[71]

Leabhar-Latha Mhgr. Ailein Domhnullaich

II

MART 2rna (Di-ciadain). Than lathan diu aithneachadh beag nas fheàrr, ged a tha ghaothn iar aséideadh fhathast. Ràinig mi aChoilleag (1) as amhaduinn. Air mo thilleadh ghabh mi suas taobh Abhainnic Caoithein (noic Cuithean). Chunnaic mi seana-làthrach taighe no gàraidh air a leigeil ris le tuil na h-aibhne. Thug mi deagh-shùil mun cuairt, fiach am faicinn torr shligean timchioll a dhearbhadh gum be làthraich tigh còmhnuidh a bhann, ach cha n-fhaca mi leithid goirid dhomh. Theagamh gun tig an torr shligean am barr fhathast, nuair a ruisgeas an sìoban an t-àite beagan nas luime. Dhfhaoidte nach robh ann an deaghaidh h-uile rud ach gnè de ghàradh-dìon bhair a thogail ri bruach na h-aibhne air eagal i bhith dianamh tuilles a chòir a chladhach as na bruthaichean gainmheacha.

As an lianaidh os cionn aBhaile, de dhamais ruinn asnàmh ann an claisidh bhig as an robh uisge ruith, ach deala. Thug mi leam dhachaidh i, ’s chàraich mi ann am botal i. Tha e coltach nach robh sian a dhfhios aig muinntir an àite gu robh a leithid ri fhaighinn as an eilein. Na daoine dhan do sheall mi i, thuirt iad nach fhac’ ’ad gin riamh roimhe dhiubh.

Thadhail mi aig Fear nan litrichean is fhuair mi Ordan Airgid bhuaithe, is tha enam bheachd an cur air falbh am màireach a dhIonarnis a phàigheadh nan leabhraichean a fhuair mi air an t-seachdainn so chaidh. ’S ann a stigh aige-san a chuala mi mu bhàs D. ’S anns amhaduinn Di-luain a dheug e. ’S e duine tapaidh a bhann thun an t-saoghail-se. Bha cothrom math aige rud a chur cruinn gu dearbh, ach ged a bha fhéin, mura biodh dòigh is eanchainn aige fhéin, dhfhaodadh en cothrom a leigeil seachad mar a leig gu leòir a bharrachd air. Tha esan ainm gun do dhfhàg e cunntais mhór mhìltean as a dheaghaidh. Thuirt e rium fhéin uair is uair gur ann ann an Eirisgeidh a rinn esan a chuid airgid air an eisg, ’s nach cumadh na bha e dianamh ann an Uibhist ris amharsantachd an còtair a dhruim. Bha langa dianamh airgid mhóir ri linn-san, cha robh aphrìs a bha esa toirt oirre ach beag. Bha truas ann an déidh a h-uile rud. Tha e air a gh-ràdh nach do tharruinn e duine riamh gu cùirt air son fhiach, ’s nach robh e idir dona mu fhuasgladh a dhianamh air duine a bhann an éiginn bidhe. Tha mi cinnteach gum faigh mi fiachadh an nochd thun an tòrraidh. Ma bhios latha math ann, théid mi ann, ’s mura bi, cha déid.

(1) Tràigh bheag ann an Eirisgeidh, an t-àite far na chuir Prionnsa Teàrlach cas air tìr an toiseach nuair a thàinig e a dhAlba.


[72]

Tham feasgar afàs rapach, ’s tha neimh is fuachd gu leòir as aghaoith fhathast, ach tha min dòchas gur ann dol am feabhas a bhios i tuillidh, ’s gun do dhfhalbh an dubh-dhùldachd buileach.

Than fhiasag agam air dol am fiadh, ’s cha n-uilear dhomh taghadh na h-ealtainn mum fàg mi mi fhéin cho fìor-lom as abhuss as fheudar dhomh bhith, ma thig orm a bhithn cuideachd urracha móra na dùthcha aig Caibeal Bhaghasdal am màireach. Nach mi leig cead ruith leis apheannt’. Tha ghlagaireachd fuaighte rium co-dhiubh, a Beurlas a Gàidhlig, ach tha mi air dol bhuaithe buileach, an am teannadh ris asgròbaireachd-sa chur sìos a Gàidhlig.

