So an Lagh
(1) TIOMNADH A’ CHROITEIR.
Le DOMHNULL IAIN MACCUMHAIS.
THA a lagh fhéin aig a’ chroitear agus bhitheadh e a chum feuma dha nan cuireadh e barrachd eòlais air. Is ann mar sin a mhàin a mheallas e gu h-iomlan na sochairean a bhuilicheadh air an uair a chuir a’ Phàrlamaid air chois lagh na croite.
Tha e dual do dhuine a bhith seachnadh an lagha mur a cuir an cruaidh fhortan ’na luib e, agus a bhith beò an dòchas nach cuirear dragh air fad a bheatha le ceistean mar a tha: “Gu dé mo chòirichean ma leigeas mi dhiom a’ chroit? ,” no, “Gu dé mo chòirichean ma dh’ fheuchar ris a’ chroit a thoirt bhuam?” Ach ma tha duine deònach a dhleasdanas a dheanamh a thaobh nan càirdean a dh’ fhàgas e an uair a thig e gu deireadh a latha, tha aon cheist ann co-dhiùbh air am bu chòir dha a bhith a’ meòrachadh agus is e sin “Có a shealbhaicheas mo chroit an déidh mo bhàis?”
Aig sgàth fuasglaidh fhaighinn air an t-seòrsa ceist sin, feumar beachd a chur air meur de’n lagh a tha a’ riaghladh còirichean oighre agus dìleabaich. Faodar an cuspair a roinn ann an dà phàirt, aon phàirt a’ buntainn ris an oighre a ghabhas sealbh air a’ chroit an uair nach eil dìleabach air ainmeachadh; a’ phàirt eile a’ gabhail gnothaich ri dìleabach a’ chroiteir agus ri còir a’ chroiteir air dìleabach ainmeachadh.
OIGHRE A’ CHROITEIR:
An uair a chaochaileas croitear gun tiomnadh a dhèanamh, tha an lagh a’ steòrnadh a mach có an t-oighre as fhaisge air. Is ann am measg àl a’ chroiteir a choimheadar an toiseach air son oighre. ’Nan déidh-san, theidear a dh’ionnsaigh a bhràithrean ’s a pheathraichean agus an cuid àil; agus ’nan déidh-san a rithist, a dh’ionnsaigh cuideachd athar.
Is ann mar so a tha an lagh a’ taghadh oighre a measg nan càirdean sin:
(a) Thig na mic air thoiseach air a’ chloinn-nighean;
(b) Thig an duine as sine air thoiseach air an duine as òige;
(c) Ma tha teaghlach aig mac no aig nighinn, tha còir an teaghlaich a réir còir an athar no na màthar.
Faodar so a dheanamh soilleir le bhith a’ gabhail, mar eisimplear, croitear a dh’fhàg dithis mhac agus dithis nighean. Tha còir a’ mhic
BRAITHREAN AGUS PEATHRAICHEAN:
Mur do rugadh duine cloinne riamh do’n chroiteir, no mur eil aon de àl beò, is e a bhràithrean ’s a pheathraichean ’s an àl as fhaisge air ann an sealladh an lagha. Tha còir nam firionnach a rithist nas fheàrr na còir nam boirionnach, agus ma tha teaghlach aig duine aca tha còir an teaghlaich a réir còir an athar no na màthar. Ach am measg bràithrean a’ chroiteir, chan eil e fìor a ràdh gun tig am fear as sine an còmhnaidh air thoiseach air an fhear as òige; ma tha àireamh bhràithrean ann—feadhainn nas sine na’n croitear agus feadhainn nas òige—is e a’ cheud bhràthair as òige na e-fhéin an t-oighre as fhaisge air. ’Na dhéidh-san, thig an ath bhràthair as òige, agus mar sin air adhart gu ruigear am bràthair as òige air fad. Am measg nam bràithrean as sine na’n croitear, thig a’ cheud bhràthair as sine na e-fhéin air thoiseach air an ath bhràthair as sine, agus mar sin air adhart gus an ruigear am bràthair as sine air fad. Am measg nam peathraichean, air an làimh eile, tha còir na té as sine an còmhnaidh nas fheàrr na còir na té as òige.
