinn gu robh e beò.

Fhuair Dòmhnall Mac aBhiocair dhachaigh ás aChogadh, agus chuir e seachad achuid mhòr de a làithean anns aChamas gu h-Iosail far an robh ena òige, ag obair air na rathaidean agus aig Coimisean na Coilltearachd. Air taobh thall an uillt bha a phiuthar, Seònaid, afuireach leatha fhèin, agus bann anns aGhàidhlig a bhiodh i fhèin agus Dòmhnall abruidheann ri chèile fad am beatha. Bha e faisg air ceithir fichead agus deich nuair a dheug e ann an 1989. Fhuair a bhean, Mairead, bàs toiseach na bliadhna seo agus i fhèin air ceithir fichead bliadhna agus deich fhàgail ás a dèidh. Gu crìoch a latha bha Dòmhnall agiùlan chomharraidhean achogaidh anns an robh e an sàs air tìr-mòr na Roinn Eòrpa. Bha eagna chluais far an deachaidh peileir Gearmailteach troimhpe.

Cha robh ràdio aig Dòmhnall le VHF airson am prògram a chluinntinn anns an robh e fhèin abruidheann. Ach thug cuideachd inneal dha air iasad. Chòrd an gnothach ris cho math agus nach ann a cheannaich e fhèin ràdio le bann beag ach an cluinneadh e a h-uile prògram Gàidhlig a bha adol aig an àm. Tha cuimhne agam a bhith atadhal air greis an dèidh dha an ràdio ùr fhaighinn, agus bha e afaighneachd dhomh aGhàidhlig a bha agamsa airquarter to seven. Thuig mi anns amhionaid a bha aige. ’S eceathramh gu seachda bhiodh Dòmhnall còir acleachdadh fad a bheatha, agus cha robh e aircairteal gu seachda chluinntinn riamh gus an dfhuair e an t-inneal ùr. Dhearbh mi dha gu robh an dòigh aige-san a cheart cho math, seadh gu robh e na bfheàrr na Gàidhlig nan eilean a bha e acluinntinn aig aBhBC!

Ach tha mi air a dhol seachad air mo sheanachas. ’S ann air Calum Mac aBhiocair, a rinn na rainn a tha againn aig fìor thoiseach na h-aithisg a tha mi alabhairt.

Nuair a chaidh e air ceann a chosnaidh, bha Calum Mac aBhiocair ag obair ann an Ceann Loch Gilb agus aig tuathanaich ann an Cinntìre, ann an Taigh aBhealaich agus ann an àiteachan eile ann am Meadhon Earra Ghàidheal.

Achs e maraichean agus chan e tuathanaich a bha ann an Cloinn aBhiocair Loch Giorra. Anns na bliadhnachan an dèidh àm aChiad Chogaidh chaidh Calum gu muir. Anns an linn sin bha gheataichean aig mòran de na h-uaislean, agus sin far an dfhuair esan obair toiseach. Bhiodh a bhràthair, Seonaidh, cuideachd air na gheataichean, agus chuir iad eòlas le chèile air seòladairean òga eile ás aGhàidhealtachd agus ás na h-eileanan.

An dèidh a bhith air na gheataichean bha Calum greis ag obair



[264]

air bàtaichean Chluaidh. Agus ged a thàinig e air tìr, ’s ann ri bàtaichean agus ri luchd na mara a bha a ghnothach fhathast, oir fhuair e cosnadh aig clais-uisge aChrìonain. Chuir e seachad mu dheich bliadhna fichead ris achosnadh sin.

Bha Calum ag obair aig achlais-uisge nuair a rinn e an t-òran a tha againn an seo. Tha e ag innse anns an òran gum bfheàrr leis gu mòr a bhith air ais anns an t-seann dachaigh air Loch Geàrr mar a bha ena òige seach a bhith ri taobh achanàil a’ “putadh ghlasan”.

Nuair a leig am bàrd seachad an obair air achanàl, fhuair e cothrom tilleadh chun nan ceàrnaidhean sin de Mheadhon Earra Ghàidheal air an robh e eòlach ann an làithean na h-òige agus air an robh e cho measail. Bha e fhèin agus a bhean afuireach ann am Baile aChaisteil, faisg air Ceann Loch Gilb. Bha iad beagan bhliadhnachan cuideachd ann an Ceann Loch Gilb.

