IOMAIN ANNS AN FHUIRNEIS
le Ruairidh MacLeòid
Anns an ochdamh linn deug bha baile beag sàmhach ann suidhichte mu ochd mìle deas air Inbhir Aora ri taobh Loch Fìn ann an Earra Ghàidheal air an robh Inbhir Leacainn. Chan eil sgeul air a’ bhaile sin an-diugh.
’S e a thachair gun do dh’atharraicheadh seann ainm a’ bhaile nuair a thòisich gnìomhachas ùr anns a’ choimhearsnachd a dh’fhàg a làrach fhèin air beatha agus air eachdraidh na sgìre. Tha an seann bhaile ann fhathast, ach fo ainm eile.
Anns a’ bhliadhna 1755 dh’fhosgail còmhlan á Sasainn leaghadair ann an Inbhir Leacainn airson a bhith ag obrachadh iarainn. Nuair a bha cogaidhean anns an Roinn Eòrpa agus thall thairis bha feum air an obair seo airson gunnachan mòra agus uidheam eile a dhèanamh do dh’Arm Bhreatainn.
Bha suidheachadh Inbhir Leacainn glè fhreagarrach airson leaghadair a bhith stèidhichte ann. Bha fiodh ann am pailteas anns na coilltean a bha mun cuairt air a’ bhaile gus gual-fiodha a chruthachadh. Bha uisge gu leòr anns an abhainn, An Leacainn, a bha a’ ruith tron bhaile. Bha an leaghadair faisg air a’ mhuir airson an t-iarann leaghte a thoirt air falbh. Agus bha luchd-obrach pailt anns a’ choimhearsnachd, gu h-àraidh ann am baile Ach an Droighinn, a bha beagan tuath air Inbhir Leacainn.
Anns a’ bhliadhna 1813 thàinig obair an iarainn gu ceann anns an Fhùirneis. Bha gual a-nis air a chleachdadh an àite fiodh, agus ghluais obair an iarainn gu àiteachan a bha na b’fhaisge air na mèinnean-guail.
Chrìon obair an leaghadair ann an seann bhaile Inbhir Leacainn. Chithear fhathast faing mhòr chloiche a thog an luchd-obrach nuair a sguir an gnìomhachas agus bha aca ri cosnadh ùr a lorg ann an dòigh eile. Ach ged a dh’fhalbh obair an iarainn, mhair an t-ainm ùr a thug an luchd-gnìomhachais air Inbhir Leacainn – an Fhùirneis.
Tha baile na Fuirneis air ainm a chosnadh dha fhèin ann an eachdraidh na Gàidhealtachd airson barrachd air aon adhbhar. Chaidh obair an iarainn á sealladh, ach ann an 1841 thòisich dà ghnìomhachas eile anns a’ bhaile. Aig an àm seo cha robh ach trì fichead agus còig deug neach a’ fuireach anns an Fhùirneis. Ach thàinig mòran dhaoine a-steach ri linn nan obraichean ùra a chaidh a stèidheachadh agus mheudaich àireamh an t-sluaigh.
Ann an 1841 dh’fhosgladh ionad anns an Fhùirneis airson fùdar-gunna a dhèanamh, agus tha sràid bheag de thaighean fhathast anns a’ bhaile air a bheilThe Powdermills. Ann an 1883 bha spreadhadh mòr ann am factoraidh an fhùdair. Chaidh cuid de na togalaichean co-cheangailte ris a’ ghnìomhachas a sgrios anns an spreadhadh agus chan fhaicear dhiubh an-diugh ach càrn de chlachan. Thachair seo air feasgar Disathairne nuair nach robh mòran sluaigh mun cuairt no dh’fhaodadh milleadh mòr air a bhith ann. Ach bhuail clach a chaidh a thilgeil don adhar air manaidseir a’ ghnìomhachais, Uilleam Robinson. Thurchair dhàsan a bhith ’na sheasamh a-muigh faisg air an taigh aige fhèin na ceudan de shlatan air falbh on àite far an do thachair an spreadhadh. Bha e air a dhroch leòn agus chaochail e an ceann beagan ùine.
