[317]

Dachaigh nam balach aig Sgoil Phortrìgh – “Hostail Eilginn
le Aonghas Mac-a- Phì

Dhfhosgail Sgoil Phortrìgh an Eilean Sgiathanaich anns abhliadhna 1875; chaidh a togail gu inbhe Ard-Sgoil ann an 1905 airson na bha do sgoileirean asireadh foghlam suas gu ìre a dhol dhan Oil-thaigh. Anns achiad dol-a- mach, bha 250 sgoileirean ag ionnsachadh ann le 15 tidsearan a bha ateagasg – “Laideann, Greugais, Frangais, Matamataic, Eachdraidh, Ealain agus Gàidhlig” – is shaoilinn cuideachd, gu cinnteach, Beurla?

Bhan dùthaich ás an robh i afaotainn sgoileirean nas fharsainge na bha iomadh àiteile, bhon a bha i afrithealadh eileanan an t-seann Siorrachd Inbhirnis a bha atoir a-staigh na Hearadh, Uibhist-a- Tuaths a Deas (co-dhiù na Pròsdanaich, oir bha clann nan teaghlaichean Caitligeach adol uirigen Gearasdan) is na h-eileanan beaga teann dhan Eilean Sgiathanach a bharrachd air an t-Eilean fhèin.

Ged a be baile beag trang agus fàsail Portrìgh aig toiseach na linne, bha e doirbh loidseadh fhaotainn ann aig prìs reusanta, ’s bha seona dhuilgheadas do na sgoileirean àrd-mhiannach air foghlam, a bha tighinnnan dròbhan dhan Ard-Sgoil. Be glè bheag do bhusaichean, no carabadan-giùlain do sheòrsa sam bith a bha air rathaidean an eilein aig an àms gun dòigh aig sgoileirean, eadhon anns an eilean fhèin, air faighinn dhachaigh gach latha, mar a dhfhaodas iad an-diugh. Bhan gainne seo do loidseadh air fàs fìor-dhraghail mu na bliadhnaichean mu dheireadh de na 20ean.

Bha Urras Charnèigidh, fo stiùireadh Iarla Eilginn is Cinn Chàrdain, air an duilgheadas seo a rannsachadh agus bhàtar air airgead a chur ma seach airson ceithir hostailean a thogailnan àitean-fuireach do na sgoileirean anns na h-eileanan. Bha fear dhiubh seo ri thogail air pìos fearann falamh ri taobh Sgoil Phortrìgh airson gillean, le ainm an fhear-stiùiridhHostail Eilginn. Chaidh fhosgladh gu h-oifigeil air an 12mh. latha den t-



[318]

Sultaine 1933, leis an Diùc York agus a bhean-phòsda a thàinig gu bhithnan Rìgh is Ban-rìgh aig acheann thalls i-fhéin beò fhathast aig deireadh na linne.

Bha àite-fuirich gu bhith ann airson 40 balaich, aon bhean-taighe(matron)dithis mhaighsteirean-sgoile, aon chòcaire is ceathrar shearbhantan. Bhan togalach air a tharraing suas le ailtire a fhuair òrdan gum biodh e – “coltach ri togalaichean tuath, taighean-dùthchail is taighean-beaga nan croiteirean anns an 18mh/19mh. linn.” – ailtireachd gu math annasach ann an sùilean an fheadhainn a chuir a-mach an t-òrdan. ’S e cliù a choisinn an ailtire a tharraing suas na planaichean dha fhèin, oirs e togalach grinn a thannna shuidhe air cnoc bheag ri taobh na sgoiles air taobh a-muigh Phortrìgh.

Chaidh na h-àiteannan-fuireach a ghabhail gu grad, ged a bhan roinneadh air a dheagh dhèanadh leis na riaghladairean. Thàinig balaich ás iomadh eilean uirige an hostails iad òg is suas am bliadhnaichean-sgoile. Bha seo riaraichte, oir bha e ri fhaicinn gum biodh leanailteachd anns an taghadh le sgoileirean ann fad na h-ùine anns an àrd-sgoil. Dhfhaodte gun robh cuid dhiubh afàgail an dachaigh rudeigin òg cheana, ach bha seo bitheanta gu leòr air feadh na dùthcha co-dhiù.