Chuir Calum seachad sia bliadhna ann am Mionard, far a bheil a mhac, Seonaidh, afuireach. Fhuair Calum agus a bhean gach cuideachadh agus cofhurtachd on teaghlach ghasda sin ann am Mionard. Nuair a bha an aimsir freagarrach bu toigh leis a bhith agabhail cuairt, agus bhiodh e an sin acoiseachd gu dìreach, air a chòmhdach an còmhnaidh gu sgiobalta grinn, batana dhòrn agus ad dhubh ma cheann.

Chaochail bean Chaluim, agus anns an bhliadhna mu dheireadh de a bheatha, nuair a bha e acur feum air frithealadh o luchd-eiridinn, bha e ann an Dun Cuain, ionad nan seann daoine ann an Ceann Loch Gilb.

[Dealbh]
Fhathast air canàl aChrìonain tha glasan gam fosgladh agus gan dùnadh dìreach mar a bhiodh atachairt nuair a bha Calum Mac aBhiocair ris an obair. Thogadh an dealbh seo aig aChàrn Bhàn, àite air an robh Calum glè eòlach aig an àm a chuir e an t-òran ri chèile.



[265]

Smuain is Cuimhne (4)
(air làithean na sgoile)
le Dòmhnall Iain MacIomhair

San toiseach

Atilleadh gu Loch Croistean, sin far an deach mi don sgoil an toiseach aon Lùnastal. Bhithinn còig bliadhna, a dhaois an ath Shamhainn, agus mar sin bha mi beagan na bòige na càch sachlas, ged a bha feadhainn eile ann nach robh buileach còig. Cha robh diofar. Aig an ìre sin ann am beatha neach, cha chreid mi gu bheil mìos no dhà abuileachadh cèille no gliocais air amhòrchuid de òigridh. Bha mi deiseil airson a dhol don sgoil, ’s co-dhiù cha robh fada agam ri coiseachd innte.

Bha rùm san sgoil, fear aig achùl agus am fear bu mhotha aig beulaibh an togalaich asealltainn chun an rathaid. Bha mathair san rùm mhòr, agus thòisich sinne nar pàistean san rùm cùil. Cha robh ann ach dithis thidsearans bha na clasaichean aig caochladh ìrean, ach bha iad beag. Cha robh seòmar thidsearan idir ann.

Cleachdadh

Tha cuimhne agam air achiad san sgoil. Bha mi san t-suidheachan aig beulaibh an t-seòmair. Be rudeigin fada a bha ann. ’S iongantach mur do dhionnsaich mi rudeigin. Gu dearbha chan eil fios agam.

Bha Sgoil Loch Croistein -chànanach, agus gun feum aice air poileasaidh airson a gnè a dhearbhadh. Bha Gàidhlig againn uile, agus bha an chànan, Gàidhlig agus Beurla, air an cleachdadh gu saors gu nàdarrach sachlas. Tha mi cinnteach gun robh an sgoil -chànanach gus am bfheudar dhi dùnadh, grùnn bhliadhnaichean an dèidh dhuinne a fàgail.

Bha ar tidsear, Miss Matheson, a bhuineadh do Uig, glè choibhneil ruinn. Agus, mar a chaidh na bliadhnaichean seachad, thuig sinn gun robh an dearbh thè gu math comasachna dreuchd. An àite leabhraichean-sgrìobhaidh bha sinn acleachdadh sglèatan airson nan eacarsaich làitheil a thanam pàirt cho



[266]

cudromach de sgoilearachd. Bha an sglèat mu mheud duilleag A4 phàipear an n-diugh, agus bha cèis fhiodha timcheall oirre, ’s dòcha airson sàbhailteachd na sglèat agus an sgoilear. Bha sliotain anns na deascaichean far am biodhte agleidheadh nan sglèatan na h-oidhche. Bhiodh sinn asgrìobhadh le peansail cruaidh, agus e fhèin air a dhèanamh de sglèat. Bha leabhraichean-sgrìobhaidh ann airson obair a dhfheumte a ghleidheadh. Bha loidhnichean air cuid de na sglèatan, agus bocsaichean airson cunntais air feadhainn eile. Bhatar gan glanadh le luideig nuair dhfheumte na sgrìobh sinn a dhubhadh ás. Saoil cia mheud a tha air lorg de na sglèatan ud, agus càite a bheil iad? Cha do chuir sinn sùim sam bith annta, ach a-nise, coltach ri mòran de sheann nithean, feumaidh gu bheil iad luachmhor, geds dòcha nach eil a thaobh airgid. Tha dòighean eile ann air luach a thomhais.