Cha do dh’fhosgail taigh-gnìomhachais an fhùdair an dèidh na tubaist seo ann an 1883. Bliadhnachan roimhe sin bha riaghailtean ùra air tighinn tron Phàrlamaid a bha ag ràdh nach robh cead aig obair chunnartach den t-seòrsa seo a bhith cho faisg air taighean-còmhnaidh agus a bha factoraidh na Fùirneis.
Ann an 1841 dh’fhosgail gnìomhachas eile anns an Fhùirneis a tha fhathast a’ dol an dèidh còrr is ceud gu leth bliadhna.
Thuig fear a bha ri obair rathaid ann an Glaschu, Uilleam Sim, cho freagarrach agus a bha na clachan faisg air baile na Fùirneis airson cabhsairean a’ bhaile mhòir. Fhuair e cead o Dhiùc Earra Ghàidheal cuairidh fhosgladh anns an Fhùirneis, agus bha sin ’na thoiseach tòiseachaidh air obair a bha glè chudthromach. Is ann á cuairidhean Loch Fìn a tha pàirt den chloich a tha fhathast a’ còmhdach cabhsairean baile Ghlaschu. Anns an fhicheadamh linn chaidh clach á cuairidh na Fùirneis a chleachdadh ann a bhith a’ togail rathaidean mòra anns a’ Ghearmailt agus bha am baile glè thrang anns na bliadhnachan sin.
Bha mòran de na fir a bha ag obair ann an cuairidh na Fùirneis sgileil leis a’ chàman, agus bha sgioba-iomain a’ bhaile cliùiteach anns na làithean a dh’fhalbh. Bha cuid dhiùbh air tighinn chun na cuairidh á coimhearsnachdan far an robh an sluagh dèidheil air an iomain. Ann an 1878 chaidh sgioba-camanachd a chur air bhonn gu foirmeil leis an ainmFurnace Excelsior. Ann an 1900, 1908, 1909 agus 1910 ràinig sgioba na Fùirneis a’ chuairt mu dheireadh de Chupa na Camanachd, ach gu mì-fhortanach rinn an sgioba eile a’ chùis orra a h-uile turas. Ann an 1900 rinn Cinn a’ Ghiùthsaich an gnothach orra 1-0 ann am Peart, an dèidh don dà sgioba a bhith co-ionann anns a’ chiad oidhirp ann an Inbhir Nis. Anns na bliadhnachan eile ’s e Bail’ Ur an t-Slèibhe a ghabh air an
[Dealbh]
1. Eaglais Chumlodain anns an Fhùirneis a thogadh ann an 1841, a’ bhliadhna a dh’fhosgladh factoraidh an fhùdair agus a’ chuairidh. Am measg nam ministearan a bha air ceann a’ choitheanail bha dà sgoilear Ghàidhlig – an t-Urr. Donnchadh Caimbeul, a rinn cruinneachadh mòr de sheanfhaclan, agus an t-Urr. Eachann Camshron, a dheasaich saothair nam bàrd Thirisdeach, Tiree Bards.
Fhùirneis.
Ach ann an 1923 choisinn sgioba na Fùirneis àite ann an leabhraichean-eachdraidh na camanachd nach eil aig buidhinn sam bith eile agus a dh’fhàg gu bheil iad air an ainmeachadh anns an leabhar iomraiteach, The Guinness Book of Records. Anns a’ chuairt dheireannaich ann an Inbhir Nis fhuair an Fhùirneis dà thadhal agus cha d’fhuair na seann nàimhdean, Bail’ Ur an t-Slèibhe, gin. Ach ’s e a bha gu sònraichte mì-àbhaisteach, nach do chaill gillean na Fùirneis aon tadhal eadar a’ chiad chuairt den fharpais agus a’ chuairt mu dheireadh. Anns na cuairtean eile bha iad air an t-Oban, Bail’ a’ Chaolais agus Caolas Bhòid a cheannsachadh. Agus cha do bhuannaich sgioba eile an Cupa gun tadhal a chall romhpa no ás an dèidh, ged a chaidh Cinn a’ Ghiùthsaich glè fhaisg air aon turas. Tha am ball a chaidh a chleachdadh anns a’ Chuairt Dheireannaich ann an 1923 fhathast aig teaghlach fir de na cluicheadairean, air a ghlèidheadh gu cùramach ann an cèis ghlainne.