Bha cuid eile, coltach rium-fhìn, fortanach gun robh bun-sgoil teann againn nar sgirean fhèin a bheireadh foghlam dhuinn gus aois chòig-deug. Biad-seo naJunior Secondary Schoolsa bha cumanta aig an àms a bheireadh trì bliadhna foghlam do sgoileirean academaiceach is eile, an dèidh dhan bhun-sgoil. Chaidh mise gu Sgoil Dhunbheagain – “Dunvegan Public Schoolmar a bha e air ainmeachadh, far an robhar ateagasgsyllabuslàn do chuspairean academaiceach, ged nach robh anns an sgoil ach còig seòmairean-sgoiles bham maighstir-sgoile fhèin ateagasg fad ùine, cuide ri càch.

Aig ceann mo threasa-bliadhna an sin, aig aois chòig-bliadhn’ -deug, chaidh mise agus grunnan eile de mo cho-aoisich a thaghadh airson falbh dhan Ard-sgoil ann am Portrìgh, prìomh-bhaile an eilein. Bha mi fortanach gun dfhuair mi àite ann an Hostail Eilginn nan gillean. Bha hostail eile ann airson na caileagan air ainmeachadh air Mairead Charnèigidh á teaghlach an tairbheartaich, ach bha esan pìos math air falbh bho hostail nan gillean. Cha robh riaghladairean an àite uamhasach dèidheil air na balaichs na caileagan a bhith còmhla, ach nuair a bhiodh commandair acumail sùil orra! – nach iad a bha glic?

Be seo abhliadhna 1943 agus bha Hostail Eilginn air a bhith fosgailte deich bliadhna le tìde gu leòr airtradiseantana bhith



[319]

[Dealbh]

[Dealbh]
Fionnlagh ann an 1944.

[Dealbh]
Ali Hassan ann an 1944.



[320]

g éirigh ann. Be mo chiad cuimhne, adol a-steach an dorais ann, cho fadas a bha na trannsans mar a bha iad adeàrrsadh lepolish” ’s an t-àileadh cùbhraidh a bha dheth. Bha seòmar fada aruith sìos aghaidh an togalaich air achiad ùrlar bhon talla aig an doras-aghaidh. Be seo an seòmar-obrach gach oidhche. Pìos bhuaithe bha seòmairean-obrach bheaga eile airson na balaich a bu shine, far am biodh fois aca roimh àm nan deuchainnean mòra. Bha seòmar-cluiche ann an togalach cruinn aig ceann-a- deas an togalaich. Bha togalach cruinn aig ceann-a- clì an togalaich le staidhre ag èirigh suas chun an dara ùrlar far an robh na seòmairean-cadail.

Bha seòmar mòr ithe le cidsean agus seòmairean dha na searbhantan ann an sgiath den togalach aig acheann-a- tuath. Bann an seo a bha seòmar-suidhe aig na maighsteirean ri taobh an doras-aghaidh. Bha sgiath eile a-mach bho cheann-a- deas an togalaich lelocker-roomfar am faotadh na balaich gnothaichean a ghlasadh air falbh, le preasa aig gach fear. Bha seo teann air an doras-cùils air na pàircean-cluiche air chùl na sgoile.

Shuas an staidhre bha na seòmairean-cadail air trì taobhan sguair, os cionn anstudyagus an sgiath eile. Bha ceithir leapannan singilte, iarainn agus ciste-dhràbhraichean ann an sin dhuinn. Bha na seòmairean-nighe, ceithir dhiubh, air taobh thall na trannsa is bha againn uile a bhith faicilleach nach biodhmaid uile annta aig an aon àm, oir cha robh iad mòr. Ach bhabathanns gach fear dhiubh a bharrachd air bòbhlaichean nighe is taighean-beaga is bhabalconybeag air an taobh ud den trannsa cuideachd acoimhead sìos air anquadranglecùil.

Bha na balaich-òga, air achiads an dara chlas, acadal anns na seòmairean tuath, teann air seòmairean nan searbhantan agus abhean-taighe is na maighstirean. Bha na balaich a bu shine anns na seòmairean deas, ged nach robh iad dad na bfhèarr air dòigh sam bith. Mas math mo chuimhne beDorm 8” (neòs dòchaDorm 7) a bfheàrr leinn uiles e acoimhead sìos air abhailes air an sgoil fhèin, ach be seo an dorm a thaghadh am prìomh-ghille dha fhèins dha na caraidean aige.