Bhiodh amannan eadar-ùine gan comharrachadh le seirm chruaidh air clag mhòr pràise, seann rud luachmhor eile ma tha sgeul oirre. Bha an sgoil air a teasachadh le teine fosgailte san rùm bu mhotha; bha an teine ateasachadh seann rèididheatar meatailt san rùm eile. Mar sin, bhatar abuain mhònach, cha bann a-mhàin don mhaighistir-sgoile, ach cuideachd don sgoil fhèin. Mas math mo chuimhne, bha buain na mònach air a leigeil a-mach gu h-ionadail, seòrsa de phrìmheideachadhs dòcha. fon ghrèin a tha ùr?

Bha obraichean eile a dhfheumte a dhèanamh timcheall na sgoile air an leigeil a-mach gu h-ionadail cuideachd, a leithid nan gàrraidhean cloiche a chàradh. Corra uair thigeadh ionmhas falaichte am follais anns na ballachan. Tha cuimhne agam gun lorgadh seann uaireadair-pòcaid ann am fear de na ballachan. Bfhada bho bha an t-uaireadair air sgur mar inneal a dhinnseadh an uair, ged a bha e ann an deagh staid a thuilleadh air sin, aguss dòcha gur e dìreach goireas a shadail air falbh a-measg nan clach an aon adhbhar gun robh e ann. Nos dòcha gun robh adhbhar eile ann, air nach bi fios againn gu bràth. Chan urrainn neach ach smaoineachadh. Feumaidh gu bheil sgeulachd an sin an àiteigin. ’S dòcha gum feuch mi ri a sgrìobhadh uaireigin!

Ealain

Bho àm gu àm bhiodh tidsearan-siubhail agus luchd-sgrùdaidh atadhal san sgoil. Bhiodh tidsearan-siubheil atighinn airson ealain, airson chleasan agus airson ciùil. Aon uair thàinig tidsear ealain, air an robh Mgr Caimbeul, agus dhiarr e oirnn loidhnichean a chur air pàipear ann an dòigh sam bith ach gum



[267]

bhiodh iad adol tarsainn air a chèile, sìos is suas, bho thaobh gu taobh, càm agus dìreach. Rinn sinn sin, agus be a bha againn, co-dhiù be sin a shaoil sinn, truidhleis de sgròbail. Ach chunnaic an tidsear mòran a bharrachd anns na loidhnichean na chunnaic sinne. Gun fhios dhuinn, chruthaich sinn caochladh chumaidheaneòin, iasg, lusan agus eadhon ìomhaighean dhaoine. Chaidh iarraidh oirnn dath a chur orra, agus faodaidh mi a ràdh gun robh againn aig crìoch cùise taghadh de dhealbhan a chuireadh nàire air cuid de ealain an n-diugh. Clas de Phicassothan a-measg beanntan Uige? Carson nach bitheadh?

Sgrùdadh

Anns na seann làithean bha eagal am beatha aig luchd-teagaisg ro thadhal an neach-sgrùdaidh, geds e duine coibhneil a bhruidhinn ruinn ann an Gàidhlig achuimhne a tha agamsa air a leithid de thadhal ann an Uig. Be Murchadh Moireach ainm an fhir-sgrùdaidh, agus bhuineadh e don Bhac an Leòdhas. Bu sgoilear fìor chomasach e, mar thuig mi bliadhnaichean an dèidh sins mi aleughadhs esgrùdadh a chuid litreachais mar phàirt de madhartas fhìn ann am foghlam.

Tha cuimhne agam nuair bha mi òg ann an Loch Croistean gun tàinig es gun dhiarr e fosgladh air ceist cunntais shìmplidh air gille á Enecleit. Be Aonghas a bha air aghille. Thurchair gun robh mòran chaorach aig athair Aonghais, agus bha ùidh mhòr aig Aonghas anns na caoraich. Dhfhaighnich Mgr Moireach dha, “Nam biodh trì caoraich agad agus gun tugainn-sa dhà eile dhut, cia mheud a bhiodh agad?” Sheall Aonghas ris an duine chòir le uabhas, cha bann air sgàth dìth comais a leithid de cheist a fhreagairt, eadhon aig aois sia bliadhna, ach le ana-creideas gun robh duine sam bith cho aineolachs gun robh e an dùil gun robh na thuirt e eadhon atighinn faisg air treud chaorach a riochdachadh. Thug Aonghas sùil gharbh eile air an duine, agus fhreagair e an làn stòldachd, “Gu dearbha cha bhitheadh mòran!” Tha mi asmaoineachadh gun chòrd freagairt Aonghais ris an fhear-sgrùdaidh mòran na bfheàrr na ged bhiodh e air am freagairt a bha e asireadh fhaighinn.

