LATHA MOR NAN GEARANNAN
le Seonag Mhoireasdan
Nuair thàinig mise a Chàrlabhagh bho chionn naoi bliadhna thar fhichead bha teaghlaichean fhathast a’ fuireach ann an taighean-tugha nan Geàrannan. Bha iomradh orra anns na meadhonan agus bha a’ Chomhairle a’ togail taighean ùra spaideil dhaibh. Rug cuid aca air na taighean sin ach do chuid eile bha e ro anmoch. Chaidh an t-sràid bàs agus cha robh cus air fhàgail ach na tobhtaichean.
Air ceann sreath chaidh Urras nan Geàrannan a chur air chois agus thòisich am baile air ath-bheothachadh. An toiseach chaidh aon taigh ath-leasachadh agus òsdal a chur air chois. Troimh na bliadhnachan thadhail na ceudan mòra ann bho fheadh an t-saoghail, ach gu h-àraidh ás a’ Ghearmailt. Is iomadh uair a smaoinich mi gu dè a chanadh muinntir an taighe sin an àm a’ Chogaidh Mhòir nam biodh fhios aca na bha de Ghearmailtich fo na cabair aca! Ach ’s e tha seo linn eile gun mòr ghuth aca air na nithean uabhasach a bha ’nan eachdraidh, daoine òga modhail, dèantanach, cuid aca air a’ Ghàidhlig ionnsachadh. Uairean ri fìor dhroch thìde agus an òsdal làn, bhiodh luchd nam pàilleanan ri fasgadh a-measg nan tobhtaichean. Troimh na bliadhnachan chaidh fear an dèidh fir de na taighean a leasachadh, cuid aca air a leagail gu làr agus air an togail a-rithist.
Tha trì taighean ann air mhàl airson làithean saora a chur seachad ann an taigh-dubh. Chan eil sgeul air cagailte na air cabar-sùith no sileadh, agus tha a h-uile goireas aca. Tha lìnig fhiodha air leth ìosal nam ballaichean agus os cionn sin tha a’ chlach thioram. Tha dealan agus uisge aca, cidsean snasail agus taigh-beag dha rèir, telebhisean anns an t-seòmar-suidhe agus chan eil sgeul air sèis. Tha dà rùm-leapa unnta ach ann a fear de na taighean airson mìos nam pòg cha ghabh e ach dithis! Nach bochd nach cuala Madonna seo ann an tìde agus bhiodh ar sgìre a’ taomadh thairis le luchd-turais agus mnathan-òsdach Chàrlabhaigh lobhte le airgead.
[Dealbh]
(1) Fionnlagh Mòr agus Iain Moireasdan a’ cèilidh anns an taigh-dhubh gus an tig a’ Bhana-Phrionnsa Anna.
[Dealbh]
(2) Tha Iain a’ cur thuige na Tilley a thug e fhèin dhaibh, air choinneimh nan daoine uasal. Is ann aig banais a phàrantan a nochd a’ chiadh tilley ann an sgìre Chàrlabhaigh ann an 1933 – preasant pòsaidh. Tha i sin anns an taigh-dhubh cuideachd.
[Dealbh]
(3) Seo i tighinn. Tha i gu bhith staigh.
[Dealbh]
(4) Sgrìob leinn troimh ’na bhaile.
Tha taigh eile ann airson buidhnean fuireach còmhladh agus dèanamh air an son fhèin – sgoilearan agus a leithid. An uiridh chaidh seann thaigh Iain Chocair mar bhùth agus taigh-bithidh. Anns a’ bhùth tha leabhraichean, deilbh, fighe agus iomadh obair-ciùird ri cheannach. Tha seo a’ cuideachadh nan Geàrannan a chumail, le tughadh, tuarasdal don luchd-obrach agus beagan airgid do luchd an eilein tha reic an cuid obrach riutha. Faodaidh sibh cuideachd taigh-dubh a thogail air a’ chompiutair gun idir an sàrachadh a bh’ aig na daoine a dh’ fhalbh, a’ cruinneachadh chlach agus gan snaidheadh ri chèile. Anns a’ cheann eile de thaigh Iain Chocair gheibh sibh brot, ceapairean, sconaichean agus cèicean, tè agus cofaidh air an ùr dheasachadh air an làthair.
An uiridh chuir iad air dòigh taigh-tughaidh “anns na leth-cheudan”, taigh snasail le lìnig air na ballachan, agus an teine le cagailtean a-staigh anns an t-siomailear. Tha Màiri NicCriosnaidh ri moladh airson na chruinnich i de dh’ àirneis airson an taighe, agus taing dha na daoine bha cho fialaidh dha thoirt seachad. Rinn fear-ceàird dà leabaidh dhùinte airson a’ chùlaist, agus rinneadh cùirtearan a dh’ aon ghnothaich dhaibh. An còrr chaidh a thional feadh na sgìre. Tha an cidsean daonnan le teine mòr mònach agus fear no tè a-staigh airson fàilte agus fiosrachadh thoirt do gach duine a thadhlas anns an taigh-tasgaidh bheò-inntinneach seo. Anns a’ ceann shìos tha beart le clò-mòr innte, cliabh, inneal lìonaidh iteachan, agus cuinneagan le uisge bhiodh ri làimh a-staigh gus nach tigeadh orra bhith falbh ’s a’ tighinn ás an tobair cho tric.