A bharrachd air cho soirbheachail agus a bha iad ann an Cupa na Camanachd ann an 1923, choisinn sgioba na Fùirneis Cupa Comann Ceilteach Ghlascu ann an 1908,ann an 1912, agus a-rithist ann an 1914.
Nuair a thàinig mise a dh’fhuireach don Fhùirneis ann an 1985 bha Donnchadh MacColla, a bha ’na bhall den sgioba ainmeil ann an 1923, fhathast beò. Duine fìor ghasda aig an robh cuimhne smaointinneach air gach gèam anns an robh e fhèin an sàs. Is iomadh naidheachd thlachdmhor – agus annasach cuideachd – a chuala mi aige mu na seann làithean. Dh’innseadh e dhut cò a bhuannaich, dè an seòrsa aimsir a bha ann air an latha, agus cò an rèitear a bha gan cumail fo smachd. Bhiodh an duine calma seo fhathast a’ coiseachd don eaglais Latha na Sàbaid agus e còrr math is ceithir fichead. (B’ann ann an 1841 a thogadh eaglais Chùmlodain – an dearbh bhliadhna a dh’fhosgladh cuairidh na Fùirneis agus taigh-ghnìomhachais an fhùdair.)
Chuir an Cogadh Mòr stad air na farpaisean iomain mar a chuir e casg air iomadh rud eile. Bha cuimhne mhath aig Donnchadh MacColla air a’ chiad ghèam a chumadh eadar an Fhùirneis agus Inbhir Aora an dèidh a’ Chiad Chogaidh. Chaidh sgioba na Fùirneis suas air bàta gu Inbhir Aora, oir bha na h-eithrichean na bu phailte aig an àm sin na bha na carbadan-siubhail. Bha an latha fuar fliuch agus bha còta mòr fada, sìos gu a shàilean, air an rèitear airson a chumail blàth agus tioram.
An-diugh ma thionndaidheas cluicheadair air rèitear, ann am ball-coise no ann an iomain, gheibh e latha dubh. Anns a’ chiad ghèam sin eadar An Fhùirneis agus Inbhir Aora an dèidh a’ Chiad Chogaidh chaidh am ball òirleach seachad air an loidhne taobh na pàirce, ach gun fhiosda don rèitear sguab fear de chluicheadairean Inbhir Aora air ais e le a chaman. Fhuair Inbhir Aora tadhal anns a’ bhad an dèidh sin.
Chaidh sgioba na Fùirneis air bhoil. Rinn iad gearan ris an rèitear, ag ràdh gu robh am ball taobh a-muigh na pàirce mun d’fhuair an sgioba eile an tadhal. Ach chan èisdeadh e riu. Mu dheireadh rug bràthair Dhonnchaidh Mhic Colla air a chluais air an rèitear agus shlaod e chun a’ bhrithimh e a bha ’na sheasamh ceann shuas na pàirce, a chionn gu robh esan na b’fhaisge air an àite far an do thachair a’ chuilbheart. Dh’aidich am britheamh gu robh am ball gun teagamh air a dhol seachad air an loidhne an toiseach, agus nach robh an tadhal laghail. Ghabh an rèitear ri casaid muinntir na Fùirneis agus chuir e a’ bhinn a thug e an toiseach an dàrna taobh. Agus chaidh an cluicheadair a ghabh grèim air a chluais ás gun pheanas. (Anns a’ Ghiblean 2000 chaidh
[Dealbh]
2. Donnchadh MacColla, nach maireann, a bha ’na shàr chluicheadair ’na latha, a’ faighinn buinn o Ruairidh MacLeòid aig co-fharpais iomain anns an Fhùirneis ann an 1986 a chuireadh air chois a chur urraim air Donnchadh, am fear mu dheireadh a bha beò den sgioba iomraiteach a choisinn a’ bhuaidh-làraich ann an 1923.
cluicheadair ás a’ Mhanachainn a chur bhàrr na pàirce fad dhà bhliadhna gu leth a chionn gun do bhuail e an rèitear le a chaman!)