Foghlam

Bha mòran cudroim ga chur air foghlam san dachaigh againn. Bhatar ameas foghlaim mar phrìomh mheadhon air beatha èifeachdach agus adhartach a choileanadh, agus, asealltainn air



[268]

ais, feumaidh mi a ràdh gu bheil mi ag aontachadh ris an t-sealladh sin. Bfheudar do mathair, mar a bfheudar do mhòran eile den ghinealach sin, fhoghlam foirmeil fhèin a leigeil seachad, airson a dhol an sàs ann an strìth aChiad Chogaidh Mhòir. Nuair thill e (agus theab nach do thill, achs e tha sin sgeulachd eile) chuir e roimhe a dhol a-steach airson teagaisg, agus be sin a rinn e.

Bha ochdnar ann an teaghlach mathar, ’s amhòrchuid dhiubh lefoghlammar is aithne dhuinne am facal an-diugh. Chaidh faighneachd do phiuthar mathar, a bha air a bhithna tidsear cuideachd, agus ise suas gu mòr ann am bliadhnaichean, ciamar a burrainn do theaghlach cho mòr a dhol tron fhoghlam anns na làithean ud, agus an t-airgead cho gann. “Cha robh feum againn air airgead,” ars ise, “bha eanchainn againn!” An dearbh seòrsa freagairt a dhùilicheadh neach bhuaipe!

Ged roghnaich mo mhàthair gun a dhol do dhreuchd phroifeiseanta, be boireannach foghlamaichte a bha innte. Nuair fhuair i a teisteanas ann an Sgoil MhicNeacail an Steòrnabhagh, roghnaich ise, mar a roghnaich mòran de a co-aoisean, a dhol a shireadh obrach thar cuain ann an Canada. Bha ise còmhla ri Buidheann UrraisSun Life. Ach, cha robh a slàinte gu tur math, agus thill i. Bha i sònraichte comasach air cànanan, neach-labhairt na Gàidhlig a bha eòlach air uile thoinnteachd aghràmair. Cuideachd, bha i gu math fileanta ann am Fraingis. A thaobh gràmar na Beurla, fhuair sinn ar deagh ionnsachadh. ’S fhada bho chaidh mìneachadh fhacal agus sgrùdadh coitcheann ás an fhasan maille ri mòran de rudan matha eile (ro dhoirbh do na gràdhan beaga? ), ach tha cuimhne agam orra, chan ann a-mhàin mar innleachdan gràmair ach mar nithean a chuireadh beatha don inntinn. Loidig agus saidheans achànain, ’s dòcha? Bha mathair cuideachd fileanta ann an Gàidhlig, ach, gu neònach, ged leughadh e Gàidhlig gun mhearachd cha burrainn dha a sgrìobhadh. Cha do thuig mi sin a-riamh. Ach, cha do chuir sin stad air bho leasanan Gàidhlig a thoirt dhuinn san sgoil.

Bha mi fortanach nuair chaidh mi don sgoil mus robh mi còig bliadhna a dhaois gun robh mi gu tur -chànanach, agus gum burrainn dhomh Beurla a leughadh gu cothromach, ged tha mi cinnteach nach robh mo sgrìobhadh càil na bfheàrr na dhèanadh neach eile san t-sreath. Cuideachd, burrainn dhomh cunntadh ann an Gàidhligs am Beurla. Ach dhionnsaich sinn mòran san sgoilBeurla, Gàidhlig, Eachdraidh, Cruinn-eòlas, Cunntas, Bàrdachd, Sailmean, òrain Ghàidhlig is Bheurla. Abair grèis-bhrat de eòlas. Cha robh 5-14 idir ann. Chan eil mi afaireachdainn gu



[269]

bheil easbhaidh sam bith orm airson sin!