Chuir mi air falbh litir dhiubh do Raonailt bhig a bhagam fhéin bho chionn fhadas in diugh ann an Ceann Loch Iallga cosnadh. An litir eile chuir mi dhIonarnis agus sia tasdan diag agus trì sgillinneanna cois. Chuir mi dhiarraidh an Leabhar Sgialachd a chuireadh a mach le Mac an IarlIlich (2) anns an litir chiadna. Chuir mi pàipeir a fhuaradh ann am botul air an tràigh a dhionnsaigh Fear-gnothaich nan Staidean ann an Glaschu.

Fhuair mighruag a thoirt dhiom aig Eóghann còirs bha min làn-am a toirt dhiom. Is cianail fhéin mar a dhfhàsas i agam ann an ùine aithghearr.

N Treas Latha dhan Mhàrt (Diardaoin).

Cha robh latha idir dona. Cha robh a bheag a ghaoith ann. Beagan a bhann, bha e cho gearrte ri gaoith a bhann ach ainneamh. Rinn i beagan reothaidh a raoir.

Ràinig mi Poll aCharra eadar 10 is aon uair diag. Fhuair mi litir on Easbuig agus seachd puinnd Shasunnachna broinn a chuireadh a mach leis aChuideachd a than ainm a bhith cumail air dòigh a h-uile gnothach airgid a bhuineas don Sgir Easbuig-sa. Tha min dùil gur e deich a chuireadh a mach dhomh aig achoinneamh a bhann mu dheireadh. ’S e sin am brath a leig an Rùn-chléireach hugam ged nach dfhuair mi ach £7. ’S fheudar dhomh brath a churga ionnsaigh a dhfhiach co dhiubhn e e fhéin non t-Easbuig a chaidh iomrall.

Fhuair mi litir o MhacIlle Mhìcheil ann an Dun-Eideanns tha e coltach nach urrainn da fhéins no dhan Ollamh MacEanruig sealltainn a mach an taobh-sa an dràsda. Be sin an call dhomhsa nach dfhuair mi greis dhan seanchas.

Fhuair mi litir thiaruinnte o Chailleach bheag nam Bòcan (3) agus litir eile. Chuir i air adhart dealbh Mhr. Seòrus a Dhalabrog (4) air chùram Mhr. Somhairle (ach tha i daonnan adianamhDughallach” ’s dhfhaodadh e bhith gun deach an dealbh a Bheinne-bhaoghal ri linn sin). Tha i air dol gu àite còmhnaidh eile ris an can iad Bushey Heath. Chaidh eachdraidh Mhr. Seòrus a losgadh oirre le lamp a spreadh air abhòrds a theab an taigh a churna theine air an dìol-

(2) Iain F. Caimbeul, Ile. (Iain Og Ile).

(3) Miss Goodrich Freer. Is i sgrìobh an leabhar “The Outer Isles” agus bu mhór an cuideachadh a fhuair i bho Mhgr. Ailean. Is gann gun drachadh aice air an leabhar a chur ra chéile idir gun e fhéin a bhithga cuideachadh.

(4) Mgr. Seòras Rigg, sagart Dhalabrog, a chailleadh le bhith frithealadh luchd an fhiabhruis mhóir anns abhliadhna 1897. Rinn Mgr. Ailean marbhrann dha.