Ged nach be ìomhaigh napublic schools”, leithid Eton is Harrow mu dheas, a bhagainn an seo, le clann nan croiteirean anns an hostail, bha feum againn air dòigh-riaghlaidh ann an leithid do theaghlach cho mòr do bhalaich-dheugach. Mar sin, bha e tradiseanta a-niste gach bliadhna gun taghamaid Prìomh-bhalach agusPrefectno dhà airson ar guth a chluinntinn nam biodh feum air còmhradh leis na maighstirean, neo fois a chumail nar measg ann an deasbad sam bith a bhiodh againn, rud a bha



[321]

tachairt tric gu leòr.

Nam latha-sa be am Prìomhaire (is gu dearbh be siud an t-ainm a lean ris fad a bheatha a-measg balaich ahostail a baithne dha) duinòg cothromach le rudeigin do thogailna dhreach, eadhon an uair ud, a thuigeadh tu a bhiodh fad-ruigheach, oir bha e ri fhaicinn uaireannan acleachdadhplus-foursan àite briogais, coltach ris na maighstirean-sgoile aig an àm! – Cha be a h-uile balach a bha cho gaisgeil! – Bha fios aig gach duinagainn gun drachadhPrimefada, ge be àite dhan deànadh e obair, ’s mar a thachair ri teachd, cha robh sinn ceàrr.

Besan balach Hearach dham bainm Fionnlagh Iain Dòmhnallach, a bhana dhuine ainmeil bliadhnaichean an dèidh sud airson a chuid obair air T.Bh., réidio agusna sgrìobhadair leabhraichean mu dheidhinn làithean òige anns na Hearadh a-niste air an ceannach air feadh an t-saoghail. Chan eil Fionnlagh truagh maireann an-diugh, ach nach iomadh a rinn e a thug toileachas dhuinn.

Bha sinn beò ann an droch làithean an uair ud agus bhiodhamaid acruinneachadh gach oidhche aig doras seòmar nam maighstirean aig naoi uairean a dhèisdeach ris na naidheachdan air an rèidio. Bhan cogadh a-nulls a-nall anns na làithean uds bha cuideigin againn uile air falbh an àiteigin ann an èideadh-an-rìghs bhiodh seona dhragh dhuinn. Cha be sin a-mhàin, ach bha fios againn uile a cheart cho luaths a bha sinn aois ochd-bliadhn’ -deug a ruigeil, gum feumamaid fhìn falbh dhan chogadh. Aon uairs a ruigeadh tu ochd-bliadhn’ -deug bha agad ri falbh guMedical Boardann an Inbhirnis a dhfhaicinn gu cho freagarrachs a bha thu airson seirbhis-chogail. Bha sinn uile ann am buidheann-òigridh air choireigin a bhoineadh do luchd-chogail, gu sònraichte ann am Portrìgh, bha balaich ahostail anns anA .T. C. (Air Training Corps).

Nuair a thainig fios guPrimegun robh aige ri dhol gu Inbhirnis gumedicaldhòrdaich e gun drachadh e ann ann an èideadh anATC. Chuir e seann chleachdadh nan saighdeirean an grèim an oidhche mun dfhalbh e airson filleadh fìor-gheur a chur air a bhriogais ghorm. Mus do thòisich e air iarnaigeadh, chuir e siabann bog air a bhriogais agus anns amhadain bha na filleadhan cho cruaidh, ’s cho geur ris an ràsar.

Bha sinn uile ri gàireachdaich an oidhche a thill e, ged tha, ged a bha sinn duilich air a shon nach gabhadh iad ris aig a’ mhedicalairsons nach robh e cho fallains a bu mhath leisach dhinns e dhuinn le gàire mar a thachair dhan bhriogais air sràidean a bhaile-mhòir ann am fras uisge. Bha Fionnlagh gu spaideilna



[322]

èideadh, ach bha cop-geal aruith sìos aghaidh na briogais!

