Gairm
112 BATH STREET GLASCHU, C.2.
Tel. Douglas 6137.
Aireamh 2. An Geamhradh, 1952.
AM fear a theid a shreap ri aodann creige, cha dean math dha, mus bi e ach leathach slighe, a shùilean a chumail air a’ ghrunnd. Feumaidh e a shùil a chumail air a’ mhullach, gus an toir e mach e.
Tha an Gàidheal aig a bheil ùidh ann an subhailcean a dhaoine, agus dòchas a thaobh an litreachais agus gach blàth eile a thig air an saothair, car mar a tha fear na creige. Tha a’ mhuir fodha, is ged a ruigeadh e mullach stallachan Hiort, co aige tha fios am bi duine beò roimhe an sin. Mar sin, feumaidh a dhòchas a bhith làidir agus a chridhe treun.
Mar as motha tha na Gàidheil a’ tighinn ann an luib luchd-Beurla (mar as fheudar dhaibh an diugh) ’sann as seasmhaiche a dh’fheumas an creideamh a bhith ’nan còir-bhreith fhéin. Mur a bi iad sin, ’sann is docha iad càch a mhilleadh gun iad fhéin a chuideachadh. Feumaidh iad a bhith eudmhor a thaobh an cànain, agus freasdalach air gach subhailc, cràbhach is aighearach, a tha aca mar chinneadh.
Ma tha brìgh anns an ràitheachan so, ’sann a chionn is gu bheil e a’ cur aghaidh ris a’ chreig, is a’ trusadh fhlùraichean is eile fhad ’s a tha iad ri’m faighinn.
Dh’iarr sinn, agus fhuair sinn, cuideachadh bho Ghàidheil eudmhor, agus bho Ghoill cuideachd. Tha tuilleadh a dhìth oirnn. (1) Fear-leughaidh ùr ma choinneamh gach fir a tha againn a cheana. (2) Fear-sgrìobhaidh ùr ma choinneamh gach aon a tha againn mar thà. Ma neartaicheas sibh sinn le bhith a’ cur thugainn ainmean dhaoine a cheannaicheas an leabhran, agus ma chuireas sibh thugainn nì sam bith as fhiach a sgrìobh sibh fhéin, no brath mu chuspair a bu mhiann leibh leughadh ma dheidhinn, chan eagal duinn le chéile, ged a bhiodh a’ mhuir a’ bagairt fodhainn is na faoileagan a’ magadh os ar cionn.
RUARAIDH MACTHOMAIS, FIONNLAGH DOMHNULLACH, Fir Deasachaidh.
title | As a’ chathair |
internal date | 1952.0 |
display date | 1952 |
publication date | 1952 |
level | |
reference template | Gairm 2 %p |
parent text | Gairm 2 |