Duaisean

Bha aon sgoil eile ann an Uig aig an àm, ann am Bhaltos. Bha pàirt dhithna h-àrd-sgoil don chloinn a bòige. Bann gu Bhaltos a dheidheadh na sgoilearan bho loch Croistean nach dfhuair tro dheuchainn 11+ , agus bann innte a bha a leithid de sgoilearan á Bhaltos fhèin cuideachd. Seach gun robh àireamhan nan sgoilear san sgoil cho beag, bhiodh an sgoil acumail làithean spòrsa còmhla. Bha sin air a chumail air aon de na h-ionadan gainmhich ann an Uig faisg air baile Bhaltois. Bha gach àbhaisteach annrèisean thrì-chasach, rèisean le uighean is le spàinean, ruith, rèisean phoca, leum de gach seòrsa. Gu h-iongantach bha sinn uile afaighinn dhuaisean. A bheil fios carson?

Cha robh luchd acho-ionannachd, iadsan a bha cho dèidheil air dòighean ùra eadar-mheasgachaidh, air an co-ionannachd innleachadh. Ach, fhuair sinn uile duaisean. An robh Uig air thoiseach air an àm? Be air leth a bha ann do chloinn agus do thidsearan, agus cha robh neach adol a dhfhàgail achadh na spòrsa fo sgòth de bhriseadh-dùil. Bha sinne mar chloinn acur sùil ris fad na bliadhna, ged is iomadh spòrsa a mhallaich mi bhon uair sin.

Cuideachd bhiodh sinn afaighinn dhuaisean airson obair sgoile. An Loch Croistean cha robh seirbheis nan duaisean ach beag. ’S bha a h-uile neach afaighinn an urraim. Tha cuimhne agam leabhraichean Gàidhlig fhaighinn mar dhuais bhon Chomunn Ghàidhealach, agus chan eil glè fhada bho bha mi asealltainn ri fear dhiubhClàrsach an Doire. Ach bha na h-àireamhan de chloinn cho beags gur dòcha gun robh an neach a bha air dheireadh anns an treas àite, no eadhon san dàrna àite!

Roghainn

Cha do chuir mi seachad ach theirm (earrach is samhradh) an Sgoil Airidhantuim. An dèidh deuchainn-tuigse no dhà agus deuchainn 11+ , bha thìde fàs suas agus a dhol don àrd-sgoil ann an Steòrnabhagh. Chan eil mòran chuimhneachain agam, ’s an fheadhainn a tha ann cha dhroch chuimhneachain iad, air mo làithean an Sgoil Airidhantuim, ’s dòcha seach gun robh mo làithean innte cho beag ann an àireamh. Ach feumaidh gur e rudeigin de ùpraid a bha ann trì sgoiltean a fhrithealadh sabhliadhna cheudna, ged nach cuimhne leam droch bhuaidh sam



[270]

bith. Tha mi acreidsinn gur i achuimhne as motha a tha agam air a bhithnam sgoilear an Airidhantuim cho mòrs a bha àireamh na cloinne an taca ri sàmhchair Loch Croistein. Cuidheachd, tha cuimhne agam gun robh sinn afaighinn botal bainne an Sgoil Airidhantuim a h-uile , agus, airson adhbhar gòrach air choreigin, gun robh mi agleidheadh cinn nam botal.

An dèidh faighinn tro dheuchainn 11+ agus nuair thàinig an Lùnastal, bha thìde ann a dhol a chlàradh airson Sgoil MhicNeacail a fhrithealadh. Bha an clàradh seo air a chuairteachadh le ceannard na sgoile. Chaidh mo phàrantan còmhla rium chun na coinneimhe, aig an robh mi adol a dhfhaighinn sealladh air achuibhreann seo den fhoghlam a bha air thoiseach orm. Bha an gnothach sìmplidh gu leòr, ach a thaobh aon . Bha mi ag iarraidh mo roghainn fhìn de chànanan a dhèanamhGàidhlig agus Laideannach cha robh e ceadaichte dhomh sin a dhèanamh. Dhfheumaist Fraingis a dhèanamh, agus dhfheumainn aon de na dhà eile a thaghadh.

