[120]

GLAC NAOMH
le Niall M. Brownlie

Nuair a bha mi mu shia bliadhna a dhaois, bha ena chleachadh agam dol a dhiasgach do Bheinn Skarabhraig, (Sgarabhraig, bho L. skári, ‘faoileagagusbjarg, ‘stalla’ ). Air feasgar ciùin foghair nuair a bhiodh aghaoth san tuath, thogainn orm le slat charraige air mo ghualainn. Nam phoca, bhiodh maghair is fuaidreag a rinn mi-fhèin. Bha na maghair freagarrach airson glacadh phiocach is an fhuaidreag airson liùghachan. Cha robh fuaidreag ann na bfheàrr na air a dèanamh le easgainn a lorg mi san loch a bha faisg air an dachaigh.

Tha mi a-nis ann am foghar mo làithean is fada air falbh bho thìr mo bhreith is màraich. Do bhrìgh sin is tric a bhitheas smuain ag èirighnam inntinn a bhios gam thilleadh air ais gu na cur-seachadan a bha agam ann an làithean mòigelàithean a thriall air sgèith na cabhaig no mar chloich adol le gleann. Bidh mo smuain gu tric atriall mar eun siubhail thar mhonaidhean is thonnan mara gu glaic uaignich ann am Beinn Sgarabhraigglac air an robh mi fìor eòlach an tùs mo làithean.

Nach tric a thog mi orm air feasgar brèagh a-mach tro na croitean gu sona, sòlasach, adol tarsainn amhachaire, seachad air Uaimh Chaluim Cheàird is air Fang Ghoirtein Dòmhnaill gus an ruiginn bun na beinne? An dèidh beagan streapaidh, thigeadh làrach aosda Theampall Phàraig an làn shealladh. Tha aghlac anns a bheil na tha air fhàgail den togalach suidhichte air taobh an iar-dheas na beinne is acoimhead a-muigh air muir bhuaireasaich fharsaing is ann an sealladh sgeirean dan ainm na Cailleachan Bàna is taigh-solais na Sgeire Mòire a tha mu aona mìle deug a dhastar air falbh. Air taobh a deas an làraich, far a bheil an aon bhad rainich a tha san eilean, thana sìneadh air an làr, carragh air a bheil chroissuaicheantas ar creideimhsnaidhte gu h-eireachdail.

Chaidh an togalach a shuidheachadh air pìos gruinnd a tha acòmhdach an treasa cuid de dhacair is bha an teampall mu ceithir air fhichead troigh am fad is mu aon tròigh deug an leud. Bha an



[121]

bhalla taoibh mu shia troighean an àird. Bha an stuadh a deas sia òirlich na bu tighe na bha an stuadh a tuath. Chan eil seona iongnadh, oir bha i rùisgte ri gaillinn aChuain Shiar. Air taobh a-staigh aghàrraidh a bha acuartachadh an teampaill, bha cladh beag, is aige a tha fios nach eil an Naomh a thog an teampall tiodhlaicte an seo.

Mun cuairt air an làraich, tha clachan eile air a bheil croisean snaidhte. Ann an 1879, bha an altair cheàrnach, a bha mu ochd òirlich dheug an àird, air lorg air an taobh an ear. Bha achrois, ás eugmhais abhun-charraigh, mu cheithir troighean. Chuala mi nuair a bha minam bhalach mu thriùir ghillean òga á baile ann an ceann an ear an eilein a thàinig gun teampall is a leag pìos den bhalla is a mhì-naomhaidh na bha air fhàgail den altair. Mun do ruith bliadhna, bha iad fo na fòidean uaine. Thachair seo o chionn còrr math is ceithir fichead bliadhna air ais.

Mu thrì-fichead slat air falbh an cois achladaich, tha tobar, mu dhà throigh an croislinn is mu ceithir troighean an doimhneachd, air a ghearradh á creig, is aig làimh tha gearraidhean eile dan ainm Dàbhaichean Phàraig. Chan eil foir ann am be Pàraig ainm an duine a thog an teampall, is ma dhfhaoite gur h-ann don Naomh Pàraig a bheannaich Eirinn a tha e coisrigte. Ach tha aon cinnteach agus is e sin gu bheil an teampall air leth aosda is gun thogadh e fada mun tàinig Calum Cille gu ruige Eilean Idhe. Bhon is e Teampall Phàraig a their muinntir an àite ris, tha mi dol a chleachdadh an ainm Pàraig anns an aithris.