Anns na seann làithean bhiodh iad a’ cumail a-mach gu robh rèitearan àraidh ann a bhiodh na bu cho-fhaireachdaile ri cuid de sgiobannan na bha iad ri feadhainn eile. Bha fear de na rèitearan ’na riochdaire aig companaidh a bhiodh a’ reic dup-chaorach. Bha grùnn de na cluicheadairean aig Inbhir Aora aig an àm sin ’nan tuathanaich. Nuair a bhiodh sgioba na Fùirneis a’ cluich an aghaidh Inbhir Aora agus a chitheadh iad an rèitear sin a’ tighinn air a’ phàirc, chanadh na cluicheadairean le tàmailt, “Cha reic thu mòran dup ann an cuairidh.”
Bha sgioba na Fùirneis turas eadar an dà Chogadh a’ dol tarsaing Loch Fin airson dùbhlan a thoirt do bhalaich Caolas Bhòid. Bha an rèitear ’nan cuideachd air a’ bhàt-iasgaich a bha iad air fhasdadh airson an turais. Bha luchd-taic na Fùirneis a’ faireachadh caran teagmhach, oir ’s e Sgitheanach a bha anns an rèitear. Agus nach ann ás an Eilean Sgitheanach a thàinig sliochd Chloinn MhicNeacail, a bha cho lìonmhor ann an sgioba-iomain a’
Chaolais?
Co-dhiù, chaidh an latha an aghaidh na Fùirneis, agus dh’fhiach an luchd-leantainn aca ri grèim fhaighinn air an rèitear nuair a bha an gèam seachad agus iad den bheachd gu robh taobh aige ri sgioba Caolas Bhòid. Rinn muinntir a’ Chaolais cabhair air an duine bhochd, agus thug iad comraich dha gu Diluain nuair a bha e sàbhailte dha a dhol dhachaigh air rathad eile!
Ach bha aon rèitear ann a bhuineadh don Eilean Sgitheanach, agus dhèanadh fir na Fùurneis toileachadh ris-san nuair a chitheadh iad e a’ tighinn. B’esan Iain MacGhilleathain (An Kaid). Bha e fhèin uaireigin a’ cluich don Fhùirneis, agus bha fios aca nach biodh esan co-dhiù ’nan aghaidh air a’ phàirc. Rinn An Kaid òrain mu na sgiobannan iomain a b’ainmeile ann an Alba ’na latha, agus nuair a fhuair buidheann na Fùirneis Cupa na Camanachd ann an 1923 rinn e òran dhaibh-san cuideachd. Seo sèisd an òrain a chluinnear fhathast aig luchd na h-iomain anns a’ bhaile –
Good old Harry, do not tarry,
Haste and o'er the brine,
And stop me at the Quarry,
On the shore of dark Loch Fyne.
There'll I'll never ramble,
And neither will I stray,
Where I'll meet with Doctor Campbell
And the boys who won the day.
Tha mi a’ smaoineachadh gur e Harry an t-ainm a bha air a’ bhàta a bhiodh ag aiseag dhaoine tarsaing air Loch Fìn anns na làithean sin. ’S e an Caimbeulach a tha air ainmeachadh anns an rann, An Dotair Gilleasbaig Caimbeul, dotair na sgìre, a bha ’na cheann-suidhe air sgioba na Fùirneis ann an 1923. Bhuineadh e fhèin don bhaile, far an robh athair ’na lighiche roimhe, agus ’na latha bha Gilleasbaig fhèin ’na chluicheadair comasach. Nam faigheadh cluicheadair buille agus gun tigeadh e bharr na pàirce bheireadh an Dotair Caimbeul aon sùil air an leòn a dh’fhuiling e. “Cha d’fhuair e làn-neart a’ bhuille,” chanadh e, agus air ais don bhlàr leis a’ chluicheadair.
Bha iomadh sgeulachd aig Donnchadh MacColla mun duilgheadas a bhiodh aig na cluicheadairean a’ siubhal gu geamachan iomain. Cha robh na goireasan ann a tha aig daoine an-diugh. Uaireannan dh’fhalbhadh e fhèin agus feadhainn eile deagh astar air baidhsagal agus aca ri dhol an sàs anns an iomain goirid an
dèidh dhaibh a’ phàirc a ruighinn.