Bha mi adol a dhèanamh Gàidhlig gu air bith a thachradh. ’S mar sin biad Gàidhlig agus Fraingis a bha gu bhith ann, a dhaindeoin tomhais mhath de chudrom airson Laideann a thaghadh an àite Gàidhlig. Ghabh mi aithreachas nach burrainn dhomh Laideann a dhèanamh, ach chan eil aithreachas sam bith orm gun thagh mi Gàidhlig. Agus chun an n-diugh tha mi taingeil nach do dhfheuch mo phàrantan ann an dòigh sam bith ri toirt orm gèilleadh don chudrom ud. Eadhons minam òganach fo dhà bhliadhna dheug a dhaois bha mi mothachail air cànans air dualchas nach robh mi adol a thrèigsinn, eadhon air sgàth argamaid a bha mi ameas fiù aig an àm ud mar iomrallachd foghlaim.

Ard-sgoil

Chan eil mi asmaoineachadh gu bheil daoine uair sam bith adèanamh cho maths a dhfhaodadh iad san àrd-sgoil. Gu cinnteach cha do rinn mise, agus theirinn nach do rinn mòran de na bha air achlas agam. Be buidheann -rianail a bha annainn. Tha e air a ràdh gur iad sin na làithean as fheàrr ann am beatha duine. Chan eil mise ag aontachadh ri sin. Chan eil mo chuimhne air a bhithnam sgoilear san àrd-sgoil acur thairis le dìoghras. Gun teagamh bha spòrs againn aig amannan, ach bann air taobh a-muigh rùm na sgoile a bha an spòrs. Chan e gu bheil mi agearain mu dheidhinn sin, oir ann an iomadh dòigh fhuair sinn deagh oileanachadh, agus am bitheantas bhatar gar teagasg gu


[271]

dùrachdach. ’S dòcha gu bheil mi afeuchainn ri bhith bàidheil. Bha cuid de nithean a dhìth, ’s bha cuid de nithean gun fheum.

Asealltainn air ais, chan eil mi afaicinn cus adhbhair air a bhith aseinn mun Phoidsear Lionconach seachdain an dèidh seachdaine. Bfheàrr leam a-nise gun robhar air ionnsachadh dhomh ceòl a sgrìobhadh, ged nach eil mise ceòlmhor a-rèir brìgh an fhacail. Bfheàrr leam gun robhar air ionnsachadh dhomh inneal ciùil a chluiche; tha mi atuigsinn gun gabh a leithid de sgil a h-ionnsachadh. Agus a dhaindeoin moidhirp air atharrais a dhèanamh air Picasso ann an Loch Croistean, cha neach-ealain idir mi, agus tha mi acur coire air an dàn airson na h-easbhaidh tàlant sin.

Rinn mi tomhais de sgrìobhadhnam latha. Ach, cha chuimhne leam gun robh sgrìobhadh cruthachail air a bhrosnachadh gu ìre mhòir sam bith mo làithean san àrd-sgoil. Bha sinn asgrìobhadh mu chuspairean, mar an teaghlach, mar pheatan agus mar shaor-làithean. Cha robh cruthachadh air a mhùchadh, co-dhiù a dhaon ghnothaich, ach cha robhar ga bhrosnachadh. Tha mi acreidsinn nach dèan an neach nach eil cruthachail gu nàdarrach ath-fhreagairt ri brosnachadh air cruthachadh, ach bu chòir don chothrom a bhith aig na h-uile.

Ach, bha rudan eile ann. Bha neach acur eòlais air raon clasaiceach litreachais, a bha gu ìre atoirt ar n-aire gu cruthachadh dhaoine eile. Taing airson Shakespeare, Chaucer, Wordsworth, Milton, Donnchadh Bàn, Uilleam Ros, Seann Sgoil, et al. Ach sin mar bu chòir dha a bhith, ’s mar sin carson taing? Chan eil teagamh nach do chuir sgrìobhaidhean nan ùghdar sin ri beairteas cultair is mothachaidh a bu chòir a bhithna phàirt de fhoghlam sam bith. Agus chan eil teagamhnam inntinn nach eil òganaich a tha afàgail na sgoile an-diugh acall air a bu chòir a bhithna bhrosnachadh cultarach. ’S dòcha gu bheilear gan oileanachadh airson cur suas leis an linn anns a bheil iad beò, linn phlastaic na brèige, achs fheudar gu bheil mothachadh cultarach air linntean a dhfhalbhna bhunait làidir airson mothachadh cultarach a tha nas ùirena ghnè.