[73]

W. B. Blaikie, ABhean Uasal Moore, ABhean Uasal Goodrich Freer (Cailleach Bheag nam Bòcan) agus Mgr. Ailean. (Le cead P. J. W. Kilpatrick)

deirc. Fhuair i losgadh cuideachd, an truaghan, ’s bha i greis gun a bhith gu math as a dheaghaidh. Than litir cho laghachs cho caoimhneils cho fosgarra. Fhuair mi buigean( ?) aphinnt bhuaipe, ’s cha robh ioghnadh ged a gheibheadh. Bha sgrìobhadh agam cho anabarrach duilich a dhianamh a mach, ’s gu robh i faighinn dragh an t-saoghailga dhianamh. Bha chùis dona gu leòir leis aBheurla, ach nuair a bheir i ionnsaigh air facal Gàidhlig sam bith a bha shìos agam a sgrìobhadh, cha robh sian a dhfhios aice, co-dhiubh a bha i ceart no cearr. Chuir i hugam blaigh den phàipeir a sgrìobh i air na Lochlannaichsna h-Eileanan an Iar air son nan ainmnean Gàidhealach a bha air fheadh a chur air dòigh dhith.

Bha litir ann cuideachd o cheud dhotair lighiche na Siorramachd, ag iarraidh fiosrachadh mu Eirisgeidh. Tha mi cinnteach gur fheudar rann air choireigin a chur huige.

An déidh sùil a thoirt air na litreachan am Poll aCharra is glaine do dhuisge beatha a ghabhail ann an ceann uisge, ghabh Eoghann Cléireachs mi fhéin sìos ri bruach cladach Smercleit. Be sin an t-slighe nach robh tlachdmhor. Torran de bhrùig loibh is lòin bhreuna asruthadh a mach bhuapa is fàileadh asda a leagadh an t-each iaruinn nam faigheadh en còir a chuinnleannan. Struthan de na staimh air càradh air gàraidhean ìseal de phluic air bàrr an Rodha, an dùthaich uile cho bàithte, ’s na bham bàrr dhith cho mi-thuarail. Is minig (5) a tha caitheamh an saoghail as an àite robach. ’S ann a tha Eirisgeidhna àite uasal glan eireachdail seach an Ceann-a- Deas as a

(5) minig .i. mairg.


[74]

cheart-am, ’s gun e achna aon eabars na aona pholl air fad. Chum sinn romhainn gun dràinig sinn taigh Iainic Néillic Caluim am Baghasdal, is ghabhadh romhainn gu math ann. Cha robh duinaig taigh ach bean-taighes i tachras.

Thiot an nighean bhàn aige, Sìne, a stigh mionaid no dhà. nochd a staighgam choimhead ach Iain MacIainic Ruairidh, ’s cha robh a dad a dhùine a staigh nuair a thòisich e air seanchasair blàir, air mar a bha na daoinegan toirt air falbh dhan armair Domhnall Gorm (Macic Ailein)—’ s air ciad rud. Cha robh mi gearain dad ach nach robh a dhùine agam na leigeadh leam suidhe greisga éisdeachd. Nochd an tòrradh a nuas o thaigh Eachainnic Aonghuis Bhàin. Ghabh sinnena choinneamh aig Crois Bhaghasdal. Tha e air a ràdh gu robh aon 400 duine air an tòrradh. Cha n-fhaca mise riamh a leithid. Cha chreid mi gu robh aona bhoireannach fhéin ann. ’S ann aig an taigh a bha chosgais, ’s cha robh ach duine no dithis ann aig an robh boinne a chòir na ghiùlaineadh e.

Cha robhas fada mun tiodhlacadh uile.

Phàidh mi £1 do Mhac R. Shaoir air son na lice a chuireadh aig ceann Mhic Iainic Ruairidh. Chuala mi so durrghal bruidhne is mi ann am broinn Caibeal Fir Bhaghasdal. Cha drinn mi mach bhan duineg ràdh. Fhuair mi Eóghann is tharruinn sinns nuair a bha sinn sìos mun Abhainn Mhóirs gu math mu dheas oirre, chluinneamaid éibh o am gu am as aChaibeal. Cha robhn ùpraid ud iomchuidh ann an leithid sud a dhàite, ’s gu seachd àraid dol a thòiseachadh air an leithid mun robh an uaigh cóig mionaidean air a dùnadh sìos. Chuala mi rithist gur ann mu dheidhinn an Dotair a bhan ùpraid uile.