Ann an 1923, nuair a choisinn sgioba na Fùirneis Cupa na Camanachd ann an Inbhir Nis, dh’fhàg na cluicheadairean agus an luchd-leantainn an taigh madainn Dihaoine, agus cha robh iad air ais dhachaigh gu Dimàirt. An toiseach chaidh an sgioba agus an luchd-taic a bha ’nan cuideachd tarsaing Loch Fìn ann am bàt’ -iasgaich. Fhuair iad bus an uair sin on taobh thall gu Dùn Obhainn. A Dùn Obhainn ghabh iad bàt-aiseig gu ruige Grianaig, agus trèan á Grianaig gu Glaschu. Bha trèan Inbhir Nis gam feitheamh ann an Glaschu.
Bha beagan trioblaid aca air an t-slighe air ais. Stad an trèan fad leth-uair ann am Peàrt, agus ghabh cuid de mhuinntir na Fùirneis an cothrom a dhol a-mach – airson drama a ghabhail, a-rèir iomraidh. Dh’fhalbh an trèan agus aon duine deug den chòmhlan fhathast gun tilleadh. Bha càch glè chas riu agus aca ri bagaichean nam fògarrach a thogail leo agus feitheamh riu ann an Glaschu gus an tàinig an ath thrèan á Peart.
Bhiodh na cluicheadairean uairean a’ siubhal ann an carbad mòr. Dh’innis Donnchadh MacColla dhomh mu thuras agus iad a’ tilleadh ás an Oban. Pìos a-mach á Dail Mhàillidh, air leathad air an t-seann rathad a tha a’ dol seachad air carragh-cuimhne Dhonnchaidh Bhàin nan Oran, nach ann a stad an carbad. Cha robh boinne peatrol aca. Bha Donnchadh MacColla ’na bhall de chomann Stuamachd agus cha robh ach dithis air bòrd, e fhèin agus Donnchadh eile, Donnchadh Mac an Rothaich, a bha air chomas eirbheirt an dèidh am feasgar a chur seachad anns an Oban. Choisich an dà Dhonnchadh le soitheach air ais gu Dail Mhàillidh. Chaidh aca air fear na garaids a dhùsgadh agus lìon esan an soitheach dhaibh. Bha uaireannan beaga na maidne ann mun do ràinig iad an Fhùirneis agus uallach air an teaghlaichean gu robh tubaist air tachairt dhaibh air an t-slighe.
“Agus an do bhuannaich sibh an dèidh na bha an sin de dhrip is de shaothair?” dh’fhaighnich mi do Dhonnchadh.
“Cha do bhuannaich,” fhreagair Donnchadh gu searbh. “Rinn ministear Aird Chatain foill.”
Mhìnich e dhomh mar a thachair.
Bhiodh an t-Urr. Alasdair Dòmhnallach a’ cluich do sgioba an Obain. Bha an dà sgioba co-ionann nuair a chaidh am ball pìos beag tarsaing air an loidhne taobh na pàirce. Tharraing an Dòmhnallach am ball a-steach gu h-ealamh, agus leis a’ bhuille sin fhuair an t-Oban tadhal. Cha do leig sgioba na Fùirneis riamh air dìochuimhne mar a chaill iad an gèam sin!
Nuair a bhiodh na balaich a’ cluich air falbh on taigh bhiodh
fadachd air an fheadhainn a dh’fhàg iad ás an dèidh gus an cluinneadh iad ciamar a chaidh dhaibh. Bha fear a’ fuireach anns an Fhùirneis aig an robh calmain. Nam biodh an sgioba a’ cluich an aghaidh Caolas Bhòid air taobh thall an locha bheireadh iad calman leo. Letheach-slighe tron gheam agus aig a’ chrìch leigeadh iad an calman ás le teachdaireachd ceangailte ri a chois ach am biodh fios aig an fheadhainn a dh’fhuirich aig an taigh ciamar a bha a’ dol dhaibh.
Bhiodh innealan na b’adhartaiche air an cur gu feum airson fiosrachadh a sgaoileadh.
