NA GAIDHEIL AN SIORRACHD BHRUIS
le Niall M. Brownlie
Tha mi fada an comain mo dheagh charaid, An t-Ollamh Eardsaidh R. MacFhionghain á Baile Chìnn Chardainn an Siorrachd Bhruis airson pìosan den eachdraidh seo.
Is iomadh Gàidheal, sean is òg, a b’ fheudar a dhachaigh fhàgail ri linn nam Fuadaichean, is chaidh mòran dhiubh gu ruige Canada. Chan eil teagamh ann nach do dh’fhuiling iad cruadal is acras ann an Tìr nan Craobh mun deachaidh aca air a’ choille ghàbhaidh chur ás a bonn:
Chan iongnadh dhòmhsa ged tha mi brònach;
’S ann tha mo chòmhnaidh air chùl nam beann,
Am meadhon fàsaich air Abhainn Bhàrnaidh,
Gu dad as fheàrr na buntàta lom.
Mun dèan mi àiteach ’s mun tog mi bàrr ann,
’S a’ choille ghàbhaidh chur ás a bonn,
Le neart mo ghàirdein, gum bi mi sàraichte
Is treis air fàilinn mum fàs a’ chlann.
An-diugh, tha sìol nan sonn a chaidh fhuadach ri an lorg anns gach ceàrn de Chanada. Ach is ann air Gàidheil a’ Bhruis a tha mi a-mach anns an aithris seo.
Tha Tormod MacDhonnchaidh a’ dèanamh iomradh gu tric air Gàidhlig sa’ Bhrus. [Tormod MacDhonnchaidh. Eachdraidh Siorrachd Bhruis. Toronto: Uilleam Briggs, 1906. Ath-fhoillsichte 1960, J. M. Dent (Canada) . ] Mar eiseamplair, ann an caibideil air fòghlam agus sgoiltean, tha e ag iomradh gun tubhairt Uilleam Gunnach, ceannard nan sgoiltean an 1856, gum feumadh e gu tric an obair a chur air bhonn an Gàidhlig, do bhrìgh nach robh facal Beurla aig Buill a’ Bhùird. Chan eil teagamh ann na b’ i a’ Ghàidhlig a’ chànain a bha air a cleachdadh aig an àm sa’ Bhrus, agus gum b’ iad Gàidheil a bha anns a’ mhòr-chuid de na h-eilthirich.
Ma dh’fhaoite, is gun teagamh, b’ e an còmhlan a bu aon ghnèithich na Leòdhasaich a thuinich am Baile Huron. Thuinich ceud is naoi teaghlach a Leòdhas an seo an 1852. B’ i a’ Gàidhlig cainnt am màthar is cha robh ach glè bheag dhiubh aig an robh Beurla. Ann an roinnean eile, bha mòran de luchd Gàidhlig á ceàrnan eile de dh’Albainn rin lorg air feadh na dùthcha. Mar eiseamplair, thuinich mòran Thirisdeach am Baile Chinn Chàrdainn. ’Nam measg, bha àireamh bheag á Sasann is á Eirinn a Tuath. Do bhrìgh sin, b’i a’ Ghàidhlig cainnt na mhòr-chuid is an àitean àraidh mar Thibhearton is Ripley, bha seirbhisean Gàidhlig air an cleachdadh sna h-eaglaisean gu ruig beagan bhliadhnachan ron Dara Cogadh.
Chan eil teagamh ann nach do dh’fhuiling na Gàidheil a thuinich sa’ Bhrus iomadh cruadal an Albainn. An Tiriodh, mar eiseamplair, bha iad an ìre a bhith dol ás leis a’ chaoile a chionn gun robh an àireamh sluaigh faisg air 5000. Torach is mar a tha an t-eilean, cha chùm e beò-shlàint ach ri mu dhà mìle anam. Is ann air buntàta, iasg, min eòrna, min choirce agus bainne a bha an sluagh a’ tighinn beò. Ach, gus an do bhuail gorta a’ bhuntàta an 1846, bha iad an seagh sona is toilichte gu leòr le an crannchar. Ach bha rabhadh soilleir de dhroch ghrèidheadh ann nuair a nochd am Bàillidh Dubh Caimbeul san eilean an 1846, is bu shuarach gauleiteir Germailteach seach an duine borb seo. B’ e seo a bu choireach gun deachaidh mòran de na Tirisdich air imrich is cha b’ i a’ ghorta.