Mar eisimpleir air a so, canaibh gun d’ fhàg croitear bràthair is piuthar nas sine na e-fhéin, agus bràthair is piuthar nas òige. Is e am bràthair as òige an t-oighre as fhaisge air. ’Na dhéidh-san thig am bràthair as sine; ’na dhéidh-san a’ phiuthar as sine; agus ’na déidh-se a’ phiuthar as òige. Ma tha teaghlaichean aca, thig teaghlach a’ bhràthair as òige air thoiseach air a’ bhràthair as sine agus an dithis pheathraichean; thig teaghlach a’ bhràthair as sine air thoiseach air na peathraichean; agus thig teaghlach na peathar as sine air thoiseach air a’ phiuthar as òige.
CUIDEACHD ATHAR.
Nuair nach eil duine ann de na càirdean a chaidh ainmeachadh, is e athair a’ chroiteir an t-oighre as fhaisge air. As eugmhais athar, lorgar an t-oighre am measg bràithrean is peathraichean athar, agus an àl, le bhith a’ leantainn mac samhail na riaghailtean a tha leagte a thaobh bràithrean is peathraichean a’ chroiteir fhéin. Mar sin, tha bràthair as òige na athair a’ tighinn air thoiseach air bràthair athar as sine. Chan urrainn màthair a’ chroiteir, no duine sam bith a tha càirdeach dha a thaobh a mhàthar, a bhith gabhail sealbh air a’ chroit mar oighre.
An déidh cuideachd athar, feumar a dhol a nis anns an dòigh cheudna a dh’ ionnsaigh cuideachd seanair a’ chroiteir (is e sin ri
Bu chòir do’n oighre a’ chroit a chur ’na ainm fhéin cho luath ’s as urrainn dha ged nach eil an lagh a’ cur ùine àraid roimhe a thaobh so. Faodar a ràdh nach eil móran feuma oighre a bhith tighinn air adhart aon uair ’s gun ruith dà bhliadhna an déidh bàs a’ chroiteir ma ghabh cuid-eigin eile còir air a’ chroit ré na h-ùine sin. Ma tha teagamh sam bith ann an inntinn an uachdarain a thaobh có bu chòir ainm fhaighinn anns a’ chroit, no ma tha barrachd air aon duine ag iarraidh còir oirre, feumar an gnothach a chur air beulaibh Cùirt an Fhearainn agus nì iad-san ceartas eadar duine agus duine.
Mur tig oighre air adhart, tha ùghdarras aig a’ Chùirt a bhith cur an céill nach d’fhàg an croitear oighre idir a ghabhas sealbh air a’ chroit agus faodaidh an t-uachdaran an uair sin a’ chroit a thoirt seachad do dhuine sam bith a thogras e. Mus dean a’ Chùirt a leithid sin, feumaidh an t-uachdaran dearbhadh a thoirt gu bheil sia mìosan co-dhiùbh bho’n a chaochail an croitear, nach tàinig oighre air adhart fad na h-ùine sin, agus gun d’ rinn e a dhìcheall oighre a lorg. Agus ma bha e comasach dha aithne fhaighinn air an oighre as fhaisge agus air an ath oighre as a dhéidh, feumaidh an t-uachdaran a bhith dearbhadh gun tug e rabhadh dhaibh le chéile agus nach do dh’ iarr fear seach fear aca còir air a’ chroit.
Bu chòir a bhith a’ toirt an aire anns an dol seachad gu bheil e uaireannan comasach do bhanntrach croiteir a’ chroit a mhealadh a dh’ aindeoin còir an oighre. Tachraidh sin an uair nach eil ionmhas a fir nas motha na £500 agus nach eil duine ann de àl fhéin. Ann a leithid sin a shuidheachadh tha Achd Pàrlamaid ann a tha toirt còir do’n bhanntraich air a’ chroit agus gach nì a bhuinneadh d’a fear. Ach ma tha luach na chaidh fhàgail nas motha na £500, ged a dh’ fheumar an t-suim sin a chur an làimh na banntraich, faodaidh an t-oighre gréim a chumail air a’ chroit.