Dhfhàg en sgoil a dhionnsachadh diadhachdna mhinistear ach cha bfhada gun do thuig e nach dèanadh e ministear idir agus chaidh e gu saoghal an rèidio is an T.Bh. . .. taghadh brosnachail air leth. ’S e call mhòr a bhann gun do chaochail e cho òg, an dèidh bhith cho math aig obair anns a’ mhedia ’s anns na leabhraichean aige. Bi cuimhnagainne a baithne dha anns na làithean ud, air cho dèidheils a bha e air a bhith a-measg a chinne-daonna ann am bruidhinn, dàimhealachd is càirdeascha -chuimhnich sinn a chuid caomhalachd Ceilteach, pearsanta.

Tha mi cinnteach gum fàs sinn uile suas cuide ri cuideigin a dhfhàsas ainmeil aig ìre air choireigin. Bha Fionnlaghna dhuine ainmeil gu dearbh, mar a bhacharactereile a bhair an aon chlas ris anns na làithean ud agus biad dithis cho aon-choltach ri chèiles a chunnacas riamh. Cha chreid mi nach biodh e fìor gu leòr a ràdh gun robh iadnan co-dheuchainnichean cho mòrs a chunna mise riamh ann an sgoil, oir bhàtar le chèile cho fòghlamaichte. Tha e duilich ri ràdh nach eil iad le chèile maireann an-diugh, ach rinn iad le chèile an comharradh fhèin air an t-saoghal anns an do dhèirich iad.

Baithne dhuinn uile am balach seo anns an sgoil air ainm, Alan Hasson. Cho fads is aithne dhomh be balachboarded-outa bhann an Ailean á teaghlach briste. Bhiodh e fhèin is Fionnlagh tric adol troimhe-chèile, oir bha iad le chèile gu math feargach, nuair a bhualadh e orra. Bhiodh còmh-stri an dràsds a-rithist mu iomadh cuspairpoileataic, saidheans, litreachas, diadhachd, no ealainno uaireannan boireannaich!

Bha Ailean fìor-theth, nuair a thigeadh e gu cainntearachd (rud a thug e leis dhan t-saoghal annasach a lean e) ’s bhiodh e cho dian ann an deasbads gum biodh cop air a bhilean. Nuair a dhfhàg en sgoil chaidh e dha na Camshronaich far an do ghabh e èideadh an oifeigichs a chuir e na h-oifeigeirean eile bun-os-cionn leis chobolshie” ’s a bha enam measg. Ghabh e ainm an rèiseamaid, oir be Ailean Camshron a bhair an dèidh seo – ’s cinnteach nach do chòrd Hasson ris anofficers mess”. Ach fhuair e urram bho na saighdeireans bha e math dhaibh.

Beagan bhliadhnaichean an dèidh seos mi fhìn air trì bliadhna a dhèanadh ann an èideadh an rìgh, thachair mi ri Aileans minam oileanach ann an Glaschu. Bha e fhathast ann an èideadh an airmsna fhèileadh, achs gann gum burrainn dhomh a chreidsinn nuair a dhinns e dhomh gun robh e adol gu Colaisde Diadhachd a bhithna mhinistear.

Chùm mi sùil air na pàipeirean-naigheachd anns na bliadh-



[323]

naichean an dèidh seo agus cha tug e fada gus am faca mi ainm Ailean atighinn am follais. Cha robh e air atharrachadhs bha obairna mhinistear gu bhith a cheart cho làn còmh-stri, deasbad is aimhreits a bha e riamh. Chaidh e fhèin is an Eaglais troimhe-chèile buileach glan ann an iomadh cuspair gus mu dheireadh thilg iad a-mach e an dèidh dha teicheadh airson greis, an dèidh ùpraid, uirige Canada.

Ach thill e an ceann beagan bhliadhnaicheans e fhathast ann an èideadh is colair amhinisteir, ged nach eil min dùil gun dfhuair e taic sam bith bho Eaglais Alba. Bann a rinn Ailean eaglais den t-sràid ann an Dun Eideanns bidh cuimhne mhath agaibh air acluich na pìoba aig aMhound anns abhaile-mhòr le fèileadh air is lèine ghorm le crois-gheal oirres le boineid-leathann. Bann mar seo a chruinnicheadh e còmhlan ris am bruidhneadh e mu iomadh cuspair.