Ged a bha cùisean searbh san t-seann dùthaich, cha b’ ann len deòin a dh’fhàg na h-eilthirich. A-rèir bial-aithris sa’ Bhrus ’s ann air am fuadach a bha na Gàidheil a thuinich san t-siorrachd is bha iad nimheil an aghaidh nan uachdaran a chur á seilbh iad. Air Là na Bliadhn’ Uire, bhiodh Tirisdich a’ Bhruis ag òl air a chèile leis an deoch-slàinte, “Air slàinte gach neach a tha beò air thalamh an-diugh ach Diùc Earra-Ghàidheil.” Ach an seagh eile, b’ e rud math a thachair, oir rinn iad beatha fada na b’ fheàrr dhaibh fhèin an Tìr nan Craobh.
B’ i a’ Ghàidhlig mar an ceudna a bha air a cleachadh gu cumail beò bial-aithris is cleachdaidhean eile á Albainn. Bha àireamh mhòr de sgialachdan, de dh’òrain, de phuirt pìoba agus de sheanfhacail a thàinig á Alba rin cluinntinn sa’ Bhrus ri linn nan ciad fhear-àiteachaidh agus tha mòran dhiubh rin cluinntinn gus an là an-diugh. Bha òrain mar Mairi Laghach, Nighean Donn a’ Chùil Rèidh, A’ Chailin Mhaiseach Dhonn, Hi horo ’s na Horo Eile, An Tè Bhàn, Gu ma Slàn do na Fearaibh, Frith nan Damh Ruadha, Lag nan
Cruachan, agus Fear a’ Bhàta cumanta. A bharrachd air sin, thugadh ùrachadh air cuid dhen bhial-aithris los gum biodh e freagarrach do na h-eilthirich anns an t-suidheachadh ùr san robh an crannchar, is thug seo am bith òrain ùra, ceòl, sgialachdan is ràdhan ùra. Bha òrain Bheurla cuideachd air an cleachdadh.
Bha bàird ann a bha ullamh, ealamh air òrain a chur an àird mu bhàinnsean, dannsaidhean, taghaidhean agus iomadh cuspair eile. Cha robh e air a chleachdadh òrain, sgialachdan is ràdhan a sgrìobhadh, is gu tric rachadh iad air dì-chuimhne. Ach fhathast, tha stuth sgrìobhte ri fhaighinn a tha airidh air fhoillseachadh is nochd cuid dheth aig meadhon na linn seo ann am pàipear-naidheachd Chinn Chàrdainn. Is thug a’ bhean-uasal Downaidh gu aire dhaoine pìosan Gàidhlig ann an “Fear-Faire Thibhearton” (Tiverton Watchman). Bha am pàipear, “An Gàidheal”, a chaidh a stèidheachadh an 1871, a’ foillseachadh aithrisean ann an Gàidhlig is bha “MacTalla” á Sidney an Alba Nuaidh a’ clò-bhualadh stuth bho chaochladh dhaoine an Canada Uachdrach bho 1892 gu 1904.
Mar a tha fios againn, rinn Am Bàrd MacIllEathain is eilthirich eile á Alba Nuadh mòran òran a tha fhathast air lorg. Gu mì-fhàbharach, chan eil am beairteas òran a bha ri fhaighinn an Alba Nuaidh air lorg an-diugh sa’ Bhrus. Ach seo aon am Beurla le Eòghann MacFhionghain fon tiotal A’ Choinneamh Ainmeachaidh(The Nomination Meeting):
It was at the Nomination;
’Twas there we had the time;
The first to speak was Liddecoat
The speech was but a rhyme.
He stood upon the platform
With a backer by his side;
Saying, “while I’m talking
Please keep order Mr Hyde.
He took off his coat
And rolled up his sleeves;
Now I’ll tell the public
What kind of man I be.