DILEABAICH A’ CHROITEIR:
Faodaidh e bhith gum bu mhath leis a’ chroitear fearann fhàgail aig an oighre as fhaisge air a réir an lagha agus ma tha sin mar sin, chan eil feum idir air tiomnadh. Ach faodaidh e bhith air a’ chaochladh cuideachd. Nach tric a thachras e anns a’ Ghàidhealtachd fhéin gun sgap teaghlach air feadh an t-saoghail ach gum fuirich aon duine—mac no nighean—aig an tigh a’ coimhead as déidh na dachaidh agus na seann daoine. Nuair a thig iad-san gu ceann an turuis is docha gur e duine de’n teaghlach a tha air falbh a mhealas a’ chroit mar oighre, agus gu bheil an duine a rinn a dhleasdanas air fhàgail aig a’ cheann mu dheireadh gun dachaidh, gun chuid. No a rithist, faodaidh e bhith gum fàg croitear banntrach agus gur e cuideigin fada as ann an càirdeas a tha an lagh a’ steòrnadh a mach mar oighre air an dachaidh. Cha bu chòir gun tachradh a leithid sin agus cha leigeadh e leas tachairt nan toireadh an croitear fa-near gum faod e-fhéin an t-oighre a thaghadh am measg a luchd-dàimh.
Faodaidh croitear ’fhearann fhàgail mar dhìleab aig duine sam bith a b’ urrainn sealbh a ghabhail air mar oighre. Is e sin ri ràdh,
Ged a tha e soilleir gu leòir gum faod croitear a’ chroit a chur seachad air an fheadhainn as fhaisge dha, mar a tha a chlann fhéin; agus a toirt do chuid-eigin a tha fada as ann an càirdeas, chan eil e an còmhnaidh farasda do’n oighre as fhaisge air a bhith tuigsinn gu bheil sin laghail no ceart. Ach cuimhnichidh e gu faod an croitear uair sam bith ré a bheatha a’ chroit a leigeil dheth agus luach a chodach innte fhaighinn bho’n uachdaran, agus gu faod e an t-airgead a gheibh e mar sin a thoirt seachad do dhuine sam bith a thogras e. Ma bheachdaichear air a’ ghnothach mar sin, chitear nach eil aobhar gearain aig an t-oighre nuair a chuirear a’ chroit seachad air.
Tha aon ni sònraichte eile nach fhaodar a leigeil air dhì-chuimhne, agus is e sin nach eil e laghail croit fhàgail aig barrachd air aon duine. Chan eil e ceadaichte, mar sin, croit fhàgail eadar dithis mhac no aig banntrach fhad ’s as beò i agus an déidh a bàis aig duine de’n chloinn.
Tha sin a’ leigeil fhaicinn gum bu chòir do dhuine a bhith glé fhaiceallach ann a bhith deasachadh tiomnaidh agus a bhith ’dèanamh cinnteach gun téid a stòras an déidh a’ bhàis a dh’ ionnsaigh duine ris am bu mhath leis math a dhèanamh. Tha e farasda a bhith a’ dol iomrall agus is e duine glic a dh’ iarras stiùireadh bho chuid-eigin do’n aithne an gnothach.
Cha bhitheadh e ceart, air an làimh eile, a bhith saoilsinn gu bheil e doirbh tiomnadh a dheasachadh. Cuiridh an lagh an céill toil duine a thaobh a chuid ma dh’ fhoillsicheas e a thoil ann a leithid de dhòigh ’s nach eil teagamh sam bith gu dé a bha ’na inntinn, agus ma tha e dearbhte gur e a thoil fhéin a tha ann. A’ leigeil fhaicinn an seòrsa tiomnaidh a dheanadh an gnothach, canaibh gu bheil croitear ann (bheir sinn Seumas Stiùbhard mar ainm air) a tha deònach uile stòras fhàgail aig a mhac (bheir sinn Ruaraidh mar ainm air-san). Dh’ fhaodadh tiomnadh Sheumais a bhi rud-eigin mar so:
“Tha mise, Seumas Stiùbhard, croitear ann am Baile an Dùin, Eilean Fada, a’ fàgail mar dhìleab aig Ruaraidh mo mhac m’ uile ionmhas eadar chroit is stoc is airgead is gach nì eile a bhuineas dhomh aig là mo bhàis; agus mar fhianuis air a sin, tha mi a’ cur m’ ainm ris an tiomnadh so ann am Baile an Dùin air an dara là de’n Mhàirt anns a’ bhliadhna naoi ceud deug dà fhichead ’s a dhà dheug an làthair an dithis fhianuis Uilleam Domhnullach, maighstir-sgoile ann am Baile an Dùin, agus Domhnull Caimbeul, ceannaiche anns a’ bhaile sin.”
