[83]

Aithisg Bhliadhnail an Runaire

Le DOMHNULL GRANND.

So an t-iomradh a thug Rùnaire Comunn Gallda Dhuisdeil Mhóir agus Dhuisdeil Bhigno an t-iomradh bu mhath leis a thoirtdo na buill aig acheud choinneimh bhliadhnailagus an mu dheireadh.

A mhnathan agus a dhaoin uaisle, tha e atoirt toileachaidh, gu dearbh fìor thoileachadh, dhòmhsa, a bhith acur mur coinneamh mo chiad aithisg bhliadhnail mar rùnaire Comunn Gallda Dhuisdeil Mhóir agus Dhuisdeil Bhig, Aonaichte. Tha mi cinnteach gun aontaich sibh uile gum bu mhath an ceum a ghabh na fògaraich a dhfhàg Duisdeal Mhór, agus Duisdeal Bheag, nuair a chuir iad air chois an comunn ùr so an uiridh.

Tha cuimhne agaibh mar a bha na Gàidheil eile ud, mas e Gàidheil a thannta, ag ràdh ruinn gu robh comuinn gu leòir anns abhaile so mar thà. A bheil iad asmaointeachadh gun -chuimhnich sinn mar a rinn iad ruinn aig an céilidhean-san, acoimhead oirnn uaireannan mar choigrich; agus uaireannan eile, feumaidh mi aideachadh, mar naimhdean? Ciamar a burrainn muinntir Dhuisdeil a bhith riaraichte leis abhiadhan chuid biadh spioradail agus biadh làitheila bha acasan aig an cuid coinneamhan? Bann dìreachna ám a fhuair sinn cothrom a bhith acruinneachadh mar so, gu bhith aseinn òrain Dhuisdeilòrain a tha fada os cionn òrain eile am bàrdachdsan ceòl, agus a bhith agabhail chupa tea agus bhonnach mhilis an àite aon chupa agus aon bhonnach mar a tha aca aig na coinneamhan a dhainmich mi.

Nach minig a bha sibh air ur claoidh ag éisdeachd ris aGhàidhlig leibidich a bhaca. Rinn sinne anns achomunn so, gnothach mór ann a bhith acumail fuaran na cànain glan réidh mar bu chòir dhith a bhith. A nise, tha mi adol a dhinnseadh dhuibh rud a chòrdas ruibh. Bha mi adol a sgrìobhadh òrain don chomunn so. Cha robh de dhùine agam ach na chuir crìoch air acho-sheirm, ach an uair a dhinnseas mi dhuibh gun tug mi ceithir-la-déug air, aontaichidh sibh gum feudar gu bheil e math. So agaibh e

Deagh shlàinte Dhuisdeil Mhòir
Deagh shlàinte Dhuisdeil Bhig.
Ni sibhse othail mar as còir
Is cumaibh càch gun diog.”

Nach e an t-àgh a chuirnar rathad Ceann-suidhe cho comasachsa tha againnenar ciad dol-a- mach? Tha fhios agaibh uile n t-ainm a choisinn e dha fhéin mar òraidiche, agus thoireamaid meal-an-naidheachd dhà mar a rinn e an gnothach air fear-na-cathrach aig achruinneachadh bhliadhnail. Ghabh fear-na-cathrach da fhichead mionaid is a trì, ach ghabh ar Ceann-suidhe leth mionaid a bharrachd. Sin agaibh ùine, tha sinn an dòchas, a ghleidheas an t-àite mullaich fad iomadh bliadhna.


[84]

Bha seachd coinneamhan aig na buill fad an t-seiseina dhà acluich chairtean; céilidh; céilidh is cairtean; cairtean is céilidh; cairtean is dannsa, agus an cruinneachadh bliadhnail. Cha robh ena chleachdadh thuige so a bhith acluiche chairtean aig achruinneachadh bhliadhnail, ach bha innleachd ùr againne am bliadhna a tha fìor ghealltanach. Thug sinn cothrom do fheadhainn a bhith acluich chairtean ann an seòmar ri taobh an talla mhóir. Cha burrainn dhuinn ach seòmar beag a thoirt dhaibh am bliadhna, ach tha mi toilichte a ràdha nach do chuir an ùpraid anns an talla mhór dragh sam bith orra. ’S dòcha, an ath bhliadhna, gum biodh e glic an cruinneachadh bliadhnail a chur don t-seòmar bheag agus na cairtean a chur don t-seòmar mhór.

Sin, matà, mar a tha sinne adeanamh ar dìchill, an tomhas beag, gu bhith leantainn dlùth ri cliù ar sìnnsrean an Duisdeal.

An co-fharpuis nan cairtean, eadar comuinn Ghlaschu, fhuair abhuidheann againne an dara duais. Nan robh barrachd de chothrom aca air cluich roimh-làimh, cha be an dara duais a bhitheadh aca. Bheothaich an fheadhainn a tha adeanamh am beòthachd air cluich chairtean beagan -rùin anns na coinneamhan againne mar an coinneamhan eile, ach nuair a thainig e gu sabaid, thug sinn dhaibh cho maths a fhuair sinn. ’S gnothach duilich a thann nach eil na fir cho ealanta ris na mnathan air an obair ghrinn so; bhitheadh e iomchuidh sgoil-fheasgair chairtean a chur air chois gu beagan teagaisg a thoirt dhaibh. Bho nach robh móran aig an aon chéilidh a bhagainn, is dòcha gum bu chòir duinn cairtean a churna àite an ath turus.