Biomadh càirdeas a shìolaich ri sgoilearan eile. Gu -fhortanach, chan eil cuid dhiubh an làthair a-nis, ach bithear gan cuimhneachadh bho àm gu àm. Tha feadhainn eile is chan eil fios agam càite a bheil iad. Agus feumaidh mi a ràdh gu h-onaireach gun shìolaich, an dèidh làimhe, càirdeas ri cuid de na bha gam theagasg, ged aig aon àm bha mi air fàidheadaireachd mu a leithid de shuidheachadh a chur ann an suarachas.

Tha caochladh chuimhneachain agam mun sgoil. Nuair bha mi



[272]

san àrd-sgoil cha robh mi fortanach gu leòr airson a bhith asiubhal dhachaigh gach feasgar, ’s cha be sin deagh shuidheachadh do neach air iomall òigeachd. San fharsaingeachd bha deagh rian oirnn san ostail, ach cha ghabhadh i àite na dachaighe aig aois cho òg. Bha smachd oirnn, achs dòcha nach robh fèin-smachd. Mar a bfhaide a bha mi innte, bann bu duibhe a bha i afàs. Uaireannan bha mi mar phrìosanach le geimhlean nach gabhadh am fosgladh.

Mar a bha fìor a thaobh mòran eile, bha tìde gu leòr ann airson a h-ana-caitheamh. Tha aithreachas orm airson sin. Mar a bha an ùine adol seachad, an àite ciall nàdair làmh an uachdair fhaighinn, bha an obair a bha sinn adèanamh adol an lughad. Bha rudan eile rin dèanamh a thuilleadh air nithean co-cheangailte ri leasain. Bha teanas-bùird ri chluiche, ball-coise ri choimhead( ’s ri chluiche le cuid), òrain ghòrach agus sgeulachdan gòrach rin sgrìobhadh agus sràidean Steòrnabhaigh rin coiseachd. Tha eagal orm gun robh mi, maille ri feadhainn eile, an sàs ann am mòran dhiubh sin. Cha robh tòrr ùine air fhàgail airson foghlaim, rud nach robh cho cudromach ri dèidhean eile.

Rìoghalachd

Bann uaireigin anns na 1950an a chuir abhàn-righ agus a cèileurramair Eilean Leòdhais le tadhal ann. Co-dhiù, chaidh iarraidh oirnne, sgoilearan na h-àrd-sgoil, fàilte a chur orra ann an Steòrnabhagh, ged bha saor-làithean na sgoile ann aig an àm, le seaamh air cabhsair Rathad MhicMhathain agus smèideadh ris achàraid a dhfhoillseachadh toileachais gun chrìoch air sgàth an làthaireachd nar measg.

Mu dheireadh nochd iad ann an Hillman Minx gorm gun mhullach, an seòrsa a bha ann ron fhear le na h-itean leth-chruinn san deireadh tha mi asmaoineachadh, a thàinig gu Leòdhas a dhaon ghnothaich airson an turais. Agus ghlaodh sinn ar fàilte mar a chaidh òrdachadh, mar bhuidheann de ùmaidhean, oir gu dearbha be sin a bha annainn an ud. Tha mi atuigsinn gun thadhail a Mòrachd uair no dhà bhon uair ud, ach bha rudan na bu chudromaiche agam rin dèanamh na bhith aseasamhs ag èigheachd, a leithid feansa a chàradh saghàrradh.

Tha eagal orm gun mharbh cleasan sònraichte rìoghail a ghabh àite bhon uair ud dìoghras sam bith a dhfhoillsich mi le aineolass le neochiontas anns na 1950an. Feumaidh neach àite a leithid de bhuidheann ann an saoghal an n-diugh a cheasnachadh, ach tha sinn uile saor a chum tighinn gu co-dhùnadhtaing do



[273]

Shealbh! Tha mi cinnteach gu bheil an teilebhisean agus na pàipearan beaga air gràin a chur air amhòrshluagh ann a bhith acòmhdach gach puing bheag, neo-bheantainneach asmaoineachadh gu bheil ùidh againnnan cuid goileim. Their iad eadhon ruinn gu bheil òraid na bàn-righ a-nise mar phàirt do-sheachainte de na Nollaige. Abair sgudal! ’S ann ainneamh a leughas neach nithean inntinneach anns na pàipearan beaga, eadhon an lùib ghnothaichean cudromach, gun luaidh air na nochdas an ceangal ri rìoghalachd leis a bheil iad a-rèir coltais air am beò-ghlacadh.

Criomagan

S iongantach cuid de na nithean a thig gu cuimhne neach. Seo no dhà air a bheil cuimhne agamsa mu làithean na h-àrd-sgoile.