Og, luath, agus làidir is mar a bha bha mi, feumaidh mi aideachadh gun robh sàmhchair is uaigneas na glaice adùsgadh smuain iongantach agus dhomhainnam chridhe. Ged nach robh nithean mar sheann aois no bàsmhorachd air maire, bha faireachdainnean agam gun robh làthaireachd do-fhaicsinneach anns an ionad thiamhaidh seo a bha gam tharraing gu mo Chruithear. Acoimhead air achrois a bha snaidhte air achloich a bha làmh rium, bha facail na laoidh bhrèagha, ‘An t-Seann, t-Seann Sgeul’, a rinn Dòmhnall Mac na Ceàrdaich bho chionn iomadh bliadhna air ais atighinn gum aire:

Ar leam gum faic mi Slànaighear saghàrradhs e ri bròn,
No air achrann mar thàirnicheadh a làmhan leis an òrd,
Seo an sgeul as prìseala chaidh innse dhuinn le Pòl – ’S toigh leam an t-seann, seann sgeul sin.

Bha maigne ag ràdh rium nach robh ach sgàil afalach bhuam spiorad an fhir a chaith a bheatha an seo ann an seirbheas an Tighearna. Bha smuain neònach ag èirighnam cheann a bha a



[122]

toirt cuiridh dhomh ùine bheag a chur seachad an seo mun leagainn mo chas air carraig iasgaich. Ar leam gun robh guth sèimhnam chluais a bha ag ràdh: “Is ann leis an Trianaid a tha an talamh air a bheil thu nad sheasamh, is bha facail a chuala mi gu tric bhom mhàthair nuair a bha minam bhalach beag atighinn gum aire: “Cuimhnich a-nis do Chruithear ann an làithean dòige, mun tig na droch làithean, agus an druid na bliadhnachan riut, anns an abair thu, chan eil tlachd agam annta.”

Shuidh mi air creig a bha faisg, is bha e leam mar gun robh na tonnan a bha apògadh nan creagan is nan sgeirean timcheall ag aithris an sgeòil fhèin air abhuaidh a bha aig an àite seo air beatha an t-sluaigh a chuala teachdaireachd aoibhneach na sìth bho bheul Phàraig nuair nach robh anns aChreideamh Chrìosdail ach naoidhean. Bha mi mar a bha aoigh na bainnse nuair a chuir am Maraiche Aosda fo sheun e gu an cothrom a thoirt dha gu anam a rùsgadh mu na nithean uabhasach a thachair an dèidh dha cur ás donAlbatrossa bha aleantainn an t-soithich-shiùil air an robh e. Ged a bha mo chogais ag ràdh: “Tog ort is dèan air Na Gnoban a dhiasgach mar a bha nad bheachd”, bha cumhachd eile gam chumail car tamall far an robh mi.

Ged a bha an saoghal an sàs anns an dara cogadh is aingidheachd is neo-thruacantas a-rithist acòmhdach aodann na talmhainn, cha robh smuain agam air, oir cha robh àite do leithid anns aghlaic seo. Cha robh an seo ach sàmhchair, gràdh agus gràs an a tha ariaghladh air nèamh is air thalamhan sin a thig air àraidh gar gairm dhachaigh gu cathair gràis.

Chan eil e doirbh do neach a dhfhairich sàmhchair agus uaigneas an ionaid seo gabhail ris mar àite naomhàite a bheir dùsgadhna mhac-mheanmna gu bheil e faisg air an a chruthaich e. Sin co-dhiù mar a bha am Spiorad Naomh do-fhaicsinneach agluasad manamsa air gach iomadh uair eile a sheas mi am fianais na bha air fhàgail den teampall is a bheachdaich mi air an eachdraidh a tha ceangailte ris. Ar leam, gun robh mi acluinntinn mac-talla nan creag afreagairt fuaim an adhraidh is ceòl nan dàn spioradail a thogadh an seo bho chian nan cian is gun robh mi ag èisdeachd ás ùr ri guth Phàraig agairm air an t-sluagh tighinn am fianais an t-Slànaighear a dhfhuiling am bàs air crann ceusaidh Chalbharaigh air an sgàth.