Tha sinn fada an comain aphaipeir ainmeil sinTìm nan Eileanairson achòmhraidh thròcairich a bhann mun chruinneachadh bhliadhnail againn, agus gu h-àraidh a chionn gun do chuir iad sìos àireamh air an àrd-ùrlar na bu mhotha na bha aig comunn sam bith eile; chuir fear-nan-naidheachd aca sìos móran ainmean de fheadhainn nach robh air an àrd-ùrlar idir a tha a’ foillseachadh an duine choibhneil ghlic a thann.

An lorg nan riaghailtean air a bheil an comunn so air a stéidheachadh, thug sinn seachad suimean airgid air abhliadhna so mar a leanas.—

Comunn Gàidhlig Dhun-éidinn (N.Z. ) £20

Mòd Vancouver £10

Obair-coille Lochlainn £5

Dachaidh Seann Daoine Dhuisdeil £2

Gairm £1

Dhiùlt sinn cuideachadh sam bith a thoirt do Chomunn Streupaireachd aChuilthinn, a chionn gun do mhaoidh an t-ionmhasair againn aon uair eile gun tilgeadh e bhuaithe riaghladh an ionmhais nan toireamaid dhaibh £25, mar a bàill le cuid. Tha mi deimhin gu bheil rudeigin de mhathas ann an raigead an ionmhasair, nam bitheadh ùine aig duine coimhead air a shon.

Tha sinne cho dealasach ris na comuinn eile ann a bhith asealltainn do dhòganaichs do chaileagan mar a chaitheas iad na feasgair a thaca saor, agus mar sin, chuir sinn air chois Buidheann Baidmeantan Dhuisdeil. Thaisbean iadsan do bhuidhnean eile mar


[85] bu chòir don chleas so a bhith air a chluich le cluicheadairean barraichte Dhuisdeil. Chuir sinn air bonn cuideachd Buidheann Ruidhlearan Dhuisdeil, Buidheanan Dràma Dhuisdeil, agus Cròilean an Sheallaidh. Dhiarr cuideigin buidheann iomain a bhith air a stéidheachadh cuideachd, ach shocraicheadh dàil a chur an so gus am fiosraich sinn tuilleadh mun chleas neònach so.

Fhuair an comunn so cuireadh iad fhéin a cheangal an dàimh ri comuinn mhór eile, coltach ri Comunn nan Cruithneach, Comunn nan Crònan, Co-chomunn nan Comunn, agus mar sin air adhart. ’Se ar riaghailt-seòlaidh-ne sinn féin a cheangal ri comunn sam bith nach eil cheana ceangailte rinn. ’Se bhuil a thann gu bheil sinn ceangailte a mhàin ri Co-chomunn nan Comunn. Phàidh iadsan achìs a dhiarr sinn, ghini: agus phàidh sinne dhaibhsan achìs a dhiarr iadsan, aon ghini. Tha mi an dòchas gum bi ar beachdan an còmhnaidh farsuinn gu leòir gu ceadachadh dhuinn dàimh a bhith againn ri comunn sam bith air na cùmhnantan sin.

Tha fhios agaibh uile nach dfhuair achoisir a chuir sinn don Mhòd mhór an Dumfries achiad duais ris an robh dùil againn. Faodaidh mi a ràdh, gun uaill no guth mór, nach robh duais sam bith eile math gu leòir airson seinneadairean Dhuisdeil. Tha fhios agaibh cuideachd mar a thachair anns an rannsachadh a bhagainn an déidh aMhòid, mar a chuir muinntir Dhuisdeil Mhóir achoire air muinntir Dhuisdeil Bhig, ag ràdh gu robh blas Gàidhlig Chelbhinside air an seinn, agus mar a bha muinntir Dhuisdeil Bhig acumail a mach gu robh muinntir Dhuisdeil Mhóir acoimhead air na breitheamhan an àite sùil a chumail air an fhear-iùil.

Le rùn tuilleadh còmhstri agus as dòcha sileadh fala a sheachnadh tha achomhairle a nis a rùnachadh gum bi chomunn ann an ath bhliadhnaComunn Dhuisdeil Mhóir agus Comunn Dhuisdeil Bhig. Bann fialaidh a bha muinntir Dhuisdeil riamh, agus chan eil ena annas dhuinne gun do rinn iad còrdadh càirdeil mu roinn iommhas achomuinn so, gun a dhol gu lagh ma dheidhinn. Mar sin, bithidh an crùn a bhaca air fhàgail air a roinn, 2/9d do Dhuisdeal Mhór agus 2/3d do Dhuisdeal Bheag.

Faodaidh mi innseadh dhuibh gu bheil a nise òran agam deas, òran do gach comunn. Cluinnibh an t-séisd:—

Oran Dhuisdeil Mhóir:—

Suas le Duisdeal Mhór
Sìos le Duisdeal Bheag
An strì no sìth am fagus oirnn
Cha tainig iads cha tig.

Oran Dhuisdeil Bhig:—

Suas le Duisdeal Bheag
Sìos le Duisdeal Mhòr
Ge be raonsam fiach iad ruinn
Bheir sinne dhoibh an leòir.

Bu mhath leibh, tha mi cinnteach, fios a bhith agaibh an comunn a tha mise mi fhìn adol a leantainn. Matà, ghabh mi cuireadh a fhuair mi gu àite a ghabhail mar chiad rùnaire comuinn ùir a tha gu bhith air a stéidheachadh an ath bhliadhna, Comunn Gallda Chamuschrois.”

[86]
[87]
titleAithisg Bhliadhnail an Runaire
internal date1952.0
display date1952
publication date1952
level
reference template

Dòmhnull Grannd in Gairm 2 %p

parent textGairm 2
<< please select a word
<< please select a page