He said to Ross an Avery;
“You stated I did wrong,
Here I face the two of you
And prove it if you can.
The audience stood listening
Till an echo in the corner
Thinking he was mad;
Arose with such a clap.
“Hold on Mr Liddecoat
I think you’ve lost your track.”
When the bag was looked insided
It was minus of the cat!
Rinn MacFhionghain òran Gàidhlig a’ moladh a’ chiad Bhuanaiche Massey-Harris a fhuair e. Anns an òran, chan e a-mhàin gu bheil e a’ moladh cho fiachail is a bha am buanaiche, ach tha e a’ moladh an fhir bho na cheannaich e e.
B’ iad daoine cràbhach, diadhaidh a bha sna h-eilthirich, ach fhathast bha iad saobh-chràbhach mar a bu dual dhaibh. Ged a bha an dà-shealladh, buidseachas, an droch shùil, is sìdhichean air a meas mar nithean gràineil, bha sgeulachdan air na cuspairean sin cumanta san t-Siorrachd agus seo aon mun dà-shealladh:
Dh’innis tàibhsear da bhràthair gu robh bàs a’ dol a bhualadh a dh’aithghearr san choimhearsnachd. Thubhairt e nuair a bha e a’ seatadh bhòrd san t-sìol-lann gu robh iad air bhalg-chrith. Seachdain ’na dhèidh bhuail tinneas nàbaidh is chuireadh fios air an dotair. Thàinig esan gun chò-dhùnadh nach robh nì fodha ach an sgian is dh’iarr e bùird airson opairèisein a dheasachadh. Anns a’ chabhaig, chuireadh na bùird ás an t-sìol-lann an grèim. An ceann beagan làithean, bha an duine bochd fuar air an dèile.
Tha rudan eile a thug na h-eilthirich leotha air an aithris gu tric aig an linn a thàinig ’nan dèidh. A-rèir na sgeòil – is tha seo ri fhaighinn a-measg Ghàidheal an latha an-diugh – bha cumhachdan leigheis aig an t-seachdamh mac no an t-seachdamh nighean san t-sreath. Bha e air a ràdh gun rachadh aca air Tinneas an Rìgh a leigheas. Is aithne dhomh fhèin tè á Tiriodh aig a bheil an comas seo. Bha daoine ann cuideachd aig an robh rann is oibe a chuireadh bacadh air neònagan is b’ iad seo, mas math mo cuimhne, na facail-thoisich:
Neònagan a h-aon, neònagan a dhà,
Neònagan a trì, gabh air falbh a neònagan.
Is chan eil an sin ach dà eiseamplair dhe na h-eòlasan a thug na h-eilthirich leotha do Chanada.
Tha MacDhonnchaidh ag aithris sgeulachd mu cheatharnach sa’
Bhrus a’ ghiùlain dhachaigh air a ghuaillean astar ceithir mìle deug baraille san robh 112 pùnnd de mhin-fhlùir, is a-rèir na sgeòil cha do shaoil e dad dheth. Nuair a dh’fharraid a nàbaidh dheth an robh e claoidhte, fhreagair e: “A chiall mi, cha robh! Ach bithidh i rud beag goirt.”
Bha sgeulachdan mu dhaoine làidir cumanta air feadh na Siorrachd, agus seo aon mu fhear, Calum MacLeòid, a bha a’ fuireachd am Bhaile Chinn Chàrdainn. A-rèir coltais, bha e iomraiteach airson a spionnaidh. Aon là, air dha a bhith ag obair do nàbaidh, fear dam b’ ainm Iain MacArtair, thug esan dha tuagh a sheas gun mhilleadh fad an latha. Air an fheasgair thubhairt Iain ris, “Uill, a Chaluim, rinn mi dhuit tuagh nach robh nad chomas a bhristeadh.” Thog Calum an tuagh, chaidh e a-null gu bun craoibhe, bhuail e an stoc leatha is spealg e ás a chèile an tuagh.
“B’ fheàrr dhomh fada nan chum mi mo bhial,” thubhairt Iain.