Chan eil Crìosdaidh air saoghal nam beò nach gabh ris na tha mi ag aithris ma tha e san dàn dha gu bràth a chas a shocrachadh anns an àite choisrigte seo. Chan eil teagamh ann nach be seirbhiseach an Tighearna a bha san fhear a stèidhich an teampallaon a chuir a bheatha fhèin ann an cunnart gu sgeul an aoibhneis



[123]

fhoillseachadh do na pàganaich gharbh aineolach a bha san eilean aig an àm.

Tha rubha beagan siar air an togalach dam ainm Rinn Chircinis. Is e facal Gàidhlig a tha ann an rinn, achs e facal Lochlannach a tha ann an Circinis – kirkja, ‘eaglais’, agusnes, ‘rubha’. Tha seo atoirt dearbhaidh dhuinn gun robh an teampall fhathast ann am bith ri linn nan Lochlannach, ged nach eil foir againn a bha air a cheann. A-rèir beul-aithris bann fo smachd an Naoimh Comhgaill a bha an teampall anns an t-siathamh linn. Tha fios againn gum biad pàganaich a bha sna Lochlannaich bho thùs, ach feumaidh gun robh iad air tionndadh ris aChreideamh Chrìosdail, oir mura bitheadh, chan eil teagamh ann nach robh iad air an teampall a chur ris na speuran.

Ged is e ainmean Lochlannach a tha air amhòr-chuid de na h-ionadan a tha am Beinn Scarabhraig, tha creag-iasgaich eile beagan siar air Rinn Chircinis dan ainm Ceallainm eile aig a bheil ceangal ris an teampall. Ciamar a fhuair e an t-ainm bho thùs, chan eil ròs agam, ach tha ena fhianais fhollaiseach air abhuaidh a bha aig Teampall Phàraig air an roinn seo den bheinn. aige a tha fios nach e Pàraig fhèin a thug an t-ainm Ceall air an sgeir. Beagan siar air an teampall, tha rubha don ainm Rinn Thoirbheis, ainm Lochlannach eile (toirbheas, ’eilean a tha a tràighte ri muir-tràigh’ ). Air àirde na rinne tha feannagan far an robh, a-rèir beul-aithris, Pàraig acinntinn lìn. Feumaidh cuideachd gun robh e acumail beagan sprèidh air abheinn, oir siar air Rinn Thoirbheis tha àite dan ainm Eilean nam . Tha e doirbh a thuigsinn carson a thuinich e ann am Beinn Sgarabhraig nuair a bha e air a chuartachadh le machraichean is lòintean a tha air leth torrach.

Ma dhfhaoite gum be uaigneas agus sàmhchair a bha e asireadh nuair a bhuail an curach aige cladach fosgailte an eilein is aige a tha fios nach be gaisgeach fuilteach garg a bha ann is gun robh a chogais ga dhìteadh airson gnìomharran -chneasda a rinn e mun dfhàg e Eirinn is an deachaidh a lìonadh leis an Spiorad Naomh? Tha Dia agluasad ann am modhan dìomhair gu A ghlòir fhoillseachadh don chinne-daonna! Mar a thubhairt am bàrd spioradail:

Tha tobar ann tha làn de dhfhuil
A shruith bho chuislean Ios’;
S gach peacach thèid a-sìos fon tuil,
Glan buileach thig e nìos.



[124]

An gadaichbhlais ás ri uchd abhàis,
S rinn gàirdeachas neo-ghann;
S rinn mise fòs cho dubh ris fhèin
Muileu-ceart ionnlaid ann.

Co-dhiù, ghluais mise orm air an fheasgar bhrèagha fhoghair ud, is an dèidh mu dha uair a chur seachad air na Gnoban, chuir mi maghaidh air an dachaigh le gad math èisg air mo ghiùlan. Bha aghrian a-nis acromadh fon bhun-sgò is bha amhuir aboillsgeadh mar bhrat òir. Mun do ràinig mi Teampall Phàraig, bha dealt na h-oidhche asileadh air an raineach is air an luachair, is bha an t-sàmhchair eadhon na bu dèine na bha i nuair a bha minam shuidhe air creig na bu tràithe air an fheasgar, oir bha an smeòrach, an uiseag is na h-eòin mharanan tosd.

titleGlac Naomh
internal date2002.0
display date2002
publication date2002
level
reference template

Niall M. Brownlie in Gairm 198 %p

parent textGairm 198
<< please select a word
<< please select a page