“Uilleam Domhnullach, fianuis.”
“Seumas Stiùbhard.”
“Domhnull Caimbeul, fianuis.”
Chuireadh Seumas ainm ris an tiomnadh so an làthair dithis fhianuis agus chuireadh iad-san an ainmean fhéin ris aig an aon ám, gach fear a’ sgrìobhadh an fhacail “fianuis” an déidh ainm le làmh fhéin, dìreach mar a tha sin air a dhealbhachadh ann an tiomnadh Sheumais. Ma theidear timcheall air a’ ghnothach mar sin, seasaidh an tiomnadh ann an Cùirt lagha.
Tha e comasach do dhuine tiomnadh a dheanamh gun fhianuis idir a bhith làthair, ma sgrìobhas e an tiomnadh air fad le làimh fhéin. Ach an déidh a bhàis, ma tha duine sam bith a’ cur teagamh ann an leithid sin de thiomnadh, feumar a bhith dearbhadh gur e làmh-sgrìobhaidh a’ chroiteir fhéin a tha ann.
Anns an àite mu dheireadh, gu dé a dh’ fheumar a dhèanamh an uair a chaochaileas croitear a tha fàgail a chroit aig cuid-eigin mar dhìleab? Tha Achd nan Croitear a’ riaghladh a’ ghnothaich mar so:—
(1) Feumaidh an dìleabach leigeil fhaicinn do’n uachdaran (no do’n bhàillidh) gun deach a’ chroit fhàgail aige. Feumaidh e sin a dhèanamh mus ruith dà mhìos bho là bàis a’ chroiteir, no, mur eil e comasach dha sin a dhèanamh (faodaidh e bhith tinn no air falbh bho’n tigh), cho luath ’s as urrainn dha.
Ged a bhitheadh an dìleabach fadalach a thaobh so, faodaidh nach leig an t-uachdaran leis a sin seasamh anns an rathad, ach chan eil e glic a bhith ag earbsa gum bi sin mar sin.
(2) Nuair a chuireas an dìleabach fios air an dìleab a dh’ionnsaigh an uachdarain tha sin a’ sealltainn gu bheil e deònach sealbh a ghabhail air a’ chroit.
(3) Mur eil an t-uachdaran deònach a’ chroit a chur an ainm an dìleabaich, feumaidh e rabhadh a thoirt dha air a sin mus ruith aon mhìos bho’n an latha a fhuair e fios air an dìleab.
Ma théid a’ mhìos seachad gun ghuth bho’n uachdaran, thig an dìleabach a steach an àite a’ chroiteir.
(4) Ma tha an t-uachdaran a’ cur ’na aghaidh, faodaidh an dìleabach a’ chùis a chur air beulaibh Cùirt an Fhearainn. Ma tha breth na Cùirte fàbharach do’n uachdaran, théid an dìleab a chur an dara taobh agus thig oighre a’ chroiteir a steach air a’ chroit. Ach ma théid a’ chùis leis an dìleabach, mealaidh e an dìleab.
Is ann ainneamh a chuireas uachdaran an aghaidh dìleab, agus is ann glé ainneamh a théid an gnothach leis.
Tha móran eile ann co-cheangailte ri còirichean oighre is dìleabaich air nach urrainnear iomradh a thoirt ann an cunntas aithghearr mar so. Ach nan gabhadh gach croitear air leth suim de’n bheagan a chaidh a ràdh agus na foighnicheadh e dheth fhéin a’ cheist a dh’ ainmich mi ’san dol a mach—“Có a shealbhaicheas mo chroit an déidh mo bhàis? ”—is mór an t-ana-cothrom agus an aimhreit agus an t-strì lagha a ghabhadh a sheachnadh.
title | Seo an Lagh (1): Tiomnadh a’ Chroiteir |
internal date | 1952.0 |
display date | 1952 |
publication date | 1952 |
level | |
reference template | Dòmhnull Iain MacCumhais in Gairm 2 %p |
parent text | Gairm 2 |