Bha ainmean Gàidhlig cumanta sa’ Bhrus. Ma dh’fhaoite gur e an t-aon as ainmeile Tobar Mhoire. Gheibhte mar an ceudna ainmean air tuathanas mar Tobar Iochanaiche(Well of many Springs), Craoch Aonghais(Angus’s Tree)agus Boigrean bhàgh(Wide field of the bullrushes). Is mar a tha cumanta gus an là an-diugh, bha taighean air an ainmeachadh mar “Taigh Chaluim, mac Dhùghaill.”
Bha saibhreas de sheanfhacal air chaochladh chuspairean cuideachd cumanta le ràdhan mar:
Am fear nach cuir air latha fuar, cha dèan e buain air latha teth.
Am fear a chumas a theanga, cumaidh e a chàirdean.
Cha tàinig an t-olc riamh ás an Ear.
Mar chloich a ruith le gleann, feasgar fann foghair.
Trì làithean den Iuchair san Fhaoilleach, trì làithean den Fhaoilleach san Iuchair.
Feumar an seagh truas a ghabhail do dhaoine aig nach robh facal Gàidhlig, ach a fhuair iad fhèin air an cuartachadh le cànain choimheach. Aig toiseach na ficheadamh linn, bha an sgial a’ dol mu mhinistear Clèireach a chronaich Sasannach airson a bhi a’ mionnachadh: “A Phàraig”, thubhairt am ministear, “ma chumas thu ort a’ mionnachadh mar sin, cha mheal thu nèamh gu bràth.”
“Tha mi coma co-dhiù”, thubhairt Pàraig.
“Ach carson?” Dh’fharraid am ministear.
“Ma thèid mi do nèamh, cha bhi nì ann ach Leòdhasaich is Tirisdich ag argamaid cò aige tha a’ Ghàidhlig as glaine is an uair nach urrainn dhaibh tighinn gu aonta, thèid iad an ceann seinn nan salm.”
Am bitheantas, bha na Gàidheil a’ dèanamh an dìchill air Beurla
ionnsachadh is aig toiseach na ficheadamh linn, thuinich Sasannach eile am measg luchd-Gàidhlig. A-rèir coltais, bha e air bhoile ri ciann a bha a’ fanaid air na mearachdan a bha aig am pàrantan nuair a bha iad a’ còmhradh ris am Beurla.
“Cha eil mise a’ fanaid orra”, thubhairt e. “Is ann a tha mi mòr ás an oidhirp a tha iad a’ dèanamh. Chan i Beurla cainnt am màthar, is tha meas mòr aca air a’ Ghàidhlig. Ach tha iad fhathast deònach air ìobairt a dhèanamh gu cur air bhonn tìr am bi Beurla air a cleachdadh.”
A-rèir coltais, tha nar comas cruinneachadh a dhèanamh air eachdraidh linn air nach eil sgial an-diugh. ’S i obair luachmhor a bhiodh an seo. Ged a bha na h-eilthirich bochd ’nan crannchar, bha am bial-aithris is an cultar saibhir air gach dòigh. Bha na thachair dhaibh an Canada san toiseach brùiteil agus cruaidh, ach ’s e a bha annta ach dream de bhàird is de luchd-ciùil. Bha ràdh aca: “Nam b’ e an-diugh an-dè!
Nan rachadh Comann Eachdraidh a’ Bhruis air cheann co-chruinnichidh eachdraidh an latha ’n-dè is taigh-tasgaidh a chur air bhonn, tha mi cinnteach nach bitheadh an saothair gun duais. Cho fada is fhios dhomh, tha an t-Ollamh MacFhionghain an ceann cuid dhen obair agus ’s e mo dhùrachd gun tèid gu math leis.
Fiosrachadh:
Is an á Salum an Tiriodh ann an 1841 a dh’fhalbh an teaghlach aig an Ollamh Eardsaidh MacFhionghain gu ruige Canada.
title | Na Gaidheil an Siorrachd Bhruis |
internal date | 2001.0 |
display date | 2001 |
publication date | 2001 |
level | |
reference template | Niall M. Brownlie in Gairm 195 %p |
parent text | Gairm 195 |