Bha Iain Mac an Aba air fear eile aig an robh sgeulachdan mu na làithean nuair a bha an sluagh gu lèir air chuthach mun iomain. Bha e ro-òg airson a dhol a dh’Inbhir Nis airson cuairt dheireannach Cupa na Camanachd ann an 1923. Dh’innis e dhomh mar a fhuair e an naidheachd aoibhneach gu robh sgioba na Fùirneis air Cupa na Camanachd fhaighinn mu dheireadh thall. Bha e fhèin agus balaich òga eile ag iomain air an rèidhlean faisg air a’ chuairidh anns an Fhùirneis air an latha mhòr, nuair a thàinig Chattie Mhàrtainn air baidhsagal a dh’innse dhaibh gu robh teleagram air tighinn gu oifis a’ phuist leis an teachdaireachd gu robh na fir air Cupa na Camanachd a bhuannachadh. (Bha Chattie beò nuair a thàinig mi fhèin don sgìre corr is trì fichead bliadhna an dèidh sin.)
Chuir Cogadh Hitler stad air an iomain dìreach mar a thachair ri linn Cogadh a’ Cheusair. An dèidh a’ Chogaidh mu dheireadh thòisich sgioba ùr anns a’ choimhearsnachd air an robh an t-ainm Taobh Loch Fin. Bha cluicheadairean anns an sgioba ás an Fhùirneis agus á Inbhir Aora, dà bhaile a bhiodh uaireannan glè nimheil agus nàimhdeil an aghaidh a chèile air a’ phàirc-iomain. ’S e buidhe agus dubh na dathan a bha riamh aig Inbhir Aora, agus dearg agus geal aig an Fhùirneis. Bha seann òran-brosnachaidh aig sgioba Inbhir Aora –
Hip hip hurrah for the Yellow and the Black,
For these are the colours gay
Worn by the Inveraray boys
When they at shinty play.
Bha an dearbh sheòrsa fhaclan ann an dàn a bhiodh aig luchd-taic na Fùirneis, ach bha iad air na dathan agus ainm na buidhne atharrachadh. ’S eHip hip hurrah for the red and the Whitea bhiodh acasan.
Thàinig an sgioba aonaichte a chuireadh air chois an dèidh a’
[Dealbh]
3. Buidheann de chluicheadairean òga iomain á Earra Ghàidheal – sgoilearan á Ceann Loch Chille Chiarain aig co-fharpais ann am Meadhon Earra Ghàidheal far an robh sgiobaidhean ás an Fhùirneis agus á ceithir deug de bhun-sgoiltean eile. Tha an iomain air tighinn air adhart bho chionn beagan bhliadhnachan ann an àiteachan leithid an Tairbeirt agus Aird Driseig far an robh i air a dhol bàs.
Chogaidh gu còrdadh mu na dathan a bhiodh iadsan a’ caitheamh – bha ceàrnagan buidhe agus dearga air na lèintean. Bha e mar gum biodhRangersagusCelticair tighinn còmhla agus lèintean le ceàrnagan gorma agus uaine aca.
Bha sgioba Taobh Loch Fìn glè shoirbheachail. Dà thuras, ann an 1947 agus ann an 1950, ràinig iad a’ chuairt dheireannach ann an Cupa na Camanachd, ged a chaill iad gach turas ri Bail’ Ur an t-Slèibhe. Ann an 1959 agus ann an 1953 choisinn iad Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu, ann am fìor sheann cho-fharpais a thòisich ann an 1879.
An ceann beagan bhliadhnachan bha sgioba na Fùirneis air ath-nuadhachadh, agus chaidh buidheann Taobh Loch Fìn ma sgaoil. Ann an 1958 fhuair sgioba ùr na Fùirneis Cupa a’ Chomainn Cheilitich.
Ri tìde chaidh sgioba na Fùirneis ás an t-sealladh aon uair eile, ach ann an 1977 thàinig sgioba ùr am follais air an tugadh an t-ainm Cille Mhoire, ainm a bha air seann sgioba á Meadhon Earra Ghàidheal a chaidh á bith bliadhnachan mòra roimhe sin. Bhuineadh cuid mhath de na cluicheadairean anns an sgioba ùr seo don Fhùirneis.