Air a’ chòigeamh latha den Og-mhios thàinig a’ Bhana-Phrionnsa Anna a dh’ fhosgladh an t-seann bhaile ùr seo. Bha an latha fuar, bagarrach le frasan. Tràth air a’ mhadainn bha a h-uile duine air a làrach fhèin, agus bha na daoine a fhuair cairtean-aoigheachd a’ gabhail bus bhon sgoil chun a’ bhaile, oir bha carbaidean air an toirmeasg anns na Geàrannan air an latha sin. Air ceann sreath thàinig Anna anns a heilicoptair agus chaidh i cuairt troimh an bhaiile – an toiseach gu taigh Iain Chocair, far an robh Eiric Iain Chocair, an aon tè tha beò dhe na bha a’ fuireach mu dheireadh air an t-sràid seo. Chaidh a toirt ás an ospadal, far a bheil i measg nan seann daoine, airson an latha. An uair sin rinn iad air an taigh-dhubh far an rabh Calum Iain MacArtair trang a’ fighe clò-mòr, agus deas gu freagairt iomadh ceist a chuir a’ Bhan-Phrionnsa air, a’ leigeil fhaicinn dhuinn gu robh i fiosrach agus gu robh ùidh aice anns na bha daoine air a dhèanamh. Suas leatha
[Dealbh]
(5) Am broinn an taigh-dhubh. Seall an fheòil rèisgte a’ tiormachadh air an t-sìoman còmhla ris na stocainnean bobban!
[Dealbh]
(6) Màiri trang a’ dèanamh aran-coirce.
[Dealbh]
(7) Agus Seonag a’ toinneimh leis an dealgan.
[Dealbh]
(8) Fìor ghnothaich an latha.
[Dealbh]
(9) Tha Alec Dòmhnullach, comhairliche Chàrlabhaigh, tha cuideachd ’na phrìomh fhear sa’ Chomhairle, glè thrang an-diugh.
chun an teine far an robh Màiri chòir ’na màl a’ dèanamh aran-coirce air a coinneamh. Anns a’ chùlaiste bha Seonag Mhoireasdan a’ toinneamh snàth clò le dealgan agus le cuibhle-shnìomh. Is iomadh ceist thuigseach a dh’ fhaighnich a’ bhean-uasal mun ghnothaich, agus sheall i le pròis agus aoibhneas gur e seacaid clò-mòr bha oirre fhèin. Chuala sin bhon uair sin gur e sin an t-seacaid a fhuair i bho bùth“Save the Children”a’ mhadainn sin fhèin – cha b’ e tè bha aca staigh ach tè a dhealbh agus a rinn boireannach á Nis, Leòdhas – an dearbh tè a dhealbh an trusgan a bha air a’ Bhanrigh ag ath-fhosgladh Pàrlamaid na h-Alba an dèidh ceudan bliadhna dùinte. Agus cuin a riamh a chunnacas a’ Bhanrigh air a sgeadachdh cho bòidheach?
Dh’ fhalbh Anna an uair sin a dh’ fhosgladh a’ chùirteir agus a’ bhaile. Chuir Fionnlagh Mòr suas a’ phìob, ach an dèidh beagan phuirt ghabh an nighean a-null a’ phìobaireachd. ’S e sàr phìobairean a th’ annta le chèile. Rinn an t-Urr. Murchadh Caimbeul, tha ann an Eaglais na h-Alba an Càrlabhagh, ùrnaigh agus chaidh seirbheis an latha air chois. An dèidh sin sheinn clann na sgoile “Càrlabhagh” dhan bhean-uasal. Chan eil ach ceathrar chloinne ann am baile nan Geàrannan agus thug dithis
aca basgaid shìtheanan dhi, agus an dithis eile dealbh den bhaile-tughaidh annasach seo.
An dèidh blasda biadh fhaighinn air leth leotha fhèin, mheasgaich i le muinntir Chàrlabhaigh bha deanamh an seacaid air a’ bhiadh bhlasda a bha a’ Chomhairle air ullachadh dhaibh ann am pàlainn mhòr am pàirc nan càraichean. An uair sin thàinig latha nan seachd sian a-mach agus bha ceist orm a faigheadh a heilicoptair a-nuas ann an Eilean Chanaidh, an ath àite tadhail aca. Chuala mi air naidheachdan an fheasgair gun deach gach cùis leotha fad an latha.
Is iomadh bliadhna bhios cuimhne is iomradh air latha mòr nan Geàrannan, ann an seanchas is anns a’ Chomann Eachdraidh. Bha a’ bhean-uasal cho faguis agus cho iriosal a-measg nan daoine.
title | Latha Mòr nan Geàrranan |
internal date | 2002.0 |
display date | 2002 |
publication date | 2002 |
level | |
reference template | Seonag Mhoireasdan in Gairm 199 %p |
parent text | Gairm 199 |