Eachdraidh: Be Adhamh Mac aGhobhainn achiad duine bha beò san t-saoghal, agus sin is coireach gu bheil an sloinneadh Mac aGhobhainn cho cumanta. Bhatar acur ás leth sgoileir, air nach bi ainm, ( ’s tha mi adaingneachadh gur ann a bhatar ga chur ás a leth) gun sgrìobh e seo mar fhreagairt ann an deuchainn eachdraidhe.

Gàidhlig: Sgeulachd mu eòin afalbh air iteig gu dùthchannan cèine.
Tidsear: na h-eòin a bhiodh an sin? Cearcan?
Sgoilear: ’S iad.
(Bha sinn air ar teagasg tro mheadhon na Beurla.)

Saidheans: a thachras do dheigh fo 4 puingean Centigrade? “Fàsaidh e deamhnaidh fuar,” fhreagair aon sgoilear. (Fhuair e sràic no dhà airson siud.)

Fraingis: Chan eil càil ri innse. Bha sinn nar cadal achuid bu mhò den ùine.

Foghlam Teiniceach: thachras nuair bhuailear iarann teth le òrd? Fhreagair aon sgoilear gun dèanadh e fuaim uabhasach. (Cha dfhuair e sràic!)

Bha sinn uabhasach. Thàinig grunn againn còmhla aon uair (tha mi asmaoineachadh gun robh sinn sacheathramh bliadhna aig an àm) Thàinig sinn gu co-dhùnadh sònraichte. Dhèanadh sinn euchd-dhàn mun sgoil. Bhiodh gach tidsear san sgoil, agus bha mu 90 dhiubh innte, air an ainmeachadh sabhàrdachd co-dhiù aon uair. Agus cha robh sinn adol a sheachnadh acheannaird. Bha fios againn nam faighist grèim air abhàrdachd gum biodh trioblaid mhòr mar ceann.

Chuir sinn crìoch air abhàrdachd. Ach cha deach a-riamh a



[274]

lorg. Chan eil leth-bhreac den t-sàr sgrìobhadh ud agam, agus eadhon ged bhitheadh chan fhoillsichinn e an seo. Bha e cruaidh ann an iomadh dòigh, ach cha robh sinn aciallachadh cron sam bith leisdìreach beagan fealla-dhà. Chan eil mi cinnteach gu measadh cuspairean ar n-aoir( ’s dòcha gu bheil am facalaoirga àrdachadh gu ìre air nach robh e airidh) e mar spòrs. Ma tha cofhartachd a-nisena lùibs e gun robh peann tachaiseach no dhà mun cuairt, eadhon an uair sin.

Tha sgrìobhadh air a bhith cudromach do chuid againn bho dhfhalbh na làithean ud. Bha feum againn air rudeigin a shaoradh ar faireachdainnean. Tha feum againn air sin fhathast.

Cha tug na sia bliadhna san àrd-sgoil fada adol seachad. Ach bha e mìorbhaileach saorsa fhaighinn. Bha an saoghal mòr gar cuireadh, ’s agabhail brath air ar n-aineolas. Bha sinnnar n-inbhich mu dheireadh thall. Fhuair sinn foghlam, ach cha robh sinn foghlamaichte. Biomadh rathad agus slighe a dhfhalbh air fiaradh bho gheatachan na sgoile an ud, rathaidean agus slighean air an siùbhladh gach neach againn air leths sinn afàgail aig crìoch AS6. Cha robh sinn nar n-inbhich idir. Cha robh sinn air ar n-ullachadh airson a bhith nar n-inbhich, ach nuair sheallas mi mun cuairt orm an-diugh saoilidh mi gur dòcha nach be droch rud a bha sin. Bha sinn atogail oirnn air fìor thursan na beatha.

Chuala mi sgeulachd mu fhear eile a bha afàgail na sgoile. Dìreach mus do dhfhalbh e, rug e air sglèat agus sgrìobh e oirre, “Tha trioblaidean Thormoid sabheatha seo a-nis air tighinn gu crìch.” Bann a bha iad gun tòiseachadh. An ann mar sin a bhiodh cùisean dhòmhsa?

titleTaobh Loch Fìn mar a bha e
internal date2000.0
display date2000
publication date2000
level
reference template

Ruairidh MacLeòid in Gairm 191 %p

parent textGairm 191
<< please select a word
<< please select a page