Duine garbh, borb a bhann nuair a bhan caothach air, ach duine còir cuideachd a dhèanadh cobhar do iomadh neach. ’Na dhòigh fhèin tha sinn ga ionndrain a cheart cho mòr ri Fionnlagh còirs bidh mi tric agabhail iongnadh am bheil iad ri còmh-stri fhathast, ge bi càite a bheil iad?

Tha mi deimhinn nach biodh iad uamhasach toilichte le staid Hostail Eilginn an-diugh. Bha mi ann am Portrìgh bho chionn ghoirid is chaidh mi a choimhead air an togalach a tha ann an droch staid seach mar a bha. Chan e hostail ghillean a-nist idir e, ach measgadh do dhoifeisean na Comhairle is clasaichean-sgoile is cha bu mhist e beagan càradh is sgrìob pheanta.

Nuair a fhuair sinn atharrachadh anns na Roinneans na Siorrachdan bho chionn bhliadhnaichean air ais, chaidh Roinn ùr a chruthachadh le Comhairle nan Eileanan Siar, a dhealaich na Hearadh is Uibhist bho Shiorrachd Inbhirnis, mar a bàbhaist. Mar sin, ghabh Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh àite Sgoil Phortrìgh do chlann-sgoile nan eileanan mu dheas, is cha robh uiread do dhfheum air hostail ann am Portrìgh. Eadar sin is àrdachadh mòr ann an àireamh nam busaichean a tha siubhal rathaidean an Eilein a-niste, is miann phàrantan gum biodh clann-òga aig an taigh nas fhaide, cha robh cho mòr feum air hostailean. Tha e ceadaichte do chlann an eilein a-niste a h-uile latha sgoile aca, suas gun an t-siathamh bliadhna, a chur seachad, ’s fuireachnan dachaigh fhèin ge be càite anns an eilean a thàtar agabhail tàmh. Co-dhiù a tha seo math dhaibh gus nach eil, chan eil mi ro-chinnteach, oir tha e gu math trom air clann-òga a bhith siubhal nam mìltean gach latha ann am bus le moch-eirigh dha na h-uimhir dhiubh?



[324]

Chòrd mo bhliadhnaichean anns an hostail riumsa gu dearbh agus rinn mi caraidean ann a tha teann dhomh fhathast an dèidh còrr is leth cheud bliadhna. Dhionnsaich mi cuideachd mòran mu thighinn-beò ann an còmhlan, rud nach do dhionnsaich mi ann an clas, no bho leabhars bha tlachd mhòr agam anns an àite, is tha fhathast.

Tha grùnn bheag fhathast afuireach ann an hostail Mhàiread Charnèigidhmeasgadh do bhalaichs do chaileaganó, bhóbh, nach e cùisean a tha air atharrachadh, seach mar a bha ann an 1944, an oidhche a chuir na gillean bhon hostail bratach an crochadh air crann ann an gàrradh aMhàiread Charnèigidh leStalag Luft XXIIair a pheantadh air!

Tha fiù an t-seann sgoil fhèin air a leagail. Chaidh Comhairle gun rians gun chiall an grèim ann an 1971 is leag iad an t-seann thogalach a bha cho bòidheach le a thùr agus a chlach-dhearg-ghainmhich; cha robh e buileach air acheud bliadhna a dhèanadh dheths bu mhòr am beud. Chuireadh togalach grannda do choncrete is gloinnena àites bhiodh daoine ga coltachadh ri – “factoraidh charpeitean Ruiseanachnobocsa-bhrògan a bha air fàs”. A bharrachd air a mhì-thlachd ann an ailtireachd, chaidh a dhroch thogail, ’s ann an taobh a-staigh fichead bliadhna tha e a-nis air a dhìteadh gu bhith -shàbhailte dhan chloinns dha na tidsearan a thag obair ann. Tha muinntir an Eilein air cur an aghaidh an sgoil seo a chumail agus than Comhairle a-nis agabhail ris gum feumar sgoil ùr a thogailna àite.

titleDachaigh nam Balach aig Sgoil Phortrigh
internal date2001.0
display date2001
publication date2001
level
reference template

Aonghas Mac-a-Phì in Gairm 196 %p

parent textGairm 196
<< please select a word
<< please select a page