Fhuair sinn sgoth air an Lùdaig, is ràinig sinn Carraig an Rodain beagan an deaghaidh dol fodha na gréine. Cha robh ach sianar a Eirisgeidh air an tòrradhs bha sin cho math. Ghabh mi deagh-shuipeir an taigh a’ chléirich’s an fhiacail gu math sgaiteach.

Thug mi sùil air na pàipearan-naidheachd, ’s ann a chunnaic mi mu bhàs Alasdair Thòisich a bha pòsda aig piuthar mo mhàthar. Nach iongatach nach dug duine dhiubh fonear sgriobag a chur hugam ma dheidhinn. Fois Dhé dha.

4mh Màrt (Di-h- Aoine).

Cha drinn mi bheag sam bith an diugh ach an latha chur seachad gu diomhain. Bha Cràbhadh Slighe na Croise againn feasgar, ach cha robh móran sam bith anns an Eaglais. Thadhail am Maighstir-Sgoil as deaghaidh na seirbheis, ’s chuir e seachad greis dhan oidhche ann an seanchas air iomadach ni.

Bha reothadh ann ann an am dhuinn a bhith dol a chadal.

5mh Màrt (Di-Sathuirne).

Bha dùil agam gur e reothadh a bhiodh againn an diugh achs ann a thagainn gaoth deas agus uisge. Tha min dòchas gun cuir i fuachd air fògradh. Cha robh againn ach sìde neimheil mhosach bhon Fhéill Brìde, ’s leis na shil i a shneachd cha n-urrainn nach bi deireadh an earraich is toiseach an t-samhraidh nas blàithe na bhaad an uiridh.

Tha amhòinega teireachdainn. Tha dhìol aig na bha mu làthrach na cruaiche cumail ris an taigh am màireach.


[75]

Bha tàirneanaich ann feasgar, ach cha robh e ro-ghoirid a làimh. Bha corra mheall de dhuisge trom reamhar dhith mun am, achs e latha balbh socair a rinn i. Bha strùladh gu leòir as amhuir.

Thug mi làmh air corra mhearachd facail a bha sgrìobhte anns an t-seanchas aig Miss Freer mu na Lochlannaich a chur ceart. Tha mi an dòchas gun dearg i air an sgrìobhadh agam a leughadh. Chuir mi diachainn gu leòir oirre as na sgrìobh mi huice mu dheireadh. ’S math fhéin na pinn a chuir i hugam. Tha mi an dòchas gun tig an dealbh aig Mgr. Seòrus hugam gun a bhith dol air seachran sios rathad nam Fadhlaichean gu Mgr. Alasdair Dubhghallach. ’S cinnteach gun gabh e mar sin ma sgrìobhadh Rev. McDougall air an taobh a muigh aige ’ga sheòladh hugam.

Bha i bial ri seachd uairean an nochd mun tàinig oirnn solas a lasadh. Cuiridh mi uidhireachd mhór as an fhad a tha tighinn as alathaceum fada foghainnteach a’ ghiomanaich a’ dol ris a h-uile latha, mar a bhan sean-duine aig an robh beachd air a h-uile rud ag ràdh:—

Mar ghiomanach adìreadh sléibh
Feasgar éibhinn earraich.

Cha tàinig a bheag dhan éibhneas fhathast mura teann e ri tighinn a nis fhéin. Is math dùil a bhith ris, agus is math a mhisneach do dhuine fios a bhith aige gum beil achuid as miosa seachad.

Dhfhan am Mgr. Sgoils a phiuthair greis air chéilidh eadar 8 is 10 uairean.

Eaglais Mhgr. Ailein. (Le cead P. J. W. Kilpatrick)


[76]
titleLeabhar-Latha Mhgr. Ailein Domhnullaich II
internal date1952.0
display date1952
publication date1952
level
reference template

Ailean Dòmhnullach in Gairm 2 %p

parent textGairm 2
<< please select a word
<< please select a page