Choisinn balaich Chille Mhoire corra dhuais. Ann an sèasan 1983-84, nuair a bha ceithir roinnean anns a’ cheann a deas, b’iadsan a bha air thoiseach air càch anns a’ cheathramh roinn. Beag is beag thàinig an sgioba air adhart. Ann an sèasan 1985-86 agus a-rithist ann an 1991-92 fhuair iad Cupan an Fhrisealaich agus iad air an Dàrna Roinn ann an ceann a deas Alba a bhuannachadh. Ann an 1989 agus ann an 1992 ràinig iad cuairt dheireannach Cupa a’ Bhaile Mhòir. Bha mi aig an dà ghèam sin, anns a’ Ghearasdan agus ann an Taigh an Uillt. Tha cuimhne agam
cho tàmailteach agus a bha an luchd-leantainn a’ faireachadh aig deireadh gnothaich agus an sgioba air a bhith cho dìcheallach an aghaidh nan sgiobannan on cheann a tuath a rinn a’ chùis orra. ’S e latha sònraichte a bha ann ann an 1989 nuair a chaidh sinn gu Grangemouth far an do rinn na gillean a’ chùis air Tayforth anns a’ chupa air an robhSouth Qualifying. Ach ann an 1992 chaidh an latha le sgioba Bhaile a’ Chaolais aig Taigh an Uillt agus choisinn iadsan an cupa sin. Ann an 1979 agus ann an 1992 fhuair Cille Mhoire Cupa Bullough. Ann an 1986 thugadh “An Fhùirneis” air an dàrna sgioba aig Cille Mhoire.
Bho chionn beagan bhliadhachan chaidh sgioba Chille Mhoire a-rithist á bith. Bha cuid de na cluicheadairean aca air a dhol a dh’obair ann an àiteachan an taobh a-muigh de dh’Earra Ghàidheal. Bha feadhainn eile a-nis ’nan oileanaich ann an colaisdean anns na bailtean mòra.
Ach an-uiridh chaidh sgioba Chille Mhoire ath-bheothachadh aon uair eile. Tha taghadh math de chluicheadarean òga aca agus a’ cumail taic riu sin tha seann laoich eòlach a bha a’ cluich do Chille Mhoire nuair a bha iad aig ard-îre. (Chan eil e ’na annas ann an iomain do mhac agus athair a bhith air a’ phàirc còmhla.) Ghabhadh Cille Mhoire a-steach anns an dàrna roinn mu dheas, agus nuair a chaidh an t-iomradh seo a sgrìobhadh bha iad air deich geamannan a chluich, cha robh iad air aon ghèam a chall, agus nas iongantaiche buileach, bha iad air trì fichead tadhal fhaighinn, gun fiù ’s aon tadhal a chall. Is ann ás an Fhùirneis a tha am fear-bàire eadar na puist nach do leig aon bhall seachad air. Buinidh grùnn de na cluicheadairean eile don bhaile seo cuideachd. Nuair a sgrìobh mi seo bha sgioba Chille Mhoire air a’ chuairt dheireannach de Chupa Bullough a ruighinn. Ràinig an sgioba fo sheachd bliadhna deug aig Cille Mhoire cuairt dheireannach Cupa MhicUisdein.
Anns an Lùnasdal 1996, chaochail Donnchadh MacColla, am fear mu dheireadh den sgioba ainmeil a thug Cupa na Camanachd dhachaigh gu baile na Fùirneis ann an 1923. Bha e ceithir fichead agus ceithir deug. Anns an Og-mhìos gach bliadhna bidh clann nam bun-sgoil anns a’ choimhearsnachd a’ strìth air pàirc-chluiche na Fùirneis airson Sgiath Dhonnchaidh MhicColla a chosnadh, duais a thugadh seachad ann an 1986 mar chuimhneachan air an t-sàr chluicheadair seo. Nuair a thòisich a’ cho-fharpais seo bha Donnchadh fhathast beò agus bhiodh e an-làthair airson an Sgiath a thoirt seachad don bhuidhinn a thug buaidh. Nam biodh Donnchadh air mhaireann an-diugh, ’s e a bhiodh moiteil ás na balaich ás á’ bhaile aige fhèin a tha fhathast a’ leantainn gu dlùth ri cliù an sinnsear air pàirc na h-iomain.
title | Iomain anns an Fhuirneis |
internal date | 2000.0 |
display date | 2000 |
publication date | 2000 |
level | |
reference template | Ruairidh MacLeòid in Gairm 193 %p |
parent text | Gairm 193 |